(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Iul a' Chriostaidh; no comh-chruinneachadh de naighean air son a h-uile ama agus staide de bheatha a' Chriostaidh"

4f^ -llVlv a,-^. 



National Library of Scotland 

lllllllllllll 

*B000501714* 







è^/U^ ol^' 



/ 
I 





,, ^*f^.*-''-*"^ 






lUL 
A' CHRÌOSTAIDH; 

NO 

COMH-CHEUINNEACHADH DE 
ÙENAIGHEAN 



A H-UILE AMA AGUS STAIDE DE BHEATHA 
A' CHRtOSTAIDH. 



AN SIATHAMH CLÒBHUALADH, 
ATH-LEASAICHTE. 



ABAEEADHAIN: 
A. KING & CO., PRINTERS AND STEREOTYPERa 

18 85. 



^ B \ 



ABERDEEN UNIVERSITY PRESS. 



Faodar an Leabhar-ùrnaigli so a chlòbhualadli. 

•i^ lAIN, Easbnig Abareadhain. 

* AONGHAS, Easbuig Earraghaidheal 's naii Eilean. 

Là Fheill Aindris, 1885. 



AN CLAE-INNSE. 



SLIOS 

Na Fèilltean Fògarrach, ix 

Làithean-fèille 'an Albainn, - - - - - - - - . . 

Làithean cràbhaidh, x 

Làithean traisge, xi 

Traisg air son Làithean-feille, 

Làn-laghaidh 'an Albainn, amannan, 

„ ,, „ na dleasnasan, xii 

Urnaigh an Tighearna, Beannachadh Moire, a' Chreud, - - 1 

Athghearradh de'n teagasg Chriostail, 2 

Culaidh Smaoinich, 7 

URNAIGH, soilleireachadh air, 8 

Urnaigh mhaidne, - - - 10 

Urnaigh an aingil choimhidich, 14 

" Salve Regina " (Fàilte, a Bhànruinn), 

*'Sub tuumpraesidium" (Thasinna'ruithfo d' dhion), - - 15 

*'Memorare" (Cuimhnich, aMhoire), 

Coisrigeadh do Mhoire Bhaintighearna, 16 

"Angelus Domini " (Fàilte an Aingil), - - - - . ... 

**Regina Coeh," 17 

Urnaigh N. Ignatius, 18 

Achanaich ri losa, 

Urnaighean 'us larrtasan, 19 

Urnaigh air son a' Phàpa, 20 

„ an Ostail Anndra, 

„ Ban-naoimh Mairghread, 21 

Altachadh romh bhiadh, 

Altachadh 'an deigh bìdh, - - - 



IV 

. , SLIOS 

Gniomhannan Creidimh, Dòchais, Gràidh, agus Aithreachais, - 21 

Urnaigh-oidhche, 24 

,, an Aingil Choimhidich, 28 

,, air son nam Marbh-chreideach, 

Mu roghnachadh staid chaithimh-bheatha, 29 

Urnaigh air son staid chaithimh-bheatha 'roghnachadh, - - 30 

,, Phàrantan air son an Cloinne, 31 

,, Cloinne air son am Pàrantan, 

„ Air son ar Pears'-Eagiais, ...... 32 

,, Air son Eiriceach, 33 

,, Mhnàthan Leatromach, 

,, 'an deaghaidh Aiseadaidh, 34 

,, Càraide-Pòsta, 35 

„ Bhanntraichean 'us Dhilleachdan, ----- 36 

„ Sheann Sluaigh, - 37 

,, Luchd-faoghluim, 38 

,, Romh Theagasg no romh Leasan, 39 

„ Chlement XI. air son a h-uile fèuma, - - - - . . 

Crèud N. Athanasius, 42 

„ PhiuisIV., - 46 

MEORACHADH, 49 

Seòladh air Meòrachadh, 60 

Flrinnean gu meòrachadh orra, 51 

AN AIFRIONN air a mìneachadh, 52 

Uidheam na h-altrach, 's a' chulaidh-aifrinn, - ... 53 

Urnaighean 'an àm na h-Aifrinne, 55 

Urnaigh 'us Buidheachas an dèigh na h-Aif rinne, - - - 74 

Laoidh " Te Deum," 75 

SalmCL., 79 

Urnaighean romh 'n Aifrinn (uidheamachadh air son na 

h-Iobairte), - 80 

"Asperges" (Crathadh an uisge Choisrig) 87 

** Ordo Missae " (urnaighean na h-Aifrinne Laideann 'us Beurla) 89 

Laoidh molaidh do Dhia, - 119 

Na seachd sailm Aithreachais, 121 

NA SACRAMAIDEAN. Baisteadh, ------ 131 

Boslach, 



SLIOS 

Urachadh ar Bòidean Baistidh, 131 

Daingiieachadh, fiosrachadh air, 133 

„ tirnaigh romh'n, 130 

„ „ n'a dheigh, ..--.. 137 

Faoisid, soilleireachadh air, 138 

Rannsachadh cogais, 141 

Urnaigh romh rannsachadh cogais, 

Clar-innse pheacannan, - - 143 

Urnaigh air son Aithreachais, 152 

„ romh Eisdeachd, - - - 153 

,, an deigh na h-Eisdeachd, 154 

Gealladh N. Fransi, 166 

Comanachadh, teagasg air, ... - - - - 158 

Grnìomhannan romh Chomanachadh, 159 

,, an deigh Comanachaidh, 163 

Gniomh Molaidh, " Beannaichte gu'n robh Dia," &c., - - 168 

Urnaigh, "Anima Christi," 

Urnaigh " En Ego " ('an làthair cèusaidh), 169 

LAGHADH EAGLAIS.— Mìneachadh, 

Urnaigh gu laghadh a chosnadh, .--.-.. 173 

AN TRIANAID UILE-NAOMH.— Leadan, . . - - 174 

,, ,, ,, Conair, .... 177 

Laoidh nan Aingeal, 179 

CORP CHRIOSTA.-Cràbhadh, - 

,, „ Leadan, 181 

Beannachd na Sacramaid naoimh, 184 

Laoidh " Pange Lingua," 187 

CRIDHE UILE-NAOMH lOSA.— Cràbhadh, - - - - 190 

Gniomh Coisrigidh, - - 192 
Leadan, - - - - . . 
Urnaigh, - - - - 195 
Urnaigh eile, - - - . . 
Urnaigh 'an tarrainn a' bhàis 
Gniomh Coimhleasachaidh, 196 

AINM NAOMH lOSA.— Achanaich, 198 

„ „ ,, Leadan, 199 

j> ,, Laoidh (" Jesu Dulcis Memoria "), - 203 



VI 

SLIOS 

A' PHAIS.— Leadan Beatha 'us Pàis Chrìosta, - • - - 204 

Urnaigh N. Griogair, 210 

Urnaighean nan Còig lotan, 212 

SLIGHE NA CROISE, Mìneachadh, 216 

„ „ Cràbhadh, 218 

Seachd Tairgseachan Fuil uile-phriseil losa, - - - - 228 

Urnaigh "Athair Shiorruith," 231 

SALTAIR lOSA, 

AN SPIORAD NAOMH.— Leadan, ...--. 244 

„ Gairm, 247 

,, „ „ Laoidh, *' Veni Creator," - - - 248 

Achanaich air son seachd Tiodhlaicean an Spioraid Naoimh, - 249 

AN OIGH BHEANNAICHTE MOIRE.-Leadan, - - - 252 

„ „ „ „ Conair, - - - 255 

Leadan Cridhe Naomh Moire, - 267 

Urnaigh ri „ „ „ ------- 268 

Urnaigh, "O mc Bhaintighearna," ("O Domina Mea"), - - 270 

Taoghal-Cràbhaidli air an Oigh Moire, 

Leadan sheachd Dòruinnean Moire, ..---- 271 

Conair „ „ „ 275 

Laoidh"StabatMater," - - - - - - - - 278 

Tri urnaighean maille ri Beannachadh Moh^o, - - - - 280 

Conair a' Ghinidh Gun-smal, -.------ 281 

Urnaigh "Beannaichte," &c., - •• 

NA H-AINGLEAN NAOMH.— Leadan, • . 

Leadan an Aingil Choimhidich, .-.---- 286 

Urnaigh N. Mìcheil, --.--.--- 288 

N. Gabriel, - - 289 

„ N. Raphael, 

NA NAOIMH.— Leadan nan Naomh, 290 

Leadan N. Joseph, - - . . . - . - - 299 

Seachd Doruinnean 'us seachd Sòlais N. Joseph, - - - - 303 

Urnaigh a thaghadh N. Joseph mar Chùl-taice, - - - - 306 

** Memorare " ri N. Joseph, - - 307 

SCAPULARAN.— Mìneachadh, . - . - ■ - - 308 

Scapular Donn, . - - - - - - - - - • • 

„ na Pàise, - - - 310 



Vil 

SLIOS 

Scapular a Ghìnidh Gun-smal, 311 

BAS SONA, Cràbhadh air son, 313 

tri achanaich air son, 

tri tairgsichean air son, 

Leadan air son, 314 

Urnaigh ri N. Moire air son, 317 

,, ri N. Joseph air son, 

GRABHADH DHAOINE TINNE.— Comhairlean, - - - 318 

Còmhradh duine thinn ri Dia, 319 

Urnaighean 'am àm tinneis, 823 

Urnaigh air son faighidin 'an àm mòi--chràidh, . - - . 327 
,, romh 'n Chomanachadh dheireannach, . - . - 330 
,, an deigh a' Chomanachaidh dheireannaich, - - - 832 
,, romh 'n Ola dheireannaich, ..--.. 333 

,, an dèigh na h-Ola deireannaiche, 335 

Leadan Dhaoine tinne, .-....--. 336 

Urnaigh 'an Spàirn a' bhàis, 338 

NA MARBH-CHREIDICH.— Leadan air son nam marbh. - 346 

Urnaigh air son nam marbh.chreideach, 351 

Conair air son nam marbh-chreideach, - - . . ... 
Urnaighean gach latha air son nam marbh, ... - 352 
Freagairt na h-Aifrinne, 355 



NA FEILLTEAN FÒGABEACH. 



1 

3 


Didònaich 
Septua- 
gesima. 




'O^ClJ 

fi 


lil 






.2 . 




tì'OTÌ 


1880 


25 Jan. 


11 Feb. 


28 Mar. 


6 May 


16 'May 


27May 


27 


28 Nov. 


1881 


13 Feb. 


2 Mar. 


17 Apr. 


26 Mav 


5 June 


16 June 


24 


27 Nov. 


1882 


5 Feb. 


22 Feb. 


9 Apr. 


18 May 


28May 


8 June 


26 


3Dec. 


1883 


21 Jan. 


7Feb. 


25 Mar. 


3May 


13May 


24May 


28 


2Dec. 


1884 


lOFeb 


27 Feb. 


13 Apr. 


22May 


1 June 


12 June 


25 


30Nov. 


1885 


1 Feb. 


18 Feb. 


5 Apr. 


14 May 


24May 


4 June 


26 


29 Nov. 


1886 


21 Feb. 


10 Mar. 


25 Apr. 


3 June 


13 June 


24 June 


23 


28 Nov. 


1887 


6Feb. 


23 Feb. 


10 Apr. 


19 May 


29 May 


9 June 


25 


27 Nov. 


1888 


•29 Jan. 


15 Feb. 


1 Apr. 


10 May 


20 May 


31May 


27 


2Dec. 


1889 


17 Feb. 


6 Mar. 


21 Apr. 


30May 


9 June 


20 June 


24 


IDec. 


1890 


2 Feb. 


19 Feb. 


6Apr. 


15May 


25May 


5 June 


26 


30 Nov. 


1891 


25 Jan. 


11 Feb. 


29 Mar. 


7 May 


l7May 


28 May 


27 


29 Nov. 


1892 


14 Feb. 


2Mar. 


17 Apr. 


26 May 


5 June 


16 June 


24 


27 Nov. 


1893 


29 Jan. 


15 Feb. 


2 Apr. 


11 May 


21May 


1 June 


27 


3Dec. 


1894 


21 Jan. 


7Feb. 


25 Mar. 


3 May 


13May 


24May 


28 


2Dec. 


1895 


10 Feb. 


27 Feb. 


14 Apr. 


23May 


2 June 


13 June 


25 


IDec. 


1896 


2Feb. 


19 Feb. 


5 Apr. 


14May 


24May 


4 Jane 


26 


29 Nov. 


1897 


14 Feb. 


3 Mar. 


18 Apr. 


27 May 


6 June 


17 June 


24 


28 Nov. 


1898 


6Feb. 


23 Feb. 


10 Apr. 


19 May 


29May 


9 June 


25 


27 Nov. 


1899 


29 Jan. 


15 Feb. 


2Apr. 


11 May 


21May 


1 June 


27 


3Dec. 


1900 


11 Feb. 


28 Feb. 


15 Apr. 


24May 


3 June 


14 June 


25 


2Dec. 



LAITHEAN FEILLE ANN AN ALBAINN. 

(Air am beil e mar fhiachaibh òirnn aifrionn èisdeachd agus 
obair mhì-riatanach a sheachnadh.) 

Jan. 1. Là na bliadhn'-ùire. 
Jan. 6. Là nan tri-rìghrean 
Jun. 29. Là Pheadair 'us PhòiL 
Aug. 15. Là Fheill Moire. 
Nov. L Là Samhna. 
Isrov. 30. Là Fheill Aindris. 
Dec. 25. Là JSTollaig. 

Diordaoin DeasghabbaiL 

Diordaoin Corp-Chriosta. 



LAITHEAN CrAbHAIDH. 

(Air am beil e na 'chleachdadh naomh aifrionn èisdfcachd, 
ged nach 'eil e riatanach .) 

Feb. 2. Là Fheill Moire nan Coinneal. 

Feb. 24. Là an Ostail Mhathiais. 

Mar. 19. Là Naomh lòseph. 

Mar. 25. Là Fheill Moire na Teachdaireachd. 

May 1. Là nan Ostal Philip 'us Sèumas. 

May 3. Là Faotainn na Croise. 

June 10. Là Ban-naomh Mairghread, Bànruinn na 

h-Alba. 
June 24. Là Breith ]N"aomh Eòin-Baiste. 
July 25. Là an Ostail Shèumais. 
July 26. Là Ban-naomh Anna, Màthair na h-Oighe 

Moire. 
Aug. 6. lA Cruth-atharrachadh ar Tighearna. 
Aug. 10. Là IN'aomh Labhrainn, am martair. 
Aug. 24. Là an Ostail Bhartholome. 
Sep. 8. Là Breith na h-Oighe Moire. 
Sep. 21. Là an Ostail Mhata. 
Sep. 29. Là Fheill Mìcheil an t-Ard-aingeal. 
Oct. 28. Là nan Ostal Sìmon agus lùda. 
Dec. 8. Là a' Ghinidh Gunsmal. 
Dec. 21. Là an Ostail Thòmais. 
Dec. 26. Là Naomh Stephen, am martair. 
Dec. 27. Là an Ostail Eòin. 
Dec. 28. Là nan Kaoidheachan. 

Diluain agus Dimàirt-Càsga. 

Diluain agus Dimàirt-Caingis. 



XI 



LAITHEAN-TRAISGB. 



A bharrachd air traisg bho f heòil, cha'n fhaodar ach aon 
làn-tràth bldh a ghabhail air na làithean so. 

A h-iiile latha 's a' Charghus ach Didònaich. 
A h-uile Diciadaoin 's Dihaoine 's an Aidbhen. 
Traisg nan Amannan, ceithir uairean 's a' bhliadh- 
na — Diciadaoin, Dihaoine, 's Disathurna : 

1. 'An dèis a'chiad Dhònaich. de'n Charghus. 

2. 'An dèis Dhidònaich-Caingis. 

3. 'An dèis 14 Sep. 

4. 'An dèis 13 Dec. 

Traisg air son Làithean-fèille, 

1. Air son Là Pheadair 'us Phòil. June 28. 

2. Air son Là Fheill Moire. Aug. l4. 

3. Air son Là Samhna. Oct. 31. 

4. Air son Là Fheill Aindris. Nov, 29, 

5. Air son Là JSTollaig. Dec. 24 

6. Disathurna-Caingis. 

Ma tliuiteas an traisg air Didònaich cumar air 
Disathurna roimhe i. 

Tha traisg bho fheòil air a h-uile Dihaoine ach an 
uair a thig Là JSTollaig air. 

AMANNAN LÀN-LAGHAIDH 'aN ALBAINN. 

(Cùnntar daonnan an ciad latha 's an latha mu dheiradh a 
dh' ainmichear.) 

1. MuNollaig: bho Fheill K Tòmas (21 Dec.) 
gus an ciad Dhònach 'an dèigh Là nan trì-righrean. 

2. Bho Dhiciadaoin-na-luath gus an dàrna Dònach 
de'n Charghus. 

3. Mu Chàisg : àm an dleasnais-chàsga. 



Xll 

4. Bho Dhidònaich Caingis gus an Dònach 'an 
dèigh Dhiordaoin Corp-Chrìosta. 

5. Bho'n Dònach romh FheiU Pheadair 'us Phòil 
gus an t-Ochdamh-là. 

6. Eho'n Dònach romh Pheill Moire (15 Aug.) gus 
an tOchdamh-là. 

7. Bho'n Dònach romh Là Samhna (1 Nov.) gus 
an t-Ochdamh-là. 

8. Bho là Fheill Aindris (30 Nov.) gus an 
t-Ochdamh-là. 

Na Dleasnasan, 

1. An taobh-stigh de na h-amannan òrdaichte tha 
deagh-fhaoisid ri dhianamh agus Corp-Chriosta ri 
ghlacail. 

2. An latha 'ghlacar Corp-Chriosta tha ùrnaigh 
ri chur suas ri Dia a ghuidhe air deagh-shoirbh- 
eas a thoirt do'n Eaglais naoimh Chaitlicichj a 
Ceannard beannaichte am Pàp a stiuradh gu math, 
's a ghleidheadh ; sith agus làn-chòrdadh a chur 'am 
measg phrionnsaichean Criostail ; an Eaglais naomh 
Chaitliceach a lionsgaradh 's a dhion air feadh an 
t-saoghail, gu h-àraid anns an righeachd so fhèin ; 
agus gu'n tugadh e gu slighe an t-sàbhalaidh gach 
anam. 

3. Ma bhios cothrom air, fèumar, 'an taobh-stigh 
de'n àm òrdaichte, dol do dh-eaglais ague ùrnaigh 
a dhianamh leis a' bheachd a dh' ainmicheadh. 

4. Eoinn de dh-oibrichean corporra no spioradail 
na tròcaire 'chur 'an gniomh, mar a ruigeas ar 
cothrom air. 



lUL 

A' CHEIOSTAIDH. 

>^ 

URNAIGH AN TIGHEARNA. 

AR n-Atliair, a tlia air nèamh, gu'm bu naomli a 
bhios d'ainm ; gu'n tigeadh do rìgheachd, gu'n 
dianar do thoil air talamh mar a thàthas ga 'dianamh 
air nèamh. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran 
lathail : math dhuinn ar fiachan, mar a mhathas 
sinne do luchd-ar-fiach. Agus na leig ann am 
buaireadh sinn. Ach saor sinn bho 'n olc. Amen. 

BEANNACHADH MOIRE. 

FAILTE dhut, a Mhoire, tha thu làn de na gràsan ; 
tha an Tighearna maille riut : is beannaichte 
thu 'measg nam mnài, agus is beannaichte toradh do 
bhronn, losa. A I^^aomh Mhoire, 'Mhàthair Dhè, 
guidh air ar son-ne na peacaich a nis agus aig uair ar 
bàis. Amen. 

A* CHREUD. 

CEEIDEAM ann an Dia, an t-Athair uile-chumh- 
achdach, Cruthadair nèamh agus talmhainn. 
Agus ann an losa Criosta, 'aon Mhac-san, ar Tigh- 
earna ; a ghineadh leis an Spiorad Naomh, a rugadh 
le Moire Oigh, a dh' fhuilig fo Phontius Pilat, a 



2 ATHGHEARRADH 

chèusadh, a fhuair bàs, 's a thlodhlaiceadh ; a 
chaidh slos a dh-ifrinn ; a dh' èirich an treas latha 
bho na mairbh ; a chaidh suas air nèamh, a tha na 
'shuidhe air deas làimh Dhè an t-Athair uile-chumh- 
achdach ; à sin thig e ritnist a thoirt breitheanais 
air bheò 's air mhairbh. Creideam anns an Spiorad 
]N"aomh, an Eagiais naomh Chaitliceach, co-chomunn 
nan JSTaomh, mathanas nam peacannan, aiseirigh 
na coluinne, 's a' bheatha shìorruidh. Amen. 

AN T-AIDEACHADH. 

THA mi 'g aideachadh do Dhia uile-chumhachdach, 
do JSTaomh Mhoire 'bha riabh na 'h-Oigh, do 
Naomh Micheil an t-Ard-aingeal, do Naomh Eòin 
Baiste, do na naomh Ostail Peadar agus Pòl, 's do na 
Naoimh uile, gu'n do pheacaich mi gu trom, le ni' 
smaointean, le m' bhriathran, le m' ghniomhannan, 
le m' choire fhèin, le m' choire fhèin, le m' mhòr 
choire fhèin. Air an aobhar sin, tha mi 'guidhe air 
I^aomh Mhoire bha riabh na 'h-Oigh, air IS^aomh 
Micheil an t-Ard-aingeal, air JN'aomh Eòin-Baiste, 
air na naomh Ostail Peadar agus Pòl, 's air na 
IS'aoimh uile, ùrnaigh a dhianamh ris an Tighearna 
ar Dia air mo shon. Amen. 

ATHGHEARRADH DE'n TEAGASG CHRÌOSTAIL. 
Deich Fàintean Dhè. — Exodus xx. 

1. Na biodh Dia eile agad 'am fhianais, 

2. Na toir ainm an Tighearna do Dhia 'an diamh- 
anas. 

3. Cuimhnich latha na Sàbaid a chumail naomh. 

4. Thoir onoir do d'athair, agus do d' mhàthair. 



DE'n TEAGASG CHRÌOSTAIL. 3 

5. ^N'a dian marbliadh. 

6. ^^a dian adhaltras. ■ . 

7. 'Nsi dian goid. 

8. Na tog fianais-bhrèige *an aghaidh do choimh- 
earsnaich. 

9. JN'a sanntaich bean do choinihearsnaich. 

10. !N"a sanntaich tigh do choimhearsnaich no ni eil' 
A bhuineas dha. 

Sia Fàintean na h-Eaglaise, 

1. An Aifrionn èisdeachd air Didònaich 's Làith- 
ean-fèiUe. 

2. Trasgadh bho bhiadh 's bho fheòil air na 
làithean a tha 'n Eaglais ag òrdachadh (Faic " Laitli- 
ean Traisg "^. 

3. Faoisid ghlan a dhianamh aon uair 's a' bhliadh- 
na, a' chuid a 's lagha. 

4. Corp-Chriosta 'ghlacail aon uair 's a' bhliadhnaj 
's gu h-àraid an àm na Càsga. 

5. Deachamh a dhioladh do na pearsachan-eaglais. 

6. Gun phòsadh le bainis aig amannan àraid, no 
'an taobh-stigh de'n cheathramh glùn. 

Na Seaclid Sctcramaidean. 

1. Baisteadh Mat. xxviii. 19. 

2. Daingneachadh Gniomh. viii. 17. 

3. Corp-Chriosta Mat. xxvi. 26. 

4 Faoisid Eòin. xx. 23. 

5. Ola-romh-bhàs Sèum. v. 15. 

6. Ordugh-JSTaomh Eòin. xx. 22. 

7. Pòsadh Mat. xix. 6. 



4: ATHGHEARRADH 

Na Trì Suhhailcean Diadhàidh. 
1. Creideamh. 2. Dòchas. 3. Carrantaclid. 

Na Ceithir Friamh-Shuhhailcean. 
1. Gliocas. 2. Ceartas. 3. jN'eart. 4. Measarrachd 

Seachd Tìodhlaicean an S^pioraid Naoimh. 

1. Gliocas. 2. Tuigse. 3. Comhairle. 4. JN'eart. 
5. Eòlas. 6. Diadhachd. 7. Eagal an Tighearna. 
— Isaias xi. 2. 3. 

Z)à Thoradh dhiag an Spioraid Naoimh. 

1. Carrantachd. 2. Aoibhneas. 3. Sith. 4. Eaigh- 
idinn. 5. Caoimhneas. 6. Mathas. 7. Ead-fhulangas. 
8. Ciiiineachd. 9. Creideamh. 10. Stuamachd. 
11. Measarrachd. 12. Geimneachd. — Gal. v. 22, 23. 

Seachd Oihrichean Corporra na Tròcaire. 

1. Biadh do *n acrach. 2. Deoch do'n phàiteach. 

3. Aodach do'n nochd. 4. Eàrdach do'n deòraidh. 
5. Dol a choimhead air daoine tinn. 6. Dol a 
shealltainn air priosanaich. 7. Na mairbh a thìodh- 
laiceadh. 

Seachd Oihrichean Spioradail na Tròcaire. 

1. Am peacach a chronachadh. 2. An t-aineolach 
a sheòladh. 3. An teagmhach a chomhairleachadh. 

4. Misneach a thoirt do'n bhrònach. 5. Gach 
èucoir fhulang le faighidinn. 6. An t-olc a 
mhathadh. 7. Guidhe air son bheò agus mharbh. 



de'n teagasg chbIostail. 5 

Na h'Ochd Beannachdan, — Mat. v. 3-10. 

1. Is beannaichte iadsan, a tha bochd na 'n spiorad : 
bho'n is leotha rìgheachd Dhè. 

2. Is beannaichte na daoine ciiiin : bho 'n a gheabh 
iad seilbh air an talamh. 

3. Is beannaichte luchd a' bhròin : bho 'n a gheabh 
iad sòlas. 

4. Is beannaichte iadsan air am beil acras agus 
pathadh a' cheartais : bho 'n a gheabh iad an 
làn-riarachadh. 

5. Is beannaichte luchd na tròcaire : bho 'n a 
gheabh iad trò cair. 

6. Is beannaichte luchd d! chridhe ghloin : bho 'n 
a chì iad Dia. 

7 . Is beannaichte luchd-dianamh na sithe : bho 'n a 
theirear clann Dhè riutha. 

8. Is beannaichte an fheadhainn a dh'fhuiligeas 
gèur-leanmhainn air son a' cheartais : bho 'n is leotha 
rìgheachd fhlathanais. — Mat. v. 3-10. 

An Da Shubhailc anns am heil Suim an Lagha 
^s nam Faintean. 

1. Bheir thu gaol do'n Tighearna do Dhia le 
d' uile chridhe, agus le d' uile anam, agus le d' uile 
neart, agus le d'uile hintinn. 2. Agus do d' choimh- 
earsnach mar dhut-fhèin.-— Luc. x. 27. 



ATHGHEARRADH 



Na Seachd PGacannan-hàis, 



1. Uabliar. 

2. Sannt. 
8. Drùis. 

4. Craos. 

5. Fearg. 

6. Farmad. 

7. Leiso:. 



ò 


1 






c3 


oo 


r^ 


c3 


r^ 


CD 






• ■TJ 


*§ ' 


r^ 


.iH 


o 
co 


O 
c3 


ctì 


^ 


^ 


Cj 



1. Irisleaclid. 

2. Fialachd. 

3. geimneachd. 

4. Measarrachd. 

5. Faighidinn. 

6. Carrantachd. 

7. lasQ-achd. 



Peacannan a tha ^n aghaidli an Spioraid Naoimh, 
1. Ann-dòchas. 2. Dànadas air tròcair Dhè. 3. Cur 
'an aghaidh na firinne as a riochd. 4. Farmad ri 
math spioradail an atharraich. 5. Eag-leanmhainn 
air staid a' pheacaidh. 6. !^eo-aithreachas deir- 
eannach. 

Peacannan a tha ^g eigheach diùghaltais hho 
Fhlathanas, 

1. Murt. 2. Peacadh-Shòdoim. 3. Ainneart air 
daoine bochda. 4. An tuarasdal a chumail bho 
chosnaichean. 

Naoi Dòighean air am faod sinn a hhi coireach 
^amjgeacadh an atharraich. 

1. Le comhairle. 2. Le òrdugh. 3. Le aonta. 
4. Le brosnachadh. 5. Le moladh no le brosgul. 
6. Le cleith. 7. Le co-phàirt. 3. Le tosd. 9. Le 
dìon an uilc. 



1. Urnaigh, 



Trì luchraichean Fhlathanais. 
2. Traisg. 3. Dèirce. 



DE'n TEAGASG CHRÌOSTAIDH. 7 

Trì Comhairlean an t-Soisgeil 
1. Deòin-blioclidaiiiii. 2. Gnàth-gheimiieachd. 3. 
Làn-ùmhlachd. 

Na Ceithir Nichean deireannach, 
1. Bàs. 2. Breitheanas. 3. Ifrinn. 4 Flathanas. 



CULAIDH-SMAOINICH. 



Cuivihnich giHm heil agad an diugh^ ^s gach latha 
de d^ 'bheatha, ri — 



Glòir a thoirt do Dhia, 


Deagh-fhèum a dhianamh 


losa a leanmhainn, 


de d' ùine. 


Eadarghuidhe nan aingeal 


Samhladh math a thoirt 


's nan naomh iarraidh, 


do d'choimhearsnach, 


D' anam a shàbhaladh, 


An saoghal a chur suar- 


Do choluinn a chlaoidh, 


ach. 


Dìoladh air son do pheac- 


Cath 'an aghaidh an 


annan, 


deomhain. 


Subhailcean a bhuann- 


D' ana-miannan a chios- 


achd. 


nachadh, 


Ifrinn a sheachnadh. 


Bàs fhulang, ma dh' 


Flathanas a chosnadh. 


fhaoidte, 


Ullachadh air son na 


Agus Breitheanas a sheas- 


siorrachd, 1 


amh. 



SOILLEIEEACHADH AIR TJRNAIGH. 

IS e ùrnaigli — ar cridhe 'thogail suas ri Dia, a bhi 
'còmhradh 's a' labhairt ri Dia. Is i an ùrnaigh, os' 
Naomh Franse, nisge nam beannachd a bheir blàth 'us 
cinneachadh do mheangan nan deagh-bhèus ; a nigheas 
ar n-anam bho 'ghìomhan, 's a mharbhas ana-miannan 
ar cridhe. An neach a ni ùrnaigh gu math, os Naomh 
Uistein, bidh a chaitheamh-beatha math. Ach gus na 
buaidhean so a bhi aig an tirnaigh, fèumar a dianamh 
mar is còir ; a chionn tha'n t-Ostal Seumas ag ràdh : 
'' Tha sibh, ag iarraidh, 's cha 'n 'eil sibh a' faighinn, a 
thaobh gum beil sibh ag iarraidh gu h-olc. — Sèum. 
iv. 3. 

Fèumaidh sinn, ma ta, a thuigsinn, (1) Cho riatanach 
's a thai ; (2) Carson is còir dhuinn a dianamh ; agus (3) 
Ciamar. 

I. Tha Athraichean agus Ollaichean na h-Eaglais a' 
teagasg nach urrainn duinn ar n-anam a shàbhaladh 
gun ùrnaigh. Oir tha gràsan Dhè riatanach gus ar 
sàbhaladh : *^ As m' aonais cha 'n urrainn duibh nì 
'dhianamh." — Eoin. xv. 5. Ach cha'n fhaigh sinn na 
gràsan sin mur h-iarr sinn air Dia iad le ùrnaigh 
dhùrachdaich. 

II. Le ùrnaigh tha againn ri 

1. Aoradh a thoirt do Dhia, ag aideachadh gur 
h-esan ar Cruthadair, ar Tighearna, ar Slànair, agus ar 
crìoch dheireannach. 

2. Taing a thoirt dhà air son a mhòr-mhathais ; a 
chionn 's ann bhuaithe-san a fhuair sinn gach ni math 
a th' againn. 

3. Mathanas iarraidh na 'r peacannan, anns am beil 
sinn cho tric a' tuiteam. 

4. Na gràsan 's na beannachdan spioradail no corporra 
a tha riatanach no fèumail dhuinn, iarraidh air. 



SOILLEIREACHADH AIR URNAIGH. 9 

III. Is còir dh.uiiiii ùmaigli a dliiananili 

1. Le Uidheamachadh, 's e sin, smaointeaii saoglialta 
flniadach bhuainn ronih làimh, sinn-fhèin a chur 'an 
làthair Dhè, agus a chòmhnadh iarraidh. 

"Eomh d' ùrnaigh uidheamaich d' anam 's na bi colt- 
ach ri duine a tha 'buaireadh Dhè." — Eccles. xviii. 23. 

2. Le Umhlachd. Gus an toill sinn èisdeachd is còir 
dhuinn sinn-fhèin irisleachadh 'an làthair Dhè, agus 
lùbadh sìos mar an cìs-mhaor. 

" Sheall Dia air ùrnaigh nan iriseal, agus cha d' rinn 
e diù dhe 'n achanaich." — Salm. ci. 18. 

" Urnaigh an fhir a dh' ùmhlaicheas e-fhèin, toUaidh 
i na neòil." — Eccles. xxx. 21. 

" Air cridhe brùite agus iriseal, a Dhia, cha dian thu 
tàire."— Salm. 1. 19. 

3. Le Earhsa làidir gu'm faigh sinn an rud a tha sinn 
a' sireadh ; cha 'n e gur fhiach sinn e, ach as leth Fuil 
Chrìosta, mathas Dhè, agus a gheallaidh. 

" A h-uile ni a dh' iarras sibh ann an ùrnaigh, ma 
chreideas sibh, gheabh sibh e." — Mat. xxi. 22. 

" larraibh e le creideamh gun ag air bith : oir tha esan 
a tha 'an teagamh coltach ri tonn na mara, a tha air a 
ghluasad, 's air a luasgadh mu'n cuairt leis a' ghaoith. 
. . . Na saoileadh an duine sin, gu'm faigh e nì 
bho'n Tighearna."— Sèum. i. 6, 7. 

Ma tha Dia 'faicinn gur cron a dhianadh ar n-iarrtas 
dhuinn, thugamaid fonear nach toir e dhuinn e ; ach 
bheir e dhuimi nì eile na 'àite a bhios gu stàth dh'ar 
n-anam. Ma 's àill leinn, ma ta, beannachd saoghalta 
sa bith fhaighinn, is còir dhuinn 'iarraidh air Dia air 
a' chmnhnanta so a mhàin — ma tha esan ga 'fhaicinn 
iomchuidh, agus ma bhios e gu leas ar n-anma. 

4. Le Buanas. *' Dianaibhseuime sin faireri ùrnaigh 
daonnan." — Luc. xxi. 36. 

" Bithibh ri ùrnaigh gun lasachadh. — 1 Tess. v. 17. 



10 URNAIGH-MHAIDNE, 

Agus ged nacli grad-fhaigli sinn na bhios sinn ag 
iarraidh, na caiUeamaid ar niisneach, ach leanamaid 
samhladh na bantraich a fhuair a guidhe bho'n bhrith- 
eamh èucorach le sior-iarraidh, agus le dian-achanaich. 
— Luc. xviii. 1-5. 

5. Ann an ainm Ghrìosta. Bho'n is ann bho 
fhulangas Chrìosta 's bho dhòrtadh 'Fhala iDrìseile a tha 
gach gràs ri tighinn òirnn, 's ann as an leth is còir an 
sireadh. Is ann uime sin a tha sinn 'am bichiontas ag 
cur na crìche so air an ùrnaigh . ^ Tromh losa Crìosta.' 

" Cha 'n 'eil ainm air bith eile fo nèamh air a tlioirt 
do dhaoine, leis am faod sinn a bhi sàbhailte." — 
Gnìomh. iv. 12. 

'* Ma dh' iarras sibh nì air bith air an Athair na ni' 
ainm-sa, bheir e clhuibh e." — Eoin. xvi. 23. 

URNAIGH-MHAIDNE. 

An uair a dhùisgeas tu, cuir comharradh na crois' ort, 
ag ràdh : 

GLOIE do'n Athair, a chruthaich mi. 
Glòir do'n Mhac, a shaor mi. 
Glòir do'n Spiorad J^aomh a naomhaich mi. 
Beannaichte gu'n robh an Trianaid naomh agus 
neo-dhealaichte 'nis agus gu siorruidh. Amen. 

Ag èirigh, abair : 
Ann an ainm losa Chriosta ar Tighearna; èiream. 
'losa, beannaich, stiìiir 'us gièiclh mi; agus thoir mi 
gu beatha mhaireannaich. Amen. 

An nair a bhios tu 'cur umad, smaoinich air pàis do 
Shlànair, air tròcair Dhè, air buaireadh an t-saoghail, air 
do pheacaunan, cho goirid 's a tha ùine, cho buan 's a 
tha'n t-sìorrachd, no a leithid sin. 



URNAIGH-MHAIDNE. 1 1 

URNAIGH-MHAIDNE. 

Cuir thu-fhèin 'am fìanais Dhè agns iarr a chòmh.nadh. 
' A ^N" ainin an Athar, ►J^ agus a' Mhic, agus an 
£\_ Spioraid Il^aoimh. Amen. 

Beannaichte gii'n robh an Trianaid iN'aomh, agus 
neo-dhealaichte, a nis agus gu sìorruidh. Amen. 

A Spioraid iN'aoimh, thig agus lìon cridheachan 
do chreideach, agus las annta teine do ghaoiL Amen. 

Ahaù' a' Phaidir, Beannachadh-Moire, a' Chrèud, agus 
an t-Aideachadh. 

ODHIA shiorruidh, Uile-chumhachdaich, tha mi 
'creidsinn gu daingean gu'm beil thu 'làthair ann 
an so; gu'm beil thu daonnan a' faicinn mo ghnìomh- 
annan agus ag gabhail beachd air smaointean 
uaigneach mo chridhe. Is peacach truagh mise nach 
fhiach tighinn ad fhianais. Tha sgàth orm labhairt 
riut. Ach, mo Dhia, bho'n a tha thusa uile- 
mhathasach, agus uile-thròcaireach ; 's bho'n nach 
àill leat bàs a' pheacaich, acli gu'n till e riut, 's 
gu'm bi e beò, tha mi 'cur romham a nise cùl a chur 
ri m' pheacannan, agus a bhi dileas gu bràch na d' 
sheirbhis naoimh. Thighearna, le cuideachadh 
do ghràs cha dian mi tuilleadh èucoir ort. Tlia mi 
ann am mèinn do mhathais agus clo thròcaire. Tlia 
mi 'n earbsa làidir, tromh thoillteanas losa Chrìosta, 
gu'n èisd thu rium, gu'n neartaich thu mo thoil, 
agus gu'm faigh mi còmhnadh an Spioraid Kaoimh, 
gus mo dhleasnas-maidne 'chur 'an cèill anns an 
dòigh a bhios taitneach leatsa, agus a choisneas 
gràsan do m' anam. 



1 2 URNAIGH-MHAIDNB. 

Athair shiorruidh, a tlia lionadh nam flathas a's 
àirde le d' ghlòir, tha nii ga m' ùmhlachadh fhèin 
'ad làthair, agus a' toirt aoraidh, molaidh, 'us cliù 
do d'ainm naomh air son nan gràsan lìonor a 
bhuilich thu orm : air son mo chruthachadh a rèir 
d' ìomhaigh agus do choltais fhèin ; mo shaoradh le 
Fuil phriseil do Mhic ionmhuinn, agus mo naomh- 
achadh leis an Spiorad ]N"aomh ; agus air son mo 
thoirt sàbhailte as gach cimnart 's an robh mi riabh, 
gu toiseach an latha 'n diugh. mo Dhia, bi 
maille rium air an latha so, agus air gach latha de 
m' shaoghal. Dian mo chòmhnadh gu gluasad gu 
stuama, bèusach, ùmhlaidh, faighidneach, carrantach 
'ad làthair naoimh air an latha so. mo Dhia, 
glèidh mi bho gach olc air an latha 'n diugh ; 
treòirich mo chèumannan air slighe na còrach, agus 
na sithe ; neartaich mi gus a h-uile ni 'dhianamh gu 
leasachadh do ghlòire ; lion mo chxidhe le f uath agus 
gràin air a' pheacadh, agus gu h-àraid na peacannan 
a' s mtha 'chuir m' anam ann an cunnart. Thigh- 
earna, tha aithreachas orni air son gach peacaidh a 
rinn mi riabh ; tha mi 'cur romham, le cuideachadh 
do ghràs, gu'n seachainn mi iad à so suas. 
Shlànair bheannaichte, gabh truas rium. Tha mo 
nàdur lag, coirbte, claon a dh'-ionnsaidh an uilc ; tha 
nàmhaid m' anma 'an geall air mo mhealladh, 's air 
mo sgaradh bho d' ghlòir, agus mo sgrios gu sior- 
ruidh. 'losa, na trèig mi, as leth na Fala priseil 'a 
thaom bho d' lotan cràiteach air fiodh na croise. 
Cuidich mi gu buaidh fhaotainn air m' ana-miannan, 
agus air mo naimhdean spioradail, 's gus a h-uile 



URNAIGH-MHAIDNB. 1 3 

dleasnas a bhuineas do m' staid a choimlilionadh ; na 
bitheam mntha 's iomaguineach, no mutha 's dèigheil, 
air gnothaichean saoghalt' a dhol leam. Anns gach 
crois agus trioblaid a thig 'am rathad, dian striochdte 
mi ri d' thoil naoimh, agus làn-leagte ri stiùradh do 
Fhreasdail bheannaichte. Beannaich mo ghnlomh- 
annan, rian mo bheachd le d' ghràsan ; los gu'm bi 
mo bheatha gu h-iomlan, agus uile smaointean mo 
chridhe, gu d' bharrachd glòire, gu fèum an atharr- 
aich, 's gu sàbhaladh siorruidh do m' anam fhèin. 
Amen. 

Tha mi 'toirt aoraidh 'us glòire dhut, Thrianaid 
bheannaichte, a Dhia uile-chumhachdaich, 'Athair, 
a Mhic, agus a Spioraid ISTaoimh. Tha mi ga m' 
liubhairt fhein dhut, agus ag achanaich ort gach ni 
a tha mi-thaitneach leat a thoirt air falbh bhuam, agus 
bho na creidich uile ; agus gach nì a tha freagarrach 
'ad làthair a thoirt duinn. Deònaich gu'n dian sinn 
do thoil air talamh, gu sòlas fhlathanais a chosnadh 
mar dhuais. 

Eiutsa, Thighearna, tha mi 'g earbsa m' anma 
agus mo choluinne (mo tlieaghlaicJi^ mo pfiarantan, 
mo hliràitlirean^ mo pheathraicliean)^ mo chàirdean, 
mo dhilsean, mo luchd-eòlais, agus gach aon tha e 
mar fhiachan orm guidhe air an son. Thighearna, 
stiùir le d* ghliocas, agus dìon le d' chumhachd, an 
Eaglais naomh Chaitliceach, ar bànruinn dhligheach, 
agus an rìgheachd so. Thighearna, deònaich gu'm 
faigh an cinne-daonda gu lèir eòlas ort ; agus gu'n 
toir gach neach onair, urram, 'us gaol dhut. Thoir 
an sluagh a tha air seachran gu slighe na fhinne ; 



14 AINGEAL COIMHIDEACH — SALVE REGINA. 

thoìr solus do clireidimh ghràsoir dhaibhsan a th'ann 
an dorchadas, 'an aineolas, no 'n eiriceachd. 
Thighearna, thoir cohhair 'us furtachd do gach aon 
a tha 'n triohlaid, 'an tèinn, no 'm huaireadh : 
fuasgail air gach aon a tha 'n triohlaid a thaohh 
anma no cuirp. Eitheamaid gu lèir fo d' dhidinn 
naoimh. Thoir mathanas do na Criostaidhnean a 
tha 'n talamh nam heò, agus fois shiorruidh do na 
creidich a dh' fhàg a' hheatha so. Amen. 

Slth an Tighearna losa Criosta, toradh fhulangais 
naoimh, dion nan Aingeal, eadarghuidhe na h-Oighe 
Beannaiclite Moire, nan JN'aomh, 's nan daoine 
taghte air fad, gu'n rohh maille ruinn. Amen. 

URNAIGH AN AINGIL CHOIMHIDICH. 

AINGIL Dhè, a fhuair mar chùram hho Athair 
na tròcaire huachailleachd naomh a dhianamh 
orihsa air an latha an diugh, glèidh mi bho gach 
cunnart ; stiùir mo thriall air slighe na còrach ; dian 
iiil dhomh 'nise, agus dìon m' anam aig uair mo 
bhàis. Amen. 

SALVE REGINA, no SUB TUUM PRAESIDIUM. 

i. 100 latha lagliaidh air a h-uile latha-seachdain, agus 
laghadh 7 bhadhna 's 7 carghuis gach Dònach a ghabhar an 
dà ùrnaigh so. 

ii. Dhaibhsan a ghabhas uair 's an latha iad fad am 
beatha, làn-laghadh air na cùmhnantan gnàthaichte, air dà 
Dhidònaich 's a' mhìos, agus aig uair am bàis. 

SALVE BEGINA. 
Ri ghabhail 's a' mhadainn. 

FAILTE, a Bhànruinn, a Mhàthair na tròcaire, ar 
beatha, ar sòlas, ar dòchas, fàilte. Eiutsa tha 



SUB TUUM PR^SIDIUM — MEMORARB. 15 

sinn, slioclid seachranach Euhha, a' togail ar guth. 
Eiutsa tha ar glaodh, ag caoidh 's ag acain, ann an 
gleann so nan diar. Thoir, nia ta, 'iuchair nan gràs, 
sùil fhial òirnne na fèumaich. Agus 'an deaghaidh 
dhuinn a' chèin-thir so a thrèigsinn, fiach dhuinn 
losa, toradh beannaichte do chuim. Mhoire 
Oigh chaomh, chàirdeil, chaoin ! 

V. Dian airidh mi air do mholadh, 'Oigh naomh. 

E. Thoir neart dhomh 'an aghaidh do naimhdean. 

Y. Beannaichte gu'n robh Dia na 'naoimh. 

E. Amen. 

SUB TUUM PR^SIDIUM. 
Ri ghabhail feasgar. 

Tha sinn a' ruith fo d' dhlon, a Mhàthair naomh 
Dhe, na diùlt ar n-iarrtas 'an àm ar feuma ; ach 
saor sinn daonnan bho gach cunnart, 'Oigh ghlòrmhor 
agus bheannaichte. 

Y. Dian airidh mi air do mholadh, 'Oigh naomh. 

E. Thoir neart dhomh 'an aghaidh do naimhdean. 

Y. Beannaichte gu'n robh Dia na 'naoimh. 

E. Amen. 

MEMORARE. 

i. Laghadh thri chiad latha gach uair a ghabhar i ann an 
staid an fhìor-aithreachais. 

ii. Làn-laghadh aon uair *s a' mhìos dhaibhsan do 'n 
àbhaist a gabhail, an car a's lagha, uair 's an latha. 

CUIMHNICH, a Mhoire Oigh uile-chaomh, nach 
cualas riabh gu'n deach aon sa bith a ruith fo 
d' dhìon, a ghrlos do chòmhnadh, agus a dh'iarr 
d'eadarghuidhe, a thrèigsinn. Ag glacail misnich 



16 COISRIGEADH — ANGELUS DOMINI. 

'us earbsa à so, tha mise, 'Oigh nan òighean, a' rnith 
'ad ionnsaidh, a Mhàthair, 'ad ionnsaidh tha mi 
'tighinn, agns ag caoidh mo pheacannan 'ad làthair. 
A Mhàthair losa, na cuir suarach mo bhriathran, 
ach èisd gu tròcaireach, agus freagair m'achanaich. 
Amen. 

COISRIGEADH DO MHOIRE BHAINTIGHEARNA. 

OISTAOMH Mhoire Bhaintighearna, tha mise, an 
diugh, 's gach latha, 's aig uair mo bhàis, ag cur 
m' anma agus mo chuirp fo d' dhion beannaichte, 's 
fo d' rogha cùraim, agus 'an uchd do thròcaire ; riut 
tha mi ag earbsa m' uile dhòchais, m' uile thoil-inn- 
tinn, m' uil' uireasbhuidh m' uile thruaighe, mo 
bheatha agus ceann-criche mo bheatha; los, as leth d' 
eadarghuidhe ro-naoimh, agus do thoillteanais, m' 
uile dhianadas a bhi ga 'stiùradh 's ga 'rian a rèir do 
thoile agus toil do Mhic. Amen. 

ANGELUS DOMINI, no REGINA C(ELL 

i. Làn-laghadh uair 's a' mhìos, ach a gabhail tri uairean 
's an latha — (1) 's a' mhadainn, (2) miadhain-latha, (3) 's 
feasgar. 

ii. 100 latha gach nair a ghabhar mar sin iad ann an staid 
an fhìor-aithreachas. 

Gus an laghadh a chosnadh, is ann na 'r seasamh a th'ag- 
ainn ri *Angelus Domini' — Fàilt an Aingil, a ghabhail 
Didònaich. 

ANGELUS DOMINL 

V. Labhair aingeal an Tighearna ri Moire. 
E. Agus ghin ise leis an Spiorad Naomh. 
Failte dhuf, a Mhoire^ ^c. 



REGINA CCELI. 17 

V. Seall bean-mlimnntir an Tighearna. 
E. Biodh e diante dhomh a rèir d' fhacail. 

Fàilte dhut, a Mhoire, ^c. 
y. Agus ghabh am racal an nàdur-daonda. 
E. Agus rinn e còmhnaidh na 'r measg. 

Failte dhut^ a Mhoire, ^c, 
E. Guidh air ar son, a Mhàthair naomh Dhè. 
V. Los gu'n toill sinn gealladh Chriosta. 

Dianamaid ìirnaigh, 

Dòirt, a Thighearna, tha sinn ag guidhe ort, do 
ghràsan na 'r cridheachan, air chor's gu'm faod 
sinne, a fhuair fios air daondachd do Mhic losa 
Crìosta, le teachdaireachd aingil, ruigheachd, as leth 
a phàise agus a chroise, air glòir 'aiseirigh. Tromh 
Chriosta ciadna ar Tighearna. 

E. Amen. 

Bho Shathurna-Càsga gu Sathurna Dònach na Trianaid, 
bheirear fonear gu'm beil * Regina Coeh/ 's e sin, Bànruinn 
nam Flaitheas, ri ghabhail 'an àite * Fàilt an Aingil,' mar 
a leanas. 

REGINA C(ELI. 
Ri ghabhail daonnan na 'r seasamh. 

ABHÀNEUIXK nam flaitheas, biodh aoibhneas 
ort : alleluia. 
Oir, esan a bha thu 'd airidh air a ghiiilan : 
allekiia. 

Einn e 'n aiseirigh mar a dh' innis e : alleluia. 
Guidh air ar son-ne ri Dia : allehiia. 
V. Biodh aighir agus aoibhneas ort, a Mhoir' 
Oigh : alleluia. 

2 



18 UKNAIGH — ACHANAICH RI lOSA. 

E. Oir dh' èirich gu firinneach an Tighearna : 
alleluia. 

Dianamaid ìirnaig'h, 
Dhia, a dheònaich an saoghal a dhianamh 
aoibhneach le Aiseirigh do Mhic ar Tighearna losa 
Criosta ; tiùraich, guidhimid ort, as leth a Mhàthar 
an Oigh Moire, gu'm faigh sinn sòlas na beatha 
maireannaiche. Tromh Chriosta ciadna ar Tigh- 
earna. Amen. 

URNAIGH N. IGNATIUS. 

OTHIGHEAENA, glac agus gabh m' uile shaorsa, 
mo mheomhair, mo thuigse, agus in' uile thoil, 
ciod sa bith a th' agam 's a's leam : is tu-fhèin a thug 
dhomh iad uile, dhutsa, Thighearna, bheirim air 
an ais iad : is leat iad uile, dian riutha gu h-uile 
mar is àill leat. Thoir dhomh do ghaol 's do 
ghràsan, is làn-phailteas sin dhomh. Amen. 

ACHANAICH RI lOSA. 

OTHIGHEAElsrA losa Chriosta, a Mhic an Dè 
bheò, cuir do phàis, do chrois, agus do bhàs, 
eadar do bhreitheanas agus m' anam, a nise, agus aig 
uair mo bhàis, agus gu tròcaireach deònaich iochd 
agus gràsan do na beòthaibh, fois agns fuasgladh do 
na mairbh, sith agus fior-chòrdadh do'n Eaglais; 
buaidh do'n Bhanruinn 'us siothchaint do 'n righ- 
eachd, agus a' bheatha shiorruidh 'us glòir fhlath- 
anais dhuinne na peacaich ; a Dhia a tha beò 's a' 
rian fad shaoghal nan saoghal. Amen. 



TONAIGHEAN AGUS lARRTASAN. 19 



URXAIGHEAN AGUS lARRTASAN. 

i. 800 latha laghaidli aon uair *s an latha. 

ii. Làn-laghadh. uair 's a' mhìos, air na cùmlinantan 
gnàtliaiclite, air fear sa bith de na trì làithean mu dheireadh 
dhith. 

OATHAIE ! llhic ! Spioraid Xaoimli ! 
TLrianaid naomh ! losa ! Mhoire ! 
Ainglean beannaichte Dhè ! uile Xaomha 
's Bhan-naomha fhlathanais, faighibh dhòmhsa na 
gràsan so a tha mi 'g iarraidh as leth Fuil phriseil 
losa Chriosta : 

1. Toil naonih Dhè a dhianamli daonnan. 

2. A bhi daonnan air m' aonadh ri Dia. 

3. Gnn smaoineachadh air gin ach Dia. 

4. Gaol a thoirt do Dhia a mhàin. 

5. Gach ni a dhianamh air son Dhè. 

6. A bhi 'an geaU air glòir Dhè a mhàin. 

7. Mi-fhèin a naomhachadh air son Dhè a mhàin. 

8. Deagh-fhios fhaighinn air mo neoineachd f hèin. 

9. A bhi 'slor-fhaighinn barrachd fìosrachaidh air 
toil naomh Dhè. 

10. (^An so cuir d'achanaich araid suas,) 
A Mhoire ro-naomh, tairg snas do'n Athair 
Sblorruidh Fuil uile-phrlseil losa Clirìosta air son 
m' anma thruaigh, air son nan anmannan naomh a 
tha 'm Purgadair, air son uireasbhuidh na h-Eaghiise 
Xaoimhe, air son peacaich a thioimdadh, agus air 
son an t-saoghail gu h-iomlan. 

An sin ahair tri uairean " Glòir do'n Athair," ann 
an onair Fuil uilenaomh losa Chriosta, aon Bheann- 
achadh Moire ann an onair hròn Moire naoimh, 



20 URNAGH AN OSTAIL ANNDRA. 

agus " Fois shlormidh, &c." aon uair àir son nan 
anmannan a tlia ^m Purgadair, 

URNAIGH AIR SON A* PHAPA, 

ADHIA, a Bhuacliaille 's a Eiaghladair nan creid- 
each uile, seall gu tròcaireach ri d' sheirbhiseach 
am Pàp, A. a dheònaich thu 'shuidheachadh na 
^Bhuachaille air d' Eaglais : tiiiraich dha, tha sinn 
ag guidhe ort, a bhi maraon le 'fhacal 's le 'dheagh- 
shamhladh, gu stàth dhaibhsan a tha fo 'chiiram ; 
agus gu'm buannaich e fhèin, maille ris an trèud a 
tha'n earbsa ris, o! bheatha shìorruidh. Tromh, &c. 

AIR SON a' PHAPA. 

i. 300 latha laghaidh gach iiair a ghabhar i. 
ii. Làn-laghadh uair 's a' mhìos, air na cùmbnantan gnàth- 
aichte. 

V. Guidheamaid air son ar n-Ard-easbuig am 
Pàp, (A). 

E. Gu^n gleidheadh an Tighearna e, gu'n neart- 
aicheadh e e, gu'n tugadh e deagh-shoirbheas dha 
air talamh 's na leigeadh e gu mi-rìin a naimhdean e. 

Paidir agus Beannachadh Moire, 

URNAIGH an ostail anndra. 

rpHA sinn gu h-ùmhlaidh ag guidhe air do 
± Mhòrachd, a Thighearna, an t-Ostal Beannaichte 
Anndra, amhuil 's mar a bha e na 'shearmonaiche 's 
na 'bhuachaille na d' Eaglais, mar sin gu'm bi e 'g 
eadarghuidhe daonnan riutsa air ar son. Tromh, &c. 



URNAGH — NA GNIOMHANNAN. 21 
URNAIGH BAN-NAOMH MAIRGHREAD. 

ADHIA, a rinn Ban-naomli Mairghread, Bànrainn 
na h-Alba, ro-iomraiteacli a tliaobh a mòr-iochd 
do na bochdan ; deònaich, as leth a h-eadarghnidhe 
agus a samhlaidh, do ghaol a bhi 'sìor-mhiadachadh 
na'r cridheachan. Tromh, &c. 

ALTACHADH ROMH BHIADH. 

BEAlSrNAICH sinn, Thighearna, agns na tìodh- 
laicean so, a tha do mhathas a' buileachadh 
oirnn ; tromh Chriosta ar Tighearna. Amen. 

ALTACHADH 'aN DEIGH BIDH. 

THA sinn a' toirt tainge dhut, a Dhia uile-chumh- 
achdaich, air son d' uile thiodhlaicean. Amen. 
Deònaich, a Thighearna, as leth d' ainme fhèin, a' 
bheatha shiorruidh a thoirt do 'r luchd-mathais gu 
lèir. 

Fois shiorruidh gu'n robh aig anmannan nam 
marbh-chreideach ; tromh losa Crìosta ar Tighearna. 
Amen. 

NA GNIOMHANNAN. 

Gnìomhannan Creidimli, Dòchais, Graiclh, agus 
, Aithreachais. 

ì, Làn-lagliadh uair 's a' mhìos, air na cùmhnantan 
gnàthaichte, dhaibhsan a ghabhas aon uair 's an lath' iad 
fad a' mhìos. 

ii. Làn-lagha.dh aig uair a' bhàis. 

iii. Seachd bliadhna agns seachd Carghuis gach uair a 
ghabhar gu cràbhach iad bho'n chridhe. 

Urnaigh, 
Dhia shlorruidh uile-chumhachdaich, thoir 



22 NA GNIOMHANNAN. 

dhmnn leasacliadh creideimh, dòchais, agiis gràidh ; 
's gus am faigh sinn an ni 'tha thu 'gealltainn duinn, 
thoir dhuinn gaol a bhi againn air an ni 'tha thu 
'g àithneadh dhuinn. Tromh losa Criosta ar Tigh- 
earna. Amen. 

Gnìomh Creidimli. 
Tha mi 'creidsinn gu daingean gu'm beil aon Dia 
ann ; agus gu'm beil ann an Dia tri pearsaichean, 
an t-Athair, agus am Mac, agus an Spiorad ISTaomh. 
Gu'n do ghabh am Mac an nàdur daonda, air giùlan 
na h-Oighe Moire, le cumhachd an Spioraid ^sTaoimh ; 
gu'n d'fhuilig e pàis agus bàs air ar son anns an 
nàdur dhaonda ; gu'n d'èirich e rithist bho'n bhàs ; 
gu'n deach e suas air nèamh ; 's gu'n tig e à sin a 
rithist a thoirt glòire siorruidh do na daoine diadh- 
aidh, agus pèine siorruidh do na daoine mi-dhiadh- 
aidh. A thuilleadh air sin, tha mi 'creidsinn gach 
aon nl a tha'n Eaglais naomh Chaitliceach ag cur 
mu m' choinnimh a chreidsinn : a chionn gur h-e 
Dia an fhior fhirinn, nach urrainn mealladh no 'bhi 
air a mhealladh, a thaisbein gach firinn dhith. Amen. 

Gnìomh Dòchais, 
A Dhia, a chionn gu'm beil thu uile-chumhachd- 
ach, uile-thròcaireach, agus uile-mhathasach, agus 
ro-fhirinneach na d' ghealladh, tha mi 'n earbsa 
gu'n toir thu mathanas dhomh na m' pheacannan, as 
leth toillteanas do Mhic losa Criosta ; agus gu'n 
cuidich thu mi le d' ghràsan gu leantainn air gniomh- 
annan math a dhianamh, leis an coisinn mi a' 
bheatha shiorruidh a tha thu 'gealltainn duinn anns 
na flaitheas. Amen. 



NA GNIOMHANNAX, 23 

Gnìomh Gràidh 
A Dhia, Hio'n a tlia tlm nile-mliath annad flièin 
agus uile-mhathasach dhninne, tha mi 'toirt gaoil 
dhut thair gach nì le m' nile chridhe, le m' uir 
anam, le m' nir inntinn, agus le m' uile neart ; 
agus air son do ghaoil-sa tha mi deònach dealachadh 
ris a h-uile ni, a roghainn air thusa 'chall leis a' 
pheacadh. Amen. 

Gnìomh Carrantachd, 
mo Dhia, a tha cho gaolach air a' chinne- 
dhaonda, a chionn gu'n do chruthaich thu mo 
choimhearsnach ri d' iomhaigh fhèin, gu'n beil gaol 
agads' air, agus gu'n deach a cheannach le fuil losa 
Chriosta ; 's e mo thoil gaol a thoirt do m' choimh- 
earsnach mar dhomh-fhein, a rèir òrdugh naomh 
do lagha. Bho m' chridhe tha mi' toirt mathanais 
do 'n a h-uile h-aon a chuir corruich riabh orm ; 
agus mar a tha mo dhùil fhèin ri mathanas, 's e m' 
achanaich gu'n ruigeadh gach duine air gràsan, 
tròcair, agus sàbhaladh siorruidh. Amen. 

Gìiìomh Aithreachais. 
A Dhia, dh'am beil mi 'toirt gaoil os cionn gach 
nl, tha mi duilich bho ghrùnnd mo chridhe gu'n do 
chuir mi miothlachd riabh ort le m' pheacannan ; 
agus le còmhnadh do ghràs, tha mi 'cur romham à 
so suas gu'n seachainn mi gu ro-chiiramach a h-uile 
peacadh, agus a h-uile ceann-aobhair peacaidh. 
Amen. 

'An so faodar Leadan losa 'ghabhail, no ùrnaigh iom- 
chuidh sa bith eile, agus meòrachadh car tamuill. 



24 URNAIGH-OIDHCHE. 



URNAIGH-OIDHCHE. 



Cuir t!m-fhèin 'am fìanais Dhè, agiis iarr a chòm"hnadh. 

'An ainm an Athar, ►J^ agus a' Mhic, agus an 
Spioraid ^^Taoimli. Amen. 

Eeannaichte gu'n robh. an Trianaid ITaomli, agus 
neo-dhealaiclite, a nis agus gu siorruidh. Amen. 

A Spioraid I^Taoimh, thig agus lion cridheachan 
do chreideach, agus las annta teine do ghaoil. 
Amen. 

Ahair a' Phaidir, Beannachadh Moire, agus a' Chrèud ; 
agus thoir taing do Dhia air son gach tìodhlaic a hhuiHch e 
ort, gu h-àraid air an latha an diugh. 

OMO Dhia, tha mi 'creidsinn gu'm beil thu 'làthair 
ann an so, agus a' lèirsinn mo smaointean, 
mo bhriathran, agus mo dhianadas. Tha ciiram mòr 
agad dhìom ; tha do ghaol domh thair tomhas ; 
daonnan tha thu 'buileachadh orm ghràsan mòra, 
lìonor, agus ga m' ghleidheadh bho'n olc. Shaor 
thu mi le fulangas dòruinneach, 's le bàs maslach do 
Mhic losa Criosta. Is tric a rinn mi èucoir ort ; is 
tric a bha mo pheacannan gràineil toillteanach air 
bàs obann agus air pein shìorruidh. Ach, mo 
Dhia priseil, thug thu fathamas domh, agus 'ad 
mhòr thròcair thug thu cuideachd ùine agus comas 
an aithreachais dhomh, ged nach b' airidh airmi. 
0, moladh, cliù, onair, agus glòir gu'n robh dhutsa, 
a Dhia uile-bheannaichte, air son uan gràsan lionor 
a bhuilich thu orm, agus gu sònraichte air an latha 
an diugh. JS'aomha 's 'Ainglean fhlathanais, 
thugaibh taing 'us moladh do Dhia air son a 
mhathais aofus a thròcaire dhòmhsa. 



URNAIGH-OIDHCHB. 25 

'An so guidli air Dia peacannan an latha an dingh a chnr 
'an cuimline dhut, agus aithreachas tròm a thoirt dhut air 
an son, agus abair : — 

'Athair na soillse, a thiiirt : ** Biodli solus ann, 
agus hlia solus ann^^ fuadaich le solus do ghràs 
dorchadas m' aineolais, a tha 'cumail gràinealachd a' 
pheacaidh 'am falach orm ; soilleirich dhomh gach. 
dòigh air an do thoill mi do dhiùmb air an latha an 
diugh, le smaointean, briathran, dianadas, no dearm- 
ad. Thoir dhomh cridhe iriosal, brònach, air son 
mo chiontan, agus rùn làidir an seachnadh a so suas. 

Rannsaich a nise do chogais, seall air do ghiiilan rè an 
latha. Co a' chuideachda anns an robh thu ? Mar an 
ciadna, coimhead air na peacannan anns an do thuit thu, 
agus a rinn thu 'an aghaidh Dhè, 'an aghaidh do choimhear- 
snaich, agus 'ad aghaidh fhein. Agus beachdaich ciamar a 
a choimhhon thu gach dleasnas a tha do staid ag iarraidh 
ort. 

^An agliaidh Dliè. 

An robh. dearmad sa bith air dleasnas d' anma ? 
An robh diochuimhne air d' ùrnaigh, cion suime, 
no cion dùrachd innte ^? An do chuir thu 'an 
aghaidh gràsan Dhè ? An d' thug thu ainm Dhè 
'an diamhanas ? An robh thu lag-dhòchasach, neo- 
leagte ri toil Dhè, mì-f haighidneach ì 

^An aghaidh do ChoimhearsnaicK 
An robh thu ciontach 'am breith obainn, fuath, 
èud, farmad, tàire, rùn-diiighaltais, còmhstrith, 
droch-chainnt, cùl-chàineadh, trod, anaceart, dolaidh 
air a chuid no 'chliù ? Ciontach 'an aimhreit, droch- 
shamhladh, as-ùmhlachd ? N'o 'n robh thu mì- 
dhìleas, mi-charrantach, cealgach ? 



26 UKNAIGH-OIDHCHB. 

'Ad aghaidh fhein, 
Ag gabhail tlachd asad-fhein, eisimealacli ri 
daoine, coireach 'an smaointean faoine no peacach ; 
ag ciimail rùin èiicoraich no neo-bhènsaich ; ri 
briathran gòrach no sgainnealach ^ An robh thu 
coireach 'am mi-gheimneachd 'ad chridhe, 'ad fhacal 
no 'ad dhianadas; 'am mi-stuamachd, leisg no 
dearmad air dleasnas sa bith ? 

An so ahair an t-Aideachadh. 
Urnaigh. 
mo Dhia, tha mi brònach bho ghrùnnd mo 
chridhe air son nam peacannan so, agus gach 
peacaidh a rinn mi riabh. Tha mi 'cur romham le 
còmhnadh do ghràs gu'n seachainn mi iad à so suas. 
Athair shiorruidh, gabh truas rium; air sgàth 
fulangas Chrìosta thoir mathanas domh. M' 
aimideachd agus mo ghòraiche bithidh mi 'caoidh 
gu bràch. Och mo dhòruinn ! chuir mi ciil ri m' 
Dhia ; chaill mi mo chòir air flathanas ; chuir m' 
ana-miannan mi 'an cunnart mo thilgeadh ann an 
lasraichean iutharna. Air son toileachaidh ghèarr, 
thruaillidh do m' chokiinn ghnàda, rinn mi am 
peacadh dèisneach, gàbhaidh. O Dhia, dian 
tròcair orm a rèir do mhòr thròcaire ; thoir mathanas 
domh 's dian rèite rium ; oir cha 'n àill leat bàs a' 
pheacaich, ach gu'n till e riut 's gu'm bi e beò. Tha 
mis' a' tilleadh riut, a Thighearna, na leig mi air 
seachran tuille. Bithidh m' aithreachas cho trom 's 
gu'm bi aoibhneas air ciiirt fhlathanais as mo leth. 
O Shlànair, glan m' anam le d' fhuil phrìseil, 's 



URNAIGH-OIDHCHE. 27 

bithidli mi na's gile na'n sneachd. Air cridhe 
iriosal agus brùite, a Tliighearna, cha dian thu tàire. 
A Thighearna, a chruthaich à neoni mi, is fhada a 
bha mi gun eòlas ort. Dhia nam feart gun 
àireamh, gun tomhas, gur fada bha mise gun ghaol 
a thoirt dhut. A Tighearna, cruthaich cridhe glan 
'am chom, agus fadaidh ann teine dian do ghràidh ; 
'lion e le fuath agus gràin air a' pheacadh ; so an 
t-aon nì a tha mi 'g achanaich ort à uchd fulangas 
agus pàis Chriosta. Ei m' bheò tuille na leig dhomh 
tuiteam ann am peacadh a tha 'toilltinn iutharna. 

Ann an so dian do shith ri Dia, agus cuir thu-fhèin 's an 
staid anns am bu mhiann leat a bhi aig uair do bhàis ; agus 
abair an ùrnaigh so : — 

mo Dhia, tha mi 'coimhead air eJ bhàs mar 
chìs-ùmhlachd a th' agam ri dhiol do d' mhòrachd 
dhiadhaidh, agus mar pheanas a tha mo pheacannan 
a' toilltinn. Tha mi 'tairgse dòruinn 'us ànradh mo 
bhàis dhut maille ri pàis agus bàs mo Shlànair losa 
Crìosta. Gabh, Thighearna, m' fhulangas deir- 
eannach 'an èiric mo pheacannan. 0, deònaich 
dhomh 'bhi 'an staid nan gràs aig an uair ghàbhaidh 
sin. Teasraig mi, losa, a nis agus gu siorruidh, 
bho chumhachdan an dorchadais. 

Tha mi ga m' liubhairt fhèin eadar choluinn agus 
anam do Dhia an t-Athair a chruthaich mi, do dh-Iosa 
Criosta, mo Shlànair, a cheannaich le 'fhuil phrìseil 
mi, agus do'n Spioraid Naomh a ghlan aig tobar a' 
Bhaistidh mi. A Tliighearna losa Chriosta, gabh 
ciiram de m' anam. 

A Thighearna, gabh còmhnaidh na 'r measg 



28 URNAIGH AIR SON NAM MARBH-CHREIDEACH. 

fuadaicli bliuaiiiii ar nàmhaid spioradail. Eiodh 
eadarghuidhe iN'aomh Mhoire, nan aingeal agus nan 
naomh uile, ga 'r gleidheadh ann an sìth. Gu'n 
robh fois aig anmannan nam marbh-chreideach, 
tromh losa Crìosta ar Tighearna. Amen. 

URNAIGH AN AINGIL CHOIMHIDICH. 

i. 100 latha laghaidh gach uair a ghabhar i. 

ii. Làn-laghadh aig uair a' bhàis dhaibhsan dh' an àbhaist 
a gabhail tric. 

iii. Làn-laghadh nair 's a' mhìos, air na cìimhnantan 
gnàthaichte, dhaibhsan a ghabhas i, an car a's lagha, uair 's 
an latha fad a' mhìos sin. 

AiNGiL Dhè, mo choimhidiche, soilleirich, dlon, 
riaghail, agus stiùir mis' a chuir Dia na 'thròcair 
fo d' chùram. Amen. 

URNAIGH AIR SON NAM MARBH-CHREIDEACH. 

Dhia, a Chruthadair agus a Shlànair nan 
creideach gu lèir, thoir do dh-anmannan do sheirbh- 
iseach làn mhathanas na'm peacannan, 's biodh iad 
air an saoradh bhuapa mar is deònach leotha, tromh 
thoradh 'achanaich diadhaidh-san, a tha beò 's a' 
riaghladh fad shaoghal nan saoghal. Ainen. 

y. Fois shìorruidh thoir dhaibh, Thighearna. 

K. Agus solus nach dìbir dèarrsadh orra. 

V. Gu'n robh am fois ann an sìth. 

R. Amen. 

'An so faodar na Gnìomhannan (slios 21) a ghabhail, agus 
Leadan Moire, no ùrnaigh iomchuidh sa bith eile ; agus 
crioch a chiir air an ùrnaigh le Fàilt an Aingil. 

Gabh roiim de Chonair Moire, agus lèugh culaidh-smaoi- 
nich an ath latha. 



URNAIGHEAN AIR SON STAIDEAN ARAIDH. 29 

A* dol a laidlie dhut, beannaicli tliu-fhèin leis an uisge- 
clioisrig, agus abair. 

Anu an ainm ar Tigliearna losa Crìosta cèusta gabliam gu 
fois. 'losa, beannaich, stiùir, 'us glèidh me, 's thoir mi gu 
beatha shìorruidh. Amen. 

'Ad Lamhan, a Thighearna, tha mi 'liubhairt m* anma. 
Shaor thu mi, a Thighearna Dhia na Fìrinne. 



URNAIGHEAN AIR SON STAIDEAN ARAIDH. 

MU ROGHXACHADH STAID CHAITHIMH-BHEATHA. 

Tha Dia, na Threasdal, ag òrdachadh chaochladh staidean 
'us dhriachdan do 'n chinne-dhaonda, na 'Ghliocas ga'n 
riarachadh mar dheagh-mhaighistir a' toirt oibre fos-leth do 
gach aon dheth 'sheirbhisich. Air an aobhar sin tha e 
'buileachadh chaochladh thogradh 'us chàileachd air sluagh, 
agus a' riarachadli ghràsan orra a rèir riatanais 's an staid 
gus an gairm e iad. 

Le sin tha e soiUeir gu'm beil e tur riatanach do gach 
neach roghainn cheart a dhianamh air staid chaithimh- 
bheatha. Tha'n roghainn so na 'gnothach cho ro-chudromach 
's gur h-ann na 'mèinn a tha beannachd sònraichte Dhè 's 
an t-saoghal so, agus mur h-ann cuideachd a tha ar sonas 
sìorruidh, gur h-ann co-dhiCibh a tha crùn ar glòire air 
nèamh. 

Gu deagh-shoirbheas a bhi ort 's an roghainn chudrom- 
aich so, 

larr gu dìan dùrachdach agus gu h-earbsach air Dia 
còmhnadh àraid a ghràs, as leth eadarghuidhe Moire 
Bhaintighearna, do Rogha-Naoimh, agus d' Aingil Choimh- 
idich. Each tric gu d' dhleasnas, agus cuir do chomhairle 
ri d' Athair-faoisid. 

Thoir gu math fonear na ceistean so 'leanas, agus biodh 
do fhreagairt dìreach gun fhoill : — 

1. De'n a h-uile staid a tha rèidh dhut, co an tè dhiubh a 
tha^ thu 'faicinn a ni barrachd còmhnaidh riut gu gaol a 
thoirt do Dhia agus a sheirbhiseachadh 's a' bheatha so, 's 



30 STAID CHAITHEAMH-BHEATHA. 

gu d' anam a sliàblialadh — an nì a cliuir tliiin an t-saoghail 

80 thu ? 

2. Na'm biodh caraide agad a bu ro-thoigh leat, agus e 's 
a' chàs 's am beil thusa 's an uair, 's gu'n cuireadh e a 
chomhairle riut mu'n chùis, dè a' chomhairle a bheireadh tu 
air gu barrachd glòir Dhè agus leas 'anma ? A' chomhairle 
a bheireadh tu airsan, 's i a's còir dhut-fhèin a ghabhail an 
dràsta. 

3. Aig uair do bhàis ciamar'bu mhath leatthu 'dhianamh 
's a' chàs so ? Dian a' cheart roghainn sin an dràsta, agus 
cha'n aithreach dhut 's an uair ghàbhaidh ud, 

An uair a shònraicheas tu air staid, tairg suas do Dhia i le 
ùrnaigh irisil, agus iarr air a gabhail bhuat 's a beannachadh. 

URNAIGH AIR SON STAID CHAITHIMH-BHEATHA 
A ROGHNACHADH. 

OIOSA, a Ghliocais shìorruidh, agus a Chomh- 
airliche uile-iochdoir na feadhnach a chuireas 
iùl ort, tha mise 'tighinn a chur mo chomhairle riut 
's a dh-iarraidh soluis 'us seòlaidh ort. Fiach 
dhomh, guidhim ort, mar a ni mi, agus ciod is 
ro-thaitniche le d' thoil. Fiach dhomh, mar is àill 
leat, ciod a th' agad mu m' choinnimh. Teagaisg 
dhomh mar a ghiiilaineas mi mi-fhèin, agus na 
miadhonan a chleachdas mi, los gach ni a ni mi a 
thighinn gu d' bharrachd glòire 's gu leas m' anma. 
Tha mi 'tairgsinn mo chridhe dhut làn-deas gus do 
sheòladh diadhaidh a leantainn, agus d' òrdugh 
dhomh a chur 'an gniomh ; oir is ann annadsa a tha 
mi 'cur m' uile dhòchais, agus cha'n 'eil mi 'n ti air 
ni sa bith eile ach do thoil-sa a dhianamh. Air an 
aobhar sin, deònaich dhomh do shokis diadhaidh gu 
m' shoiUeireachadh, agus na fàg mi 'am freasdal mo 
dhoille fhein. Amen, 



URNAIGH CLOINNE AIR SON AM PARANTAN. 31 

Abair a' Phaidir agus Beannacliadh-Moire, no Memorare, 
agus ùrnaigh ri d* Rogha-Naoimh, agus ri d' Aingeal 
coimhideach. 

URNAIGH PHARANTAN AIR SON AN CLOINNE. 

OATHAIE nèamhaidli, tlia mi 'g earbsa mo 
chloinne riut. Bi thusa 'ad Dhia 's ad 
Athair dhaibh ; agus gu tròcaireach dian suas dhaibh 
gach fàiUinn a th' annamsa le laigse-nàduir no le 
dearmad. !N"eartaich iad gu buaidh a thoirt air 
coirbteachd an t-saoghail so gu cur 'an aghaidh 
impidh an uilc a dh-aon àird' as an tig i ; agus saor 
iad bho cheilg an nàmhaid. Dòirt do ghràsan na 'n 
cridheachan, agus daingnich 'us miadaich annta 
tiodhlaicean do Spioraid ^aoimh, los gu'm bi iad 
gach là ag cinntinn 'an gràsan, agus 'an eòlas ar 
Tighearna losa Criosta ; agus mar sin, le 'bhi ri 
seirbhis gu dileas dhut 'an so, gu'n tig iad gu 'bhi 
ri aoibhneas 'ad làthair 'an deaghaidh so ; as leth 
toillteanas neo-chrìochnachar Tighear na ciadna losa 
Criosta a tha beò 's a' rian maille riutsa agus ris an 
Spiorad I^aomh. Amen, 

URNAIGH CLOINNE AIR SON AM PARANTAN. 

ODHIA uile-chumhachdaich, a thug dhomh m' 
athair agus mo mhàthair, agus a rinn na 'n 
samhladh iad air d' uachdranachd fhèin, air do 
ghaol, 's air do chùram tairis dhiom ; agus a dh' 
àithn dhomh gaol, onair, agus iimhlachd a thoirt 
dhaibh anns gach ni ; thoir gràsan dhomh gus an 
fhàinte so a chumail gu deònach agus le m' uile 
chridhe. Cuidich mi gu gaol deòthasach, onair 



32 UENAIGH AIR SON AR PEARS'-EAGLATS. 

dlileasiiach, agus fìor-nmhailteas a tlioirt dhaibli anns 
gach ni ; 's gu 'bhi làn-striochdte ri 'n toil mhath, 's 
a bhi 'n ti air an dianamh sona anns gach càs, agus 
feairt a thoirt air an achasan le foighidinn agus le 
irisleachd. mo Dhia, teasraig mi bho àrdan 's 
bho eas-ùmhlachd, bho 'bhi diorasach, dùr, bho 
fheirg, bho leisg, 's bho mhi-chùram. Dian 
dichioUach mi 'am uile dhleasnas agus 'am ionn- 
sachadh, agus foighidneach anns gach diachainn; los, 
le deagh chaitheamh-beatha mar sin, gu'n toill mi 
'bhi 'm urra-chloinne dhutsa, ar n-Athair a tha air 
nèamh, tromh losa Criosta, d' aon Mhac ar Tigh- 
earna. Amen. 

URNAIGH AIR SON AR PEARS'-EAGLAIS. 

ODHIA, a bhuilich driachd air BuachaiUean 
d'eaglais nach do dheònaich thu do d' Ainglean; 
a thug dhaibh a' chumhachd uamhasach sin do 
Chorp agus d' Thuil uile-phriseil a choisrigeadh, a 
làimhseachadh, agus a riarachadh air na creidich, 
agus mathanas a tha ga 'dhaingneachadh air nèamh, 
a thoirt do na peacaich air am bi an t-aithreachas 
firinneach; thusa 'thuirt riutha : ^^Esan a dh'èisdeas 
ribhse tha e 'g èisdeachd ritimsa ; agus esan a 
chuireas suarach sibhse, tha e ga m' chur-sa suarach;" 
seall a nuas na d' thròcair air do sheirbhiseach (A.) 
am Buachaille sin a chuir thu-f hèin ar n-anmannan 
'an earbsa ris. Deònaich dha na gràsan sin uile 
'tha riatanach dha gus a dhleasnas a choimhlionadh 
gu dileas, a los na 'uile-dhianadas gur h-e leasachadh 
do ghlòir-sa agus sàbhaladh anmannan a dh'iarras 



URNAIGH MHNATHAN LETHTROMACH. 33 

e 'n toiseach. Dhia, thugas dhuinne, a thrèud, 
gu!m faic sinn daonnan annsan, le sùil ar 
creidimh, cha'n e an duine bho 'n leth-amach, ach 
d'fhear-ionaid-sa fhèin, agus fear-riarachaidh do 
mhistirean. Deònaich dhuinn a bhi'n còmhnaidh 
le athadh 's le urram a' sealltainn suas ris, agus a 
theagasg a ghlacail le ùmhlachd, 's ar n-uile-dhlcheall 
a dhianamh gus ar giùlan a riaghailteachadh d^ a rèir. 
Agus tiùraich dhuinn, le 'bhi air ar n-aonadh 's a' 
bheatha so ann an seirbhis Dhè, gu'm faigh sinn air 
an latha mu dheireadh binn shòlasach nan daoine- 
beannaichte, agus mar sin 'an caidreamh a cheile a 
chaoidh gun dealachadh, gu'm meal sinn sòlas 
sìorruidh fhlathanais. Amen. 

URNAIGH AIR SON EIRICEACH. 

ODHIA shiorruidh uile-chumhachdaich, aig am 
beil truas ris gach neach, 's leis nach àill gin 
idir a dhol a dhith : seall a nuas gu bàigheil riuth- 
asan uile a th' air am mealladh le foill Shàtain ; los 
le gach mì-dhiadhachd eiriceach a bhi air am fuadach, 
gu 'n tionndaidh ris an aithreachas cridhe na 
feadhnach sin a tha 'm mearachd, agus gu'n till iad 
ri aonachd na firinne. Tromh, &c. 

URNAIGH MHNATHAN LEATROMACH. 

THA urra chloinne air mo ghiùlan. Anam 
siorruidh 'am chom. D' iomhaigh fhèin, a 
Dhia, agus do dhealbh. Dhia, 'fhuarain a' 
mhathais, an sonas so thàinig bhuat, 's e saor- 
ghibht do thròcair a th' ann. Dè am beothachadh 
3 



34 URNAIGH 'AN DEAGHAIDH AISEADAIDH. 

naomh nach. 'eil a' lasadh 'am chridhe, ri smaoin- 
eachadh gu 'n do chinn mi 'm mhàthair. mo 
Dhia, dè cho deònach 's a tha mi air dleasnas 
màthar a chur 'an gnìomh, ged is mor an dragh sin, 
is lìonor sochair a tha na 'lorg. Deònaich dhomh 
misneach, càil, 'us spionnadh an uair a thig àm a' 
chunnairt mhoir — tìm m' aiseadaidh. An sin 
tiiiraich dhomh gach còmhnadh agus freasdal air an 
cuir mi fèum. mo Dhia, tiarainn toradh mo 
chuim ; air sheòl 's gu'n togar dheth am peacadh- 
gine aig tobar naomh a' Ehaistidh, gu'm bi e air 
'ionnlad ann am Fuil mo Shlànair bheannaichte, 
agus gu'm faigh e còir air gach urram a bhuineas do 
chloinn Dhè. Amen. 







URNAIGH AN DEAGHAIDH aiseadaidh. 

MO Dhia, ciamar a luaidheas mi riut briathran 
mo thaingealachd, buidheachas agus cràbhadh 
blàth mo chridhe, air son gràsan cho mòr 's gu'n 
deachaidh m' aiseadadh gun bhèud 's gu sàbhailte. 
Mo dhiachainn ghoirt 's an àni ud tha nise seachad. 
Agus buidheachas gu'n robh dhutsa, mo 
Dhia, gu'm beil mo leanabh beò fallain, agus 
'an àirimh chlann-daoine. Agus gu'm bu ghrad 
a thig e le gràsan a' Bhaistidh gu 'bhi na 
cho-oighre mar ri Crìosta. An leanabh gràdhach 
so togam 'am uchd, 'us tairgeam e dhutsa, 
mo Dhia. Cha'n 'eil cainnt agam a ni ùrnaigh 
air chòir riut; 's èudar dhomh 'bhi sàmhach a' 
sileadh nan diar. Ach, Athair na fèile, is math 
is aithne dhut guth nan diar, 's iad a' sruthadh 



URNAIGH CÀRAIDE-PÒSTA. 35 

blinamsa blio cliridhe blàtli le iDTiidlieachas, le aighir, 
's le dian-aoradh. Thighearna, thugas domh na 
gràsan gus gach dleasnas màthar a chur 'an cèill le 
cìiram. Bitheam cho naomh 'am dhòigh ri Sara, 
Eebeca, 'us Eacheil 's an t-Seann-Tiomnadh ; no 
coltach ri Moire do Mhàthair ro-naomh, no Anna, 
no Ealasaid 's an Tiomnadh-N'uadh. Amen. 

URNAIGH CARAIDE-PÒSTA. 

ODHIA, a dh' òrdaich agus a bheannaich staid 
naomh a' phòsaidh, gu lionsgaradh a' chinne- 
dhaonda, gu comhfhurtachd dh'a chèile, agus mar 
shamhladh air an aonachd a tha eadar Crìosta 'san 
Eagiais ; thoir gràsan dhòmhsa gus a beannachdan a 
ghlacail gu taingeil, agus a dleasnasan a choimh- 
lionadh gu ro-chùramach. Tha mi ag achanaich ort 
thu 'bhi 'sior-bheannachadh snaim ar pòsaidh, agus 
ag cuideachadh leinn gus ar caitheamh-beatha a 
bhi'n sith 's an gaol, gu dileas ag cur 'an gniomh ar 
n-uile dhleasnais dhutsa 's dh' a chèile. Saor sinn 
bho gach droch-nàdur, 's bho gach gniomh gun 
toirt, a dh' fhaodadh air sheòl sa bith naomhachd an 
t-snaime leis an do cheangail thu sinn, 's gu bàs 
nach gabh fuasgiadh, a lagachadh no 'f hàgail searbh 
dhuinn. Dian dileas, tairis mi, 'an tì air mo 
choimhleapach a thoileachadh, agus mo thoil 's mo 
mhiann fhein àicheadh. E'a tugadh diachainn no 
croisean na beatha so orm monmhur 'ad aghaidh, 
no beannachd saoghalta sa bith diochuimhne 'dhian- 
amh ort, 'Ughdair agus 'Fhuarain gach mathais ; 
ach le foighidinn 's le ciùine, le iirnaigh 's le 



36 URNAIGH BHANTRAICHEAN 'US DHILLEACHDAN. 

taingealaclid, gu'n robh gach nl naomhaiclite dhutsa, 
's gu^n uidheamaicheadh e mise gu aonachd shior- 
ruidh riutsa, tromh losa Criosta. Amen. 

URNAIGH BHANTRAICHEAN 'US DHÌLLEACHDAN. 

? Ci e do f hreasdal glic agus diomhair, stèidh làidir 
kj mo dhòcbais : ri glaodh na bantraich agus 
an dìlleachdain, tha do chluas 'an còmhnaidh 
fosgailte, agus bheir thu èisdeachd dh'an achanaich. 
Dhia a' mhathais, cha trèig thu mise gu bràch, 
bantrach bhochd (no dilleachdan bochd), bidh tu 
daonnan domh 'ad Athair 's 'ad fhear-fuasgiaidh. 
Is tu a's athair dhuinn uile. Agus a thaobh nan 
trioblaidean a tha thu 'g òrdachadh tighinn 'am 
rathad, tionndaidh iad, Thighearna, mar a rinn 
thu cheana ; rud a tha furasda dhut, agus a ni thu 
rithist, gu aobhar-sòlais dhomh. Agus ma 's e do 
thoil gu'm fuilig mi tuilleadh anshocrach, bheir 
amharc suas ortsa dhomh misneach 'us cruadal nach 
dibir. Tha mi toilichte le m' staid : cha talaich mi 
gu bràch air mo chrannachur. Ni mi do thoil gu 
ro-mhisneachail, treidhireach, ceart. Mar urra ghlic 
cumaidh mi mi-f hein bho dhòighean an t-saoghail, 
seachnaidh mi gòraiche 's olc, agus ortsa bidh mo 
shùil gu misneachail ann an uireasbhuidh agus 'an 
anshocair, ann an trioblaid agus 'an èiginn. Mar 
sin ni mi deas air son na sìorrachd ; mar sin 
riaghlaidh mi mo chaitheamh-beatha. Mar sin 
siùbhlaidh mo làithean, le'n anshocair 's le'ii uilc 
na 'n luib, seachad mar aisling. Mu dheireadh, an 
uair a bhios fois shiorruidh dhomh dlùth, togaidh 



URNAIGH SHEANN SLUAIGH. 37 

mi an glaodh so rkistsa, mo Dhia, 's mi aig uclid 
a! bhàis : Is tusa athair nam bantrach agus nan 
dilleachdan, èisd rium, deònaich dhomh gràsan 'us 
tròcair, agus thoir mi bho innis na tùrsa 's nan diar 
gu righeachd na beatha, na soillse, 's na foise nach 
crìochnaich, far am beil siiil agam iadsan uile 
'chòmhlachadh, dh' an d' thug mi mòr-spèis air 
talamh; ach mo dhòruinn, a nis tha iad bhuam, 
spion am bàs air bheag dàlach bho m' thaobh 
iad. Amen. 

URNAIGH SHEANN SLUAIGH. 

THA mi nis air fàs sean. An uair a bheir mì 
siiil air m' ais air làithean mo bheath* a 
shiubhail bhuam cho dian, tha mi lèirsinn le buidh- 
eachas, Dhia, gu'm bu tusa m' athair gaolach agus 
mo threise bho'n chreathaill gus an latha 'n diugh. 
^a d'f hear-iiiil bha thu dhomh ann am uile ràidean, 
agus d'aingeal naomh fhein chuir thu mar fhear- 
coimhid orm gu m' dhìon. Thighearna ghaolaich, 
is tric a bha mise fo chùram 's fo imcheist; ach mar 
a thig soillse na maidne 'an deaghaidh dubhar na- 
h-oidhche, mar a leanas solus an dorchadas, is ann 
mar sin a fhuair mise furtachd 'us toil-inntinn 'an 
deaghaidh anshocaire. Cho tric agus a thachair 
dhomh 'bhi ann an triobaid 's an ceò gun chobhair, 
is tusa, Athair shlorruidh, a stiiiir as an dorch- 
adas mi. Fo rian do ghliocais agus do stiùraidh tha 
mi ga m' thilgeil fhein gu h-iomlan ; agus leanaidh 
mi guth mo chogais, a chionn 's e ga rìreamh do 
ghuth-sa, Tha mi làn-fbiosrach gu'm beil thu 



38 UENAIGH LUCHD-FAOGHLUIM. 

^gabhail cùraim dhinn gu ro-chaoimlineil. Thuirt 
thn : Gu d' shean-aois giùlainidh mi thu ; àrdaichidh 
mi thu agus bidh mi dhut 'am fhear-saoraidh. As 
na briathran so is mòr mo dhòchas, agus is dìan 
aighir mo chridhe air fad. ISrise, an uair a tha mi 
fann, aosmhor, is tus', Thighearna mo ghaoil, mo 
thaice 's mo neart ; oir is tu treise do chuid cloinne 
bho ro-mhiad do ghràidh dhaibh. An uair a 
dh'fhairgheas mi mi-fhein anfhann, agus sgith de 
m' bheatha, cha'n 'eil agam ach tionndadh riutsa, 
agus gheabh mi sith agus aoibhneas : oir is mòr do 
chomhfhurtachd dhomh 'am laigse. Dè fhad 's a tha 
fhathast romham de m' shaoghal ì Air sin tha fìos 
agadsa 'mhàin, Dhia nan gaol. Ach gu'm bi a' 
chùis sin mar is math leatsa, 's e mo thoil agus mo 
mhiann. Tha mi sealltainn air a' mhionaid as an 
gairmear as a' bheatha so mi, le siochaint 's le aighir, 
ach cha'n ann gun fhiamh as leth peacannan mo 
bheatha. An uair a thig mo bhàs, deònaich, as leth 
Fuil losa Chriosta 'chaidh a dhòrtadh air mo shon 
air a' chrois, gur h-uair shona sin dhòmhsa. Amen. 

UENAIGH LUCHD-FAOGHLUIM. 

OCHEUTHADAIE uile-mhiorailtich Wior 
fhuarain an t-soluis agus 'aon Ughdair gach 
eòlais ; deònaich, tha sinn ag guidlie ort, ar tuigse 
'shoilleireachadh, agus uile dhoille a' pheacaidh 's an 
aineolais fhuadach bhuainn. [Thusa a ni deas- 
bhriathrach teanga nam balbh, stitiir ar teanga agus 
dòirt air ar bilean gràsan do bheaniiachcl.] Builich 
òirnn spiorad an dìchill agus na h-ùmhlachd, gèire 



URNAIGH CHLEMENT XI. 89 

gu togail, meamhair clramailteacli, agus còmhnadh 
cumhachdach do ghràsan naomha ; los, ge b'e ni a 
chluinneas sinn no 'dh'ionnsaicheas sinn, gu'n 
tionndaidh sinn gu barrachd onaire dhutsa 's gu 
sàbhaladh siorruidh do 'r n-anmannan fhein, tromh 
losa Criosta ar Tighearna, Amen. 

URNAIGH ROMH THEAGASG no ROMH LEASAN. 

300 latha laghaidh do gach iTrra 'ghabhas 'an staìd an 
aithreachais i rorah theagasg no romli leasan. 

DEÒN^AICH dhuinn, guidhim ort, a Dhia 
thròcairich, na nichean a's taitneach leatsa 
iarraidh gu dùrachdach, a sgrùdadh le cèill, aideach- 
adh gu fìrinneach, 's a chur gu coimhliont' 'an 
gniomh, gu moladh 'us glòir do d' ainm. Amen. 

URNAIGH CHLEMENT XL AIR SON A H-UILE FÈUMA. 

OMO Thighearna tha mi 'creidsinn, annad, 
neartaich mo chreideamh. 

Tha mi 'cur m'-uile dhòchais annad, daingnich mo 
dhòchas. 

Tha mi 'toirt gaoil dhut bho ghrùnnd mo chridhe, 
miadaich mo ghaol ort gach là. 

Tha mi duilich gu'n d' rinn mi ducoir ort, leasaich 
mo bhròn. 

Tha mi 'toirt aoraidh dhut mar mo chiad thùs, 
agus a' dianamh ort mar mo chrich dheireannaich : 
tha mi 'toirt tainge dhut mar mo chulaidh-mhathais 
^an còmhnaidh : agus ag gairm ort mar m' àrd- 
dhideann. 

Gu'n deònaicheadh tusa, mo Dhia, mo stiiiradli 
le d' ghliocas, mo sraachdachadh le d' cheartas, mo 



40 UBNAIGH CHLEMENT XI. 

ciiòmlinadh le d' thròcair, mo dhìon le d' chnmh- 
achd. 

Mo smaointean, mo bhriathran, mo dhianadas, 
agus m* fhulangas, tha mi 'n geall a choisrigeadh 
dhutsa, mo Dhia, ann an rathad 's gu'm bi mi à so 
suas a' smaoineachadh ortsa; a' labhairt ortsa; ag cur 
air aghart gach ni gu d' ghlòir ; agus ag cur suas 
gu deònach ris gach crois a thig bho òrdugh do 
fhreasdail. 

'S e mo dhùrachd, a Thighearna, gu'm biodh do 
thoil-sa diante 's a h-uile nl air an dòigh a's math leat, 
a chionn gur e do thoil-sa 'th' ann. 

Gu'n soilleiricheadh tu mo thuigse, gu'm beoth- 
aicheadh tu mo thoil, gu'n naomhaicheadh tu m* 
anam agus mo choluinn *s e m' achanaich riut, a 
Thighearna. 

Gu'n deònaicheadh tu mo theasraiginn bho spiorad 
an àrdain ; bho bhèud brosgail ; bho cheilg an 
t-saoghail ; bho fhoill an deomhain. 

Tiùraich dhomh gràsan gu m' mheomhair a 
ghlanadh ; srian a chur ri m' theanga, deagh- 
fhaiciU air mo shùilean ; 's mo chèudan a chumail 
fo smachd. 

Thoir spionnadh dhomh, mo Dhia, gu dioladh 
air son mo pheacannan, gu buaidh a chosnadh air 
gach buaireadh, gu smachd a chur air m'anamiannan, 
agus gus na subhailcean a tha sgèithte ri m' staid a 
chleachdadh. 

Lion mo chridhe le spèis do' d* mhathas, le gràin 
air mo lochdan, le gaol air mo choimhearsnach, agus 
]e fuath air an t-saoghal. 



URNAIGH CHLEMENT XI. 41 

Thugas domh a bhi cuimhneach 'an còmlinaidh 
air a bhi umhal do m' uachdarain, tairis ri m' 
iochdarain, dileas do m' chàirdean, agus carrantach 
do m' naimhdean. 

losa, deònaich dhomh d'fhàintean 's do 
shamhladh dhuinn a chumail 'am chuimhne, le 
mathanas a thoirt do m' naimhdean, le èucoir a 
ghiùlan le foighidinn, math a dhianamh do luchd 
m' ainneart, agus guidhe air son luchd mo chùl- 
chàinidh. 

Neartaich migu an-miannan na coluinne a 
cheannsachadh le fèin-chlaoidh, sannt le dèirce, 
fearg le ciùineachd, fuar - chràbhadh le aoradh 
diongmhalta. 

mo Dhia, dian tuigseach mi ann an gnoth- 
aichean, misneachail ann an gàbhadh, foighidneach 
ann an anshocair, agus iriosal ann an aobhar-uaille. 

Thugas dhomh a bhi dùrachdach ann an 
ùrnaigh, measarra 'am biadh 's 'an dibh, dichiollach 
ann an gnothaichean, agus stèidheil ann an deagh- 
bheachd. 

Biodh mo chogais treidhireach glan, mo ghiùlan 
bèusach, mo chòmhradh diadhaidh, agus mo ghabh- 
alaichean riaghailteach. 

Cuidich mi gu gleachd 'an còmhnaidh ri coirbt- 
eachd mo nàduir, gu co-oibreachadh le d'ghràsan, 
gu cumail d'fhàintean, 's gu beartan a dhianamh a 
shàbhalas m' anam. 

Deònaich dhomh ruigsinn air naomhachd le deagh 
fhaoisid, le comanachadh fiiithail, le inntinn leagte 
daonnan ortsa, 's le beachd treidhireach cridhe. 



42 CRÈUD N. ATHANASIUS. 

Fiach dhomli, mo Dhia, clio faoin 's a tlia'n 
saoghal so, cho sòlasach 's a tha flathanas, cho gèarr 
's a tha iiine, agus cho buan 's a tha 'n t-siorrachd. 

Thugas dhomh a bhi 'dianamh deas air son a' 
bhàis, a bhi fo fhiamh as do bhreitheanas, air chor's 
gu'n seachainn mi pian iutharna, agus gu'n toir mi 
mach sòlas fhlathanais, tromh thoillteanas ar Tigh- 
earna losa Criosta. Amen. 

CREUD N. ATHANASIUS. 

NEACH air bith a dh'iarras a bhi sàbhailte, tha 
e fèumail dha romh 'n a h-uile ni gu'm bith- 
eadh e anns a' chreideamh Chaitliceach. 

An neach nach creid sin gu h-iomlan, agus gun 
iomrall, cha'n 'eil teagamh nach bi e caillte gu 
siorruidh. 

Is e so ma ta an creideamh Caitliceach, gu'n toir 
sinn aoradh do dh-aon Dia na 'Thrianaid, agus do 
Thrianaid na 'h-Aon. 

Gun an aon bhrigh a thoirt do na Pearsaichean, 
no eadar-dhealachadh a dhianamh air an nàdur. 

Oir is aon ni Pearsa an Athar, ni eile Pearsa eJ 
Mhic, ni eile Pearsa an Spioraid JSTaoimh. 

Ach is aon diadhachd an Athar, agus a' Mhic, 
agus an Spioraid ISTaoimh, is ionann an glòir, agus 
is co-shiorruidh am Mòrachd. 

Mar a tha an t-Athair, is ann a tha am Mac, is 
ann a tha an Spiorad I^aomh. 

Tha an t-Athair gun chruthachadh, am Mac gun 
chruthachadh, an Spiorad Naomh gun chruth- 
achadh. 



CRÈUD N. ATHANASIUS. 43 

Tlia an t-Athair neo-chriochnach, am Mac neo- 
chrìochnach, agus an Spiorad Naomh neo-chrìoch- 
nach. 

Tha an t-Athair siorruidh, am Mac siorruidh, an 
Spiorad ^N'aomh sìorruidh. 

'An dèigh sin cha 'n e triiiir a tha siorrnidh, ach a 
h-aon a tha siorruidh. 

Mar an ciadna cha'n e tritiir a tha gun chruth- 
achadh, no tritiir a tha neo-chriochnach ; ach a h-aon 
a tha gun chruthachadh, 's a h-aon a tha neo-chrioch- 
nach. 

Is amhuil cuideachd a tha'n t-Athair uile-chumh- 
achdach, am Mac nile-chumhachdach, agus an 
Spiorad Naomh uile-chumhachdach. 

'An dèigh sin cha triiiir a tha uile-chnmhachdach, 
ach a h-aon a tha nile-chumhachdach. 

Mar an ciadna is Dia an t-Athair, is Dia am Mac, 
is Dia an Spiorad Xaomh. 

An dèigh sin cha tri Diathan, ach aon Dia a 
th' ann. 

Mar sin cuideachd is Tighearna an t-Athair, is 
Tighearna am Mac, is Tighearna an Spiorad 
!N"aomh. 

'An deigh sin cha tri Tighearnan, ach aon Tighearna 
a th' ann. 

Oir mar a tha 'n fhirinn Chriostail a' toirt òirnn 
'aideach gur Dia, agus gur Tighearna gach Pearsa 
f os leth : 

Is amhuil sin a tha an creideamh Caitliceach a' 
bacail dhuinn a ràdh, gu'm beil tri Diatlian no tri 
Tighearnan ann. 



44 CR^UD N. ATHANASIUS. 

An t-Athair clia d^rinneadh le neach air bith, cha 
do chruthaicheadh, cha do ghineadh. 

Tha am Mac bho'n Athair a mhàin : cha^n ann air 
a dhianamh, no air a chruthachadh, ach air a 
ghineadh. 

Tha an Spiorad N'aomh bho'n Athair agus bho'n 
Mhac, cha'n ann air a dhianamh, air a chruthach- 
adh, no air a ghineadh, ach a' tighinn. 

Mar sin is aon Athair a th' ann agus cha tri Ath- 
raichean ; is aon Mhac a th' ann agus cha trì Mic ; 
is aon Spiorad Naomh a th' ann agus cha tri Spior- 
aid Naoimh. 

Agus anns an Trianaid so cha 'n 'eil ni air thois- 
each no air dheireadh, ni na *s mutha, no na's 
lagha; ach tha na tri Pearsaichean co-shiorruidh 
agus co-ionann. 

Mar sin anns a' h-uile nl, mar a thuirteadh, tha 
aoradh ri thoirt do h-Aon na 'Thrionaid agus do 
Thrionaid na 'h-Aon. 

Air an aobhar sin, an neach a dh'iarras a 
bhi sàbhailte, amhuil so biodh a bheachd mu'n 
Trianaid. 

A thuilleadh air so tha e riatanach gu sàbhaladh 
siorruidh gu'm biodh ceart chreideamh aig neach a 
thaobh Feòilghabhail ar Tighearna losa Criosta. 
Nise is e an Creideamh ceart, gu'n creideamaid agus 
gu'n aidicheamaid, gu'm beil ar Tighearna losa 
Criosta Mac Dhè na 'Dhia agus na 'dhuine. 

Tha e na 'Dhia bho Dhiadhachd 'Athar air a 
ghineadh romh'n t-saoghal : agus na 'dhuine bho 
fhuil a Mhàthar air a bhreitb 's an t-saoghal. 



CREUD N. ATHANASIUS. 45 

Fior Dhia agus fìor dhuine, aig am beil anam 
rèusanta, agus feòil mar a th'againne. 

Co-ionann ris an Athair mar Dhia ; agus na's 
lagha na'n t-Athair mar dhuine. 

'S ged a tha e na 'Dhia agus na 'dhuine, 'an dèigh 
sin cha dhà ach aon Chrlosta e. 

A h-aon cha'n ann le tionndadh na Diadhachd gu 
feòil, ach le toirt na daondachd gu Dia. 

A h-aon gun tuilleadh, cha'n ann le measgadh 
nàduir, ach le aontachd pearsa. 

Oir mar a tha an t-anam rèusanta, agus an fheòil 
a' dianamh aon duine : is amhuil a tha Dia agus an 
duine a' dianamh aon Chriosta. 

A dh'fhuiHg air son ar sàbhaladh, a chaidh sìos 
do dh-ifrinn, a dh'èirich a rithist air an treas latha 
bho na mairlDh. 

A chaidh suas air nèamh, a tha na 'shuidhe air deas 
làimh Dhè an t-Athair uile-chumhachdach ; à sin 
thig e a thoirt breitheanais air bheò agus air mhairbh. 

Aig a thighinn èiridh a' h-uile duine rithist na'n 
coluinnean fhèin, agus bheir iad cùnntas na'n 
dianadas. 

Agus theid iadsan a rinn math gu beatha shlor- 
ruidh ; agus iadsan a rinn olc gu teine slorruidh. 

Is e so an creideamh Caitliceach, mur creid neach 
e gu ceart, agus gu daingeann, cha'n fhaod e 'bhi 
sàbhailte. 

Glòir do'n Athair, agus do'n Mhac, agus do'n 
Spiorad ]N"aomh. 

Mar a bhà, 's mar a thà, 's mar a bhitheas fad 
shaoghal nan saoghal. Amen, 



46 CREUD PHIUIS IV. 



CREUD PHIUIS IV. 

THA mise A. ag creidsinn gu daingeann agus ag 
aidmheil gach uile phuing a th'anns a' chrèud 
a tha Eaglais JSTaomh na Eòimhe 'cleachdadh, 's 
i sin : 

Creidim ann an aon Dia, an t-Athair uile-chumh- 
achdach, Cruthadair nèamh agus talmhainn, a h-uile 
nì faicinneach agus neofhaicinneach. 

Agus ann an aon Thighearna losa Criosta, 
Aonghin-Mhic Dhè, agus a rugadh bho'n Athair 
romh gach linn. Dia de Dhia ; Solus de Sholus ; 
fior Dhia de f hior Dhia ; ginte cha'n ann diante ; 
de'n aon shiisbaint ris an Athair, leis an d'rinneadh 
a h-uile ni. A thàinig a nuas as na fiaithis air ar 
son-ne daoine, agus gus ar sàbhaladh ; agus ghabh e 
feòil leis an Spiorad JN'aomh de'n Oigh Moire : 
Agus rinneadh na 'dhuine e. Chèusadh e cuid- 
eachd air ar son, dh'fhuilig e fo Phontius Pilat, agus 
thiodhlaiceadh e. Agus dh'èirich e rithist air an 
treas latha a rèir nan sgriobtur ; agus chaidh e suas 
do nèamh : tha e na 'shuidhe air deas-làimh an 
Athar : agus thig e a rithist a thoirt breth air 
bheòtha 's air mhairbh : air a righeachd cha bhi 
crioch. 

Agus anns an Spiorad JN'aomh, Tighearna agus 
Tobhartair na beatha, a tha a' tighinn bho'n Athair 
agus bho'n Mhac. A thathas ag aoradh agus ag 
co-ghlòrachadh maille ris an Athair agus ris a' Mhac; 
a labhair leis na Fàidhean. 

Agus an aon Eaglais naomh Chaitliceach agus 



CREUD PHIUIS IV. 47 

Ostalach. Tha mi ag aidmheil aon hhaìstidh 
gu mathanas pheacannan. Agus tha mo dhùil ri 
aiseirigh nam marbh, agus ri beatha an t-saoghail a 
tha ri tighinn. Amen. 

Tha mi gu fior-dhaingeann ag aidmheil agus ag 
glacail bialaithris nan Ostal agus na h-Eaglaise, agus 
uile chleachdannan 'us reachdan eile na h-Eaglaise 
ciadna. 

Tha mi cuideachd ag gabhail an Sgriobtuir naoimh 
's an t-seadh sin a bhà 's a thà an Eaglais I^aomh ar 
Màthair ga 'ghabhail, ise dh'am buin breith a thoirt 
air seadh 'us mìneachadh ceart an Sgriobtuir : cha 
mhutha 'ghabhas no 'mhìnicheas mi iad air sheòl eile 
ach a rèir teagasg aonsgeulach Athraichean na 
h'Eaglaise. 

Tha mi cuideachd ag aidmheil gu'm beil gu f ìrinn- 
each agus gu fìorbhith Seachd Sàcramaidean anns 
an Lagh-Ur, air an òrdachadh le losa Crlosta ar 
Tighearna, agus riatanach gu sàbhaladh a' chinne- 
dhaonda ged nach 'eil iad riatanach uile do gach 
duine, 's iad sin : Eaisteadh, Daingneachadh, Corp- 
Ohrìosta, Eaoisid, Ola ro'-bhàs, Ordugh JN^'aomh, 'us 
Pòsadh ; 's gu'm beil iad a' toirt Rhràsan ; agus dhiubh 
sin nach gabh Baisteadh, Daingneachadh, agus 
Ordugh ^t^aomh toirt seachad ach aon uair gun 
mhi-naomhachadh. Tha mi cuideachd ag glacail 's ao- 
gabhail nam modhannan a tha'n Eaglais Chaitliceach 
ag cleachdadh 'an riarachadh nan Sàcramaidean sin. 
Tha mi 'gabhail 's ag glacail gach uile phuing a 
mhinich agus a theagaisg Comhairle ]N"aomh Thrent 
mu'n pheacadh-ghine 's mu naomhachadh. 



48 CREUD PHIUIS IV. 

Tha mi 'g aidmheil cuideachd gu!m beil anns an 
Aifrinn ga 'tairgse suas do Dhia iobairt fhirinneach, 
fhiorbhith, agus thròcaire, air son nam beò agus nam 
marbh. Agus gu'm beil ann an Sàcramaid uile- 
naomh na h-Altrach gu fìrinneach, gu fiorbhith agus 
gu susbainteach Corp agus Fuil maille ri Anam agus 
Diadhachd ar Tighearna losa Crlosta ; agus gu'm 
beil uile bhrìgh an arain air a tionndadh gu 'Chorp, 
agus uile bhrigh an fhiona gu Thuil — tionndadh ris 
an abair an Eagiais Chaitliceach Brigh-atharrachadh. 
Tha mi cuideachd ag aidmheil gu'm beileas fo gach 
seòrsa fo leth ag glacail Chriosta gu h-uile 's gu 
h-iomlan, agus fior shàcramaid. 

Tlia mi 'creidsinnn gu daingeann gu'm beil Purgad- 
air ann, agus gu'm beil na h-anmannan a th' air an 
cumail ann ga'n cuideachadh le ùrnaighean nan 
creideach. 

Mar an ciadna gu'm beil na I^raoimh a tha 'riagh- 
ladh maille ri Criosta ri urram fhaotainn agus ri 
ghairm, agus gu'm beil iad a' tairgse suas iirnaighean 
ri Dia air ar son, agus gur còir onair a thoirt do 'n 
tàisealan. 

Tha mi 'g aidmheil gu daingeann gur còir dealbhan 
Chriosta, 's Màthair Dhè a bha riabh na h-Oighe, 
agus Naomh eile, a bhi againn, 's a ghleidheadh, 
agus gur còir onair agus urram iomchuidh 'thoirt 
daibh. 

Tha mi cuideachd ag aidmheil gu'n d'fhàg Crlosta 
comas Laghadh a bhuileachadh aig an Eaglais, agus 
gu'm beil e ro-bhuannachdor do na Criostaidhnean 
a chleachdadh. 



MEOKACHADH. 49 

Tha mi 'g aidmlieil gur h-i Eaglais Naomh 
Chaitliceach agus Ostalach na Eòimhe màthair agus 
ban-mhaighistir nan eagiaisean uile : Agus tha mi 
'gealltainn làn-iimhlachd do Easbaig na Eòimhe 
Fear-ionaid Naonih Peadar, Prionnsa nan Ostal, 
agus Fear-ionaid losa Chriosta. 

Tha mi cuideachd ag gabhail 's ag aidmheil gun 
teagamh a h-uile ni eile a th' air an liubhairt, air 
am mineachadh, 's air an teagasg leis na J^aomh- 
riaghailtean agus na Comhairlean Coicheanta, agus 
gu sònraichte Comhairle JNTaomh Thrent. Agus tha 
mi 'diteadh, a' diùlt, agus a' mollachadh gach ni 'tha 
na'n aghaidh, agus gach eiriceachd a dhit, a dhiùlt, 
no 'mhollaich an Eaglais. 

Tha mise A. 's an uair le m' dheòin ag aidmlieil 's 
ga rìreamh ag creidsinn a' chreidimh fhirinnich 
Chaitlicich so nach bi duine sàbhailte 'n taobh-mach 
dheth : Agus tha mi 'gealltainn gu'n cùm 's gu'n 
aidich mi gu ro-dhileas e, gu h-iomlan agus gun 
iomrall, le cuideachadh Dhè, gu uair mo bhàis. 

MEORACHADH. 

Làn-laghadh aon uair 's a' mhìos, air na ctimhnantan gnà- 
thaichte, do gach aon a mheòraicheas gu cràbliach leth-uair 
a dh-ùine, no an car a's lagha, ceithreamh na h-uarach, gach 
latha de'n mhios sin. 

IS e Meòrachadh, no Urnaigh-Chridhe, smaoineachadh 
cràbhach air na fìrinnean a tha ar creideamh 
naomh a' teagasg dhninn ; agus sin gus ar n-anam a 
ghlanadh bho 'ana-miannan 'us 'èideadh le subhailcean ; 
gus ar caitheamh-beatha 'cheartachadh 's a dhianamh 
coimhlionta ; gus ar stèidheachadh 'an seirbhis Dhe 's 
ar neartachadh anns gach diachainn 'us buaireadh; agus 
4 



50 MEORACHADH. 

gus ar n-nir oibricliean a chur air a' leithid cle rian 's 
nacli bi fàillinn na 'r clianaclas. Uime sin tha e ro-ioni- 
chuiclli clo'n dl h-uile Crìostaiclh nieòrachadh a chleachd- 
adh rèir a staide. 

Seòlaclli air meòracliadK 
Faodar Meòrachadli a roinn na 'thrì earrannan : — 1. 
Uidheamachadh ; 2. Culaidh-smaoinich ; 3. Dùnadh. 

1. Uidheamachadh. — 1. Romh thràth-cadail lèugh no 
èisd gu cùramach culaiclh-smaoinicli an ath latha ; 
smaoinich oirre 's tu 'dol a laiclhe, agus 's a' mhadainn 
an uair a dliùisgeas tu. 

2. 'An cleaghaidh d' iirnaigh-maidne cho luath 's a 
bheireas do cliothrom air, agus sin 's an àite 's an lagha 
'chuirear de sheachran-ìnntinn ort, cuir thu-flièin 'am 
fianais Dhè, agus thoir aoradh dlia. 

3. larr a chòmhnadh gu uile cliumhachclan 'us ghluas- 
adan d' ìnntinn a threòireachadh 's a stiùireadh gu 
barrachd onaire 's glòire clha. 

II. A^ Ghnlaidh-smaoinich. — H-uige so 's cuideachadh 
dhut leabliar 's am beil do chulaidli-smaoinich air a 
liadachadh puing air phuing, a chleachdadh. Anns gach 
puingded'chulaiclh-smaoinich gnàthaich trì cumhachdan 
d' anma — (1) do Mheomhair, (2) do Thuigse, (3) do 
Thoil. 

1. Le d' Mheomhair cuimhnich gu h-aithghearr air 
do chulaidh-smaoinich ceart mar gu'm biodh tu ga 
'h-èisdeachd bho bhilean naomh do Shlànair, no bho 
aingeal à nèamh. 

Ma's f ìrinn i mar a thà Pàis Chrìosta, am Bàs, am 
lireitheanas, Ifrinn, Flathanas, 's an leithidean sin, 
dealbh 'ad ìnntimi ionad-gnìomlia, 's e sin ri ràdh, 
riochdaich dhut-f hèin àite 's am beil an rùn a th'agacl 
'ad bheachd, ionann's a' dol air 'aghart 's a' cheart àm 
sin fo cheart chomhair do shùl. 

2. Le d' Thuigse meòraich air do chulaidh-smaoinich, 



MEORACHADH. 61 

's fìacli ri aobliar-brosnacliaidli a tharralnn blmaipe gu 
gaol a tlioirt do Dhia 's do d' choimhearsnach, gu gràin 
a thoirt do'n pheacadh, an saoghal a chur 'an neopris, 
subhailcean a chleachdadh, &C.5 a rèir 's mar a chuireas 
a' chùis air shùilean dhut. 

3. An uair a dh'fliairgheas tu smaointean 'us tog- 
raidlmean naomh de'n t-seòrsa so ag gluasad 'ad chridhe, 
leag d' ìnntinn orra, beothaich iad, agus brosnaich do 
Thoil gu cur romhad an cur gu stèidlieil 'an cleaclidadh. 
H-uige so fèumaidh tu 'f haicinn agad-f hèin ciamar a 
dh'fhàilnich thu 's a' chàs chiadna 's an ùine 'chaidh 
seachad ; agus 'an sin cuir romhad le rùn làidir gu'n 
seachainn thu na coireannan sin 's an ùine ri tighinn. 

III. Bùnadh. — 1. Thoir taing do Dhia air son na 
smaointean naomh sin 's an deagh-rùn a chur 'ad 
chridhe. 

2. Tairg suas iad dha maiUe ri toillteanas a Mhic 
dhiadhaidh. 

3. As leth an toillteanais sin iarr gràsan air Dia gus 
do dheagh-rùn a chur gu stèidheil 'an cleachdadh ; cuir 
achanaich suas air son na h-Eaglais, air son do chàird- 
ean, do dhìlsean, agus do naimhdean, &c. 

4. Mar cheann-sguir gabh ' Paidir ' 'us Beannachadh 
Moire, agus, ma's àill leat, ^ Anima Christi.' 

Firinnean gu Meòrachadh Orra, 

CAESON achaidhar cruthachadh,mathas Dhè dhuinn, 
agus a liuthad aobhar a th'againn air gaol a thoirt 
dhà 's air a sheirbhiseachadh ; cho faoin 's a tha gach 
urram saoghalta, beairteas, agus toileachas na beatha so; 
agus cho ro-ealamh 's a thèid iad uile gu dìtli ; air 
gràinealachd a' pheacaidh agus lìonmhoiread ar pea- 
cannan f hèin ; cho cìnnteach 's a thig am bàs agus cho 
neo-chìnnteach 's a tha uair a' bhàis ; agus cho ro-riat- 
anach 's a tha e dhuinn a bhi 'dianamh deas air a shon; 
an cùnntas cruaidh a dh'fhèumas sinn lath-eip[inn a 



52 ÌOBAIRT NA H-AIFRINN. 

thoirt do'n Bhritheamli uile-lèirsinneach ; air sòlas 
sìorruidh f hlathanais agus air pian shìorruidh ifrinn ; 
air làthaireachd agus mòrachd Dhè ; air beatha 's bàs 
ar Slànair ; samhladli nan Naomh ; air staid ar n-anma 
gu eòlas fhaotainn òirnn-fhèin, air ar n-ana-miannan 
's air ar dubhailceaUa &c. 



I 



TOBAIET NA H-AIFBINN. 

AN AIFRIONN AIR A MINEACHADH. 

S ann 's an Aifrinn a tha Dia a' fìachainn saoibhireachd 
a ghràs, agus a' dòrtadh òirnn ionmhas a mhathais : 
's ann 's an Aifrinn a tha bun ar creidimh, friamh ar 
dòchais, tobar ar slàinte, beatha ar n-anma, leigheas ar 
crèuchdan spioradail, cobhair 'us furtachd do'r laigse. 
Is grian spioradail an Aifrionn a tha 'toirt fradhairc 'us 
lèirsinn, spioraid 'us càile do Chrlostaidhnean anns a' 
bheatha so, agus ga'n neartachadh gu ruighinn air sJ 
bheatha mhaireannaich. 

Agus cha'n ioghnadh na buaidhean so a bhi uile aice, 
's gu'm beil Crìosta f hèin a làthair 's an Aifrinn fo 
riochd arain agus fiona ; 's ga 'thairgse f hèin suas mar 
ìobairt dh' a Athair diadhaidh air an altair air ar son. 
Agus mar sin tha 'n Aifrionn cho anabarrach urramach, 
's gu'n robh spèis aig Dia do na h-ìobairtean bho shean 
air son iad a bhi na'n samhladh 's na'n comharradh 
air ìobairt naoimh na h-altarach, agus a' tarrainn am 
brìghe agus an seadh bhuaipe. Agus mar sin bu taitneach 
le Dia ìobairt Abeil, ìobairt Mhelchisedeic, iobairt Abra- 
haim agus ìobairtean ioma-sheòrsach nan lùdhach, ged 
nach robh annta ach sgleò 'us faileas air an ìobairt 
mhòir a bha ri tighinn. 

Nis tha tri buaidhean sònraichte aig an Aifrinn, a tha 
'toirt urraim 'us coimhliontachd dhi. Agus 's iad sin, — 
(i.) uaisle sagairt, (ii.) uaisle tobhartais, agus (iii.) uaisle 



AN AIFRIONN AIR A MINEACHADH. 53 

beaclicl. Na trì nicliean so tha aig an aifrinn ann an seòl 
mìorailteacli. Tlia naisle sagairt aice, 's gur e Crìosta 
f hèin an t-àrd-shagart 'am flathanas a tha ga 'togail snas 
'am fìanuis Athar an iiair a tha 'f hear-ionaid an sagart air 
talamh ga 'tairgse snas. Tha uaisle tobhartais aice, chionn 
gur e Crìosta f hèin an tobhartas fo choltas arain agus 
f ìona. Tha uaisle beachd aice, 'thaobh 's gur ann do Dhia 
f hèin a thathas ga 'tairgse, mar an t-aoradh a 's àirde, 
agus a bhuineas dhàsan a mhàin. 

Agus nach 'eil so a' fiachainn na suime agus na 
dùrachd 'bu chòir dhuinn a bhi againn 'an àm èisdeachd 
na h-Aifrinne ; gu h-àraid an uair a bheir sinn fonear gur 
h-ionann i ann am brìgh agus ìobart na croise, agus gu'm 
beil gach nì innte ag cuimhneachadh agus ag ùrachadh 
dhuinn pàis agus bàs ar Slànair losa Crìosta. 

Tha 'n altair 's gach ball a bhuineas dhi, a' chulaidh- 
aifrinn, na modhannan a thathas ag cleachdadh 'an àm 
na h-ìobairte, a' fìachainn dhuinn pàis agus bàs Mhic 
Dhè. 

An Altair agus a h-uidheam, 

Tha 'n altair ag ciallachadh Beinn Chalbhari air an 
do chèusadh le tarcuis losa Criosta, aon Mhac Dhè, an 
Dàrna Pearsa de'n Trionaid Bheannaichte. Tha 'n Altair 
cuideachd na 'samhladh air a' bhòrd de'n d' ich ar 
Slànair maille ri 'dheisciobuil a shuipeir dheireannach 
an oidhche mu'n d' fhuilig e. Is ann air so a tha 'n 
t-Ostal Pòl a' tighinn, Eahh. xiii. 10, far am beil e 'g ràdh, 
" Tha altair againn, dhe nach 'eil comas aca-san iche a 
tha 'an seirbhis na pàillinn." 

Tha na h-anartan a tha 'còmhdach na h-altarach na' n 
comharradh air an lìonaodach leis an do phaisgeadh 
coluinn phrìseil Chrìosta an uair a chuireadh 's an 
uaigh e. 

Tha na coinnlean laiste air an altair ag ciallachadh 
solus a' chreidimh air a thaisbeineadh do na h-Iùdliaich 



S4 AN AIFRIONN AIR A MINEACHADH. 

agns do na Cinnicli : agns ag cur an cèill dlimnn dealradh 
a' clireidimh. ^s nan deagh-blièiisan a tha riatanacli 
dhaibhsan a tha 'tairgsinn snas rùin-dhìomhair cho àrd, 
urramach. 

Tha 'n crann-ceusaidh ag cnr an cèill dhuinn na 
bnaidhe a choisinn ar Slànair beannaichte air a' bhàs ; 
agus thathas ga 'thogail 'ani miadhon na h-altarach 
gus ar cur 'an cuimhne air pàis agus bàs losa Chrìosta, 
cùis air an còir smaoineachadh le dùrachd 's le cràbhadh. 
cho tric agus a thairgear an ìobairt naomh so. 

Tha a' chailis na 'samhladh air uaigh naoimh ar 
Tighearna : agus am paten, air a' chloich mhòir a char- 
aiclieadh gu bial na h-uaghach. 

A^ Ghulaidh-Aifrinn, 

Tha an t-anart a tha 'n sagart ag cur air a cheann, agus 
ag ceangal a rithisd mu 'amhaich, ag ciallachadh a' 
bhrèid leis an do dhall na h-Iùdhaich Criosta ar Slànair 
's iad a' magadh air, an uair a bha iad ga 'bhualadh air 
an leithcheann, 's ag ràdh : Fàisnich dhuinn, a Chrìosta, 
co è a bhuail thu ? " Mat. xxvi. 68. 

Tha 'n t-eideadh geal ag ciallachadh an trusgain ghil 
a chuir Herod air Crìosta 'an deigh dha a chur suarach 
agus culaidh-mhagaidh a dhianamh dheth. 

Tha 'n crios^ am rmìiiple, 's an stòl, mar shamhladh air 
na cùird agus na ceanglaichean a chuir na h-Iùdhaicli 
air Crìosta. 

Is samhladh an fhaUuinn-uachdarach air an trusgan 
dhearg-ghorm a chuir na saighdearan air losa Crìosta ; 
agus tha a' chrois a th 'air a dealbhadh air a cùlaobh ga'r 
cur 'an cuimhne air a' chrois a ghiùlain Crìosta air a 
ghuaillnean beannaichte gu Cnoc Chalbhari. 
Daithean na Culaidh-Aifrinn. 

Is comharradh an Geal air aighir 'us toil-ìnntinn ; agus 
le sin 's e culaidh gheal a f hreagras do'n Nolluig, do 
Dhiardaoin-deasghabhail, do dh-f heilltean a bhuineas do 



URNAIGHEAN AN AM NA H-AIFRTNNE. 55 

Mlioire, do dh-Ainglean, 's do Naoimli nacli 'eil na'm 
Martairean. 

Tha 'n Dearg na 'shnaicheantas fala agus dòruinne ; 
agus air an aobhar sin tlia e ri 'chur suas air fèilltean 
nam Martairean aguo nan Ostal a dh'fhuilig am bàs air 
son Chrìosta, agus a dhath an trusgan 'am luil an Uain. 

Is comharradh an t-Uaine air fàs agus cinneachadh, 
gus a thoirt dhuinn ri 'thuigsinn gu'm bu chòir dhuinn 
a h-uile latha fàs na's diadhaidh 's na's f hèarr ; tha 'n 
Eaglais ag cleachdadh an Uaine roinn mhòr de Dhòn- 
aich na bliadhna. 

Tha 'n Bearg-gliorm na 'shuaicheantas air aithreachas, 
agus mar sin air a chleachdadh 'an àm na h-Aidbhein 
agus a' Charghuis. 

Is samhladh an Duhh air bròn agus mulad, a dh-f hiach- 
ainn dhuinn gur e mulad 'us bròn a nigheas blio'n 
pheacadh sinn. Tha 'n Eaglais ag cleachdadh an duibh 
aig na h-aifrionnan air son nam marbh, a dh-f hiachainn 
na h-èiginn anns am beil iad. 

URNAIGHEAN AN AM NA H-AIFRINNE. 

Tha ùrnaighean na h-Aifrinne air an cur 's an òrdugh 
a tha 'freagairt do dh-fhulangas agus do bhàs ar Slànair: 
oir tha e ro-iomchuidh gu'm biodh fìos aig a h-uile 
Caitliceach ciod a tha h-uile h-earrann de 'n aifrinn 
naoimh ag ciallachadh. 

^Anàm do'n t-sagart dol a dli-ionnsaidhna Ti-altarach : 
tha losa a' dol a stigh do Ghàradh Qhethsemani, 

Urnàigìi romh ^n Aifrinn, 

OTHIGHEAENA losa, a Mhic an Dè bheò, 's 
ann agam a tha'n dearbhadh làidir air do ghaol 
dhomh bho d'fhulangas naomh air fad. Dheònaich 
th.u 'bhi fo bhròn, fo fhiamh, 's fo spàirn air son mo 



00 URXAIGHBAN AN AM NA H-AIFRINNE. 

pheacannan anns a* ghàradh. Agus an cnir mise dàil 
anns an aithreachas a ghabhail ? An diùlt mi dhut 
mo ghaol, *s na dh' fhuilig thu air mo shon ? 
Thighearna, cha bhi mi cho mì-thaingeil. A so 
suas bithidh bròn orm air son mo chiontan ; fos 
cionn gach ni bheir mi gaol dhut. Bithidh mi 
leagte ri d'thoil naoimh anns gach diachainn. 
Thugas dhomh freasdal do 'n iobairt naoimh so air 
an lath' an diugh, le fiamh, cràbhadh, agus iimlachd ; 
los gu'm faigh mi na gràsan sin a tha fèumail dhomh 
gu aoradh a thoirt dhutsa, mar is còir, mo Thigh- 
earna agus mo Dhia. 

An uair a tha *n sagart a* tòiseachadh air an Aifrinn : 
tha losa ri ùrnaigh anns a' ghàradh. 

OIOSA, a dheònaich furtachd a ghabhail bho 
aingeal ann ad chruaidh spàirn, deònaich 
dhòmhsa cuideachadh d'aingil naoimh gu m' achan- 
aich a chur suas riut an dràsda mar a thigeadh 
dhomh. 

Aig an Aideachadh. 

An uair a tha 'n sagart a' lùbadh sìos, agus ag aideach a 
pheacannan 'an làthair Dhè agus cùirt f hlathanais : tha 
losa a' tuiteam air 'aghaidh 's a' ghàradh ; tha peacannan an 
t-saoghail na'n sac cho trom air, 's ga 'chur ann an spàirn 
cho dòruinneach 's gu'm beil faUus-fala a'brùchdadh romh 
'chorp naomh. 

OTHIGHEAElSrA losa, a ghiùlain eallach throm 
mo pheacannan gràineil, agus a chaidh a l^ireadh 
leo, le spàirn chruaidh, agus fallus-fala 's a' ghàradh ; 
deònaich gu'n toir cuimhne do dhòruinne tiom- 



URNAIGHEAN AN AM NA H-AIFRINNB. 57 

achadh air mo chridhe, agus gal air mo shùilean. 
mo Dhia, gabh bhuamsa iobairt mo chridhe, maille 
ri ìobairt naoimh fuil agus feòil losa Chriosta 'tha 
sinn a' tairgse suas dhut air an altair. 

An uair a tha 'n sagart a' direadh suas a dh'-ionnsaidh na 
h-altarach agiis ga 'pògadh : tha losa a' dol 'an coinnimh a 
nàimhdean, 's tha lùdas ga 'bhrath le pòig. 

OIOSA, a dh' fhuilig anaceart 'us masladh cho 
mòr, leis an ùmhlachd agus a' chiùine 'bu 
mhutha; co 's urrainn do mhòr thròcair a sgrùdadh'? 
An e so do thaing air son casan ludais a ghlanadh ì 
Ma 's e caoimhneas a dh' fhiach thu dhàsan a bhrath 
thu, ciod nach toir thu dhaibhsan a tha 'an geall air 
gràdh a thoirt dhut. losa, neartaich mi air eagal 
's gu'n gèill mi do m' ana-miannan cho fada 's gu'n, 
dian mi peacadh, no gu'n gabh me toileachadh ann, 
no duais air son a dhianamh agus thus' a thrèigsinn. 
Thighearna, na leig le spiorad an aimhleis greim 
fhaotainn air m' anam. Thoir gràsan na ciiiineachd 
agus na h-ùmhlachd dhomh, gu mathanas a thoirt 
do gach aon a rinn èucoir orm. 

An tiair a tha 'n sagart a' dol gu oisinn na h-altarach agns 
a' lènghadh : tha Criosta air a ghlacail, air a cheangal, 's air 
a tharrainn gu Annas. 

OTHIGHEAENA losa, a dh' fhuilig do cheangal 
le sluagh èucorach, fuasgail mise bho chuibh- 
richean a' pheacaidh, agus dian m' fhasdadh riut 
fhèin leis a' charrantachd agus le cumail d'f hàintean ; 
air dhòisrh 's nach dian mi èucoir ort tuille le 

o 

smaointean, briathran, no gniomhannan. Amen. 



58 URNAIGHEAN AN AM NA H-AIFRINNE. 

An uair a tha 'n sagart ag ràdh Kyrie Meison, 's e sin, a 
Thighearna, dian t'^òcair oirnn : tha an t-Ostal Peadai 'an 
cùirt Chaiphais ag àicheadh losa. 

OTHIGHEAENA, 'chaidh àicheadh trì uairean 
le Prionnsa nan Ostal, tha mi 'g achanaich ort 
mo chumail bho dhroch chuideachda, 's bho'n a h-uile 
ceann-aobliair peacaidh. Amen. 

Aig Gloria in Ecelsis Deo : 

'S e sin, glòir do Dhia anns na h-àrd*ibh : dian aoibhneas 
maille ris na h-ainglean a tha 'làthair gu losa a chobhair, 
agus gu sòlas a thoirt dha air son àicheadh Pheadair. 

CO is coimeas riutsa. Dhia uile-chumhachdaich ? 
Co, air nèamh no air talamh, aig am beil còir 
air àrd onair, moladh, agus glòir, ach agadsa, a Eigh 
nan righrean 's a Thighearna nan tighearnan ! Ma 
tha na h.-Ainglean 's na Naoimh air nèamh ga d' 
sbìor-mholadh 's a' toirt cliù do d' ainn le mòr- 
shòlas, ciamar a dh' fhaodas mise, obair do làimJie, a 
bhi gun chliii a thoirt dhut air talamh. Cliù bheir 
mi dhut, Thighearna, agus deònaich an t-aoradh 
a tha mi 'tairgse dhut an diugh, agus a tha mi 'cui 
romham a thoirt dhut gach latha de m' bheatha, 
a ghabhail bhuam gu d' bharrachd glòire. Amen. 

An uair a tha 'n sagart a' tionndadh ris an t-shiagh agus 
ag radh Doininus voMscum — 's e sin, Gu'n robh an Tighearna 
maille ribh : sheall losa le bàigh air an Ostal Pheadar, agus 
thug e dha gràsan aithreachais. 

OTHIGHEAEKA losa, seall ormsa le bàigh, agus 
thoir dhomh gràsan an fhìor-aithreachais, a 
nigheas bhuam mo pheacannan leis an tric a rinn mi 
d'àicheadh. neartaich mi air sheòl 's nach meath 



URNAIGHBAN AN AM NA H-AIFRINNE. 59 

eisimeil ri daoine mo mliisneach 'ad sheirbhis. 
mo Dhia, na ]eig dhomh gèilleadh do ni air bith 
a chuireas corruich ortsa. Ma tha thusa leam, a 
Dhia uile-chumhachdaich, is coma co 'bhios 'am 
aghaidh. Amen. 

Aig Leughadh na Litreach : 
Tha losa, 'an dèis mòran tàire fhnlang ann an cùirt 
Chaiphais, air a thoirt 'an làthair Philait. 

OTHIGHEARKA, a dh' fhuihg bho shluagh 
moUaichte urad de thàmailt as leth mo pheac- 
annan, 's gu'n rachadh smugaidean a chaitheamh 
'ad aodann naomh 'an ciiirt Chaiphais, agus do dhìt- 
eadh, ge bu neochiontach, gu bàs, 'an cùirt Philait, 
agus sin uile air son mo pheacannan; tha mo chridhe 
làn gaoil 'us taingealachd dhut, agus 'an rùn gun 
mhasladh a thoirt dhut gu bràch leis sl pheacadh 
ghràineil. 

Aig a' Ghraduel no'n Tract: tha na h-àrd-shagairt agus na 
seanairean ag iarraidh fìanuise-brèige 'an aghaidh losa gus 
a chur gu hàs. 

OTHIGHEAEN"A losa, a dh'fhuilig, le tosd 'us 
ciùine, gach fìanuis-bhrèige a chaidh a thogail 
'ad aghaidh ann an cùirt èucoirich Chaiphais ; thoir 
dhòmhsa do shamhladh naomh a leanailt, air chor's 
'n uair a chuirear èucoir as mo leth, nach ciim mi 
gamhlas no mìorun 'am chridhe, 's nach iarr mi le 
diùghaltas mì-chliù. a chur air an atharrach. 

An uair a tha'n sagart ag ììrnaigh aig miadhon na h-altar- 
ach : tha Crìosta air a thoirt 'an làthair Heroid. 

THIGHEAENA losa, a ]eig le Herod culaidh- 
mhagaidh a dhianamh dhiot le trusgan 







60 URNAIQHEAN AN AM NA H-AIFRINNB. 



geal fochaid a chur ort, thugas dhòmhsa do shamhladh 
diadhaidh a leantuinn, le 'bhi ciùin mar a bha thusa, 
agus làn foighidinn. Amen. 

Aig an t-Soisgeul : 
*An dèigh fanaid a dhianamh air losa, tha Herod ga'chur 
air 'ais eju Pilat. 

OATHAIR shìorruidh, seall air do Mhac ion- 
mhuinn na 'chulaidh-bhùirt aig sluagh èucor- 
ach ! Seall mar a tha e air a tharrainn air 'ais 's air 
'aghart feadh shràidean lerusaleim ! Seall mar a tha 
an Gliocas sìorruidh a' faighinn tàire agus maslaidh ! 
Faic cho tosdach, ciùin, faighidneach *s a tha e 'cur 
suas leis gach èucoir, tàmailt, agus fanaid ; agus 
mar a tha e 'cleachdadh nan subhailcean diadhaidh 
a dh' àithn e do luchd-èisdeachd a Shoisgeil a 
leantuinn. mo Dhia, tha mi 'g achanaich ort, as 
leth na h-iobairte naoimhe so, a tha sinn a! tairgsinn 
suas dhut gu onair 'us cliù do d'ainm naomh, agus 
mar chuimhneachan air fulangas do Mhic losa, gu'n 
seall thu ormsa, agus air do shluagh gu lèir, le iochd 
'us tròcair; agus gu'n neartaich thu sinn gu imeachd 
'an cèumannan do Mhic air talamh, agus a ghlòir a 
chosnadh ann am flathanas. 

Aig d! Ohrèud : 
Tha Crìosta a' togail teisteanais air an fhirìnn air bialaobh 
Philait : daingnich thusa 'an so do chreideamh air na puing- 
ean sin uile a tha 'n Eaglais ag cur mu d' choinnimh a chreid- 
sinn. 

THA mi 'creidsinn gu daingean, Thighearna, 
gach ni a shoillsich thu dhomh le d' Eaglais 
naoimh Chaitlicich : agus, le còmhnadh do ghràs, 



tJRNAIGHEA]^ AN AM NA H-AIFRINNE. 61 

tha mi 'cur romham leanailt ris a' chreideamli 
naomh so fad mo làithean 's aig uair mo bhàis. 
Agus tha mi 'làn-chreidsinn le solus do ghràs, gur 
daoine treidhireach, glic, diadhaidh, a theagaisg an 
fhìrinn so dhomh. Is còmhdach dhomh air sin, an 
seòl mìorailteach air an do sgaoil d' Eaglais 'am 
beagan iiine air feadh an domhain gu h-iomlan, agus 
air an deachaidh an saoghal iompachadh gu gèill 'us 
creidsinn a thoirt dhaibh. Càite an tèid mi, 
Thighearna ì Agadsa tha briathran na beatha. Mo 
rèusan, mo chridhe, agus m' inntinn, tha 'gèilleadh 
agus a' striochdadh do 'n fhìrinn so, dh'aon teagamh 
no buaireadh a thogas mo chèudan-corporra dhomh. 
So mo chreideamh, Thighearna, neartaich e. 

An uair a tha 'n sagart a' toirt na cuibhrige de'n chaiHs , 
tha iad a' rùsgadh Chrìosta, ga 'cheangal ri posta 's ga 
'sgiùrsadh. 

OTHIGHEAENA losa, spion èideadh gràineil a 
pheacaidh de m' anam, agus cuir uime trusgan 
àillidh do ghràs, gus am bi e taitneach 'ad làthair. 
Amen. 

An uair a tha 'n sagart a' tairgse suas an arain agus an 
fhìona : tha losa ga 'thairgse f hèin gu 'sgiùrsadh, 's f huil 
phrìseil ga'dòrtadh. 

OATHAIR shiorruidh, seall na dh' fhuilig do 
Mhac naomh aig a' phosta gus ar sàbhaladh. 
Tha 'chorp naomh ga 'rèubadh ; gniomh a bhios na 
'aobhar-ioghnaidh do chumhachdan f hlathanais, agus 
na 'aobhar bròin, gaoil, 'us taingealachd do chlann- 
daoine. Co an cridhe nach bi fo leòn ri faicinn 
coluinn Klgh na glòrach fo chrèuchdan ì An Ti a 



62 URNAIGHEAN AN AM NA lì-AII^RINNtì. 

climthaicli nèamh agus talamh ga 'sgiùrsadh le 
'chrèutairean peacach fhèin ! Shlànair, is cruaidh 
an càramh a tha ortsa air son mo chiontan ! losa, 
ciod a dh' èirich dhòmhsa ì ciod a rinn mi ? Dè a 
dh' f hàg mo chridhe cho cruaidh ì Cha toir smaoin- 
eachadh air d' fhulangas tiomachadh, no taiseachadh 
air mo chridhe ; cha'n èirich osna bho m' chliabh ; 
diar cha tig air mo shiiil ! Thighearna, pheacaich 
mi gu trom 'ad aghaidh. Chruadhaich mo chridhe ; 
thiormaich tobar mo shàl ; chuir mo pheacannan do 
gh^ol as m' aire, agus d' fhulangas as mo chuimhne. 
Thighearna, gabh truas rium. Amen. 

Aig cuibhrigeadh na cailise : tha crùn dreathain ga 'chur 
air losa. 

OIOSA, 'dh' fhuilig cràdh 'us masladh le crùn 
dreathain a chur mu d' cheann naomh, lot mo 
chridhe le fìor-aithreachas, los gu'n toill mi a bhi 
air mo chrunadh leatsa ann am flathanas. 

An uair a tha 'n sagart a' nigheadh a mhiar ; tha Pilat 
ag glanadh a lamhan 's ag innseadh gu foUaiseach, gu'n 
robh losa neochiontach. 

OTHIGHEARKA losa, anns nach d fhuair am 
britheamh èucorach fhein gìomh, glan m' anam 
le d' fhuil phrìseil, agus teasraig mi bho ghamhlas, 
agus bho mhiorun mo naimhdean. 

An uair a tha'n sagart ga 'chromadh fhèin aig miadhon 
na h-altarach agus a' lèughadh : tha losa 'g èisdeachd ris 
a' phobull a' freagairt : Biodh 'fhuil òirnne, agus air ar 
cloinn. 

GABH, Thrlonaid naomh, an iobairt a tha sinn 
a' tairgsinn dhut, mar chuimhneachan air pàis, 



URNAIGHEAK AN AM NA H-AIFRINNE. 63 

air aiseirigh, agiis air deasghabhail ar Tighearna 
losa Crìosta ; agus ann an onair na h-Oighe beann- 
aichte Moire; Eoin-Bhaiste, nan Ostal naomh 
Peadar ns Pòl, agus nan naomh uile, los gu'n tig 
i gu barrachd glòire dhaibhsan agus sàbhalaidh 
dhuinne. 

Aig Orate Fratres, 's e sin, Dianaibli ùrnaigh, a bhraìthre : 
tha Pilat a' fiachainn losa do'n t-sluagh, agus ag èigheach, 
Seall an duine. 

OTHIGHEAEXA losa, a dheònaich a bhi 'ad 
chulaidh-flianaid aig an t-sluagh, saor mise le d' 
•iimhlachd bho uaiU, bho àrdan, agus bho mhòrchuis. 
Fiach, tha mi ga m' thairgsinn fhein gu h-iomlan 
cuide ris an iobairt naoimh a thathas a' tairgsinn 
air an altair. Èisd gu tròcaireach, uime sin, ri m* 
achanaich, agus deònaich gu'm b'ann a chosnadh 
barrachd cliù do d' ainm naomh-sa agus leasachadh 
glòire dhuinn fhein 's an t-sìorrachd, a thairgear 
suas i Amen, 

Aig na Secreta : tha losa air a dhìteadh gu *bhi air a 
chèusadh. 

OTHIGHEAEJSTA losa, a dh'eisd gu tosdach, 
ciiiin, ri binn a' bhàis ; thoir dhòmhsa a bhi làn 
striochdte ri d' thoil naoimh anns gach trioblaid 
'us diachainn a thig orm 's a' bheatha so ; 's thoir 
dhomh sealltuinn orra mar mhiadhonan a tha thu 
'cur na m' rathad gu m'anam a shàbhaladh ; tromh 
losa Crlosta ar Tighearna. Amen. 



64 URNAIGHEAN AN AM NA H-AIFRINNE, 

Aig an Roimhradh, 

An uair a tha 'n sagart a' lèughadh le guth àrd, agus an 
jlèireach a' seinn a' chluig : tha iad ag cur na croise air 
guaihiean losa. 

OIOSA, tha thu 'dianamh faoilte ris a' chrois a tha 
gu 'bhi air a coisrigeadh le d' fhuil phriseil, a 
tha gu 'bhi na 'h-inneal-saoraidh do chlann-daoine, 
na 'h-altair do d' iobairt fhèin, na 'cathair-tròcaire, 
na 'cuimhneachan air do bhuaidh air a' bhàs, agus air 
do mhòr-ghao]. Chrois phriseil, is tusa suaich.- 
eantas armailt Mhic Dhè. Is tusa an solus a tha 
'dianamh iùil do d' mhuinntir dhìlis fhèin ann an 
cuan bruaidleineach an t-saoghail so. losa, na 
gabham nàire gu bràch as a' chrois dh'an d' thug 
Thusa urad spèise ; 's thoir dhomh neart agus toil gu 
'giùlan gach latha gus an toill mi 'bhi 'an àirimh do 
dheisciobul. Is àrd iolach do naimhdean a' fanaid 
ort ; ach tha mise 'toirt molaidh 'us giòire dhut, 's a' 
togail mo ghuth, maille ri cosheirm nan Naomh 's 
nan Aingeal a' seinn, Is naomh, naomh, naomh, 
thusa a Thighearna Dhia nam feart. Tha thu liori- 
adh nèamh agus talmhainn le d' gh.lòir. Aighir gu'n 
robh anns na flathas a's àirde. Beannaichte gu'n 
robh an Ti a tha 'tighinn 'an ainm an Tighearna. 

An uair a tha *n sagart ag ùrnaigh air son na h-Eaglaise le 
guth ìosal : tha losa ag giulan na croise air a ghuailnean 
crèuchdach gu Cnoc Chalbhari 'an geall air fulangas gus ar 
sàbhaladh, 

OTHIGHEAENA losa, thugas dhòmhsa gu'n 
giulain mi mo chroisean le foighidinn, agus 
gu'n striochd mi do d' thoil naoimh-sa anns gach 



URNAIGHEAN AN AM NA H-AIFRINNE. 65 

triol)laid. Beannaich, naomhaich, ^us lìonorach an 
Eagiais naomh Chaitliceach ; thoir gràsan an 
Spioraid Naoimh dh'a Ceannard, agus dh'a buach- 
aillean : agus biodh gach aon de'n trèud umhal, 
freagrach dhaibh, agus an giùlan iriosal, diadhaidh, 
carantach. Deònaich an cinne-daonda gu lèir a 
thoirt a stigh do d' Eaglais fhlrinnich, agus dian 
umhal iad do d' lagh naomh, Amen. 

Aig Memento Domine famulorum, 's e sin, Cuimhnich a 
Thighearna air do sheirbhisich ; tha 'n sagart a' dianamh 
ùrnaigh 'an so air son na feadhnach is math leis a chòmhn- 
adh le 'achanaich : tha losa a' tionndadh mu'n cuairt ris 
na mnathan naomh, agus ag iarraidh orra, iad a bhi 'gal air 
an son fhèin agus air son an sHochd. 

OTHIGHEAEISrA losa, thoir dhòmhsa deòir an 
aithreachais, los gu'n glan mi bhuam mo pheac- 
annan. Air son na dh' fhuilig thu air an t-slighe 
phiantail sin, agus air son na h-ìobairte naoimhe 
a tha sinn a' tairgsinn suas dhut, dian tròcair ormsa, 
agus air gach aon a bhuineas dhomh. Thoir math- 
anas do m' naimhdean, dian f uasgladh air gach neach 
a rèir 'uireasbhuidh, agus stiùir sinn uile le d' ghràs- 
an anns a' bheatha so, gus am bi sinn cho sona 's 
gu'n sealbhaich sinn a' bheatha gun chrlch. 

An uair a tha 'n sagart ag cumail a lamhan os cionn an 
arain agus an f hìona : tha lamhan 'us casan losa ga'n tàirn- 
eachadh ris a' chrois. 

OM'Al^AM, seall na tha Uan Dhè a' f ulang air do 
shon ! IsTa tàirnean garbha a thathas d! 
sparradh na 'lamhan 's na 'chasan, agus leis am 
beileas ga 'fhasdadh ris a' chrann-chèusaidh ; 'fhuil 
5 



66 UENAIGHEAN AN AM NA H-AIFRINNE. 

phrìseil sJ taomadh gu talamh à lotan cràiteach! 
ghaoil gun choimeas ! Gu'm fuiligeadh tusa a 
Eìgh na glòrach, a' leithid so de dhòruinn air son 
peacaich thruaigh mar a tha mise. Is aobhar gaoil, 
ioghnaidh, agus bròin so dhòmhsa rè mo làithean air 
talamh. Ciod a ni mi, mo Dhia ? Ciod is 
urrainn dhomh 'thoirt dhut ì tairgidh mi dhut 
do Mhac ionmhuinn losa Criosta, a tha 'dol a thigh- 
inn a nuas air an altair. Sin an gniomh aoraidh a 's 
urramaiche, agus an gniomh taingealachd a's tait- 
niche leatsa a's urrainn dhomh 'chur 'an cèill dhut 
ann an èiric mo pheacannan. 

An iiair a tha an sagart a' coisrigeadh an arain, agus a* 
togail suas na Sàcramaid : tha losa air a thogail suas air a' 
chrann-chèusaidh. 

OM'AJ^AM ! leig dhiot smaointean saoghalta. 
Le creideamh beò, ùmhlachd, agus gràdh, uidh- 
eamaich thu-fhèin gu aoradh a thoirt do d' Shlànair 
naomh. Seall Uan Dhè a tha 'toirt air falbh peac- 
aidh an t-saoghail a! tighinn a nuas air an altair. 
Beannaichear dhut, losa a Mhic Dhè uile-chumh- 
achdaich, mo Thighearna, agus mo Dhia. A 
Chriosta, tha mi 'toirt aoraidh dhut. Tha mi 'creid- 
sinn gu'm beil thu 'làthair ann an so, agus gu'n 
d'f huilig thu am bàs air mo shon gus mo shàbhaladh. 
neartaich mo chreideamh. Tha mi 'toirt gaoil 
dhut bho ni' uile chridhe, 'thaobh 's gu'n d' thug 
thusa gaol gun choimeas dhòmhsa. A Eigh nan 
Aingeal, cha'n fhiach mise tighinn 'ad fhianuisj 
ach 'an dèigh sin, thug thu comas agus cuireadh 
dhomh gu tighinn ann. losa, glan m'anam bho 



URNAIGHBAN AN AM NA H-AIFRINNE. 67 

luibhre a' pheacaidh. losa, dian tròcair òirnn. losa, 
deònaich gu'm f aic mi ann am flathanas thu aghaidh 
ri aghaidh ann an glòir nach crìochnaich. Amen. 

An uair a tha 'n sagart ag coisrigeadh an fhìona, agus a' 
togail suas nacailise, los gu'n toir am pobull aoradh do 
dh-Fhuil phrìseil Chrìosta ; tha Fuil Chrìosta a' sruthadh 
bho 'lotan air a' chrois. 

BEAN'IsrAICHEAE dhut Thuil naomh a dhòirt 
à lotan Chrìosta, gu sàbhaladh s! chinne- 
dhaonda. O losa, glan mise bho smal a' pheacaidh 
le d' Fhuil phrìseil, 's na biodh i air a dòrtadh air 
mo shon gun fhèum dhomh. Athair shiorruidh, 
seall air do Mhac naomh anns am beil do mhòr- 
thlachd ! Eisd ri guth na Fala a tha 'taosgadh 
à 'lotan ; cha'n e diùghaltas a tha i 'g èigheach, 
ach tròcair agus mathanas, mo Dhia, air sgàth 
na dh'fhuilig Crìosta air mo shon air a' chrois, seall 
air do shluagh gu lèir le bàigh, caoimhneas, agus 
tròcair. Amen. 

Aig Memento Domine, far an beil an sagart ag guidhe air 
son anmannan nan marbh-chreideach : tha losa ag ùrnaigh 
air son an t-sluaigh a bha ga 'chèusadh, 

OTHIGHEAElSrAIosa, a dh'iarrmathanas dhaibh- 
san a bha ga d' chèusadh, thoir dhòmhsa 
gràsan na h-ùmhlachd, na carantachd, agus na 
foighidinn, los gu'n dian mi mar a rinn thusa, math 
'an aghaidh an uilc, agus gaol a thoirt do m' naimhd- 
ean. mo Dhia, tha mi' tairgsinn dhut ìobairt 
naomh Corp agus Euil losa Chriosta, as leth anmann- 
an nam marbh-chreideach. 



68 URNAIGHEAN AN AM NA H-AIFRINNB. 

Ann an so ainmicli dhut-f hèin an f headhainn air son am 
bu mhath leat guidhe. 

Dhaibh so, 'us do gacli anam aig am beil còir 
air m' achanaich, thoir thusa, a Thighearna, fois 
shìorruidh fhlathanais. Amen. 

An uair tha an sagart a' bualadh 'uchd, agus ag ràdh, 
Nohis qiwque peccatoribics, 's e sin, "agus dhuinne na peac- 
aich " : tha fear de na mèirHch a chaidh a chèusadh maiUe ri 
Crìosta, a' tionndadh gu aithreachas. 

OTHIGHEAEKA losa, a gheall flathanas do^n 
mhèirleacli a dh'aidich a chionta, fìach. dhòmh- 
sa an tròcair chiadna ; agus bho'n a tha mi ga m' 
dhìteadh f hein 'ad làthair, tha mi 'n earbsa gu'n toir 
thu, mo Thigbearna agus mo Dhia, gràsan an aith- 
reachais dh.omh, agus làn mhathanas 'am uile pheac- 
annan. 

Aig Pater Noster no d! Phaidir, 
Far am beil an sagart ag ràdh ùrnaigh an Tighearna : tha 
sin ag ciallachadh nam facal mu dheireadh a labhair losa 
air a' chrois. 

OTHIGHEAENA losa, a cbuir do Mhàthair fo 
chtiram deisciobul do ghràidh, agus a chuir 
esan f o 'dion-se, tha mi ga m' liubhairt fhèin dhut 
le làn-earbsa as do mhathas, as do thròcair, agus as 
do dhìdean. O mo Dhia, nach mi a tha sona thusa 
a bhi 'ad athair dhomh. JSTach sòlasach ri 
smaoineachadh gur h-e flathanas a's ionad còmh- 
nuidh dhomh gu sìorruidh. 'S an àm, deònaich 
thusa gach nì a tha fèumail a thaobh anma agus 
cuirp a thoirt dhomh, gus an tuinidh bhuan so a 
chosnadh. Tha mi 'toirt làn-mhathanais do gach 



URNAIGHEAN AN AM NA H-AIFRINNE. 6? 

aon a rinn èucoir orm; thoir thnsa mathanas 
dhònih:5a. mo Dhia, bi maille rium anns gach 
trioblaid agns buaireadh, 's na leig dhomh gu bràch 
gèilleadh do'n pheacadh, as leth fulangas losa 
Chrìosta. Amen. 

Aìg Agnus Dei, 's e sin, 'Uain Dhè ;. abair ; 

'TTAIN' Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 
Ij t-saoghail, dian tròcair oirnn. 

'Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan 
an t-saoghail, dian tròcair oirnn. 

'Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan 
an t-saoghail, thoir sith dhuinn. 

A Thighearna losa Chriosta, a thuirt ri d' Ostail, 
sith tha mi a' fagail agaibh, mo shith tha mi 'toirt 
dhuibh, na seall air mo pheacannan, ach air creid- 
eamh d'eaglais; agus deònaich dhi an t-sith agus an 
aonachd a tha taitneach do d' thoil ; a Dhia a tha 
beò 's a' rian fad shaoghal nan saoghal. Amen. 

Thighearna losa Chriosta 'Mhic an De bheò, a 
thug le d' bhàs a rèir toil d'athar, maille ri co-oib- 
reachadh an Spioraid ]N"aoimh, beatha do'n t-saoghail, 
saor mise le d' Chorp agus le d' Fhuil a's ro-naomh 
so, bho m'uile pheacannan, 'us bho'n a h-uile 
truaighe ; thoir orm daonnan gu'n dlùth-lean mi ri 
d'fhàintean : agus na leig leam a chaoidh a bhi air 
mo sgaradh bhuatsa a Dhia tha maille ri Dia ciadna 
an t-Athair agus an Spiorad E'aomh, beò 's a' 
rian, fad shaoghal nan saoghal. Amen. 

l!Ta tionndadh do Chorp, Thighearna, losa 
Chrlosta, a tha mise, ge ml-iomachuidh, ag gabhail 



70 URNAIGHBAN AN AM NA H-AIFRINNE. 

a dhànadas a glilacail, gu breitheanas 'ns dìteadh 
dhomh ; ach biodh e as leth do thròcaire, na 'dhion 
agus na 'leigheas dhomh, air m'anam 's air mo chol- 
ninn : thusa a Dhia a tha maiUe ri Dia an t-Athair, 
ann an aonachd an Spioraid Kaoimh, beò ^s a' rian, 
fad shaoghal nan saoghal. Amen. 

Aig Domine non sum dignus, 's e sin, '''a Thighearna, 
cha'n fhiach mise " (:) Abair : — 

ÀTHIGHEAEI^A, cha'n fhiach mise gu'n tigeadh 
tu stigh fo m'fhàrdaich, ach abair am facal a 
mhàin's bithidh m' anam sàbhailte. 

A Thighearna, cha'n fhiach mise gu'n tigeadh tu 
stigh fo m'fhàrdaich, ach abair am facal a mhàin 's 
bithidh m' anam sàbhailte. 

A Thighearna, cha'n fhiach mise gu'n tigeadh 
tu stigh f m'f hàrdaich, ach abair am facal a mhàin, 
's bithidh m'anam sàbhailte. 

An uair a tha'n sagart ag gabhail Sàcramaid Corp agus 
Fuil Chrìosta : tha so ag cur 'an cuimhne dhuinn gu'n d' 
thug losa suas an deò air a* chrois, gus ar saoradh bho'r 
peacannan ; a rèir briathran Phòil : *' Gho tric '5 a dK itheas 
sibh an t-aran so, 's a dh' òlas sihh aJ chailis, taisbeanaidh 
sibh bàs an Tighearna gus an tig e." 1 Cor, xi, 26. 

ComanacJiadh Spioradail. 

OMHIC Dhè, moladh, cliii, agus glòir gu'n robh 
dhutsa gu siorruidh, air son do ghaoil, do 
mhathais, agus do thròcaire do'n chinne-dhaonda. 
Gu fìor, is tusa am Buachaille math a dh' fhuilig 
am bàs air son do chaorach. biodh mo chridhe 
air son sin làn gaoil 'us taingealachd dhut gu bràch, 
mp Thighearna agus ino Dhia^ m' rhear-saoraidh, 



URNAIGHSA5T AN AM NA H-AIFRINNE. 71 

agus mo Shlànair. Ged a rinn thu iobairt air a' 
chrois, tha siim ag aideach nach b' airidh, nach b' 
fhiach, 's nach do thoill sinn, gu'n dòirteadh tusa 
am boinno a's lagha de d'fhuil phrlseil air ar son. 
Agus cha'n f hòghnadh leat na rinn thu 'an sin ; cha 
do sguir do ghaol air a' chrois ; is cuan nach tràigh 
do mhathas. 'S e do mhiann a bhi 'buileachadh do 
ghràsan oirnn 'an còmhnaidh; is sagart thu gu bràch 
a rèir òrdugh Mhelchisedeic a' tairgsinn suas iobairt 
naomh na h-aifrinne gach là. 'Ad mhòr ghliocas, 
agus 'ad mhòr chumhachd rinn thu a' mhiorailte 
iongantach so, (aran 'us fion a thionndadh gu d' 
Chorp fhèin 's gu d' Fhuil) gu m'anamsa a naomh- 
achadh, agus a bheathachadh. Tha do dhiadhachd 
agus do dhaondachd f o riochd arain agus fìona air an 
altair ; le creideamh làidir tha mi 'toirt aoraidh dhut 
f sgàil an arain agus an fhiona, a tha 'ceiltinn agus 
a' falach orm do ghlòire. Is truagh nach robh mi 
deas gus do ghabhail anns an t-Sàcramaid naoimh 
so. Ach abair thusa am facal, agus bithidh m'anam 
sàbhailte. Thigsa, Thighearna, ann an dòigh spior- 
adail a ghabhail còmhnaidh 'am anam. Miadaich 
mo chreideamh, neartaich mo dhòchas, fadaidh teine 
do ghràidh 'am chridhe, agus dian rèite eadar mi 
agus an t-Athair siorruidh. 

An uair a tha 'n sagart ag cnibhrigeadh na cailise : tha Corp 
Chrìosta ga 'chur anns an uaigh, còmhdaichte le lìon- 
anart. 

OTHIGHEAEKA losa, a dh'fhuilig am bàs, agus 
a thiodhlacadh air mo shon, deònaich mo 
neartachadh gu ana-miannan mo choluinne a chur 



72 URNAIGHEAN AN AM NA H-AIFRINNE. 

gu bàs, le 'bhi ga'n claoidh gacb latba, air chor's 
gu'm bi m'anam saor bho luibhre ghràineil a' 
pheacaidh. 

Aii uair a tha 'n sagart a' tionndadh ris a' phobull, agus 
ag ràdh Dominus vohiscum, 's e sin, '^gu'n robh an Tighearna 
maille ribh " : tha losa ag èirigh bho na niairbh 's ga 'f hiach- 
ainn f hèin do na deisciobuil. 

OTHIGHEAENA losa, a thug buaidh air a' 
bhàs, agus a dh'èirich an treas latha ann an 
staid ghlòrmhoir, cuidich mise le cumhachd do 
ghràs, gu èirigh bho bhàs a' pheacaidh gu beatha 
nan gràs, agus gu fuireach anns an staid naoimh so 
gu latha mo bhàis j air chor 's gu'm bi sìth 'an sin 
aig m'anam, agus gu'n gairm thu e gu sòlas nach 
dìbir. 

An uair a tha 'n sagart a' leughadh ùrnaigh dheireannach 
na h-aifrinne : tha losa rè dà f hichead latha ann an cuid- 
eachda nan Ostal, agus nan deisciobul eile, ga'n soilleir- 
eachadh anns gach ni a thaobh creidimh. 

OSHLA^N'AIR bheannaichte, a theagaisg an 
creideamh firinneach do d' dheisciobuil, 
dian mise umhal do d' theagasg naomh, agus 
striochdte do riaghailtean na h-Eaglais naoimh 
Caitlicich, a stèidhich thu-fhèin air a' charraig, agus 
do'n do gheall thu gu'm biodh an Spiorad ]N"aomh ga 
'stiùradh gu deireadh an t-saoghail ; gealladh firinn- 
each nach bristear, 's nach briagnaichear a chaoidh, 
a dh-aindeoin farmaid 'us mioruin, innleachdan 'us 
chumhachdan an dorchadais, agus ionnsaidhnean 
eiriceach. 



URN-AIGHBAN AN AM NA H-AIFRINNB. 73 

Aig d! Bheannadiadh, 

An uair a tha 'n sagart a' dianamli comharradli na croise 
air a' phobuU agus a' toirt a bheannachd dhaibh ; tha losa 
a' togail suas a lamhan, agus a' toirt a bheannachd do na 
deisciobuil agus a dol suas do fhlathanas na'm fìanais. 

OTHIGHEAEKA losa, a chaidh do fhlathanas 
'an ceann dà fhichead latha 'an dèigh d'aiseirigh 
glòrmhoir, tog mo chridhe-sa suas gu nèamh 'ad 
dhèigh. Brist slabhraidh a' pheacaidh a tha ga'm 
cheangal ris an t-saoghal so. mo Dhia, thugas 
domh gu'm bi gach ni talmhaidh suarach, neoineach 
'am shùilean, agus gu'm bi m' anam lìonte le d' 
ghaol-sa. Thrianaid naomh, thoir do bheannachd 
dhomh le lamhan an t-sagairt aig an altair ; agus 
biodh e mar chomharradh air a' bheannachadh 
a tha dìiil agam fhaotainn 'am measg do dhaoine 
taghte, maille ris an tèid mo ghairm gu glòir mhair- 
eannaich. Amen, 

Aig Uughadh Soisgeul Naomh Eoin. 

Anns am beil mòrachd 'us diadhachd losa Ghriosta gu 
sbnraichte air an dearbhadh : tha ar Tighearna losa Crìosta 
na 'shuidhe gu glòrmhor air deas làimh an Athar shìorruidh. 

OMHIC Dhè, agus a Sholuis an t-saoghail, a thainig 
a nuas à uchd an Athar, gu sligh' an t-sàbhalaidh 
fhiachainn dhuinn, is tusa mo sholus agus mo cheann- 
iùil, mo bheatha agus m' ionmhas ; tha mi 'toirt 
urraim 'us aoraidh do d' mhòralachd dhiadhaidh. 
Is tusa mo Dhia, mo Chruthadair, agus mo Shlànair. 
'S ann agadsa a mhàin a tha còir air mo ghràdh agus 
[ air mo sheirbhis. mo Dhia, gabh seilbh 'am 
anam, agus naomhaich dhut-f hèin e. mo Dhia, 



74 BUIDHEACHAS AN DEIGH NA H-AIFRINNE, 

thugas dhomh gu!m bi mi dileas dhut gu ruig am bàs, 
los gu'm meal mi thu ann an aoibhneas siorruidh. 
Amen. 

URNAIGH AN DEIGH NA H-AIFRINNE. 

OMO Dhia, tha mi 'toirt molaidh, aoraidh, agus 
cliti dhut, a chionn gu'n d'thug thu comas 
dhomh a bhi'an làthair na h-iobairte naoimhe so air an 
latha an diugh. Thoir mathanas dhomh anns gach 
peacadh anns an do thuit mi le smaointean-fuadain, 
no le fuar-chràbhadh. Thighearna losa, bho 
bhrigh's bho thoradh na h-iobairte beannaichte so, 
thoir gràsan dhòmh a bheir misneach agus càil 
dhomh gu imeachd gu sàbhailte tromh thrioblaidean, 
tromh chunnartan, agus tromh bhuairidhnean na 
beatha so, los gu'm bi mi cho sona 's gu'n sealbh- 
aich mi righeachd fhlathanais. mo Dhia, tha mi 
'cur romham a bhi dìleas seasrach na d' sheirbhis gu 
latha mo bhàis ; neartaich agus naomhaich mo thoil 
agus mo dhùrachd, air sgàth fulangas agus bàs mo 
Shlànair losa Criosta. Amen. 







BUIDHEACHAS AN DEIGH NA H-AIFRINNE 

Urnaigh, 

DHIA Uile-chumhachdaich, agus a Shlànair 
uile-thròcairich, a Sholuis an t-saoghail 's a 
Ghlòir fhlathanais, tha sinne le ùmhlachd s' le 
taingealachd ag aideach na comaine a chuir thu 
òirnn, le thu-fhèin a liubhairt 'ad thobhartas 
peacaidh 'us rèite air ar son, ann an iobairt bheann- 
aichte na h-aifrinne a tha sinn air èisdeachd. Deòn- 



BUIDHEACHAS AN DEIGH NA H-AIFRINNE. ^O 

aìch, tha sinii ag achanaich orfc, ar n-innfcinn a 
shoilleireachadh le d' ghràsan, ar cridhe a lasadh le d' 
ghràdh, 'us cumhachdan ar n-anma air fad a naomh- 
achadh, air chor's an uair a labhras ar bial na 
briathran a tha d' Eaglais naomh ag cur romhainn, 
gu'm bi ar cridhe 'toirt aoraidh do d' phearsa dhiadh- 
aidh, ^sag gabhail ìoghnaidh à lìonmhoiread do mhath- 
ais 'us do thròcaire. Thoir dhuinn, cuideachd, a 
bhi 'an geall air gluasad 's an t-slighe dhiadhaidh anns 
an d'imich thu-f hèin, los gu'm bristear mu dheireadh 
gach tèud peacaidh a tha ga'r ceangal ris an 
t-saoghal, le 'bhi 'sior - smaoineachadh air glòir 
shìorruidh fhlathanais : agus gu'n dlùthaich sinn le 
gaol daingean riutsa a tha maille ris an Athair agus 
Tis an Spiorad l^aomh, ann an cumhachd 's ann an 
glòir gu siorruidh. Amen. 

TE DEUM LATJDAMTJS. 

Te Deum laiidamus : te Dhutsa, 'Dhia, tha sinii a' 
Dominum confitemur» toirt molaidh : tha sinn ag 

aideachadh gur tu an Tigh- 
earna, 
Te seternum Patrem: om- Dhutsa, 'Athair shìor- 
nis terra veneratur. ruidh ; tha 'n domhan uile 

'toÌYÌ aoraidh. 
Tibi omnes Angeli : tibi Dhutsa tha na h-ainglean 
ccsh et universse potestates. uile ; dhutsa tha na nèamhan 

's uile chumhachdan. 
Tibi Cherubim et Sera- Dhutsa tha na Cherubim 's 
phìm : incessabili voce pro- na Seraphim ri co-sheirm le 
clamant ; fonn gun tàmh ; 

Sanctus, sanctus, sanctus. Is naomh, naomh, naomh; 
Dominus Deus Sabaoth. Tighearna Dia nam feachd. 

Pleni sunt coeli et terra : Thanèamh 'ustalamh làn; 
majestatis gloriae tuae. de mhòrachd do ghlòire. 



76 BUIDUEACHAS AN DEIGH NA H-AIFRINNB. 



Te gloriosus : Apostolo- 
rum chorus, 

Te Prophetarum : lauda- 
bilis numerus, 

Te Martyrum candidatus : 
laudat exercitus. 

Te per orbem terrarum: 
sancta confitetur Ecclesia, 

Patrem : immensse majes- 
tatis ; 

Venerandum tuum verum : 
et unicum Filium ; 

Sanctum quoque : Para- 
clitum Spiritum. 

Tu Rex glorise : Christe. 

Tu Patris : sempiternus es 
Filius. 

Tu ad liberandum sus- 
cepturus hominem : non 
horruisti Yirginis uterum. 

Tu, devicto mortis aculeo : 
aperuisti credentibus regna 
coelorum. 

Tu ad dexteram Dei se- 
des : in gloria Patris. 

Judex crederis: esse ven- 
turus. 

* Te ergo qusesumus, tuis 
famulis subveni: quos pre- 
tioso sanguine redemisti. 



Dhutsa tha còisir ghlòrmhor 
nan Ostal, 

Dhutsa tha co-theanal cliù- 
mhor nam Fàidhean, 

Dhntsa tha armaìlt gheal 
nam Marteirean a' toirt mol- 
aidh. 

Anns gach cèarna de'n 
domhan tha d' Eaglais naomh 
ga d' aideachadh, 

'Athair na mòrachd neo- 
chrìochnaich ; 

'S d'Aon-Mhac aorail fìr- 
inneach ; 

'S maraon an Co-fhurtair 
an Spiorad Naomh. 

Is tus', a Chrìosta, Rìgh 
na glòire. 

Is tu Mac sìorruidh an 
Athar. 

An uair a ghabh thu ort- 
fhèin an duine shaoradh ; 
cha bu sgreamh leat còm na 
h-Oighe. 

Le buaidh a thoirt air guin 
a' bhàis ; dh'fhosgail thu 
rìgheachd nèamh do d'chreid- 
ich. 

Tha thu *d shuidhe air 
deas-làimh Dhè ; ;ìnn an 
glòir an Athar. 

Tha sinn ag creidsinn gu'n 
tig thu ; a thoirt breth oirnn. 

Air an aobhar sin guidhimid 
ort, cuidich do sheirbhisich ; 
a shaor thu le d'fhuil phrìseil. 



« 'An so ùmhlaich air do ghlCm, 



BUIDHEACHAS AM DEIGH NA H-AIFRINNE. 77 



Dian an àireamh 'am measg 
do naomh ; ann an glòir 
shìorruidh. 

Thighearna, sàbhail do 
shhiagh ; agus beannaich 
d'oighreachd. 

Agus riaghail iad ; agus tog 
suas iad gu siorruidh. 

A h-uile latha : beann- 
aichidh sinn thu. 

Agus molaidh sinn d' ainm 
gu bràch ; agus fad shaoghal 
nan saoghal. 

Deònaich, Thighearna, 
air an latha 'n diugh ; 
ar gleidheadh bho'n pheac- 
adh . 

Dian tròcair òirnn, 
Thighearna 5 dian tròcair 
òirnn. 

O Thighearna, leig do 
thròcair a nuas òirnn ; a rèir 
's mar a chuir sinn ar dòchas 
annad. 

Annadsa, O Thighearna, 
chuir mi mo dhòchas ; na 
nàraichear a chaoidh mi. 
Air latha-buidheachais theirear cuideachd , 



^terna fac cum Sanctis 
tuis ; in gloria numerari. 

Salvum fac popuhim tu- 
um, Domine ; et benedic 
hsereditati tuse. 

Et rege eos, et extoUe 
illos : usque in seternum. 

Per singulos dies : benedi- 
cimus te. 

Et laudamus nomen tu- 
um in sseculum : et in ssecu- 
lum sseculi. 

Dignare, Domine, die isto: 
sine peccato nos custodire. 



Miserere nostri, Domine : 
miserere nostri. 

jFiat misericordia tua, 
Domine, super nos : quem- 
admodum speravimus in te. 

In te, Domine, speravi : 
non confundar in seternum. 



F", Benedictus es, Domine, 
Deus Patrum nostrorum. 

E, Et laudabilis, et glo- 
riosus in saecula. 

V, Benedicamus Patrem et 
Filium, cum Sancto Spiritu. 

E. Laudemus et super- 
exaltemus eum in ssecula. 



F, Is beannaicht' thus', 
Thighearna Dhia ar n-ath- 
raichean. 

B. Agus airidh air cliù, 
agus glòrmhor gu sìorruidh. 

V, Beannaicheamaid an 
t-Athair agus am Mac, maille 
ris an Spiorad Naomh. 

K Molamaid e 's àrdaich- 
eamaid e gu sìorruidh. 



78 EUIDHEACHAS AN DEIGH NA H-AiFRINNE. 



V, Benedictus es, Domine 
Deus, in fìrmamento cceli. 

i2. Et laudabilis, et glo- 
riosus, et superexaltatus in 
saecula. 

V. Benedic, anima mea 
Dominum. 

R> Et noli oblivisci omnes 
retributiones ejus. 

V, Domine, exaudi ora- 
tionem meam. 

E. Et clamor meus ad te 
veniat. 

V, Dominus vobiscum. 

jB. Et cum spiritu tuo, 

Oremus, 
Detjs, cujus misericor- 
dise non est numerus, et 
bonitatis infinitus est tlies- 
aurus, piissimse majestati tuse 
pro collatis donis gratias 
agimus, tuam semper cle- 
mentiam exorantes ; ut qui 
petentibus postulata con- 
cedis, eosdem non deserens, 
ad prsemia futura disponas. 



Deus, quì corda fidelium 
Sancti Spiritus illustratione 
docuisti ; da nobis in eodem 
Spiritu recta sapere, et de 



V. Is beannaicht' thus*, 
Thighearna, Dia ann an spèur 
nèamh. 

R, Agus airidh air cliù, 
agus glòrmhor agus àrdaichte 
gu sìorruidh. 

V. 0, m' anam, beannaich 
an Tighearna. 

R. Agus na dìochuimhnich 
'uile thìodhlaicean. 

V. Thighearna, èisd ri 
m' ùrnaigh. 

E. Agus thigeadh mo 
ghlaodh a d* ionnsaidh. 

V. Gu'n robh an Tighearna 
maille ribh. 

i2» Agus ri d' spiorad-sa. 

Dianamaid ùrnaigh, 
Dhia, thus' a tha do 
thròcair gun àirimh, agus 
ionmhas do mhathais neo- 
chrìochnach, tha sinn a' toirt 
buidheachais do d' mhòrachd 
uile-ghràsoir air son nan 
tìodhlaicean a bhuilich thu 
òirnn, 's sinn a' sìor-ghuidhe 
do thròcair ; los, mar a tha 
thu 'buileachadh iarrtas do 
luchd-achanaich, nach dìbir 
thu 'chaoidh iad, ach 
gu'n uidheamaich thu iad 
air son nan duaisean ri 
tighinn. 

Dhia, a theagaisg cridh- 
eachan nan creideach le 
soilleireachadh au Spioraid 
ITaoimh : deònaicli dhuiuii 



BUIDHEACHAS AN DEIGH NA H-AIFRINNB. 



79 



ejus semper consolatione 
gaudere. 



Deus, qui neminem in 
te sperantem nimium affligi 
permittis, sed pium preci- 
bus prsestas auditum ; pro 
postulationibus nostris, vo- 
tisque susceptis gratias agi- 
mus, te piissime deprecantes, 
ut a cunctis semper munia- 
mur adversis. Per Christum 
Dominum nostrum. 



B, Amen, 



's an Spiorad chiadna, a bhi 
'n dèigh air beartan matha, 
agus sìor thoil-ìnntinn a bhi 
òirnn na 'chofhurtachd. 

Dhia, nach 'eil a' leigeii 
trioblaid thair chòir air gin a 
dh' earbas asad, ach a tha 
'toirt èisdeachd gràsoir dh' an 
ùrnaighean ; tha sinn a' 
toirt buidheachais dhut air 
son èisdeachd ri 'r n-achan- 
aichean agus ri 'r n-iarrtais, 
agus sinn gu h-ùmhlaidh ag 
guidhe ort, gu'm bi sinn 
daonnan tiarainte bho gach 
truaighe. Tromh Chriosta 
ax Tighearna. 

B, Amea. 



CL. SALM. 

MOLAIBH an Tighearn na 'ionadan naomli : 
molaibli e ann an spèur a chumliachLd. 

Molaibh e air son a ghnìomhLannan trèuna : mol- 
aibh e a rèir lionmhoiread a mhòrachd. 

Molaibh e le fuaim trompaide : molaibh e le 
saltair 'us le clàrsaich. 

Molaibh e le tiompan 'us co-sheirm : molaibh e le 
tèudan 'us organ. 

Molaibh e le ciombala deagh-fhuaimneach : mol- 
aibh e le ciombala subhachais : moladh gach spiorad 
an Tighearna. 

Glòir do 'n Athair, agus do'n Mhac, agus do'n 
Spiorad Naomh. Mar a bhà, 's mar a thà, 's may a 
bhitheas, fad shaoghal nan saoghal. Amen. 



UEISrAIGHEAN EOMH 'I^ AIFEINK 

AN ainm an Athar^ agns a' Mhic, agus an 
Spioraid Naoimli. Amen, 
Beannaichte gu'n robh an Trianaid Naomh, agus 
neodhealaichte, a nis agus gu sìorruith. Amen. 
A Spioraid Naoimh, thig agus lìon cridheachan 
do chreideach, agus las annta teine do ghaoil. 
Amen, 

Deònaich, a Thighearna, deagh-bheartan a 
chur na'r cridheachan, agus co-oibreachadh leinn 
ga 'n cur 'an gnìomh ; air chor's gur h-ann 
bhuatsa a thig tùs ar n-ùrnaigh 's ar gnìomh- 
annan gu lèir, agus gur h-ann annadsa a theid 
an crìochnachadh. Tromh losa Crìosta ar 
Tighearna. Amen, 

Veni Sancte Spiritus, 

A Spioraid ISraoimh, ar n-àrd-threise, 
Thig bho ghrian-chathair do ghlòir, 
Sgaoil gach ceò 'tha ga'r cur iomrall, 
'S leig soillsein dhe d' sholus òirnn. 



URNAIGHEAN ROMH 'n AIFRINN. 81 

Thig, 'Athair nan dìol-dèirce, 
Do gach fèumach sìn do làmh ; 
A làmh bho'n tig gach rogha gibht, 
Soilleirich gach cridhe dall. 

A Eigh na cof hurtachd ^s an t-sòlais, 
Bu tu Aoidh an àigh do'n anam ; 
Cha'n fhairich e teas no ganntar, 
'S e na d'làimh-sa 'triall gu aineol. 

'S tu 'bheireadh furtachd agus tàmh, 
Do'n phiantach a bhios fo sgìos ; 
A' mhar air an laidh am pràmh, 
'S ann agads' 'tha sòlas di. 

O, 'Sholuis a's àillidh snuagh, 
Na bi 'n dubhar òirnn na'r càs ; 
'Us ann an crìdh' do chreideach gaoil, 
Beothaich teine caomh do ghràidh. 

Gun do chòmhnadh-sa, 'Dhia thrèin, 
Cha'n 'eil sgoinn 'am mac an duine ; 
Cha'n 'eil ceann gun lochd fo'n ghrèin, 
'S ann ad mhèinn-sa 'tha sinn uile. 

Glan-sa dhinn gach uile thruailleachd, 
Uisgich le d'ghràsan ar tart ; 
Leighis gach anam a tha leòinte, 
Strìochd na rag-mhuin'laich ri d' reachd. 

6 



82 URNAIGHEAN ROMH 'n AIFRINN. 

Taisich neimh a' chridhe chruaidh, 
Bi 'd chairt-iùil dhuinn anns gach gàbhadh ; 
'S do na creidich tha na d'earbsa, 
Thoir seachd tìodhlaicean do ghràidh. 

Treòirich na creidich ri 'm beò, 
'S na trèig iad an uair am bàis ; 
Sàbhail an anam bho phian, 
'S gu'm meal iad do shìth gu bràch. 

F. Cuir a mach do spiorad, 's bidh iad air an 
cruthachadh. 

E. Agus ath-nuadhaichidh tu aghaidh an talmh- 
ainn. 

Guidheamaid, 

A Dhia, a theagaisg cridheachan nan creideach 
le soilleireachadh an Spioraid Naoimh : deònaich 
dhuinn 's an Spiorad chiadna, a bhi 'n dèigh 
air beartan matha, agus sìor-thoilinntinn a bhi 
òirnn na 'chofhurtachd. Tromh losa Crìosta ar 
Tighearna. Amen, 

Gnìomh Creidimh, 

Tha sinn ag creidsinn gu daingean gu'm beil 
aon Dia ann ; agus gu'm beil ann an Dia trì 
pearsaichean, an t-Athair, agus am Mac, agus an 
Spiorad Naomh. Gu'n do ghabh am Mac an 
nàdur daonda air giùlan na h-Oighe Moire le 
cumhachd an Spioraid Naoimh ; gu'n d'fhuilig 



83 

e pàis agus bàs air ar son anns an nàdur dhaonda; 
gu'n d'èirich e rithist bho'n bhàs ; gu'n deach e 
suas air nèamh; 's gu'n tig e à sin a rithist 
a thoirt glòire sìorruith do na daoine diadh- 
aidh, agus pèine sìorruith do na daoine mì- 
dhiadhaidh. A thuilleadh air sin, tha sinn ag 
creidsinn gach aon nì a tha'n Eaglais naomh 
Chaitliceach ag cur mu 'r coinnimh a chreid- 
sinn : a chionn gur h-e Dia an f hìor f hìrinn nach 
urrainn mealladh no 'bhi air a mhealladh, a 
thaisbean gach f ìrinn dhi. Amen. 

Gnìomh Dòchais, 

A Dhia, a chionn gu'm beil thu uile-chumh- 
achdach, uile-thròcaireach, agus uile-mhathasach, 
agus ro-fhìrinneach na d' ghealladh, tha sinn 'an 
earbsa gu'n toir thu mathanas dhuinn na'r peac- 
annan as leth toiUteanas do Mhic losa Crìosta ; 
agus gu'n cuidich thu sinn le d' ghràsan gu 
leantainn air gnìomhannan math a dhianamh, 
leis an coisinn sinn a' bheatha shìorruith a tha 
thu 'gealltainn duinn anns na flaitheas. Amen. 

Gnìomh Gràidh, 

A Dhia, bho'n a tha thu uile-mhath annad 
fhèin agus uile-mhathasach dhuinne, tha sinn a' 
toirt gaoil dhut thair gach nì le'r n-uile chridhe, 
le'r n-uile anam, le'r n-uile inntinn, agus le'r n-uile 
neart; agus airson do ghaoil-sa, tha sinn deònach 



84 URNAIGHEAN ROMH 'N AIFRINN. 

dealachadli ris a h-uile ni a roghainn air thusa 
'chall leis a' pheacadh. Agus as do leth-sa tha 
sinn a' toirt gaoil dh'ar coimhearsnach mar 
dhuinn fhein, agus mathanais bho'r cridhe dh'ar 
naiinhdean. Amen. 

Gnìomh Aithreachais. 

A Dhia, dh'am beil sinn a' toirt gaoil os cionn 
gach nì, tha sinn duilich bho ghrùnnd ar cridhe 
gu'n do chuir sinn mìothlachd riabh ort le'r 
peacannan ; agus le còmhnadh do ghràs, tha 
sinn ag cur romhainn à so suas gu'n seachainn 
sinn gu ro-chùramach a h-uile peacadh agus a 
h-uile ceann-aobhair peacaidh. Amen, 

Umaigh. 

O Thighearna nèamh agus talmhainn, tha sinn 
an diugh a' tighinn 'ad làthair a thairgse suas dhut 
ìobairt Chuirp agus Fhala do Mhic ar Slànair, 
mar ionann ris an ìobairt a thairg esan air a' 
chrois : 

An toiseach, Gu miadachadh urraim agus glòire 
do d' ainm naomh — mar ìobairt-aoraidh nach 
fhaodar a thairgse ach dhutsa na d'ònrachd. 

'aS an dara h-àite, Mar ìobairt-bhuidheachais 
air son gach uile mhathais a thaobh anma agas 
cuirp a bhuilich tha òirnne 's air an atharrach 
anns an ùine 'chaidh seachad. 

^S an treas àite, Mar ìobairt-ìocaidh air son 



URNAIGHEAN ROMH 'n AIPRINN. 85 

matlianais ar n-uile plieacannan, air am beil a nise 
gràin againn le'r n-nile chridhe, 's sinn ag cur 
romhainn le rùn làidir, nach bi sinn gu bràch 
tuille coireach annta. 

'S dl cheathramh àite, Mar ìobairt-achanaich 
air son gràsan dhuinn fhein agus do gach neach 
a rèir am fèum agus an uireasbhuidh. Tha 
sinn ag achanaich ort, O 'Thighearna, tromh 
luaidheachd Fuil do Mhic, gu'n deònaicheadh tu 
d'Eaglais naomh Chaitliceach a lìonsgaradh anns 
gach cèarna de'n t-saoghal, 's iadsan a th' ann 
an dorchadas a thaobh creidimh a thoirt gu 
slighe na fh'inne, los gu'n tig gach uile neach 
a stigh do'n aon Chrò fo'n aon Bhuachaille. 
Deònaich do Cheannard na h-Eaglais, dh'ar 
n-easbuigean 's dh'ar pearsaichean-eaglais, com- 
aradh do Spioraid Naoimh, gu 'bhi na'n iùil 's 
na'n solus do na creidich, agus dìchiollach a' 
sealltainn thairis air an trèud a tha'n earbsa 
riutha. Thoir neart agus gliocas do gach uachd- 
aran saoghalta, gu h-àraid do'n JBhànruinn, gus 
iad fhèin a ghiùlan gu math an t-sluaigh a tha 
fo'n cùram. Deònaich gràsan an fhìor aith- 
reachais do'n pheacach thruagh, agus riìn làidir 
gun bhristeadh dhaibhsan a tha ceart. Fuadaich 
bhuainn plàigh, gorta, cogadh, 's gach breitheanas 
eile a tha ar peacannan a' toilltinn. Seall a nuas 
na d' iochd le caoimhneas air gach neach a th* 
ann an èiginn air muir no air tìr, no air leaba na 
h-easlainte, (gu sònraichte air^ A,) Beannaich, a 



m^ 



86 URNAIGHEAN ROMH 'n AIFRINN. 

Thigheama, ar pàrantan, ar caomli-cliuideaclida, 
agus luclid-ar-leasacliaidli. Beannaich gacli neacli 
air an d'rinn sinn èucoir, no dh'an d'thug sinn 
aohhar-peacaidh le'r droch-ghiùlan. Beannaich 
ar nàimhdean agus iadsan uile a tha e mar 
fhiachan òirnn guidhe air an son. Tha sinn 
ag achanaich ort gu'n dianadh tu iochd 'us bàigh 
ri anmannan nam marbh-chreideach adh'fhaodadh 
a bhi fhathast 'an àite-diachainn ga'n uidheam- 
achadh air son glòire fhlathanais. [Agus an 
diitgh tha mi^n earhsa gvJn cuimhnich sihh A. a 
dh'èug. . . .) Gu'n deònaicheadh tu an tìm 
a ghiorrachadh, agus an toirt à àite-dòruinne do 
ghlòir fhlathanais. 

Agus bho'n a dh'òrduich losa Crìosta gu'n 
dianamaid an dìomhrachd àghor so a chumail 
'an cleachdadh air a shon, tha sinn a' tairgse na 
h-Aifrinn so mar chuimhneachan-taingealachd 
air 'fhulangas agus air a bhàs — air 'aiseirigh 
ghlòrmhoir bho'n uaigh agus a dhol suas le 
mòralachd do nèamh. Agus gu so a bhi na's 
taitniche leatsa, tha sinn ga 'tairgse tromh losa 
do Mhac ionmhuinn, ar Tighearna agus ar 
Slànair ; agus ann an ainm na Trianaide Beann- 
aichte, an t-Athair, agus am Mac, agus an Spiorad 
Naomh. Amen. 



OKDO MISS^. 



AIG CEATHADH AN UISGE-CHOISRIG. 

i. BTw Dhònach na Trianaid gu Dònach Shlat-Pailm. 

ASPERGES. 



Ant A SPEEGES me, Do- 
-^ mine, hyssopo, et 
mundabor ; lavabis me, et 
super nivem dealbabor. 



Ps. Miserere mei Deus, 
secundmn magnam miseri- 
cordiam tuam. 

Gloria Patri, et Eilio, et 
Spiritui Sancto. 

Sicut erat in principio, et 
nunc, et semper ; et m 
saecula^sseculorum. Amen. 

Ant. Asperges me, &c. 



TTISGTCHIDH tu mi le 

^ hìsop, a Thighearna, 
agus bithidh mi air mo 
ghlanadh ; nighidh tu mi 
agus bithidh mi na's gile 
na'n sneachd. 

Sm. Dian tròcair orm, a 
Dhia, a rèir do mhòr thròc- 
aire. 

Glòir do'n Athair, agus 
do'n Mhac,agus do'n Spiorad 
Naomh. Mar a bhà, agus 
mar a thà, agus mar a 
bhitheas; fad.shaoghal nan 
saoghal. Amen. 

Uisgichidh tu mi, &c. 



ii. Bho Chàisg gu Caingis. 
VIDI AQUAM. 



A nt. YiDi aquam egredien- 
tem de templo a latere dex- 
tro, Alleluia ; et omnes ad 
quospervenit aqua ista, salvi 
facti sunt, et dicent, Alle- 
luia. 



Chunnaic mi uisge a' 
sruthadh bho thaobh deas an 
tèampaill, Alleluia; agus iad- 
san uile gus an d'thàinig an 
t-uisge so, bha iad sabhailte, 
agus their iad, AUeluia. 



88 



ASPERGES. 



Ps. Confìtemini Domino, 
qnoniam bonus ; quoniam in 
sseculum misericordia ejus. 

Gloria, &c. 



Sm. Molaibh an Tigheama, 
oirthaemath; oirthaathròc- 
aira' mairsinn gu siorruith. 

Glòir do'n Athair, &c. 



An uair a thilleas an sagart thun na h-altrach. 



V. Ostende nobis,Domine, 
misericordiam tuam. 

K Et salutare tuum da 
nobis. 

V. Domine exaudi ora- 
tionem meam. 

E. Et clamor meus ad 
te veniat. 

V. Dominus vobiscum. 

R. Et cum spiritu tuo. 

Oremus. 
ExAUDi nos, Domine 
sancte, Pater omnipotens, 
seterne Deus ; et mittere 
digneris sanctum Angelum 
tuum de coelis, qui custodiat, 
foveat, protegat, visitet, 
atque defendat omnes habi- 
tantes in hoc habitaculo. 
Per Christum Dominum 
nostrum. Amen. 



Fiach dhuinn, a Thigh- 
earna, do thròcair. 

Agus deònaich dhuinn do 
shlàinte. 

A Thighearna, èisd ri m' 
ilrnaigh. 

Agus gu d'ionnsuidh thig- 
eadh m'achanaich. 

Gu'n robh an Tighearna 
maiUe ribh. 

Agus ri d'spiorad-sa. 

Guidheamaid. 
Eisd ruìnn, a Thighearna 
naoimh, 'Athair uile-chumh- 
achdaich, a Dhia shìorruith : 
agus deònaich d'aingeal 
naomh a chur a nuas as 
na flaithis a ghleidheadh, a 
dh-eiridneachadh, a theas- 
raiginn, a shealltainn, agus 
a dhlon gach neach a tha 
's an làthair 's an tigh so. 
Tromh Chrìosta ar Tigh- 
earna. Amen. 



-^ds^^^^2^s — 



OEDO MISS^. 



URNAIGHEAN NA H-AIFRINN. 
An uair a tha'n sagart a' tòiseachadh air an Aif rinn. 

IN Nomine Patris, 4* et A ^ ainm an Athar, agus 
Filii, et Spiritus Sancti. -^ a' Mhic, agus an Spior- 



Amen. 

S. Introibo ad altare Dei. 

M. Ad Deum, qui laetifì- 
cat juventutem meam. 



aid Naoimh. Amen. 

^S*. Theid mi stigh gu alt- 
air Dhè. 

C. Gu Dia a tha 'dianamh 
m' òige subhach. 



xlii. JSalm. 



S. JuDiCA me Deus, et 
discerne causam meam de 
gente non sanctà ; ab homine 
iniquo, et doloso erue me. 



M. Quia tu es, Deus, 
fortitudo mea, quare me 
repulisti ? Et quare tristis 
incedo, dum affligit me 
inimicus ? 

S. Emitte lucem tuam, et 
veritatem tuam ; ipsa me 
deduxerunt, et adduxerunt 
in montem sanctum tuum, 
et in tabernacula tua. 

M. Et introibo ad altare 
Dei ; ad Deum qui Isetificat 
juventutem meam. 



S. Thoir-sa breth orm, a 
Dhia, agus eadar-dhealaich 
mo chtiis bho'n chinneadh 
nach naomh ; bho'n duine 
ducorach agus chealgach 
teasraig mi. 

C. Oir is tus', a Dhia, mo 
neart, carson a chuir thu 
bhuat mi ? A gus carson is 
dubhach mo thriall, 's mo 
nàmhaid ga m' chlaoidh ? 

S. Cuir a nuas do sholus 
agus d'fhìrinn ; threòirich 
iad mi, agus thug iad mi 
gu d'bheinn naoimh, agus 
a stigh do d' phàiDinnean. 

C. Agus theid mi stigh 
gu altair Dhè ; gu Dia a tha 
a' dianamh m' òige subhach. 



90 



ORDO MISS^. 



S. Confitebor tibi in 
citharà, Deus, Deus meus ; 
quare tristis es, anima mea, 
et quare conturbas me ? 



M. Spera in Deo, quo- 
niam adhuc confitebor iUi: 
salutare vultùs mei, et Deus 
meus. 

S. Gloria Patri, et Tilio, 
et Spiritui Sancto. 

M. Sicut erat in prin- 
cipio, et nunc, et semper, 
et in ssecula sseculorum. 
Amen. 

S. Introibo ad altare Dei. 

M. Ad Deum, qui Iseti- 
ficat juventutem meam. 

S. Adjutorium nostrum 
in nomine Domini. 

M. Qui fecit coelum et 
terram. 

S. Confiteor Deo omnipo- 
tenti, &c. 

M. Misereatur tui omni- 
potens Deus, et dimissis 
peccatis tuis, perducat te ad 
vitam aeternam. 



S. Amen. 

M. Confiteor Deo omnipo- 
tenti, beatse Marise semper 
Virgini, beato Michaeli 



S. Bheir mi moladh dhut 
air a' chlàrsaich, a Dhia, 
mo Dhia ; ciod uime a tha 
thu dubhach, m' anam ? 
agus carson a tha thu ag 
cur bruaidlein orm ? 

O. Cuir d'earbsa ann an 
Dia, oir fhathast bheir mi 
moladh dha : slàinte mo 
ghnùise, agus mo Dhia. 

S. Glòir do'n Athair, agus 
do'n Mhac, agus do'n 
Spiorad Naomh. 

C. Mar a bhà, 's mar a 
thà, 's mar a bhitheas, fad 
shaoghal nan saoghal. 
Amen. 

S. Theid mi stigh gu altair 
Dhè. 

G. Gu Dia a tha 'dianamh 
m' òige subhach. 

^S'. Tha ar cobhair ann 
an ainm an Tighearna. 

C. A rinn nèamh agus 
talamh. 

S. Tha mi ag aideachadh 
do Dhia, &c. 

C. Gu'n dianadh Dia 
uile-chumhachdach tròcair 
ort, gu'm mathadh e dhut 
do pheacannan, agus gu'n 
stiùireadh e thu gu beatha 
shìorruith. 

S. Amen. 

C. Tha mi ag aideachadh 
do Dhia uile-chumhachdach, 
do naomh Mhoire 'bha riabh 



URNAIGHEAN NA H-AIFRINN. 



91 



Arcliangelo, beato Joanni 
Baptistae, sanctis Apostolis 
Petro et Paulo, omnibus 
sanctis, et tibi Pater, quia 
peccavi nimis cogitatione, 
verbo, et opere, meà culpà, 
meà culpà, meà. maximà 
culpà. Ideo precor beatam 
Mariam semper Virginem, 
beatum Michaelem Arch- 
angelum, beatum Joannem 
Baptistam, sanctos Apos- 
tolos Petrum et Paulum, 
omnes sanctos, et te, Pater, 
orare pro me ad Dominum 
Deum nostrum. 



na *h-Oigh, do Naomh 
Micheil an t-Ard-Aingeal, 
do Naomh Eòin Baiste, do 
na naomh Ostail Peadar 
agus Pòl, do na Naoimh 
uile, agus dhuibhse, 'Athair, 
gu'n do pheacaich mi gu 
trom le m' smaointean, le 
m' bhriathran, 's le m' 
ghniomhannan, le m' choire 
fhein, le m' choire fhein, 
le m' mhòr choire fhein. 
Air an aobhar sin tha mi 
'guidhe air naomh Mhoire 
'bha riabh na 'h-Oigh, air 
Naomh Micheil an t-Ard- 



Aingeal, air JSTaomh Eòin 
Baiste, air na naomh Ostail Peadar agus Pòl, air na 
ISTaoimh uile, agus oirbhse, 'Athair, ùrnaigh a dhianamh 
ris an Tighearna ar Dia air mo shon. 

S. Misereatur vestri om- S. Gu'n dianadh Dia uile- 
nipotens Deus, et dimissis chumhachdachtròcairoirbh. 



peccatis vestris, perducat 
vos ad vitam seternam. 



M. Amen. 

S. *^ Indulgentiam, abso- 
lutionem, et remissionem, 
peccatorum nostrorum, tri- 
buat nobis omnipotens et 
misericors Dominus. 

M. Amen. 

S. Deus,tu conversusvivi- 
ficabis nos. 



gu'm mathadh e dhuibh ur 
peacannan, agus gu'n 
stiùireadh e sibh gu beatha 
shiorruith. 

C. Amen. 

S. Gu'n tugadh an Tigh- 
earna uile - chumhachdach 
agus tròcaireach mathanas, 
fuasgladh, agus saorsa 
dhuinn na 'r peacannan. 

C. Amen. 

S. A Dhia, tionndaidhidii 
tu ruinn agus beothaichidh 
tu sinn. 



92 



ORDO MISS^. 



M, Et plebs tua laetabitur 
in te. 

S. Ostende nobis, Domine, 
misericordiam tuam. 

if. Et salutare tuam da 
nobis. 

S. Domine, exaudi ora- 
tionem meam. 

M. Et clamor meus ad te 
veniat. 

S. Dominus vobiscum. 

M, Et cum spiritu tuo. 



C. Agus ni do shluagh 
subhachas annad. 

S. Fiach dhuinn, a Thigh- 
earna, do thròcair. 

C. Agus deònaich dhuinn 
do shlàinte. 

S. A Thighearna, èisd ri 
m' tirnaigh. 

C. Agus gu d' ionnsaidh 
thigeadh m' achanaich. 

S. Gu'n robh an Tighearna 
maiUe ribh. 

C. Agus ri d' spiorad-sa. 



An uair a tha'n sagart a* direaclh thun na h-altrach. 
Oremus. Guidheamaid. 



AuFER a nobis, qusesu- 
mus, Domine, iniquitates 
nostras ; ut ad Sancta 
Sanctorum puris mereamur 
mentibus introire. Per 
Christum Dominum nos- 
trum. Amen. 



a 



BuiN dhinn ar ciontan, 
Thighearna, tha sinn 
guidhe ort, los gu'n toiU 
sinn dol a stigh le cridhe 
glan do'n ionad-naomh. 
Tromh Chrìosta ar Tigh- 
earna. Amen. 



An uair a tha'n sagart a' pògadh na h-altrack. 



Oramus te, Domine, per 
merita sanctorum tuorum, 
quorum reliquise hic sunt, et 
omnium sanctorum : ut in- 
dulgere digneris omnia pec- 
cata mea. Amen. 



Tha sinn ag guidhe ort, a 
Thighearna, tromh thoillt- 
eanas do Naomh leis an leis 
na tàibhsealan a tha'n so, 
agus nan Naomh uile, gu'n 
deònaicheadh tu m' uile 
pheacannan a mhathadh 
dhomh. Amen. 

An t-Introitus. 
Benediota sit sancta Tri- Beannaiohte gu'n robh 
nitas, atque indivisa Unitas : an Trianaid naomh agus an 
confìtebimur ei, quia fecit Aonachd neodhealaichte : 



UBNAIGHEAN NA H-AIFEINN. 



93 



nobiscum misericordiam bheir sinn glòir dha, oir rinn 

suam. Ps. Domine, Domi- e tròcair oirnn. Sm. A 

nus noster, quàm admirabile Thighearna, ar Tighearna, 

est nomen tuum in universà nach àghor d'ainm air an 

terrà ! talamh uile ! 

F. Gloria Patri, &c. Glòir do'n Athair, &c. 



AiG Kyrie Eleison. 
S, Kyrie eleison. 

M. Kyrie eleison. 



S. Kyrie eleison. 
M. Christe eleison. 

S. Christe eleison. 
M, Christe eleison. 

S. Kyrie eleison. 
M. Kyrie eleison. 

S. Kyrie eleison. 

Gloeia in 

Gloria in excelsis Deo, 
et in terrà pax hominibus 
bonse voluntatis. Laudamus 
te, benedicimus te, adora- 
mus te, glorificamus te. 
Gratias agimus tibi propter 
magnam gloriam tuam. Do- 
mine Deus, Rex caelestis, 



S. A Thighearna, dian 
tròcair oirnn. 

C. A Thighearna, dian 
tròcair oirnn. 

S. A Thighearna, dian 
tròcair oirnn. 

C. A Chriosta, dian tròc- 
air oirnn. 

S. A Chriosta, dian tròc- 
air oirnn. 

C. A Chriosta, dian tròc- 
air oirnn. 

S. A Thighearna, dian 
tròcair oirnn. 

C. A Thighearna, dian 
tròcair oirnn. 

S. A Thighearna, dian 
tròcair oirnn. 

EXCELSIS. 

Glòir do Dhia anns na 
h-àrdaibh, agus air talamh 
sìthdoluchd nadeagh thoile. 
Tha sinn a' toirt molaidh 
dhut, tha sinn a' toirt 
beannachaidh dhut, tha sinn 
a' toirt aoraidh dhut, tha 
sinn a' toirt glòire dhut. 



94 



ORDO MISS^. 



Deus Pater omnipotens. 
Domine Fili unigenite Jesu 
Christe. Doraine Deus, 
Agnus Dei, Filius Patris. 
Qui toUis peccata mundi, 
miserere nobis. Qui tollis 
peccata mundi, suscipe de- 
precationem nostram. Qui 
sedes ad dexteram Patris, 
miserere nobis. Quoniam 
Tu solus sanctus ; Tu solus 
Dominus ; Tu solus altissi- 
mus, Jesu Christe, cum 
Sancto Spiritu, in glorià 
Dei Patris. Amen. 



Tha sinn a* toirt buidh- 
eachais dhut air son do 
mhòr ghlòire. A Thigh- 
earna Dia, a Pigh Nèamh, 
a Dhia an t-Athair uile- 
chumhachdach. A Thigh- 
earna, 'Aonghin Mhic, losa 
Criosta : a Thighearna Dia, 
Uan Dh^, Mac an Athar. 
Thusa a tha 'toirt air falbh 
peacannan an t-saoghail 
dian tròcair oirnn. Thusa 
a tha 'toirt air falbh peac- 
annan an t-saoghail gabh 
ri 'r n-tirnaighean. Thusa 



a tha na d'shuidhe air deas- 
làimh an Athar, dian tròcair oirnn. Oir is tusa 'mhàin a 
tha naomh ; is tusa 'mhàin a 's Tighearna ; is tusa 'mhàin 
a 's àirde, 'losa Chriosta, maille ris an Spiorad Naomh, 
ann an glòir Dhè an t-Athair. Amen. 

S, Dominus vobiscum. S. Gu'n robh an Tigh- 

èama maille ribh. 
M, Et cum spiritu tuo. C. Agus ri d' spiorad-sa. 



Oremus, 
Omnipotens sempiteme 
Deus, qui dedisti famulis 
tuis in confessione verse 
fidei, seternse Trinitatis glo- 
riam agnoscere, et inpotentia 
majestatis adorare unita- 
tem ; quèesumus, ut ejusdem 
fidei firmitate, ab omnibus 
semper muniamur adversis. 
Per Dominum nostrum 
Jesum Christum Pilium 
tuum, qui tecum vivit et 



Guidheamaid. 
A Dhia uile-chumhachd- 
aich shiorruith, a thitiraich 
do d' sheirbhisich, ann an 
aidmheil an fhìorchreidimh, 
glòir na Trianaide siorruith 
aideachadh, agus ann an 
cumhachd na mòrachd aor- 
adh a thoirt do'n aonach'd ; 
deònaich lebunailteas daing- 
eann 's a' chreideamh 
chiadna, gu'm bi sinn tiar- 
ainnte daonnan bho gach 



UENAIGHBAN NA H-AIFRINN. 



95 



regnat in unitate Spiritus truaighe. Tromh 
Sancti, Deus : Criosta, do Mhac, ar Tigh- 

earna, Dia a tha beò agus a' 
rian maille riutsa ann an aonachd an Spioraid Naoimh : 

S. Per omnia siecula sse- S. Fad shaoghal nan 
culorum. saoghal."^ 

M, Amen. C. Amen. 

An Litir (Kom. xì. 33-36). 



O ALTITUDO divitiarum 
sapientiae, et scientise Dei : 
quam incomprehensibilia 
sunt judicia ejus, et investi- 
gabiles vise ejus ! Quis enim 
cognovit sensum Domini ? 
Aut quis consiliarius ejus 
fuit? Aut quis prior dedit 
illi, et retribuetur ei ? Quo- 
niam ex ipso, efc per ipsum, 
et in ipso, sunt omnia : ipsi 
honor et gloria in saecula. 
Amen. 

M. Deo gratias. 



An Gradual. 



DOIMHNE saibhreas glioc- 
as agus eolas De : nach 
do-thuigsinneach a bhreith- 
eanasan, 's do-rannsaichte a 
rathaidean ! Oir co dha'm 
b'aithne beachd an Tigh- 
eama? No co b'fhear comh- 
airle dha ? No co thug dha 
an toiseach, us diolar dha ? 
Oir 'sann bhuaith-san, agus 
troimh-san, agus annsan a tha 
h-uile ni : dhasan gun robh 
onair us glòir gu siorruidh. 
A.men. 

C. Taing do Dhia. 



Benedictus es, Domine, 
qui intueris abyssos, et sedes 
Buper Cherubim. Benedic- 
tus es, Domine, in firma- 
mento coeli, et laudabilis in 
ssecula. Alleluia, Alleluia. 
Benedictus es, Domine Deus 
Patrum nostrorum, et laud- 
abilis in saecula. Alleluia. 



Is beannaichte thusa 
'Thighearna, a tha 'gabhail 
beachd air nah-aigeil,'s a tha 
na d'shuidhe air na Cheru- 
bim. Is beannaichte thusa, 
a Thighearna, ann an spèur 
Nèamh, agus is airidh air cliù 
gu sìorruith. AUeluia, Alle- 
luia. Is beannaichte thusa, 



a Thigheama Dia ar n-ath- 
raichean, agus is airidh air cliìi gu sìorruith. Alleluia. 

* Tha'n ùrnaigh so 's an ùrnaigh mu dheireadh, an Litir, an 
Gradual, an Soisgeul, agus Secreta, ag atharrachadh a rèir an 
latha-fhèille. 



96 



ORDO MISSJ3. 



MUNDA COR MEUM. 



MuNDA cor meum, ac 
labia mea, omnipotens Deus, 
qui labia Isaise Prophetse 
calculo mundasti ignito ; ita 
me tua grata miseratione 
dignare mundare, ut sanc- 
tum evangelium tuum digne 
valeam nuntiare. Per Chris- 
tum Dominum nostrum. 
Amen. 

S. Dominus vobiscum. 

M. Et cum spiritu tuo. 

S. Sequentia {vel initium) 
sancti Evangelii secundum, 
N. 

M. Gloria tibi, Domine. 



Glan mo chridhe *s mo 
bhilean, a Dhia uile-chumh- 
achdaich, a ghlan bilean an 
fhàidh Isàia le èibhleig 
theine ; as leth do chaomh 
thròcaire, deònaich mo 
ghlanadh air sheòl 's gur 
h-urrainndomh doshoisgeul 
naomh a chur gu h-iomch- 
uidh 'an cèill. Tromh 
Chriosta ar Tighearna. 
Amen. 

S. Gu'n robh an Tigh- 
earna maille ribh. 

C. Agus ri d' spiorad-sa. 

S. Earrann de'n t-Soi- 
sgeul naomh (no toiseach an 
t-Soisgeil naoimh) a rèir 
Naomh . . . 

C. Glòir dhutsa, a Thigh- 
earna. 



I 



An Soisgeul (Matu xxviii. 18-20). 



In iUo tempore : Dixit 
Jesus discipulis suis: Data 
est mihi omnis potestas in 
coelo et in terra. Euntes 
ergo, docete omnes gentes, 
baptizantes eos in nomine 
Patris, et Eilii, et Spiritus 
Sancti ; docentes eos servare 
omnia qusecumque mandavi 
vobis. Et ecce ego vobis- 
cum sum omnibus diebus, 
usque ad consummationem 
sseculi. 



'S an àm ud: Thuirt losa 
ri 'dheisciobuil : Thugadh 
dhomhsa a h-uile cumhachd 
air neamh 's air talamh. 
Ealbhaibh mata, agus teag- 
aisgibh a h-uile cinneadh, 
'gam baisteadh an ainm an 
Athar, agus a' Mhic, agus 
an Spioraid Naoimh ; a' teag- 
asg dhaibh ah-uileniachum- 
ail a dh'àithn mise oirbh : 
agus, seall, tha mise maiUe 
ribh h-uile latha gu deir- 
eadh an t-saoghaiL 



OENAIQHEAN NA H-AIFKINN, 



97 



M. Laus tibi, Christe. 
S. Per Evaiigelica dicta 
deleantur nostra delicta. 



C. Cliùdhutsa, a Chrìosta. 

aS^. Gu'n robh ar peacannan 
air an dubhadh as le bria- 
thran an t-Soisgeil. 



A' Chrìiud. 



Cbedo in unum Deum, 
Patrem omnipotentem^Fact- 
oremcoeli et terr8e,visibilium 
omuium et ìnvisibilium. 



Et in unum Dominum 
Jesum Christum, Filium 
Dei unigenitum, et ex Patre 
natum ante omnia ssecula. 
Deum de Deo, lumen de 
lumine, Deum verum de 
Deo vero ; genitum non 
factum, consubstantialem 
Patri, per quem omnia f acta 
sunt. Qui propter nos homi- 
nes, et propter nostram 
salutem, descendit de ccelis ; 
et incarnatus est de Spiritu 
Sancto, ex Marià Virgine ; 
ET HOMO PACTUS EST. 
Crucifixus etiam pro nobis, 
sub Pontio Pilato passus, et 
sepultus est. Et resurrexit 
tertià die secundum scrip- 
turas ; et ascendit in coelum, 
sedet ad dexteram Patris ; 
et iterum venturus est cum 
glorià, judicare vivos et 
* Aig na briathran so 



Ceeidim ann an aon Dia, 
an t-Athair uile-chumh- 
achdach, Cruthadair nèamh 
agus talmhainn, a h-uile 
ni fhaicinnich agus neo- 
fhaicinnich. 

Agus ann an aon Thigh- 
earna losa Criosta, Aonghin- 
Mhic Dhè, agus a rugadh 
bho'n Athair romh gach 
linn. Dia de Dhia ; Solus 
de Sholus ; fior Dhia de 
f hior Dhia ; ginte cha'n ann 
diante ; de'n aon shusbaint 
ria an Athair, leis an 
d'rinneadh a h-uile ni. A 
thàinig a nuas as na flaithis 
air ar son-ne daoine, agus gus 
ar sàbhaladh ; *agus a ghabh 
feòil leis an Spiorad Naomh 
de'n Oigh Moire : AGUS A 
HmNEADH NA'DHUINE 
Chèusadh e cuideachd air ar 
son, dh'fhuilig e fo Phon- 
tius Pilat, agns thìodhlai- 
ceadh e. Agus dh'èirich e 
rithist an treas latha a rèir 
nan sgriobtur ; agus chaidh 
e suas do nèamh ; tha e na 
'shuidhe air deaslàimh an 
lùb air do leth-ghlùn. 



98 



ORDO MISS^. 



mortuos ; 
erit fìnis. 



cujus regni non 



Et in Spiritum Sanctum, 
Dominum et vivifìcantem, 
qui ex Patre Filioque pro- 
cedit ; qui cum Patre et 
Filio simul adoratur, et 
conglorifìcatur ; qui locutus 
est per Prophetas. 



Et unam sanctam Catholi- 
cam et Apostolicam Eccle- 
siam. Confìteor unum 
baptisma in remissionem 
peccatorum. Et expecto 
resurrectionem mortuorum, 
et vitam venturi sseculi. 
Amen. 

S, Dominus vobiscum. 

M. Et cum spiritu tuo. 



Athar : agus thig e a rithist 
le glòir a thoirt breth air 
bheòtha 's air mhairbh : air 
a righeachd cha bhi crioch. 

Agus anns an Spiorad 
Naomh, Tighearna agus 
Tobhartair na beatha, a tha 
a' tighinn bho'n Athair agus 
bho'n Mhac. A thathas 
ag aoradh agus ag co-ghlòr- 
achadh maille ris an Athair 
agus ris a' Mhac ; a labhair 
leis na Fàidhean. 

Agus 'an aon Eaglais 
naoimh Chaitlicich agus 
Ostalaich. Tha mi ag aid- 
mheil aon bhaistidhgumath- 
anas pheacannan. Agus 
tha mo dhùil ri aiseirigh 
nam marbh, agus ri beatha 
an t-saoghail a tha ri tighinn. 
Amen. 

S. Gu'n robh an Tigh- 
earna maiUe ribh. 

0. Agus ri d' spiorad-sa. 



An t-Offertorium. 



Benedictus sit Deus 
Pater, unigenitusque Dei 
Fihus,Sanctusquoque Spiri- 
tus ; quia fecit nobiscum 
miserìcordiam suam. 



Beannaiohtb gu'n robh 
Dia an t-Athair, agus 
Aonghin-Mhic Dhè, agus 
maraon an Spiorad Naomh ; 
oir dh'fhiach. e a thròcair 
dhuinn. 

AiG Tairgse an aeain. 
SusciPE, sancte Pater, Athair naoimh, a Dhia 
omnipotens, seterne Deus, uile-chumhachdaich, shìor- 
hancimmaculatamHostiam, ruith, gabh an tobhartas 



URNAIGHEAN NA H-AIFRINN. 



99 



qnam ego indignus famulus 
tuus offero tibi Deo meo 
vivo et vero, pro innumer- 
abilibus peccatis et offensi- 
onibus et negligentiis meis, 
et pro omnibus circumstan- 
tibus ; sed et pro omnibus 
fidelibus Christianis, vivis 
atque defunctis ; ut mihi 
et illis proficiat ad salutem 
in vitam aeternam. Amen. 

alaidh gu beatha shìorruith. 



fiorghlan so, a tha mise do 
sheirbhiseach neo-airidh a' 
tairgsinn dhut, mo Dhia 
beò agus fior, ann an èìvìg 
mo pheacannan, mo chiont- 
an, agus mo dhearmad gun 
àirimh, agus air son gach 
neach 's an làthair, 's mar- 
aon air son nan creideach 
uile, beò agus marbh, los e 
'bhi stàthor dhòmhsa agus 
dhaibhsan a thaobh sàbh- 
Amen. 



AlG CUR AN FHÌONA AGUS AN UISGE ANNS a' CHAILIS. 



Deus, qui humanae sub- 
stantiae dignitatem mira- 
biliter condidisti, et mira- 
bilius reformàsti ; da nobis 
per hujus Aquae et Vini 
mysterium, ejus divinitatis 
esse consortes, qui humani- 
tatis nostrse fieri dignatus 
est particeps, Jesus Christus 
Filius tuus Dominus noster ; 
qui tecum vivit et regnat, 
in unitate Spiritùs Sancti, 
Deus, per omnia ssecula 
saeculorum. Amen. 



A. Dhta, a dhealbh gu h- 
àghor inbhe na daondachd, 
agus a dh'ath-nuadhaich na 
b'àghoir' e, deònaich dhuinne 
as leth dìomhrachd an Uisge 
agus an Fhìona so, a bhi 
na 'r co - phàirticliean de 
'dhiadhachd-san a dhèonaich 
a bhi na 'cho-pàirtiche de 'r 
daondachd-ne, do Mhac-san 
losa Crìosta ar Tighearna ; 
Dia, a tha beò 's a' rian maiUe 
riutsa ann an aonachd an 
Spioraid Naoimhjf ad shaogh- 
al nan saoghal. Amen. 



AlG TAITIGSINN NA CAILISE. 



Offertmus tibi, Domine, 
Calicem salutaris, tuam de- 
precantes clementiam, ut in 
conspectu divinae Majestatis 
t\L3òf pro nostrà et totius 



Tha sinn a' tairgsinn 
dhut, a Thighearna, cailis 
an t-sàbhalaidh, ag guidhe 
air do thròcair, gu'n èirich i 
suas le fàileadh cùbhraidh 



100 



OKDO MISS^. 



mundi salute, cum odore 
suavitatis ascendat. Amen. 



In spìritu humilitatis, et 
in animo contrito suscipia- 
mur à te, Domine ; et sic 
fiat sacrificium nostrum in 
conspectu tuo hodie, ut 
placeat tibi, Doniine Deus. 



Veni, sanctificator, omni- 
potens aeterne Deus, et 
bene ►f* dic hoc sacrificium 
Tuo sancto Nomini prsepa- 
ratum. 



'an làthair do Mhòrachd 
diadhaidh air son ar 
sàbhalaidh fhein agus an 
t-saoghail uile. Amen. 

Ann an spiorad na h- 
irisleachd, agus le cridhe 
brùite, deònaich gabhail 
ruinn, a Thighearna : agus 
gu'm bi ar n-iobairt an 
diugh diante na d'làthair air 
dhòigh a ni taitneach dhut 
i, a Thighearna Dia. 

Thig-sa, a Naomhaichear, 
a nuas, a Dhia uile-chumh- 
achdaich, shiorruith, agus 
beannaich an ìobairt so a 
th' aìr a h-ullachadh ann an 
onair d'ainme naoimh. 



XXV. Salm,, — Lavabo. 



Lavabo inter innocentes 
manus meas ; et circumdabo 
altare tuum, Domine : 

Ut audiam vocem laudis, 
et enarrem universa mira- 
bilia tua. 

Domine, dilexi decorem 
domùs tuse, et locum habi- 
tationis glorise tuse. 

Ne perdas cum impiis, 
Deus, animam meam, et 
cum viris sanguinum vitam 
meam. 

In quorum manibus ini- 
quitates sunt ; dextera eo- 
rum repleta est muneribus. 



NiGHiDH mi mo lamhan 
am measg nan neochiont- 
ach, agus iadhaidh mi mu 
d'altair, a Thighearna : 

Los gu'n cluinn mi fonn 
cliù, s gu'n cuir mi 'n cèiU 
d'uile bheartan iongantach. 

A Thighearna, ghràdh- 
aich mimaisedothighe, agus 
ionad-còmhnaidh do ghlòire. 

Na cuir as do m' anam, 
a Dhia, maille ri luchd-na- 
mollachd, no do ra' bheatha 
maiUe ri luchd-na-fala. 

Tha lochdan na 'n lamhan: 
tha an làmh dheas làn de 
dhuaisean. 



URNAIGHEAN NA H-AIFRINN. 



101 



Ego autem in innocentià 
meà ingressus sum ; redime 
me, et miserere mei. 

Pes meus stetit in directo; 
in ecclesiis benedicam te 
Domine. 

Gloria Patri, &c. 



Ach mise ghluais mi am 
neochiontas : saor mi, agus 
dian tròcair orm. 

Sheas mo chas air an t- 
slighe dhìrich : anns na 
h-eaglaisean beannaichidh 
mi thu, a Thighearna. 

Gloir do'n Athair, &c. 



An Tiair a tha'n sagart ga 'chromadh flieìn aig miadlion na h-altrach. 



SusciPE, sancta Trinitas, 
hanc oblationem, quam tibi 
offerimus ob memoriam 
Passionis, Resurrectionis, 
et Ascensionis Jesu Christi 
Domininostri;et in honorem 
beatae Mariae semper Vir- 
ginis, et beati Joannis Bap- 
tistse, et sanctorum Apos- 
tolorum Petri et Pauli, et 
istorum, et omnium Sanc- 
torum ; ut illis proficiat ad 
honorem, nobis autem ad 
salutem ; et illi pro nobis 
intercedere dignentur in 
coelis, quorum memoriam 
agimus in terris. Per eun- 
dem Christum Dominum 
nostrum. Amen. 



S. Orate, Fratres, ut 
meum ac vestrum sacrifì- 
cium acceptabile fiat apud 
Deum Patrem omnipoten- 
tem. 

M, Suscipiat Dominus 

/ ^ . ■ì 



Gabh, a Thrianaid naomh, 
an ìobairt so a tha sinn a' 
tairgsinn dhut mar chuimh- 
neachan air pàis, air aisei- 
righ, agus air deasghabhail 
ar Tighearna losa Crìosta ; 
agus ann an onair naomh 
Mhoire 'bha riabh na 'h- 
Oigh, Naomh Eoin Baiste, 
nan naomh Ostal Peadar 
agus Pòl, agus nan Naomh 
so, agus nan Naomh uile ; 
gu'n tigeadh i gu onair 
dhaibhsan agus gu sàbhal- 
adh dhuinne : agus gu'n 
deònaicheadh iadsan air am 
beil sinn a' toirt cuimfcne 
air talamh, eadar-ghuidhe 
a dhianamh air ar son anns 
naflaithis. TromhChrìosta 
ciadnaarTighearna. Amen. 

S. GuiDHiBH, a bhràith- 
rean, m' ìobairt 's ur n- 
iobairt-se a bhi taitneach 
do Dhia an t-Athair uile- 
chumhachdacb. 

C, Gu'n gabhadh an 



^> 



102 



ORDO MISSiE. 



sacrificium de manibus tuis 
ad laudem et gloriam no- 
minis sui, ad utilitatem 
quoque nostram, totiusque 
Ecclesise suse sanctse. 

Sanctifioa, qusesumus, 
Domine Deus noster, per 
tui sancti nominis invoca- 
tionem,hujus oblationis hos- 
tiam; et per eam nosmetipsos 
tibi perfìce munus seternum. 
Per Dominum, &c. 



Tighearna an ìobairt as do 
lamhan, gu moladh agus 
glòir dh'a ainm fhein, gu 
stàth dhuinne, agus dh'a 
Eaglais naoimh gu h-iomlan. 

Secreta. 

Naomhaioh, guidhimid 
ort, a Thighearna ar Dia, 
as leth ar gairm air d'ainm 
naomh, tobhartas na tairgse 
so ; agus as a leth dian 
sinne fhein na *r tìodhlaic 
siorruith dhutsa. Tromh, &c. 



AlG AN ROIMHKADH. 

S, Per omnia saecula S. Ead shaoghal nan 
saeculorum. 
M. Amen. 
S. Dominus vobiscum. 



Tigh- 



M. Et cum spiritu tuo. 
S. Sursum corda. 

M. Habemus ad Do- 
minum. 

S. Gratias agamus Do- 
mino Deo nostro. 

M, Dignum et justum est. 

Yere dignum et justum 
est, 89quum et salutare, nos 
tibi semper et ubique 
gratias agere,Domine sancte, 
Pater omnipotens, aeterne 
Deus. 



C. Amen. 

S. Gu'n robh an 
earna maille ribh. 

C. Agus ri d' spiorad-sa. 

S. Togaibh suas ur cridh- 
eachan. 

C. Tha iad 'an togail suas 
againn ris an Tighearna. 

S. Thugamaid buidheach- 
as do'n Tighearna ar Dia. 

C. Is freagrach agus is 
ceart sin. 

Gu firinneach is f reagrach 
agus ceart, r^usanta agus 
slàinteil,gu'ntugamaid anns 
gach àm agus àite buidh- 
eachas dhutsa, a Thighearna 
naoimh, 'Athair uile-chumh- 
achdaich, a Dhia shiorruith. 



URNAIGHSAN NA H-AIFRINF, 



103 



Qui cum unigenito Filio 
tuo, et Spiritu Sancto, unus 
es Deus, unus es Dominus : 
non in unius singularitate 
Personae, sed in unius Trini- 
tate substantise. Quod enim 
de tua gloria, revelante te, 
credimus, hoc de Filio tuo, 
hoc de Spiritu Sancto, sine 
differentia discretionis senti- 
mus. Ut in confessione 
verse sempiternseque Dei- 
tatis, et in Personis pro- 
prietas, et in essentia unitas, 
et in Majestate adoretur 
aequalitas. 



Quam laudant Angeli 
atque Archangeli, Oherubim 
quoque ac Seraphim, qui 
non cessant clamare quo- 
tidie, una voce dicentes : 



SANCTUS, SANCTUS, 
SANCTUS, Dominus Deus 
Sabaoth. 

Pleni sunt coeli et terra 
glorià. tuà. 

Hosanna in excelsis. 

Benedictus qui venit in 
nomine Domini. 

Hosanna in excelsis. 



A tha le d'Aonghin- 
Mhic agus leis an Spiorad 
Naomh, na d' aon Dia, 
na d' aon Tighearna : cha'n 
ann 'an aonachd aon Phear- 
sa, ach 'an Trianaid de'n 
aon shusbaint. Oir na 
tha sinn ag creidsinn mu 
d'ghlòir-sa, mar a thaisbean 
thu, sin tha sinn ag creid- 
sinn mu d' Mhac, sin mu'n 
Spiorad Naomh, gun mhùth- 
adh-eadardhealachaidh. Air 
chor 's ann an aidmheil na 
fìor dhiadhachd sìorruith, 
gu'n aorar na Pearsaichean 
fos leth, agus aonachd anns 
an t-susbaint, agus ionann- 
achd anns a' Mhòrachd. 

A tha na h-Ainglean agus 
na h - Ard - ainglean, agus 
amhuil sin na Cherubim 
agus na Seraphim a' moladh, 
's iad gun sgur ag glaodh- 
aich gach latha, le aonghuth, 
ag ràdh : 

Is NAOMH, NAOMH, 
NAOMH, Tighearna Dia 
nam feachd. 

Tha nèamh agus talamh 
làn de d'ghlòir. 

Hosanna anns na h-àrd- 
aibh. 

Is beannaichte esan a tha 
'tighinn 'an ainm an Tigh- 
earna. 
Hosanna anns na h-àrdaibh. 



CANON MISS^. 



TE igitur, clementissime A TR an aobhar sin, 'Atli- 
Pater, per Jesum -^^ aÌT nilA-i-.Vir^p.n.irif»>i 
Christum Filium tuum Do- 



minum nostrum, supplices 
rogamus, ac petimus, uti 
accepta habeas, et bene- 
dicas, haBc»^dona, hsec^mu- 
nera, haBc4*sancta sacrifìcia 
iUibata, in primis quse tibi 
offerimus pro Ecclesià tuà 
sanctà Catholicà : quam 
pacificare, custodire, adu- 
nare, et regere digneris toto 
orbe terrarum, una cum 
famulo tuo Papa nostro N. 
et Antistite nostro N, et 
omnibus orthodoxis atque 
Catholicae et Apostolicae 
fìdei cultoribus. 



Memento, Domine, fa- 
mulorum famularumque 
tuarum, N. et N, 

Et omnium circumstan- 
tium quorum tibi fìdes 
cognita est, et nota devotio, 
pro quibus tibi offerimus, 
vel qui tibi offerunt hoc 
sacrifìcium laudis, pro se 



air uile-thròcairich, 
tha sinn gu h-iriseal ag 
guidhe 's ag achanaich ort, 
as leth losa Chriosta do 
Mhac ar Tighearna, gu'n 
gabhadh tu le deagh-ghean, 
agus gu'm beannaicheadh 
tu, na tìodhlaicean so, na 
tobhartais so,na h-ìobairtean 
naomh fiorghlan so, a tha 
sinn 'an tùs a' tairgsinn 
suas dhut air son d'Eaglais 
naoimh Caitlicich ; deonaich 
dhi sith, dion, aonachd, agus 
deagh-rian anns gach cèarna 
de'n t-saoghal ; agus arah- 
uil sin air son do sheirbh- 
isich am Pàp, A. air son ar 
n-Easbuig, A, 's air son nam 
fiorchreideach uile 's luchd- 
aidmheil a' ChreidimhChait- 
licich agus Ostalaich. 
Aig Cnimhneacliadh nam bed. 



CuiMHNiCH, a Thighearna, 
air do sheirbhisich 's air do 
bhanseirbhisich, A, 

Agus airgach neach's anlà- 
thair (is eòl dhut an creideamh 
agus is Idir dhiit an cràbh- 
adh) air son am beil sinne, 
no a tha iad fhein, a' tairg- 
sinn na h-lobairt-molaidh so 



URNAIGHEAN NA H-AIFRINN. 



lO^ 



suisqtie omnibus, pro re- 
demptione animarum sua 
rum, pro spe salutis et 
incolumitatis suse, tibique 
reddunt vota sua seterno 
Deo, vivo et vero. 



Communicantes, et me- 
moriamveneranues inprimis 
gloriosse semper Virginis 
Mariae, Genitricis Dei et 
Domini nostri Jesu Christi : 
sed et beatorum Apostolo- 
rum ac Martyrum tuorura, 
Petri et Pauli, Andreae, 
Jacobi, Joannis, Thomse, 
Jacobi, Philippi, Bartho- 
lomsei, Matthaei, Simonis et 
Thadaei, Lini, Cleti, Cle- 
mentis, Xysti, Cornelii, 
Cypriani, Laurentii, Chry- 
sogoni, Joannis et Pauli, 
Cosmse et Damiani, et 
omnium Sanctorum tuorum; 
quorum meritis precibusque 
concedas, ut in omnibus 
protectionis tuse muniamur 
auxilio. Pereundem Christ- 
um Dominum nostrum. 
Amen. 



dhut air an son f hèin 's na 
bhuineas dhaibh, air son 
saoradh an anmannan, air 
son dòchas an sàbhalaidh 
agus an tiarainnteachd, 
agus a tha a' dìol am 
bòidean dhutsa an Dia beò 
agus fior. 

Ga'r cur fhein 'an co- 
chomunn ri, 's a' toirt 
cuimhne gu h-urramach *s 
a' chiad àite air Moire 
ghlòrmhoir a bha riabh na 
'h-Oigh, Màthair ar De 's 
ar Tighearna losa Criosta ; 
agus air d' Ostail 's do 
Mhartairean beannaichte 
Peadar agus Pòl, Anndra, 
Sèumas, Eòin, Tòmas, 
S^umas, Philip, Bartholome, 
Matu,Simon 's Thàde,Linus, 
Cletus, Clement, Xystus, 
Cornelius, Cyprian, Labh- 
ruinn, Chrysogonus, Eòin 
agus Pòl, Cosmas agus Dam- 
ian, agus do Naoimli uile : as 
leth an toillteanais agus an 
ùrnaighean,deònaich dhuinn 
a bhi air ar dìon anns gach 
nì le còmhnadh do thiarm- 
ainn. Tromh Chriosta ciad- 
na ar Tighearna. Amen. 



An uair a tha'n sagart ag cumail a lamhan os cionn an tobhartaìs. 

Hano igitur oblationem AiR an aobhar sin, guidh- 
servitutis nostrse, sed et imid ort, a Thighearna, 
cunctae familiae tuae, quse- gabhail gu gràsor ri tobh- 



106 



CANON MISSiS. 



sumus, Domine, ut placatus 
accipias ; diesque nostros in 
tuà pace disponas, atque ab 
aeternà damnatione nos eripi, 
et in electorum tuorum 
jubeas grege numerari. 
Per Christum Dominum 
nostrum. Amen. 



Quam oblationem tu, 
Deus, in omnibus, quse- 
sumus, benedic»^tam, ad- 
scrip^ì-'tam, ra^ptam, ra- 
tionabilem, acceptabilemque 
facere digneris ; ut nobis 
Cor»^pus et San>^guis fiat 
dilectissimi Filii tui Domini 
nostri Jesu Cbristi. 



artas so ar seirbhis-ne 's 
seirbhis do mhuinntreach 
uile; agus ar làithean a 
rian na d' shìth ; agus òrd- 
uchadh sinn a bhi air ar 
teasraiginn bho dhiteadh 
sìorruith, 's a bhi air ar 
n-àireamh 'an trèud do 
dhaoine taghte. Tromh 
Chrìostaar Tighearna. Amen. 
An tobhartas so, a Dhia, 
guidhimid, gu'n deònaich- 
eadh tu a bheannachadh, 
a choisrigeadh, a dhaing- 
neachadh, a dhianamh spior- 
adail, 's taitneach 's gach 
dòigh ; los gu'n dianar 
dheth dhuinne Corp agus 
Fuil do Mhic uile-ionmh- 
uinn ar Tighearna losa 
Crìosta. 



Aiga Choisrigeadli. 



Qui pridib qukm pate- 
retur, accepit panem in 
sanctas ac venerabiles manus 
suas : et elevatis oculis in 
coelum, ad te Deum Patrem 
suum omnipotentem, tibi 
gratias agens, bene>J«dixit, 
fregit, deditque discipulis 
suis, dicens : Accipite et 
manducate ex hoc omnes : 

HOC EST ENIM COKPUS 
MEUM. 

Simili modo postquam 
ccenatum est, accipiens et 
hunc prseclarum calicem in 



Esan an là mu'n d' f huil- 
ig e, a ghlac aran na 'lamh- 
an naomh agus urramach, 
agus a shuilean 'an togail 
suas ri nèamh, riutsa, a 
Dhia, 'Athair uile-chumh- 
achdach, a' toirt taing 
dhut, bheannaich e, bhrist 
e, 's thug e dli'a dheisciop- 
uil, ag radh : Gabhaibh 
agus ithibh uile dheth so : 
Olfl 'SE SO MO CHORPSA. 

AiR an dòigh chiadna an 
d^igh na suipreach, ag 
glacadh na cailis àghoir so 



URNAIGHEAN NA H-AIFRINN. 



107 



Banctas acvenerabilesmanus 
suas : item tibi gratias agens, 
bene>^dixit, deditque disci- 
pulis suis, dicens : Accipite 
et bibite ex eo omnes : Hic 

EST ENIM CALIX SANGUINIS 
MET NOVI ET ^TEKNI 
TESTAMENTI : MYSTEKIUM 

FIDEI : QUI PRO VOBIS ET 
PRO MULTIS EPFUNDETUR IN 
EEMISSIONEM PECCATOKUM. 



na 'lamhan naomh agus 
urramach, cuideachd a' 
toirt taing dhutsa, bheann- 
aich e, 's thug e dh'a 
dheisciopuil, ag ràdh : Gabh- 
aibh agus òlaibh uile dheth : 

OIR 'SI SO CAILIS m' FHUILSE 
AN TIOMNAIDH NUAIDH AGUS 
SHIORRUITH, MISTIRE a' 
CHREIDIMH, A DHÒIRTEAR 

AIR UR SON-SE 's AIR SON 
MbRAIN GU MATHANAS 
PHEACANNAN 

Cho tric 's a ni sibh so, 
dianaibh e mar chuimhn- 
eachan ormsa. 

a' Choisrigidh. 

AiR an aobhar sin, a 
Thighearna, ag cuimhn- 
eachadh air pàis bheann- 
aichte Chriosta chiadna do 
Mhac ar Tighearna, amhuil 's 
air 'aiseirigh à ifrinn, agus 
air a dheasghabhail ghlòr- 
rnhoir do nèamh, tha sinn, 
do sheirbhisich 's maraon do 
shluagh naomh, a' tairgsinn 
do d' mhòrachd dhiadhaidh, 
de d' thìodhlaicean 's de d' 
ghibhtean fhèin, lobairt 
fìorghlain, lobairt naoimhe, 
lobairt gunsmal, aran 
naomh na beatha siorruith, 
agus cailis an t-sàbhalaidh 
mhaireannaich. 

An uair a tha'n sagart a' sgaoileadh a larahan. 
Supra quae propitio ac Gu'm b'e do thoil seall- 
eereno vultu respicere dig- tainn a nuas orra le gntiis 



Haec quotiescumque fe- 
ceritis, in mei memoriam 
facietis. 

An deaghaidh 
TJnde et memores, 
Domine, nos servi tui, sed 
et plebs tua sancta, ejusdem 
Christi FiHi tui Domini 
nostri tam beatae passionis, 
necnon et ab inferis resur- 
rectionis, sed et in coelos 
gloriosae ascensionis : offeri- 
mus prseclarae Majestati 
tu8e, de tuis donis ac datis, 
Hostiam^ppuram, Hostiam 
►J^ sanctam, Hostiam >^ im- 
maculatam, panem *^ sanc- 
tum vitse seternse, et calicem 
^ salutis perpetuae. 



108 



CANON MISS^. 



neris, et accepta habere, 
sicuti accepta habere dig- 
natus es munera pueri tui 
justi Abel, et sacrifìcium 
Patriarchse nostri Abrahse; 
et quod tibi obtulit summus 
sacerdos tuus Melchisedech, 
sanctum sacrificium, im- 
maculatam Hostiam. 

An uair a tlia'n sagart ga'chromadh 

Supplices te rogamus, 
omnipotens Deus, jube heec 
perferri per manus sancti 
angeli tui in sublime altare 
tuum, in conspectu divinae 
Majestatis tuse, ut quotquot 
ex hac altaris participatione 
sacro-sanctum Filii tui Cor- 
*i* pus et »^ Sangui «^ nem 
sumpserimus, omni benedic- 
tione ccelesti et gratia 
repleamur. Per eundem 
Christum Dominum nos- 
trum. Amen. 



thròcairich agus ghràsoir, 
agus gabhail riutha mar a 
dheonaich thu gabhail ri 
tobhartais do sheirbhisich 
ionraic Abel, agus ri iobairt 
ar n-Athar naoimh Abra- 
ham, agus ris an iobairt a 
thairg d' Ard-shagart Mel- 
chisedech dhut, iobairt 
naomh, tobhartas gun smal. 

f hèin aig miadhon na h-altrach. 

Guidhimid gu h-iriseal 
ort, a Dhia uile-chumhachd- 
aich, gu'n òrduicheadh tu 
iad so a bhi air an togail 
suas le lamhan d' aingil 
naoimh gu d' altair 's na 
h-àrdaibh, air bialaobh do 
Mhòrachd diadhaidh, los a 
lian dinn 's a ghabhas Corp 
agus Fuil uilenaomh do 
Mhic 'an coraanachadh so 
na h-altrach, a bhi air ar 
lionadh le uile bheannach- 
dan agus ghràsan thlatha- 
nais. Tromh Chriosta ciadna 
ar Tighearna. Amen. 

Aig Cuimhneachadh nam marbh-chreideach. 
Memento etiam, Domine, Cuimhnich cuideachd, a 



famulorum famularumque 
tuarum N, et N, qui nos 
praecesserunt cum signo 
fidei, et dormiunt in somno 
pacis. 



Thighearna, air do sheirbh- 
isich agus air do bhan- 
seirbhisich, A.* a dh' imich 
romhainn 'an comharradh 
a' chreidimh, agus a tha na 
'n cadal 'an suain na sithe. 



* Ainmich riut fh6iu an fbeadhainn a bu mhath leat guidhe air an son. 



URNAIGHEAN NA H-AIFRINN. 



109 



Ipsis, Domine, et omni- 
bus inChristo quiescentibus, 
locum refrigerii, lucis et 
pacis, ut indulgeas depre- 
camur. Per eundem Chris- 
tum Dominum nostrum. 
Amen. 

NoBis quoque peccatori- 
bus famulis tuis, de multi- 
tudine miserabionum tuarum 
sperantibuSjpartem aliquam 
et societatem donare dig- 
neris, cum tuis sanctis 
Apostolis et Martyribus : 
cum Joanne, Stephano, 
Matthia, Barnaba, Igna- 
tio, Alexandro, Marcellino, 
Petro, Felicitate, Perpetua, 
Agatha, Lucia, Agnete, 
Csecilia, Anastasia, et omni- 
bus Sanctis tuis : intra 
quorum nos consortium, 
non sestimator meriti, sed 
venise, qusesumus, largitor 
admitte. Per Christum 
Dominum nostrum. 

Per quem hsec omnia, 
Domine, semper bona creas, 
sancti »^ ficas, vivi »^ ficas, 
bene ►f* dicis, et prsestas no- 
bis. Per Ip ►p sum, et cum 
Ip ^ so, et in Ip *i* so, est 
tibi Deo Patri ►J^ omnipo- 
tenti, in unitate Spiritùs 
►ì^ Sancti, omnis honor et 
gloria. 



Dhaibh so, a Thighearna, 
's do gach anam a tha 'n 
tàmh *an Criosta, guidhimid 
gu'n deònaicheadh tu ionad 
faothachaidh, soillse, agus 
sìthe. Tromh Chriosta ciad- 
na ar Tighearna. Amen. 

Agus dhuinnenapeacaich, 
do sheirbhisich, a tha 'cur 
ar dòchais 'an lionmhoiread 
do thròcaìre, deònaich gnè 
chuibhrionn agus co-chom- 
unn maille ri d' Ostail 's 
ri d' Mhartairean naomh : 
Eòin, Stephen, Mathias, 
Barnabas, Ignàtius, Ala- 
stair, Marcellinus, Peadar, 
Felicitas, Perpetua, Agatha, 
Liùsaidh, Agnes, Cesilia, 
Anastasia, agus do Naoimh 
uile : guidhimid ort, cha'n 
ann mar fhear-meas toill- 
teanais, ach mar thobhartair 
fial mathanais, ar leigeil a 
stigh na 'n comunn. Tromh 
Chrìosta ar Tighearna. 

Tromh am beil thu, a 
Thighearna, daonnan ag 
cruthachadh, a' naomhach- 
adhj a' beothachadh, a' 
beannachadh, agus a' buil- 
eachadh oirnn gach ni math 
dhiubh so. Troimhesan, 
agus maille ris-san, ai^jiis 
annsan, tha dhutsa,a Dhiaan 
t-Athairuile-chumhachdach, 
ann an aonachd an Spioraid 
Naoimh,gach onair agus glòir. 



110 



CANON MISS^. 



S. Per omnìa 
sseculorum. 
M. Amen. 



eaecula S. Fad shaoghal nan 
saoghal. 
C. Amen. 



Aig a' Phaidir, 



Oremus. 



Prìeceptis salutaribus 
moniti, et divina institu- 
tione formati, audemus 
dicere : 

Pater noster, qui es in 
coelis, sanctificetur nomen 
tuum ; adveniat regnum 
tuum ; fiat voluntas tua 
sicut in coelo, et in terra. 
Panem nostrum quotidia- 
num da nobis hodie : et 
dimitte nobis debita nostra, 
sicut et nos dimittimus 
debitoribus nostris. Et ne 
nos inducas in tentationem. 

M. Sed libera nos à 
malo. 

S. Amen. 

LiBEKA nos, qusesumus, 
Domine, ab omnibus malis, 
prseteritis, prsesentibus, et 
futuris : et intercedente 
beatà et gloriosà seraper 
Virgine Dei Genitrice 
Marià, cum beatis Apostolis 
tuis Petro et Paulo, atque 
Andrea, et omnibus Sanctis, 
da propitius pacem in die- 



Gmdheamaid. 

AiR ar teagasg le reachd- 
an slàinteil, 's air ar seòladh 
le òrduchadh diadhaidh, 
gabhaidh sinn a dhanadas 
a ràdh : 

Ar n-Athair, a tha air 
nèamh, gu'm bu naomh a 
bhitheas d' ainm, gu'n tig- 
eadh do rìgheachd, gu'n 
dianar do thoil air talamh 
mar a thathas ga 'dianamh 
air nèamh. Thoir dhuinn 
an diugh ar n-aran lathail : 
math dhuinn ar fiachan, mar 
a mhathas sinne do luchd- 
ar-fìach. Agus na leig ann 
am buaireadh sinn. 

C. Ach saor sinn bho 'n 
olc. 

S. Amen. 

Saor sinn, guidhìmid ort, 
a Thighearna, bho gach olc 
a bhà, a thà, 's a bhitheas : 
agus as leth eadarghuidhe 
Moire beannaichte 's glòr- 
mhoir, Màthair Dhe, a bha 
riabh na 'h-Oigh ; agus d* 
Ostal beannaichte Peadar 
agus Pòl, agus Anndra, agus 
nan Naomh uile, gu tròcair- 



URNAIGHEAN NA H-AIFRINN. 



111 



bus nostris ; ut ope miserì- 
cordia; tuse adjuti, et a 
peccato simus semper liberi, 
et ab omni perturbatione 
securi. Per eundem Do- 
minum nostrum Jesum 
Christum Filium tuuni, qui 
tecum vivit et regnat, in 
unitate Spiritùs Sancti, 
Deus. 

aS^. Per omnia ssecula 
sseculorum. 

M. Ainen. 

S. Pax ►f* Domini sit ►J« 
semper vobis »^ cum. 

M. Et cum spiritu tuo. 

H^c commixtio et con- 
secratio Corporis et San- 
guinis Domini nostri Jesu 
Christi fiat accipientibus 
nobis in vitam seternam. 
Amen. 



each deònaìch sith dhuinn 
vè ar làithean ; los le còmhn- 
adh do thròcaire gu'm bi 
sinn daonnan saor bho 'n 
pheacadh, agus tiarainte 
bho gachiomaguin. Tromh 
losa Crìosta ciadna do Mhac 
ar Tigheama, Dia, a tha 
maille riutsa, beò 's a' rian, 
ann an aonachd an Spioraid 
Naoimh. 

S. Fad shaoghal nan 
saoghal. 

C. Amen. 

S, Sith an Tighearna gu'n 
robh daonnan maille ribh. 

C, Agus ri d' spiorad-sa. 

Measgadh agus coisrig- 
eadh so Corp agus Fuil aa" 
Tighearna losa Criosta gu'n 
robh gu beatha shìorruith 
dhuinne a tha ga 'ghabhail. 
Amen. 



AiG AN Agnus Dei. 



Agnus Dei, qui tollis 
peccata mundi, miserere 
nobis. 

Agnus Dei, qui tollis 
peccata mundi, miserere 
nobis. 

Agnus Dei, qui tollis pec- 
cata mundi, dona nobis 
pacem. 

DoMiNE Jesu Christe, qui 
dixisti Apostolis tuis: Pacem 



'Uain Dh^ a tha 'toirt air 
falbh peacannan an t-saogh- 
ail, dian tròcair oirnn. 

'Uain Dhè a tha 'toirt air 
falbh peacannan an t-saogh- 
ail, dian tròcair oirnn. 

'Uain Dhè a tha 'toirt 
air falbh peacannan an 
t-saoghail, thoir sìth dhuinn. 

A Thighearna losa 
Criosta, a thuirt ri d' Ostail, 



112 



CANON MISSiE. 



relinquo vobis : pacem meam 
do vobis, ne respicias pec- 
cata mea, sed fidem Eccle- 
sÌ8e tuse ; eamque secundum 
voluntatem tuam pacifìcare 
et coadunare digneris : qui 
vivis et regnas Deus, per 
omnia ssecula sseculorum. 
Amen. 

Domine Jesu Christe, Fili 
Dei vivi, qui ex voluntate 
Patris, co-operante Spiritu 
Sa.ncto, per mortem tuam 
mundum vivifìcasti, libera 
me per hoc sacrosanctum 
Corpus et Sanguinem tuum 
ab omnibus iniquitatibus 
meis, et universis malis : et 
f ac me tuis semper inhserere 
mandatis, et a te nunquam 
separari permittas : qui 
cum eodem Deo Patre et 
Spiritu Sanctoviviset regnas 
Deus in ssecula sseculorum. 
Amen. 



Perceptio Corporis tui, 
Domine Jesu Christe, quod 
ego indignus sumere prse- 
sumo, non mihi proveniat 
in judicium et condemna- 
tionem ; sed pro tua pietate 
prosit mihi ad tutamentum 
mentis et corporis, et ad 
medelam percipiendam. Qui 
vivis et regnas cum Deo 



Sìth tha mi 'f àgail agaibh, mo 
shith tha mi 'toirt dhuibh, 
na seall air mo pheacannan, 
ach air creideamh d'Eaglais; 
agus deònaich dhi an t-sìth 
agus an aonachd a tha tait- 
neach do d' thoil : a Dhia a 
thabeò 's a' rian fad shaoghal 
nan saoghal. Amen. 

A Thighearna losa 
Chrìosta, a Mhic an Dè 
bheò, a thug le d' bhàs, a 
Tèìr toil d' Athar, maille ri 
co-oibreachadh an Spioraid 
Naoimh, beatha do'n t-saogh- 
al, saor mise le d' Chorp agus 
le d'Fhuil ro-naomh so, bho 
m' uile pheacannan, 's bho'n 
a h-uile truaighe ; thoir orm 
daonnan gu'n dlùth-lean 
mi ri d' fhàintean : agus na 
leig leam a chaoidh a bhi air 
mo sgaradh bhuatsa : a Dhia 
a tha, maille ri Dia ciadna 
an t- Athair agus an Spiorad 
N"aomh, beò 's a' rian fad 
shaoghalnansaoghal. Amen. 

Na tionndadh do Chorp, 
a Thighearna losa Chriosta, 
a tha mise, ge mì-iomchuidh, 
ag gabhail a dhànadas a 
ghiacail, gu breitheanas 'us 
diteadh dhomh ; ach biodh 
e as leth do thròcaire, na 
'dhìon agus na 'leigheas 
domh, air m' anam 's air 
mo choluìun : Thusa, a 



URNAIGHEAN NA H-AIFRINN. 



113 



Patre in unitate Spiritus 
Sancti, Deus, per omnia 
saecula sseculorum. Amen. 



Dhia, a tha maille ri Dia an 
t-Athair ann an aonachd an 
Spioraid Naoimh, beò 's a' 
rian, fad shaoghal nan 
saoghaL Amen. 



An Tiair a tha'n sagart ag glacail na Sàcramaid na 'làimh 
PANEMcoelestemaccipiam, Glacaidh mi aran nam 
et nomen Domini invocabo. flaitheas agus gairmidh mi 
aìr aìnm an Tìghearua. 



AlG DOMINE NON SUM DIGNUS. 



DoMiNE, non sum dignus 
ut intres sub tectum meum ; 
sed tantum dic verbo, et 
sanabitur anima mea. 

DoMiNE, non sum dignus 
ut intres sub tectum meum ; 
sed tantum dic verbo, et 
sanabitur anima mea. 

DoMiNE, non sum dignus 
ut intres sub tectum meum ; 
sed tantum dic verbo, et 
sanabitur anima mea. 



A Thighbarna, cha'n 
fhiach mise gu'n tigeadh tu 
stigh fo m' fhàrdaich; ach 
abair am f acal a mhàin, agus 
bithidh m' anam sàbhailte. 

A Thigheaena, cha'n 
fhiach mise gu'n tigeadh tu 
stigh fo m' fhàrdaich; ach 
abair amfacal a mhàin, agus 
bithidh m' anam sàbhailte. 

A Thighearna, cha'n 
fhiach mise gu'n tigeadh tu 
stigh fo m' fhkrdaich; ach 
abair am facal a mhàin, agus 
bithidh m'anam sàbhailte. 



Ag gabhail na Sàcramaid fo riochd an arain, their an sagart ; 



CoRPUS Domini nostri 
Jesu Christi custodiat ani- 
mam meam in vitam seter- 
nam. Amen. 

QuiD retribuam Domino 
pro omnibus quse retribuit 
mihi ? Calicem salutaris 



Gu'n glèìdh Corp ar Tigh- 
earna losa Criosta m' anam 
gu beatha shìorruith. Amen. 

CiOD a dhlolas mi do'n 
Tighearna air son gach ni 
a bhuilich e orm ? Glacaidh 



8 



114 



CANON MISS^. 



accipiam, et nomen Domini mi Cailis an t-skbhalaidh, 



invocabo. Laudansinvocabo 
Dominum, et ab inimicis 
meis salvus ero. 



agus gairmidh mi air ainm 
an Tighearna. A* moladh 
gairmidh mi air an Tigh- 
earna, agus sàbhailear mi 
bho'm naimhdean. 



Ag gabhail na Cailise, their e : 
Sanguis Domini nostri Gu'n gl^idh Fuil ar Tigh- 
Jesu Christi custodiat ani- earna losa Criosta m' anam 
mam meam in vitam seter- gubeatha shiorruith. Amen. 
nam. Amen. 



Aig Biarachadh na Sàcramaid. 
S, Misereatur vestri om- 
nipotens Deus, et dimissis 
peccatis vestris, perducat 
vos ad vitam seternam. 



M. Amen. 

S. Indulgentiam, absolu- 
tionem, et remissionem, pec- 
catorum vestrorum, tribuat 
vobis omnipotens et miseri- 
cors Dominus. 

M. Amen. 

Ecce Agnus Dei, ecce qui 
toUit peccata mundi. 

Domine, non sum dìgnus, 
&c. (ter dicit.) 

CORPUS Domini nostri 
Jesu Christi custodiat ani- 
mam tuam in vitam seter- 
mam. Amen. 



S. Gu'n dianadh an Dia 
uile-chumhachdach tròcair 
oirbh, gu'm mathadh e 
dhuibh ur peacannan, agus 
gu'n tugadh e sibh gu beatha 
shiorruith. 

C. Amen. 

S. Gu'n tugadh an Tigh- 
earna uile - chumhachdach 
agus tròcaireach mathanas, 
fuasgladb, agus saorsa 
dhuibh na'r peacannan. 

C. Amen. 

Seall Uan Dhè, seall 
esan a tha 'toirt air falbh 
peacannan an t-saoghail. 

A Thighearna, cha'n 
fhiach mise, &c. (trì uair- 
ean). 

Gu'n glèidh Corp ar 
Tighearna losa Criosta d* 
anam gu beatha shiorruith. 
Amen. 



UENAIGHBAN NA H-AlFBINN. 



115 



QuoD ore sumpsimus, 
Domine, pura mente capia- 
mus; et de munere temporali 
fiat nobis remedium sem- 
piternum. 



Aig lonnlad na cailise. 



SiN a ghabh sinn, a Thigh- 
earna, le 'r bial, deònaich 
gu'n glac sinn e le cridhe 
glan ; agus bho 'bhi na 
'thiodhlaic aimsireil, gu'm 
bi e dhuinn na 'ìocshlaint 
shiorruith. 



Aig Dara-Ionnlad na cailise. 



CoEPUS tuum, Domine, 
quod sumpsi, et Sanguis 
quem potavi, adhsereat 
visceribus meis ; et prsesta 
ut in me non remaneat 
scelerum macula, quem pura 
et sancta refecerunt sacra- 
menta. Qui vivis et reg- 
nas in saecula saeculorum. 
Amen. 



Do Chorp a ghabh mi 
agus d'Fhuil a dh'òl mi, a 
Thighearna, leanadh ri 
m'innibh ; agus deònaich 
nach fuirich smal peacaidh 
air m'anam-sa, a bneathai- 
cheadh le sàcramaidean cho 
glan agus cho naomh. A 
tha beo 's a' rian f ad shaoghal 
nan saosrhal. Amen. 



An Communio. 



Benedicimus Deum coeli, 
et coram omnibus viventi- 
bus confitebimur ei ; quia 
fecit nobiscum misericor- 
diam suam. 

S, Dominus vobiscum. 

M, Et cum spiritu tuo. 



Tha sinn a' beannachadh 
Dia nèamh, agus bheir sinn 
moladh dha 'an làthair nan 
uile bheò ; oir rinn e tròc- 
air òirnn. 

S. Gu'n robh an Tìgh- 
earna maille ribh. 

O, Agus ri d' spiorad-sa. 



Oremus, 

Proficiat nobis ad salutem 
corporis et animae, Domine 
Deus noster, hujus sacra- 
menti susceptio, et sempi- 
ternse sanctae Trinitatis,ejus- 



Guidheamaid. 

A Thighearna, ar Dia, 
deònaich gu'n tig gabhail na 
skcramaid so, agus aidmheil 
na Trianaide naoimhe, sìor- 



116 



CANON MISS^. 



demque individuse unitatis 
confessio. Per Dominum 
nostrum Jesum Christum 
Filium tuum, qui tecum 
vivit et regnat in unitate 
Spiritus Sancti Deus : 



S. Per omnia ssecula sse- 
culorum. 
M. Amen. 
S. Dominus vobiscum. 

M. Et cum spiritu tuo. 
S. Ite, missa est, (vel Bene- 
dicamus Domino.) 



ruith, 's a h-aonachd neodh- 
ealaichte, gu 'bhi dhuinne 
gu sàbhaladh cuirp agus 
anma. Tromh losa Criosta, 
do Mhac ar Tighearna, Dia 
a tha beò 's a' rian maille 
riutsa ann an aonachd an 
Spiorairl N"aoiTnh : 

S. Fad shaoghal nan 



M, Deo gratias. 



C. Amen. 

S. Gu'n robh an Tigh- 
earna maiUe ribh. 

C. Agus ri d' spiorad-sa. 

S. Sgaoilibh, tha'n Aif- 
rionnseachad(no Beannaich- 
eamaid an Tighearna.) 

C. Taing do Dhia. 



[Ann an Aifrinn air son nam Marbh, theirear.j 

S, Requiescant in pace. S. Gu'n robh am fois ann 

an sìth. 
M. Amen. C. Amen. 

An uair a tha'n sagart ga 'chromadh fhèin aig miadhon na h-altrach. 



Placeat tibi, sancta Tri- 
nitas, obsequium servitutis 
mese ; et praesta ut sacri- 
iìcium quod ocuUs tuae 
Majestatis indignus obtuli, 
tibi sit acceptabile, mihique, 
et omnibus pro quibus illud 
obtuli, sit, te miserante, 
propitiabile. Per Christum 
Dominum nostrum. Amen. 

thairg mi suas i air an son, 
earna. Amen. 



A Thrianaid naomh, 
deònaich do umhailteas mo 
sheirbhise deagh - ghean 
fhaotainn ort ; agus guidh- 
im ort an ìobairt a thairg 
mi suas, ge mì-iomchuidh, 
'am fianais do Mhòrachd, a 
bhi taitneach leat, agus as 
leth do thròcaire, gu'm bi i 
na 'miadhon - rèite dhomh 
fhein, agus dhaibhsan a 

Tromh Chriosta ar Tigh- 



URNAIGHEAN NA H-AIFRINN. 



117 



Am beannachd. 



Benedioat vos, omnipo- 
tens Deus, Pater, et Filius, 
*ì* et Spiritus Sanctus. 

M. Amen. 

S. Dominus vobiscum. 

M, Et cum spiritu tuo. 

An Soisgeul 
S. Initium sancti Evan- 
gelii, secundum Joannem. 
M. Gloria tibi, Domine. 

In principio erat Yerbum, 
et Yerbum erat apud Deum, 
et Deus erat Yerbum. Hoc 
erat in principio apud 
Deum. Omnia per ipsum 
facta sunt ; et sine ipso 
factum est nihil quod fac- 
tum est. In ipso vita erat, 
et vita erat lux hominum ; 
et lux in tenebris lucet, et 
tenebrse eam non compre- 
henderunt. 

Fuit homo missus a Deo, 
cui nomen erat Joannes. 
Hic venit in testimonium, 
ut testimonium perhiberet 
de lumine, ut omnes crede- 
rent per illum. Non erat 
iUe lux, sed ut testimonium 
perhiberet de lumine. Erat 
lux vera, quse illuminat 



Beannaohd Dh^ uile- 
chumhachdaich — an t-At- 
hair, agus am Mac, agus an 
Spiorad Naomh, gu'n robh 
agaibh. 

C. Amen. 

S. Gu'n robh an Tigh- 
earna maille ribh. 

C Agus ri d' spiorad-sa. 
Deieeannacjt. 

S. Toiseach an t-Soisgeil 
naoimh a rèir Eòin. 

C. Glòir dhutsa, a Thigh- 
earna. 

'San toiseach bha am Fac- 
al, *s bha am Facal maille 
ri Dia, agus b' e am Facal 
Dia. Bha e so 'san toiseach 
maiUe ri Dia. Einneadh a 
h-uile ni leis : 's gun e cha 
d' rinneadh ni a chaidh a 
dhianamh. Annsan bha a 
bheatha, 's b'i a bheatha 
fiolus dhaoine : agus tha an 
solus a* soillseachadh 'san 
dorchadas, 's cha do ghabh 
an dorchadas ris. 

Chuireadh duine bho Dhia, 
dha'm b'ainm Eoin. Th^iinig 
e so mar fhianuis gu teist- 
eanas a thoirt air an t-solus, 
los guncreideadh daoine uile 
troimh-san. Cha b' e esan 
an solus, ach bha e gu teist- 
eanas a thoirt air an t-solus. 
B' e sin an solus fìrinneach 



118 



CANON MTSS^. 



omnem hominem venientem 
in hunc mundum. 

In mundo erat, et mundus 
per ipsum factus est, et 
mundus eum non cognovit. 
In propria venit, et sui eum 
non receperunt. Quotquot 
autera receperunteum, dedit 
eis potestatem, filios Dei 
fieri ; liis qui credunt in 
nomine ejus, qui non ex 
sanguinibus,neque ex volun- 
tate carnis, neque ex volun- 
tate viri, sed ex Deo nati 
sunt. Et * Yerbum caro 
FACTUM EST, et habitavit in 
nobis, et vidimus gloriam 
ejusjgloriam quasiUnigeniti 
a Patre, plenum gratise et 
veritatis. 

M, Deo gratias. 



a tha soilleireachadh a 
h-uile duine a tha tighinn 
dh' ionnsuidh an t-saoghail so. 
Bha e anns an t-saoghal, 's 
rinneadh an saoghal leis, 's 
cha b' aithne do'n t-saoghal e. 
Thainig e gu chuid fhein, 's 
cha do ghabh a mhuinntir 
fhein ris. Ach a mhiad 'sa 
ghabh ris, thug e cumhachd 
dhaibh a bhith 'nan cloinn 
do Dhia, dhaibhse a tha 
creidsinn 'na ainm, a rugadh 
cha n-ann bho fhuil, no 
bho thoil na feola, no bho 
thoil duine, ach bho Dhia. 

XJS GHABH AM EaCAL rEOIL, 

us rinn e comhnuidh 'nar 
measg : us chunnaic sinn a 
ghloir, mar ghloir aonghinan 
Athar, lan ghras agus firinn. 
a Taing do Dhia. 



* Aig na briathran so lùb air do leth-ghlnu. 



LAOIDH MOLAIDH DO DHIA. 119 



LAOIDH MOLAIDH DO DHIA. 

(Faic sl 75.) 

Tha sinn, a Dhia, 'seinn do chliù, 
Ag aideachadh gur tu ar Triath, 
*Toirt urraim dhut tha 'n domhan mòr, 
'Athair gun tùs, gun chrich. 

Tha na h-Ainglean naomh gu lèir, 
Tha Cumhachdan nèimh gu h-ard, 
Tha Cherubim le caithream binn, 
'Us Seraphim a' seinn gun tàmh : 

Is naomh, naomh, naomh 
Thu, Thighearna Dhia nan slògh ; 
Tha neamh 'us talamh làn 
Le d' mhòrachd 'us le d' ghlòir. 

Tha còisridh ghlòrmhor Ostala, 
Tha Fàidhean 's àirde cliù, 
Tha armailt geal nam Mairtirean 
Ga d' mholadh, a Righ nan dùl. 

Anns gach àite a tha fo 'n ghrèin 
Tha d' Eaglais naomh, a Dhia, 
Ag aoradh dhut, 's a' toirt gèill, 
'Athair na mòrachd gun chrìch. 

Aig d' aon Mhac fior tha h-uile còir 
Air urram 'us glòir mar-aon : 
Mar sin 's an Ti ni cobhair oirnn, 
An treas Pearsa de 'n Trianaid naoimh. 

Is tus', a Chriosta, Righ na glòir, 
'S tu Mac Siorruith gun tùs, 
Nach d 'rinn tàir air còm na h-Oighe 
Gu sàbhaladh a cheannach dhuinn. 



120 LAOIDH MOLAIDH DO DHIA. 

'Thug thii buaidh air giiin a' bhàis, 
Dh' fhosgail thn dha d' chreidich nèamh. ; 
'S tn tha 'n ghnr Athair nan gràs, 
Na d' shuidhe air deas làimh Dhè. 

Thig thu 'thoirt breith air an t-sluagh, 
Gabh truas dhe d' mhiiinntir fhèin, 
A s,. o thu 1" d' fhuil bu mhòr luach, 
A iliaom Ithuat tromh ioma creuchd. 

Meahiidli iad do ghloir gu bràch, 
Air aii àireamh 'measg nan naomh ; 
Fo sgèith do chumhachd biodh iad slàn, 
Ann an seilbh do ghràsan caomh. 

Rìaghail iad, 'us dian dhaibh iùl, 
Stiùir iad gu beatha bhuain ; 
Molaidh sinn thu, 'Dhia nan dùl, 
Gach là bithidh do chliù ga 'luaidh. 

Molaidh sinn d' ainm gun tàmh, 
Gu là ar bàis 's na 'dhèigh ; 
Cliù bheirear dhut gu bràch ; 
Dion sinn le d' ghràs bho bheud. 

Dian tròcair oirnne, a Dhia nan gràs, 
'Rèir ar n-earbsa dian tròcair oirnn. 
Mo dhòchas tha annads' a mhàin, 
A chaoidh cha bhi fàillinn orm. 



NA SEACHD SAILM AITHEE ACH AIS * 

40 latha laghaidh gach nair a ghabhar iad. 
^a cuimhnich, a Thighearna, ar ciontan, no 
ciontan ar pàrantan i 's na diughail oirnn ar peac- 
annan. 

VI. SALM. — Domine, ne in furore, 

ATHIGHEAE^A, na cronaich mi, ann ad fheirg; 
agus na smachdaich mi ann ad chorruich. 

Gabh truas rium, a Thighearna, oir tha mi lag : 
slànaich mi, chionn tha cràdh 'am chnaimhean. 

Agus tha m' anam fo bhruaidlean mòr j ach thusa, 
a Thighearna dè fhad? 

Till, a Thighearna, agus fuasgail air m' anam • 
sàbhail mi air sgàth do thròcaire. 

A thaobh 's nach 'eil cuimhne ort aig neach a tha 
*s an uaigh ; agus 'an if rinn co a bheir cliii dhut ? 

Tha mi air mo chlaoidh le osnaich ; nighidh mi 
mo leaba gach oidhche ; agus m' àite-laidhe fliuch- 
aidh mi le m' dheòir. 

Tha mo shùil f o ghruaim le corruich ; tha mi aii 
fàs sean 'am measg m' uile naimhdean. 

Imichibh bhuam, 'uile luchd-dianamh na h-èuceirt, 
chionn chual' an Tighearna guth mo chaoidhe. 

Chual' an Tighearna m' achanaich ; dh'èisd an 
Tighearna ri m' iirnaigh. 

Biodh mo nàimhdean uile fo mhasladh, ^s fo 

* Tha e na 'chleachdadh cràbhach a bhi 'gabhail nan 
seachd sahn so 'an aghaidh nan seachd peacannan-bàis, fear 
air an fhear dhiiibh. 



122 NA SBACHD SAILM AITHREAOHAIS. 

bhruaidlean mòr : biodh iad air an tilleadli air an 
ais, 's air an nàrachadh gu ro-ghrad. 

Glòir do 'n athair, agus do'n Mhac, agus do'n 
Spiorad iJTaomh : mar a 'bhà, 's mar a thà, 's mar a 
bhitheas, fad shaoghal nan saoghal. Amen. 

XXXI. SALM. — Beati quorum. 

IS beannaichte iadsan do 'm beil an èucoirean air 
am mathadh : agus a tha am peacannan air an 
dubhadh as. 

Is beannaicht' an duine air nach d' agair an 
Tighearna peacadh : agus a tha saor bho fhoill na 
'spiorad. 

Le 'bhi 'am thosd, shearg mo chnaimhean : 's mi 
ri caoineadh fad an latha. 

A chionn bu trom do làmh orm a latha 's a 
dh-oidhche: dh'iompaicheadh mi 'am dhòruinn, an 
uair a lotadh mi le bioradh na drise. 

Ghabh mi ri m' choire dhut : agus m' èucoir cha 
do cheil mi ort. 

Thuirt mi : 'Am aghaidh fhèin aidichidh mi mo 
chiontan do'n Tighearna : agus anaceart mo pheacaidh 
mhath thusa dhomh. 

Air son so ni gach naomh riut ùrnaigh : ann an 
àm iomchuidh. 

Ach air a shon sin ann an tuil moran uisgeachan, 
cha tig iad g'a chòir. 

Is tusa mo dhìon bho'n trioblaid a chuairtich mi: 
m' aoibhneas, teasraig mi bhuapasan a tha umam ag 
iadhadh. 

Tuigse bheir mi dhut, agus eòlas air an t-slighe 



NA SEACHD SAILM AITHREACHAIS. 123 

's an còir dhut imeaclid: bithidli mo slitiil a' 
dearcadh ort. 

Na fàs mar an t-each agns am mnileid, aig nach 
'eil tuigse. 

Le cabastair 's le srèin teannaich giallan na feadh- 
nach nach 'eil a' tighinn 'ad chòir. 

Is lìonmhor sgiùrsadh a' pheacaich : ach cuairtich- 
idh tròcair esan a chuireas a dhòchas anns an 
Tighearna. 

JBiodh aoibhneas oirbh 's an Tighearna, 's 
dianaibh gàirdeachas a dhaoine matha : agus 
bithibh aighireach air fad a luchd a' chridhe gun 
fhoill. 

Glòir do 'n Athair, &c. 

XXXVII. SALM. — Domine neinfurore, 

ATHIGHEAEISrA, na cronaich mi ann ad fheirg: 
agus na smachdaich mi ann ad chorruich. 

A chionn tha do shaighdean annam 'an sàs : agus 
tha do làmh trom orm. 

Cha 'n 'eil fallaineachd 'am fheòil le fìamh d' 
fheirge : cha 'n 'eil fois aig mo chnaimhean as leth 
mo pheacannan. 

A chionn chaidh m' èucoirean thair mo cheann : 
agus mar eallaich thruim, thromaich iad orm. 

Bhreòth agus dh'iongraich mo chrèuchdan: le 
miad m' aimideachd. 

Is duine truagh mi, a th' air cromadh slos gu tur: 
is dubhach rè an latha mo thriall. 

A chionn tha mo leasraidh làn ghalar: 's cha'n 'eil 
fallaineachd 'am fheòil. 



124 NA SEACHD SAILM AITHREACHAIS. 

Tha mi air mo lèireadh 's air m' ùmhlachadh gu 
mòr : bheuc mi le acain mo chlèibh. 

A Thighearna, ann ad fhianuis tha uil' iarrtas mo 
chridhe : 's cha'n 'eil m' osnaich 'am falach ort. 

Tha mo chridhe air a sgaradh, thrèig mo neart 
mi : agus beachd mo shul fhèin cha'n 'eil agam. 

Thàinig mo chàirdean 's mo choimhearsnaich dluth 
dhomh : agus sheas iad 'am aghaidh. 

Agus an fheadhainn a bha 'am fagus domh, sheas 
iad fad as : agus an fheadhainn a bha 'g iarraidh 
m' anma, rinn iad fòirneart. 

Agus iadsan bha 'g iarraidh mo lochd, labhair iad 
faoineis : agus dheilbh iad beartan foilleil fad an 
latha. 

Ach mise, mar dhuine bodhar, cha chuala mi : 's 
mar bhalbhan, nach fhosgail a bhial. 

B' amhuil mi 's duine gun chlaisteachd : 's aig 
nach 'eil achasan na 'bhial. 

Bho'n a chuir mi mo dhòchas annads', a Thighearna: 
èisdidh tusa rium, a Thighearna mo Dhia. 

Oir thuirt mi : Gun f hios nach dian mo nàimhdean 
air àm uaiU os mo chionn: agus an uair a thuislich 
mo chasan, dh' àrdaich iad an guth 'am aghaidh. 

Oir tha mise deas air son fulangais : 's tha fàth 
mo bhròin mu m' choinnimh 'an còmhnaidh. 

Chionn nì mi mo chionta f ollaiseach : agus cuimh- 
nichidh mi air mo pheacadh. 

Ach tha mo naimhdean beò, agus is treas' iad na 
mise : agus tha 'n fheadhainn a thug fuath dhomh 
gun aobhar air fàs lìonmhor. 

Bha iadsan a dhìolas olc air son math, ga m' chùl- 



NA SEACHD SAILM AITHREAOHAIS. 125 

chàineadli : a cliionn gu^n robli mi 'leantainn 
bheartan matha. 

'Nsi trèig thusa mi, Thighearna mo Dhia: 's na 
dealaich rium. 

Luathaich gu m' chuideachadh, a Thighearna 
Dhia mo shlàinte. 

Glòir do'n Athair, &c. 

L. SALM. — Miserere, 

DIKE tròcair orm, a Dhia : a rèir do mhòr 
thròcaire. 

'S a rèir lìonmhoiread do thròcaire caomh: dubh 
as mo lochd. 

Mgh mi tuiUe f hathasd bho m' chionta : agus glan 
mi bho m' pheacadh. 

A chionn tha mi 'gabhail ri m' choire : 's tha mo 
pheacadh daonnan mu m' chomhair. 

Is ann 'ad aghaidh-sa 'mhàin a pheacaich mi agus 
'ad làthair a rinn mi 'n t-olc: air chor 's gu'm 
firinnichear thu 'ad bhriathran, 's gu'n toir thu 
buaidh an uair bheirear breth ort. 

Oir fìach, chaidh mo ghineadh ann an èucoir: 
agus ann am peacadh ghabh mo mhàthair mi na 
'com. 

Oir fìach, do'n fhirinn thug thu spèis: nithean 
teagmhach agus diomhair do ghliocais shoilleirich 
thu dhomh. 

Uisgichidh tu mi le hisop, 's bithidh mi air mo 
ghlanadh: nighidh tu mi, 's bithidh mi na's gile 
na'n sneachd. 

Do m' chlaisteachd bheir thu subhachas 'us aighir: 



126 NA SEACHD SAILM AITHRBACHAI3. 

agus ni na cnaimhean a chaidh isleachadh gàir- 
deachas. 

Tionndaidh d' aghaidh air falbh bho m' pheac- 
annan : agus dubh as m' uir èucoirean. 

Cridhe glan cruthaich annam, a Dhia : agus 
spiorad ceart ath-nuadhaich 'am chom. 

JSTa tilg mi à d' fhianais : agus do spiorad naomh 
na toir bhuam. 

Aisig dhomh aoibhneas do shlàinte : agus daingnich 
mi le spiorad neartmhor. 

Teagaisgidh mi do shlighean do na daoidhean : 
agus tionndaidhear na peacaich riut. 

Saor mi bho fhuil, a Dhia, a Dhia mo shlàinte: 
agus àrd-mholaidh mo theanga do cheartas. 

A Thighearna, fosglaidh tu mo bhilean: agus 
cuiridh mo bhial 'an cèiU do chHù. 

A chionn na'm b' àill leat iobairt, gu flrinneach 
bheirinn seachad i : ach ann an iobairtean-loisgte 
cha ghabh thu tlachd. 

Is iobairt do Dhia spiorad cràiteach: air cridhe 
brùite agus iriosal, a Dhia, cha dian thu tàire. 

'Ad dheagh-ghean, aThighearna, dian bàigh riSion : 
los gu'n tèid ballaichean lerùsaleim a thogail suas. 

'An sin gabhaidh tu gu caoimhneil iobairt ceartais, 
tobhartasan agus làn iobairtean-loisgte : 'an sin 
cuiridh iad laoigh air d' altair. 

Glòir do 'n Athair, &c. 



A 



ci. SALM. — Domine exaudi, 

THIGHEAKlNrA, èisd ri m' urnaigh, agus gu d' 
ionnsaidh thigeadh m' achanaich. 



NA SEAOHD SAILM AITHRBAOHAIS. 127 

!N"a tionndaidh do ghnùis blinain: latha sa bith 
a bhios mi 'an tèinn, aom rium do chluas. 

Ciod air bith latha 'dh'èigheas mi ort: èisd rium 
gu luath. 

Chionn dh'fhàillnich mo làithean mar dheathaich : 
agus sheac mo chnaimhean mar chonnadh. 

Tha mi air crìonadh mar am fìar, tha mo chridhe 
air seargadh : leis mar a 'dhìochuimhnich mi 
m' aran icheadh. 

Le m' dhian-osnaich : lean mo chnaimhean ri 
m' fheòil. 

Tha mi air fàs mar phelican an fhàsaich: agus 
mar chomhachaig na seann làraich. 

Rinn mi caithris: agus tha mi air fàs mar 
ghlais-ian ònrachdach air mullach tighe. 

Eè an latha bha mo naimhdean a' toirt achasain 
dhomh : agus an fheadhainn a bha ga m' mholadh, 
mhionnaich iad 'am aghaidh. 

Chionn dh'ich mi luath mar aran : agus mheasg- 
aich mi mo dheoch le deòir. 

Air sgàth d' fheirge agus do chorruich : a chionn, 
'an dèigh mo thogail suas, bhuail thu ri làr mi. 

Chaidh mo làithean thairis mar fhaileas : agus 
sheac mi mar am fiar. 

Ach thus', aThighearna, tha mairsinn gu slorruidh : 
agus do chuimhne bho linn gu linn. 

Eiridh tusa, agus gabhaidh tu truas ri Sion : 
chionn thàinig àm a tròcaire, chionn thàinig an t-àm. 

A chionn thaitinn a clachan ri d' sheirbhisich : 
agus bithidh bàigh aca ri 'fearann. 

Agus bithidh eagal air na cinnich romh d' ainm, 



128 NA SEAGIID SAILM AITHREACHAIS. 

a Thighearna : agus air righrean an talmhainn uile 
romh d' ghlòir. 

Chionn thog an Tighearna suas Sion : agus chithear 
e na 'ghlòir. 

Ghabh e suim de dh-ùrnaigh nan daoine iriosal : 
agus cha do chuir e suarach an achanaich. 

Sgribhear so air son na linn' a tha ri tighinn : 
agus bheir an sluagh a chruthaichear cliù do'n 
Tighearna. 

Chionii sheall e bho àrd ionad-naomh : bho 
nèamh sheall an Tighearn air an talamh. 

Gus an cluinneadh e osnaich na feadhnach a tha 
'an ceanglaichean : 's gu'm f uasgladh e air an sliochd- 
san a chaidh a chur gu bàs. 

Los gu'n cuireadh iad ainm an Tighearna 'an cèill 
ann an Sion : agus a chliù ann an lerùsalem. 

An uair a chruinnicheas an sluagh ri chèile : agus 
TÌghrean, gu seirbhis a dhianamh do'n Tighearna. 

Fhreagair e e 'an rathad a neart : Innis dhomh 
giorrad mo làithean. 

JSTa toir air falbh mi 'am miadhon mo làithean : 
tha do bhliadhnaichean-sa bho linn gu linn. 

An toiseach, a Thighearna, leag thu stèidh 
an talmhainn : agus na nèamhan 's iad obair do 
làmh. 

Thèid iadsan a dhìth, ach mairidh tusa : agus 
fàsaidh iad uile sean mar èideadh. 

Agus mar thrusgan atharraichidh tu iad, agus 
bithidh iad air am mùthadh : ach is tusa daonnan 
an Tl ciadna, agus cha tig fàiUinn air do bhhadhn- 
aichean. 



NA SBACHD SAILM AITHREAOHAIS. 129 

Fuirghidh clann do sheirbhiseach : agus stiùirear 
an sHochd gu bràch. 
Glòir do 'n Athair, &c. 

cxxix. SALM. — De profundis, 

AS an doimhneachd dh' èigh mi riut, a Thigh- 
earna ; a Thighearna, èisd ri m' ghuth. 

Thugadh do chluasan an aire do ghuth 
m' achanaich. 

Ma sheallas tu air èucoirean, a Thighearna : a 
Thighearna, co a sheasas ris ì 

A chionn 's ann agadsa 'tha saor-mhathanas : 's 
air sgàth do lagha bha mo dhùil riut, a Thighearna. 

Chuir m'anam earbsa na 'fhacal : chuir m' anam 
dòchas 's an Tighearna. 

Bho fhaire na maidne gu dubh oidhche, cuireadh 
Israel a dhòchas 's an Tighearna. 

A chionn aig an Tighearna tha tròcair : agus 
aigesan tha saorsainn 'am pailteas. 

Agus saoraidh e Israel bho 'uile lochdan. 

Glòir do 'n Athair, &c. 

cxLii. SALM. — Domine exaudi, 

ATHIGHEAENA, èisd ri m' ùrnaigh, thoir 
chias do m'achanaich ann ad fhirinn : èisd 
rium ann ad cheartas. 

Agus na teirig ann am breitheanas le d' sheirbh- 
iseach : chionn cha'n fhlrinnichear duine beò 'ad 
làthair. 

Chionii rinn mo nàmhaid gèur-leanmhainn air 
m'anam : dh'islich e mo bheatha gu làr. 



130 NA SEACHD SAILM AlTHREAOHAlS. 

Chuir e mo thuinidh ann an dorchadas, mar 
iadsan a bha fada marbh : agus tha mo spiorad 
annam 'an tèinn, agus lèireadh mo chridhe 'an 
taobh a stigh dhiom. 

Chuimhnich mi air na làithean bho shean, 
smaoinich mi air d' oibrichean uile : gniomhannan 
do làmh thug mi fonear. 

Eiutsa shìn mi mo lamhan : mar fhearann gun 
uisge, tha m'anam dhut. 

Eisd rium, a Thighearna, gu grad : tha mo spiorad 
air fàillneachadh. 

I^a tionndaidh do ghniiis air falbh bhuam ; mu'm 
bi mi coltach riuthasan a theid sios do'n t-sloc. 

Thoir orm do thròcair a chluinntinn 's a' mhadainn; 
's gu'n do chuir mi mo dhòchas annad. 

Thoir dhomh eòlas air an rathad air an còir dhomh 
imeachd : a cliionn 's ann riutsa a thog mi suas 
m'anam. 

Teasraig mi bho m' naimhdean, a Thighearna ; 's 
gur h-ann a d' ionnsaidh a theich mi : ionnsaich 
dhomh do thoil a dhianamh, a chionn gur tu mo 
Dhia. 

Treòirichidh do spiorad math mi gus an tìr 
cheart : air sgàth d' ainme, a Thighearna, beothaich- 
idh tu mi 'ad cheartas. 

Bheir thu m' anam bho ànradh : agus 'ad iochd 
cuiridh tu mo naimhdean a dhith. 

Sgriosaidh tu iadsan uile a tha 'cur trioblaid air 
m' anam : a thaobh gur mi do slieirbhiseach. 

Glòir do'n Athair, &c. 

Xa cuimhnich, a Thighearna, ar ciontan, no 



i 



NA SACRAMAIDEAN. 131 

ciontan ar pàrantan: agns na diughail òimn ar 
peacannan. 



NA SACEAMAIDEAN'. 
BAISTEADH. 

IS e am Baisteadh a' chiad shàcramaid. Tha e 
ga 'r glanadh bho^n pheacadh-ghine, a' dianamh 
cloinne do Dhia 's do'n Eaglais dhinn, agus 
oighreachan dUgheach air righeachd fhlathanais. 
Tha e 'cur comharraidh air an anam nach dealaich 
ris, cha ghabh e toirt seachad ach aon uair, agus cha 
bhitear sàbhailte as 'aonais. 

Ann an càs na h-èiginn faodaidh urra sabith — -fear^ 
no th^ BOSLACH a chur j ach, ma bhios gin eile ri 
fhaighinn, cha chòir do athair no do mhàthair 
an leinibh fhèin a cur ; agus 's e fireannach a's 
roghnaiche na boireannach. Thà e ro-iomchuidh 
ma ta, gu'm biodh fìos aig urra ciamar a chuireas e 

BOSLAOH. 

Dòirt boiseag uisge air ceann no air aodann an naoidli- 
eacliain, agus '5 cC cheart àm, abair : 

Tha mi ga d' bhaisteadh 'an ainm an Athar, agus 
a' Mhic, agus an Spioraid Naoimh. 

UrACHADH AR BOIDEAN BAI9TIDH. 

LE sàcramaid naomh a' Bhaistidh thug thu dhomh 
aThighearna, còir air rìgheachd f hlathanais. An 
uair a ghabh mi sàcramaid naomh a' Bhaistidh 
thàinig mi stigh do dh-eaglais fhìrinnich Chriosta, 



132 NA SACRAMAIDEAN. 

agus ghabh mi fos làimh d' fhàintean naomh a 
chumail Is àghor na gràsan a fhuair mi ann an 
sàcramaid a' Bhaistidh, agus is mòr na dleasnasan a 
ghabh mi orm-fhèin 's an àm sin ri choimhlionadh. 
Gabhaidh mi deagh-bheachd air na tiodhlaicean 
àillidh a bhuilicheadh orm ann an sàcramaid a' 
Bhaistidh. Le d' ghràsan-sa, Dhia, chaidh mo 
nigheadh 's mo ghlanadh, bho'n a h-uile peacadh, 
bho thruailleachd a' pheacaidh-ghine ; chaidh mo 
nigheadh, losa, gun toillteanas sa bith air mo 
thaobh-sa, ann ad fhuil, a dhòirteadh air a' chrois gu 
sàbhaladh mhic an duine. Is amhuil a ghlac mi 
gràsan na naomhachd leis an d' rinneadh crèutair 
iir dhiom, agus a h-aon de d' chuid cloinne. A 
thuiUeadh air sin, bu mhi do chuid 'us d' oighreachd, 
losa; cha'n ann de thruagh shliochd Eubha a 
bhuineas mi, ach is oighre mi air flathanas ; agus 
bonn mo dhòchais tha suidhichte air an stèidh a's 
treasa gu sòlas siorruidh a chosnadh. ! diù cha 
dian mi air gràsan cho urramach, agus cha chaill mi 
iad le peacadh a dhianamh air son maoine saoghalta, 
no toileachaidh thruaillidh air bith. Cha chaill, a 
Thighearna; cha mhutha's trom leam dolromhshaoth- 
air air bith, cha mhutha 's goirt leam dòruinn sa bith 
fhulang gus na tìodhlaicean so 'ghleidheadh. Agus 
bho'n a tha am Baisteadh a' fosgladh an doruis 
dhomh gu ruighinn air uile ionmhas do ghràs, agus 
a' toirt còire dhomh air do shàcramaidean naomh a 
ghlacail, agus gur h-iad feadain nan gràs gu beatha 
shiorruidh a thoirt a mach, cleachdaidh mi iad gu 
leas m' anma, los gu'm bi mi air mo neartachadh 



DAINGNEAOHADH. 133 

leotha, agus air mo clinideachadh gu seasamh dlleas ri 
gealltanas a' Bhaistidh. Gu'm bu uaomh agus neo- 
thruaillidh a bhios na bòidean sin air an cumail, 
leis an do gheall mi a bhi dileas do bhrataich 
Chriosta. 'An ainm na Trianaide naoimhe, anns an 
deach mo bhaisteadh, biodh mo smaointean, mo 
bhriathran, 's mo ghniomhannan gu cHù do Dhia, 's 
gu sàbhaladh sìorruidh a chosnadh do m' anam 
fhèin. Mar sin bheir mi a mach a' bheatha 
mhaireannach. Biodh mo chèumannan a rèir ùmhl- 
achd Chriosta ; bitheam stèidheil 'an creideamh, an 
dòchas, 's an gaol Dhè ; gus an criin an Tighearna 
mi mu dheireadh, 's an toir e stigh mi gu sonas 
siorruidh, agus an gairm e mi gu 'bhi 'am measg 
oighreachan fhlathanais 'an aighir 's an sòlas nach 
crioch. Amen, 



DAINGNEACHADH. 

FlOSRACHADH AIR SaCRAMAID AN DaINGNEACHAIDH. 

ri^HA 'n Daingneachadh na 'shàcramaid leis am beil 
X na creidich a tha 'cheana na'n cloinn do Dhia leis 
a' Bhaisteadh a' faotainn an Spioraid Naoimh, le 
ùrnaigh 's le dol fo làimh nan Easpuigean, luchd-ionaid 
nan Ostal, gu 'bhi air an neartachadh na'n creideanih, 's 
gu 'bhi dileas, misneachail, ann an seirbhis Chriosta, 
air dhòigh 's gur h-fhèarr leotha am bàs fhulang na 'n 
creideamh firinneach a thrèigsinn. 

Tha 'n t-sàcramaid so air a h-òrdachadh le Crìosta, 
agus air a cleachdadh leis na h-Ostail fhèin, mar a tha 
facal Dhè a' toirt teisteanais : — *' ^S an uair a thainig iad, 
ghuidh iad air an son gu'm faigheadh iad an Spiorad 



134 DAINGNEACHADH. 

Naomh, ^An sin leag iad an lamhan orra, 'us ghlac iacl 
an Spiorad Naomh.^^ — Gniomh. viii. 15, 17. A rithisd : 
— " 'S an uair a chuir Pòl a lamhan orra, thainig an 
Spiorad Naomh orra.^^ — Gnìomh. xix. 6. ; Eabh. vi. 2. 
Air an aobhar sin is peacadh mòr dearniad a dhianamh 
oirre ; gn sònraichte an nair a tha Criostaidhnean d! 
fulang gèur leanmhainn air son an aidmheil, no 
buairidh 'an aghaidh an creidimh. A chionn tha 'n 
t-sàcramaid so ga'r neartachadh le gràsan sònraichte 'an 
aghaidh naimhdean ar creidimh, 's ag coisrigeadh ar 
n-anma leis an Spiorad Naomh, air sheòl's nach tig an 
comharradh dheth gu bràch ; uime sin cha'n fhaodar an 
t-sàcramaid so ath-riarachadh. 

Bho so fèumaidh na creidich an aire 'thoirt gu'n tig 
iad ann an staid iomchuidh g'a h-ionnsaidh ; air eagal 's 
gu'n caiU iad na gràsan a tha fuaighte rithe, 's gu'n 
tionndaidh i gu dìteadh do'n anam le a gabhail ann an 
staid peacaidh-bhàis. 

Gu 'bhi ann an staid iomchuidh air son sàcramaid an 
Daingneachaidh, fèumaidh an t-anam a bhi saor bho 
pheacadh-bàis ; tha e uime sin riatanach dol gu Eisd- 
eachd romh làimh, a chionn cha tig an Spiorad Naomh 
a ghabhail còmhnaidh ann an anam a tha fo chis aig an 
aibhisteir le peacadh-bàis. A thuilleadh air so, is còir 
do gach neach a tha brath an t-sàcramaid so 'ghabhail 
beachd diadhaidh, agus dèigh làidir, a bhi aige air a bhi 
na 'thèampull gu bràch aig an Spiorad Naomh, air chor 's 
gu'n cuir e 'an cèill, le cuideachadh a ghràsan, gach 
dleasnas a bhuineas do shaighdear Chrìosta. A bhàrr 
air sin, is còir do Chriostaidli e-fhèin uidheamachadh 
air son na sàcramaide so, le ùrnaigh dhùrachdaicli 
mar a rinn na h-Ostail : " Bha iad so uile a' buanach- 
adh a dh-aon inntinn ann an ùrnaigh" os Naomh Luc 
's e 'labhairt air na deich làithean eadar Deasghabhail 
ar Slànair agus Caingis : '* Agus hha iad daonnan 



DAINGNEACEADH. 135 

^s an tèampull d! moladh '5 a' heannachadh Dh4, Nach 
sona iadsan a dh' nidheamaicheas iad-fhèin air au 
t-seòl chiadna, le gnìomhannan diadhaidh beann- 
aichte. 

Tha e mar fhiachan air a' Chriostaidh a th' air a 
choisrigeadh leis an t-sàcramaid so, a bhi na 'shaighdear 
dìleas gu bràch ann an seirbhis Dhè, Eigh nan rìgh : 
seasarnh fo bhratach na croise, an comharradh sin a 
chuireadh air clàr 'aodainn : cath cruaidh a chumail ri 
'naimhdean, agus buaidh a thoirt air an t-saoghal, air 
an fheòil, 'a air an aibhisteir, le stiùradh 's le còmhnadh 
Chrìosta, Rìgh nan uile chumhachd ; a bhi dìleas gu 
bàs, agus dealachadh ri 'bheatha mu'n trèig e 
seirbhis Dhè, le toil a nàmhaid a dhianamh. Biodh e 
daonnan na 'airidh air an ainm urraraach sin Baighdear 
Chrìosta. Le ùrnaigh agus carrantachd, ùmhlachd agus 
geimneachd, gleidheadh e 'anam saor, glan, bho 
pheacadh, gu 'bhi na 'àite-còmhnaidh aig an Spiorad 
Naomh. 

An uair a thèid an t-anam, 'an dèigh caithimh-bheatha 
naoimh, 'an làthair cathair a' bhreitheanais, bithidh 
dealradh boillsgeil air, de'n chomharradh a chuii' 
sàcramaid an Daingneachaidh air, fad na sìorrachd. 
Ach ma 's e 's nach bi ar caitheamh-beatha naomh, ma 
thrèigeas sinn bratach Chrìosta, ma dh' èireas siiin 
suas na 'aghaidh, ma thruailleas sinn an comharradh 
sin le droch chaitheamh-beatha, èiridh e ann am 
breitheanas na'r n-aghaidh ; ditidh e sinn aig cathair a 
cheartais ; tilgidh e sinn na's doimhne 'an teine ifrinne, 
's bithidh e na 'chomharradh maslaidh shìorruidh air ar 
n-anman. 

Ri linn Sàcramaid anDaingneachaidh a ghabhail is còir 
dhuinn Dà Thoradh dhiag an Spioraid Naoimh iarraidh 
air Dia le dùrachd; agus mar an ciadna, Seaclid 
Tiodhlaicean an Spioraid Naoimh. 



136 URNAIGH ROMHV DAINGNEACEADH. 

URNAIGH KOMH'n DAiNGNEACHADH, 

OMO Dhia, cha 'n 'eil neart no misneacli agam 
gus do chath a chur, gu fulang 'ad aobhar 
mar aon de d' shaighdearan ; gu bochdainn, triob- 
]aid, priosan, no bàs, fhiilang air son do Shoisgeil 
naoimh. Tha na diachainnean 's na croisean beaga 
'tha 'tachairt orm gach là a' fiachainn dhomh cho lag 
's a tha mo mhisneach an uair a tha mi ag gèilleadh 
dhaibh : air an aobhar sin, tha mi 'g achanaich ort 
an Comhf hurtair a chur gu m' ionnsaidh le 'Sheachd 
tiodhlaicean beannaichte, gus mo neartachadh, 's mo 
sheòladh, a chur mo dhleasnais 'an cèill le dichioll, 
's le diirachd. 

Spioraid l!^aoimh, a tha 'lionadh cridheachan 
do chreideach, thig a ghabhail tàimh 'am anam. 
Thoir bhuam nàire chronail, 's thoir dhomh mis- 
neach Chriostail. Na leig le fèin-ghaol, leis an 
t-saoghal, no leis an f heòil, buaidh fhaotainn orm. 
Na tugadh ni sa bith orm do lagh a chur suarach, 
no a thrèigsinn. ^a drùigheadh brosgul no eagai 
orm j dòirt do ghràsan gu pailt orm, air chor 's nach 
toir dòruinn no 'm bàs f hèin orm cnl a chur ri d' 
sheirbhis, los gu'm bi mi coltach ris na h-Ostail, do 
shaighdearan dileas, ag gabhail toil-inntinn ann am 
fulang air do shon. Tha mi lag ; ach an uair a thig 
an Spiorad Naomh orm, bithidh mi làidir annadsa, 
agus ni mi cogadh gu uair mo bhàis fo d' bhrataich 
'an aghaidh naimhdean m' anma. 

Thig, ma-ta, a Spioraid ISTaoimh, agus lìou 
m' anam le d' thìodhlaicean beannaichte, Amcn. 



URNAIGH AN DEIGH AN DAINGNEACHAIDH. 137 

Deònaich tighinn a nuas orm an dràsda, mar a 
thàinig thu nnas air na h-Ostail air là Caingis, 'an 
coltas theangannan teine, ^s mar a thàinig thu nuas 
air mòran sluaigh le dol fo lamhan nan Ostal, air 
chor 's gu'n cuir mi 'an cèill do mMstlrean diadhaidh 
le cieideamh beò, 's le cridhe làn gaoil ; 's gu'n seas 
mi gu misneachail 'an aghaidh mo naimhdean faic- 
sinneach agus neo-f haicsinneach ; gu'n toir mi 
buaidh orra, 's gu'm bi mi daonnan ealamh gus a 
h-uile seòrsa dòruinne, 's am bàs f hèin, f hulang air 
son a' chreidimh f hìrinnich. Amen. 

URNAIGH AN DEIGH AN DAINGNEACHAIDH. 

ODHIA na tròcaire, tha mi 'toirt buidheachais 
dhut air son do thìodhlaicean lìonmhor, 's gu 
h-àraid air son nan gràsan a bhuilich thu orm ann 
sàcramaid an Daingneachaidh. Deònaich dhomh a 
bhi daonnan ag cuimhneachadh orra agus taingeil 
air an son ; thoir dhomh a bhi gach latha 'tighinn air 
m' aghart ann an gliocas, 'an tuigse, 'an comhairle, 
'an neart, 'an eòlas, 'an diadhachd, 's an eagal naomh. 
Thoir Dà Thoradh dhiag an Spioraid [N'aoimh dhomh, 
Carrantachd, sòlas, &c. 

mo Dhia, a thug dhomh na tìodhlaicean prìseil 
so, gleidh f hèin 'ani anam iad ; ma 's ann air mo 
chìiram-sa mhàin a bhios an dianadas naomh so, 
meallaidh athair na foille 's na ceilge bhuam iad : 
cuiridh e 'dhith orm iad. Ach fo d' chìiram-sa, 's 
fo d' shùil fhurachail, bithidh iad tiaruinte bho'n 
nàmhaid. 

Tha mi 'g iarraidh mathanais air son tighinn a 



138 FAOISID. 

dh-ionnsaldli na sàcramaide so air cho beag nidh- 
eaniachaidh, 's le aineolas mu a luachmhoiread ; air 
son nach d' thàinig mi ga 'h-ionnsaidh leis an toil, 
's leis an dèigh 'bu chòir dhomh ; air son mo chaith- 
eamh-beatha 'bhi 'an aghaidh riaghailtean an 
t-soisgeil. Ach, mo Dhia, le còmhnadh nan gràs 
a fhuair mi anns an t-sàcramaid so, tha mi 'cur 
romham caitheamh-beatha diadhaidh a leanailt, 's a 
bhi 'am shaighdear dileas do Chriosta. mo Dhia 
's e so mo bheachd 's mo rùn an dràsda, ach an 
uair a's mutha 'smaoinicheas mi air mo laigse f hèin 's 
air neart mo naimhdean,'s ann a's treasa m' achanaicli 
ag iarraidh barrachd ghràsan gach là, los nacli 
truaillear mi leis an t-saoghal, no le 'dhroch cleachd- 
ainnean ; agus los gu'n cuir mi eagal 'us nàire air 
chùl, a's tric a thug mo mhisneach bhuam gu 
labhairt 'an aghaidh a' pheacaidh, 's a chùm air 
m' ais mi bho m' dhleasnas a choimhlionadh. Deòn- 
aich gu'm f uilig mi le ciiiine, 's le iimhlachd, gach. 
masladh 'us tàire, èucoir 'us crois, a thig 'am rathad. 
Aon ni eile tha mi 'g iarraidh ort, mo Dhia, 
's e sin nach iarr mi tuille sith, no fois, no tlachd 
ann an nichean an t-saoghail so, ach ann ad ghaol-sa 
a mhàin, 's a bhi daonnan a' dianamh an nì sin a 
thig gu d' bharrachd glòire. Amen. 

F A I S I D. 

SOILLEIREACHADH AIR FaOISID. 

A 's niath leat d' èisdeachd a dhianamh leis an 



M 



uidheamachadh cheart, fèumaidh tu do chomh- 
airle a chur ri Dia le mòran suime, agus, beagan ìiine 



FAOISID. 139 

ro-làimh, iarraidli air gii tric agns gu dìan, còmhnadh 
a gliràsan a thoirt dlmt ; gu h-àraid ma thachair dhut a 
hhi fada aim an staid a' pheacaidh ; rud a chuireadh 
fèum air dol a leth-taobh uaigneach car beagan 
ùine gus thu-fhèin a dhianamh deas le iirnaigh agus 
cràbhadh ; gus an gnothach a ghabhail fos làimh le 
cùram, agus gus an tuigeadh tu do staid, le feartan 
ìirnaigh agus cràbhaidh. 

Rannsaich do chogais le dlchioll mor agus saothair, 
gun dol gu geilt no imcheist. Cuidich do mheomhair 
le clàr-innse nam peacannan, agus gabh sàr-bheachd air 
na h-ana-miannan a tha fuaighte riut ; air a' chuideachda 
anns an robh thu ; air do ghnothaichean gnàthail ; air 
dleasnasan do staide, agus air an dòigh anns an do 
choimhlion thu iad ; a h-uile peacadh anns an d' èirich 
dhut tuiteam 'an gnìomh no 'n dearmad, faigh a mach, 
agus cho tric agus a bha thu ciontach. 

'An dèigh do chogais a rannsachadh mar a thigeadh 
dhut, na saoil gu 'm beil thu nis deas air son d' èisdeachd, 
tha 'chuid a's cudthromaiche de'n chùis fhathasd romh- 
ad ; agus 's e sin ùine agus saothair a ghabhail ort 
fhèin gu fior aithreachas a thogail 'ad chridhe, maille 
ri gràin fhuathasaich air son do chiontan leis an d' thug 
thu tàire do Dhia ; agus rùn làidir le cuideachadh a 
ghràs gu'n seachainn thu na peacannan ciadna à so suas 
cuide ri'n ceann-aobhair ; agus gu'n cleachd thu miadh- 
onan iomchuidh gu tòiseachadh air caitheamh-beatha 
ùr. 

Gu ruighinn air bròn-cridhe air son do pheacannan, 
agus rùn làidir an seachnadh, fèumaidh tu na gràsan so 
iarraidh gu dùrachdach air Dia, a chionn 's ann bhuaithe- 
san a thig iad; uime sin gus do chridhe a gliluasad gu fìor 
aithreachas, leag d'aire gu dian air ìirnaigli agus 
smaointean cràbhach 's gu h-àraidh air na ceitliir 
Jlichean deireannach, air gràinealachd a' pheacaidh, air 



140 FAOISID. 

matlias Dhè, air pàis agus bàs Cliriosta. An iiair a 
ruigeas tu air a' mhulad throm so, le beachd a bhi dileas 
do Dhia, faodaidh tu 'bhi 'an dòchas a bhi uidheam- 
aichte air son d' èisdeachd ; ach as easbhuidh so cha 'n 
'eil thu deas. Ma tha dad air d'inntinn a tha sgàth ort 
'aideach, leig air iirnaigh agus bròn as ùr gus am faigh 
thu neart agus gràsan a chuireas am fìamh ceacharra so 
air chùl. Agus a chaoidh na gabh a dhànadas no a 
ladarnas ort-fhèin, dol gu d'èisdeachd ann am beachd 
briag a dhianamh do'n Spiorad Naomh. ciod e an 
toil-inntinn nach toir e dhut do chridhe aotromachadh 
bho eallach a' pheacaidh ! Agus dè am fàsgadh agus an 
cnàmh-cogais nach 'eil na'n cleith. 

'An àm aideachaidh, ùmhlaich thu-fhèin, agus innis 
do pheacannan gu saor soilleir, gun an lughdachadh le 
leisgeulan, no le tilgeadh na coire air an atharrach ; 
dean làn-aideach air seòrsa agus air àireamh do pheac- 
annan maille ris na cùisean a tha 'g atharrachadh an 
nàduir no a' leasachadh gu mòr an coire. Biodh do 
bhriathran bèusach, agus, ma ghabhas e seachnadh dhut, 
na toir suas ainm duine sa bith a bha na 'aobhar- 
peacaidh dhut. 

Sedladh air faoisid. 

An uair a thèid thu stigh gu cathair na h-èisdeachd 
rach air do dhà ghlùn làmh-ri d' athair-faoisid ; cuir 
comharradh na crois' ort, agus abair : 'Athair, beannaich 
mi, oir pheacaich mi. An uair a gheabh thu 'bheann- 
achd, gabh an t-Aideachadh gu ruig le m' mhòr 
choire-fìiein. An sin abair : Tha (a^ leithid so a dh-ùinej 
bho'n a bha mi aig m' èisdeachd mu dheireadh 's fhuair 
(no cha d' fhuair) mi fuasgladh, 's ghabh (no cha do 
ghabh) mi Eiarachadh, 's bho'n àm sin tha mi ga m' 
dhiteadh 'an. . . . An uair a clh' aidicheas tu uile, gu 
saor, soilleir, agus le ùmhlachd, na peacannan a's cuimhne 
leat tuiteam annta bho d' èisdeachd mu dheireadh, 



I 



RANNSACHADH COGAIS. 141 

faodaidh tu 'ix dùnadh so 'chur air d'fhaoisid : * Air son 
nam peacannan so, 's gach peacaidh a rinn mi riabh, 
tha mi duilich bho ghrùnnd mo chridhe, 's ag cur 
romham nach peacaich mi tuille. Tha mi 'guidhe 
mathanais bho Dhia annta, 's breitheanais-aithrich \is 
fuasglaidh bhuaibhse, 'Athair-f haoisid.' Agus gabh a' 
chuid eile de'n Aideachadh — Air an aohhar sin, &c. 
Anns an Aideachadh 'an deaghaidh " na naoimh uile " 
theirear 's a' chiad chuid ' agus dhuihhse 'Athair/ agus 
anns an ath chuid 'agus oirhhse ^Athair.' 

'An sin èisd le suim 's le irisleachd ris gach seòladh 
'us comhairle a bheirear ort, gabh ri d' bhreitheanas- 
aithrich le ùmhlachd, ag cur romhad a chur 'an gniomh. 
A' faotainn fuasglaidh crom sìos do cheann, ùraich 
d'aithreachas air son do pheacannan uile, agus le fior- 
irisleachd iarr tròcair air Dia, 's gu'n deònaicheadh e 
mathanas a thoirt dhut air nèamh mar a tha 'n sagart 
a' toirt dhut air talamh. 

'An deaghaidh d' fhaoisid cuir do bhreitheanas- 
aithrich 'an gniomh 's an àm agus 's an àite a dh'iarrar 
ort. Uraich do rùn a h-uile peacadh a sheachnadh, 
agus na miadhonan iomchuidh h-uige sin a chleachdadh, 
le ceann-aobhair'us buaireadh a'pheacaidh a sheachnadh. 
Mar sin cuir thu-fhèin air rian do chaitheamh-beatha 
a leasachadh. 

Eannsachadh Cogais. 

Urnaigh romh rannsachadh cogais. 

OMO Dhia, a tha fianaiseach air smaointean 
diomhair mo chridhe, tha fìos agad gur h-ann 
gu leasachadh do ghlòire, agus sàbhaladh m'anma a 
tha mi 'tighinn a dh-aideach mo pheacannan. Tlia 
mi 'an geall air m' anam a ghlanadh bho smal a' 
pheacaidh le Sàcramaid naoimh na Taoisid, a 



142 RANNSACHADH COGAIS. 

dh' òrdaicli thu gu leas m' anma. mo Dhia, thoir 
dhomh còmhnadh do ghràs gus an dleasnas cud- 
thromach so a chur 'an gnìomh, ann an seòl 's gu'm 
faigh mi mathanas 'am pheacannan. mo Dhia, 
tha mi 'faicinn gu soilleir gu'n d'rinn mi iomadh 
èucoir 'ad aghaidh, a thoill do chorruich agus do 
dhiùghaltas; agus mur fhaigh mi mathanas annta, 
gu'n tèid mo thilgeadh à d'fhianais gu bràch. Tha 
mi nise ma-ta ro-dheònach air staid m' anma a 
rannsachadh, agus mo pheacannan fhaighinn a mach, 
leis an tric a thog mi d'fhearg. Ach, mo Dhia, 
cha dian mi ach mi-fhèin a mhealladh mur fhaigh 
mi soilleireachadh do ghràs. Air an aobhar sin cuir 
thusa 'n cuimhne dhomh gach ^peacadh agus èucoir 
anns am beil mi ciontach : chionn is math a tha fhios 
agam nach 'eil ni 'am falach no 'n dubhar ort. Ach 
tha mise fo dhuibhre 's fo cheò a' pheacaidh. Tha 
mi air mo chuairteachadh le aineolas, tha m' ana- 
miannan ga m' dhalladh, agus m' àrdan ag cur sgleò 
air gach èucoir; agus ged is lèir dhomh cuid de m' 
lochdan, tha roinn mhòr de m' pheacannan 'am 
falach air sùilean m' anma. Ach, mo Dhia, thoir 
thusa iad sin 'am follais dhomh; dèarrsadh solus do 
ghràs air m'anam, los gu'm faic mi gu soilleir gach 
èucoir a rinn mi, agus gach giomh 'us fàillinn a tha 
fuaighte rium; agus na biodh dad air bith 'am falach 
orm a dh'fhaodas a bhi na 'aobhar-ditidh dhomh. 
Spioraid JSTaoimh, sgap thusa an ceò a tha ga m' 
chur iomrall ; fìach dhomh mo neoineachd, mo 
shuaraiche, mo bhochdainn, agus gràinealachd mo 
pheacannan, los gu'm faigh mi eòlas orm-fhèin 



CLAR-INNSE PHEACANNAN. 143 

agus ortsa, mo Dliia; agus gu'n till mi riut le cridlie 
aithreachail agus brònach, leis an toill mi fathamas 
agus tròcair a bheir mathanas dhomh 'am pheac- 
annan. 

mo Dhia, leis nach àill bàs a' pheacaich, ach 
gu'm bi e beò, dian rèite rium air an lath' an diugh. 
Thoir misneach dhomh, dian mo neartachadh, mo 
chuideachadh, agus mo chòmhnadh. Thoir bhuam 
spiorad an àrdain, los gu'n aidich mi mo pheacannan 
gu saor agus gu soilleir, le cridhe iriseal agus brùite. 
mo Dhia, thoir rùn làidir dhomh am peacadh agus 
ceann-aobhair a' pheacaidh a sheachnadh à so suas, 
air sgàth do Mhic losa Crìosta. Amen. 

CLAR-INNSE PHEACANNAN. 

I. Tj^HAII^rTE. Tha cion Creidimh, Dòchais, 
Jj Gràidh, agus Cràbhaidh, a' bristeadh air an 
fhàinte so. 

1. Cion Greidimh. An robh ciad phuingean do 
chreidimh — mar a tha rùn dìomhair na Trianaid', 
fàintean Dhè, 's na h-Eaglaise, agus na Seachd 
Sàcramaidean, 'an aineol ort ? An do chuir thu 'an 
teagamh, no 'n d' àicheidh thu puing sa bith de d' 
chreideamh ? An d' aontaich thu le eiricich, no le 
droch chuideachda na^n labhairt 'an aghaidh do 
chreidimh, no dheagh-bhèusan ? An do lèugh thu 
leabhraichean eiriceach le tlachd no cunuart do 
d' anam? An d' rinn thu diù, no 'n d' thug thu tàire do 
rudan naomh "? An robh thu 'rannsachadh rìiintean 
diomhair Dhè, agus a' fìachainn ri'n tuigsinn le tìir 
nàduir 1 An d' iarr thu eòlas no lei^^heas air draoidh- 



144 CLAR-INNSE PHEACANNAN. 

ean no bana-bhuidsicliean ? An robli tlin 'cnr 
seadh brtìge air facal Dhè, no ga 'thoirt a stigh ann 
an seòl faoin, no mar ghèire facail? An robh thu 
'toirt creideis do bhruadair no do dh'aisHng cadail, 
agus ga 'bhreithneachadh ì 

2. Cion Dòchais. An robh thu 'toirt gèill do ghràs- 
an Dh6, no 'call do dhùile ri tròcair, 's ri mathanas do 
pheacannan'? An robh thu 'gabhail dànadais air 
niathas Dhè, le 'bhi 'dol air d'aghart ann an droch- 
bheart, no 'cur dàil' anns an aithreachas ì An robh 
thu 'gabhail urad dhànadais as do neart fhèin, no 4 
grasan Dhè, 's gu'n do chuir thu thu-fhèin ann an 
cunnart peacaidh, le dol 'an droch chuideachda, no 
'lèughadh dhroch leabhraichean, no 'dianamh rud 
sa bith eile a thigeadh gu dolaidh cuirp no anma 
dhut? 

3. Cion Graidh. An robh thu 'toirt gaoil do Dhia 
os cionn gach nì, no, an d'thug mòrchuis no àrdan 
ort an lagh a bhristeadh, a roghainn air tàire no 
masladh f hulang bho dhaoine, no thu-fhèin a chomh- 
arrachadh a mach mar ChaitHceach ? An d' thug 
saidealtas, nàire, no cabhag shaoghalta ort d' iirnaigh, 
no dleasnas sa bith eile fhàgail'? An robh thii 
dìochuimhneach air Dia, no neo-aontach d'a ghràsan? 
An robh sgàth ort labhairt mu Dhia, no an robh 
thu mi-thaingeil dha air son a ghràsan, agus a 
thìodhlaicean dhut] 

4. Cion Cmhhaidh. An robh thu 'lùbadh do ghliin 
gu tric do Dhia, gu h-àraidh much agus anmuch'? 
An robh thu 'gabhail d'ùrnaigh le suim agus le 
dùrachd, no 'n robh thu 'leigeil le smaointean eile 



CLAR-INNSE PHEAOANNAN. l45 

drùghadh a stigh ort le d' dheòin ì An d' thug thu 
as-onair do Dhia, no sgainneil do 'n atharrach le 
kiasgan, bruaidlein, no cadal, 'an àni na h-ùrnaigh ? 
An robh thu 'cin^ dhìot bho latha gu latha sgur de'n 
olc, agus tòiseachadh ris a' mhath ì 

II. Fàinte. — Am beil e na 'chleachdadh agad a 
bhi 'toirt ainm Dhè an diamhanas ì Dè cho tric ? 
Am bi thu ri mionnan brèige no obainn? An 
d' thug thu mionnan-eithich, a dh' fhaodadh dolaidh 
a dhianamh air an atharrach, a thuilleadh air peacadh 
'an aghaidh Dhè'? An d' thug thu do mhollachd air 
neach sa bith, no 'n d' rinn thu guidhe dhut fhein? 
An do ghabh thu tlachd ann am mionnan an 
atharraich ì An do bhrosnaich thu e gu'n ionnsaidh? 
An d' thug thu bòid nach robh ceart, no a bha e 
fos cionn do chomais a coimhlionadh ; no ma bha i 
ceart, an do bhrist thu i, no 'n robh thu fadalach ga 
'cur 'an gniomh ì 

III. Fainte. — An do bhrist thu air an Dònach, 
no air Làithean-fèille ? An d' rinn thu-fhèin, no 
an do leig thu le h-aon sa bith fo d' rian, am 
bristeadh le seirbhis mhi-riatanaich sa bith a 
dhianamh air na làithean sin ì An d' èisd thu 'n 
aifrionn, an d' thug thu 'n aire gu math do 'n 
teagasg, do chràbhadh, 's do leabhraichean diadhaidh ì 

IV. Fainte. — Mar urra-chloinne — An d' thug 
thu tàire no as-onoir do d' phàrantan le briathran no 
le dianadas ? An do dhiùlt thu iad, no 'n d' rinn 
thu diù de 'n comhairle? An robh thu leisg, 
diorrasach dhaibh, no coma iimpa? An do dhùraig 
thu olc sa bith èirigh dhaibhl An do ghabh thu gu 

10 



146 CLAR-INNSE PnEACANNAN. 

h-olc achasan bhuapa ? An d' rinn thu olc sa bith 
air an iarrtas ] An do thog thu gu f eirg iad ? 

2. Mar pharanta — An robh thu mì-fhreasdalach 
air do chuid cloinne a thaobh anma no cuirp ? Mi- 
chùramach mu'n ùrnaigh 's an dleasnas Criostail 
ionnsachadh dhaibh an uair a bha iad òg ? A' 
faicinn gu'n robh iad gu riaghailteach a' dol do'n 
aifrinn, agus do'n sgoil, agus a' seachnadh droch- 
chuideachda *? A' toirt achasain dhaibh agus ga'n 
smachdachadh an uair a rachadh iad as an rathad ? 
]N"o ga'n cronachadh le feirg ? JSTo a' leigeil leotha a 
bhi 'ruith air an toil f hèin le beadradh, ga 'm moladh, 
no brosgul riutha? A' toirt droch-shamhlaidh 
dhaibh le misg, le mionnan, no le droch-sheanchas. 

3. Mar sheirhhisGach — An do dhiùlt thu gnothach 
sa bith a dhianamh a dh' iarr do mhaighistir, no do 
bhana-mhaighstir ort? An do chuni thu, no 'n 
d' thug thu seachad, no 'n do leig thu le feadhainn 
eile, dad a bhuineadh do d' mhaighistir no do d' 
bhana-mhaighistir *? An robh thu mi-dhùrachdach, 
no mi-dhileas ann an gnothuch sa bith a bha 'n 
earbsa riut? An do leig thu call sa bith na'n 
rathad ? An robh cion dichill ort ag cur air aghart 
gach ni a thigeadh gu fèum dhaibh ì 

4. Mar mhaighistir — An robh thu cùramach 'us 
faicilleach mu ghiùlan agus mu chaitheamh-beatha 
do sheirbhiseach, a' toirt comhairle gu'n leas orra, 
agus ga'n cronachadh an uair 'bu chòir ? An robh 
thu toirt orra an iirnaigh ghabhail, an aifrionn 
èisdeachd, agus na sàcramaidean a chleachdadh'? An 
robh thu 'dianamh dià dhiubh, a' sealltainn sios 



CLAR-INNSE PHEACANITAN. 147 

orra, a' toirt tàire dhaibh, a' trod riutha gun rèusan ì 
An robh thu diùlt an tuarasdal a phàidheadh, no an 
robh thu 'cur dàlach ann ? 

Y. Fainte. — An robh thu ciontach ann am murt, 
no'n dòrtadh fala neochiontaich ? An d' rinn thu 
ciorram, na dochann, air an atharrach ? An do 
bhuail, no an do chiùrr thu e 1 An robh goimh no 
farmad, diùmb no gamhlas, agad ris ? An do throd 
thu ris*? An d' thug thu bèum, no sglamhrainn 
dha ì An d' rinn thu olc, no diùghaltas air, no' n 
robh an toil agad ì An do dhiùlt thu mathanas a 
thoirt seachad ì An do chum thu fearg ris ? An 
robh thu f uar, coimheach ris, a' seachnadh bruidhinn 
a dhianamh ris, no fàilte a chur air. An d'thug 
thu sgainneal seachad, 's e sin peacadh a dhianamh 
'an làthair feadhnach eile ì Agus is leasachadh air 
do pheacadh, ma 's ann gu feadhainn eile a bhros- 
nachadh gu peacadh a thug thu seachad sgainneal. 
Ag èigneachadh, ag comhairleachadh, no ag cuideach- 
adh an atharraich gu peacadh a dhianamh? A' 
toirt dlona, no ri cùl-taice do dhroch dhaoine, no 
'dol eadar iad 's ceartas ? An d' thug saidealtas no 
eisimeil ort gan chasg a chur air peacadh an 
atharraich, 's e na d' chomas, le comhairle 'thoirt 
air, no le innse dh' a uachdaran dligheach *? An 
d' thug thu eòlas do'n atharrach air a' pheacadh nach 
b'aithne' dha? An ];obh thu 'moladh an uilc, no 
na feadhnach a bhios ris an olc ì An d' rinn thu 
uaill as an olc a rinn thu-fhèin ì An do dhiìilt thu 
dèirce do na bochdan, no 'n robh thu neo-fhuasglach 
air daoine feumach ì 



148 CLAR-INNSE PHEACANNAN. 

VI. Faintb. — Leis an teangaidh — An do labhair 
thu cainnt dhìibailte as an tuigear seadh neòghlan*? 
An robh thu ri draosdachd no drabasdachd? An robh 
thu ri seanchas salach ? No an d' aithris thu eachd- 
raidh nihì-bhèusach ? An d' thug thu comhairle, 
seòladh, no brosnachadh gu mi-gheimneachd ? 

2. Leis an t-sùil — An do choinihead thu air rudan 
a dh'fhaodadh smaointean neòghlan a thogail dhut, 
mar a tha dealbhannan mì-bhèusach, no ort-fhèin, 
no air neach eile, ann an seòl mi-àraid ? An robh 
thu 'lèughadh leabhraichean mi-shuairce ì 

3. Leis d chluais — An d' èisd thu ri cainnt 
shalaich, ri draosdachd no ri drabasdachd, no ri 
eachdraidh mhosaich ? An do ghabh thu tlachd na 
leithid sin de sheanchas, no an do leig thu air 'aghart 
e 's e 'ad chomas a bhacail, no an uair nach robh e 'ad 
chomas, an d^ fhuirich thu 's an droch-chuideachda ì 

4. Le laimhseachadh — An robh thu 'beantainn 
dhut-fhèin no do dh'fheadhainn eile ann an seòl 
mì-àraid ? A' breith air boirionnaich, ga'n laimh- 
seachadh, no ga 'm pògadh 'an dòigh mhi-bhèusaich ? 

5. Le smaointean — An do stad thu a d' dheòin air 
smaointean salach ? An do ghabh thu tlachd annta ? 
An d' thug thu aonta dhaibh? An do chuir thu 
romhad an cur 'an gniomh ? 

6. Le gnìomh — An robh thu ciontach ann an 
diolanas, 'an adhaltras, no 'am peacadh 'an aghaidh 
nàduir ? — (Ma's maighdeani], no bana-charaid a thug 
thu as an rathad is miadachadh air do pheacadh e ; 
is leasachadh cuideachd air, ma bha èiginn, cruaidh- 
impidh, no gealltannas-brèige 's a' chùis). 



FAINTEAN NA H-EAGLAIS. 149 

VII. Fainte. — An robh thu ciontach 'an goid? An 
robh thu cumail cuid an atharraich bhuaithe ge b' oil 
leis, no dh' aindeoin? An do dhiùlt thu d'fhiachan a 
phàidheadh, an robh thu cur dàlach annta no ga 'n 
àicheadh ì An robh thu ri cuir, no ri mealltaireachd 
'an àm bargain ì An d' rinn thu call sa bith air an 
atharrach, no an do mhìll thu a chuid ? An d' thug 
thu seachad droch airgead, no an do chùinn thu e ì 

YIII. Eainte. — An do thog thu fìanais-bhrèige 'n 
aghaidh do choimhearsnaich'? An robh thu ri briagan, 
no ga'n dìon ì An do chuir thu fotha an neo-chiont- 
ach ì An d' thug thu 'n ciontach 'an uachdar ? An 
robh thu ciontach 'an ciilchainnt, no 'an dubharach- 
adh cliù an atharraich ì An d' rinn thu follaiseach a 
pheacannan no 'fhàillinnean dìomhair? An robh 
thu 'falbh le naidheachdan, agus le sin a' togail 
aimhreit eadar theaghlaichean *? An robh thu 
ciontach 'an ceilg, no 'an gabhail coltais dhiadhaidh 
ort-fhèin bho 'n leth-amach ì 

IX. Fainte. — An do shanntaich thu bean do 
choimhearsnaich ì (Faic an VI. Fàinte), 

X. Fainte. — An do shanntaich thu rud sa bith a 
bhuineadh do'n atharrach'? (Faic an VII, Fainie). 

FAINTEAN NA H-EAGLAIS. 

1. An d' èisd thu 'n aifrionn air gach Dònach, 's 
air gach Latha-fèille It An d'rinn thu obair- 
shaoghalta gun èiginn, no gun òrdugh ? 

2. An do thraisg thu 'n Carghus agus làithean 
eile 'bh' air an òrdachadh ? An do sheachainn thu 
feòil air Dihaoine, 's air na làithean eile nach 
robh e òrdaichte a h-iche ? 



150 NA SEACHD PEACANNAN BAIS. 

3. An d'rinn thu deagh-fhaoisid aon nair 's a' 
bhliadlma, an car a's lagha ì 

4. An do ghabh thu Corp-Chriosta aon nair 's a' 
bhliadhna, an car a's lagha, 's gu h-àraid 'an àni na 
càsga ! 

5. An do phàidh thu an deachamh do d' phears'- 
eaglais ì 

6. An do phòs thu le bainis 's a' Charghus, no 's 
an Aidbhen, no 'an taobh-stigh de'n cheathramh 
cèum càirdis ì 

Na sbachd Peacannan Bais. 

I. Uabhar. An do ghabh thu tlachd asad- 
fh^in, na as do bhuaidhean, a thaobh cuirp no 
anma? An robh thu 'cur bòsd asad-fhèin, as do 
ghliocas, à d'fhaoghlum, as do spionnadh, as do 
chuid, no as do chàirdean 1 An robh barail mhòr 
agad ort-fhèin ? No an robh thu 'toirt ionnsaidh air 
gnothaichean mòra a bha f os cionn do neart ì An 
robh do bharail mhòr ort-fhèin ga d'dhianamh 
cruaidh, magail, tàireil, air feadhainn eile? An 
deachaidh d' àrdan cho fad' agus neopris a dhianamh 
air an fheadhainn a bha os do chionn, no monmhur 
na'n aghaidh no 'bhi asumhail dhaibh? Gun a bhi 
'gabhail ri d' choire, no ga d' dhìon fèin le leisgeulan- 
faoine no briagach ì Ag cur suarach an seòlaidh, agus 
an achasain ? Dìan, dìorrasach, 'ad bheachd fhein ? 
Mi-thaingeil do Dhia air son a thiodhlaicean dhut ? 

II. Sannt. An robh thu 'g òrdachadh agad-fhèin 
rud sa bith de chuid an atharraich? (Faio an 
seachdamh Fainte,) 



NA SEACHD PEACANNAN BAIS. 151 

IIT. Dkuis. (Ohunnacas so air an t-siathamh 
Fainte.) 

IV. Craos. An robli thn air mliisg'? An do 
chuir thu feadhainn eile air mhisg ? An do ghabh 
thu tuilleadh 's a' chòir de bhiadh, no le tuilleadh 
's a' chòir de ghionach 1 

Y. Leisg. An d'thug leisg ort dearmad a 
dhianamh air d' ùrnaigh much no anmuch? An 
d' thug leisg ort dleasnas sa bith eile a dhìochuimhn 
neachadh, no 'fhàgail gun dianamh'? An robh 
thu trom, neoshunntach, marbhanta, fadalach, ri 
gnothach sa bith a bhuineadh do d' staid ? 

YI. Farmad. An robh thu 'gabhail bròin, no 
dorrain a chionn gu'n robh an t-atharrach na 
b'fhèarr buaidhean, na bu mhutha cuid, no 
na b'fhèarr dòigh, na thu-fhèin? Am bu mhath 
leat a chall? An robh droch-dhùrachd agad 
dha? 

YII. Fearg. An do las thu suas ann an 
corruich, no'm feirg, ris an atharrach? An do 
leig thu mach d' anntlachd le mionnan, maoidh- 
eadh, smàdadh, càineadh, magadh, no diiigh- 
altas ? An do chum thu 'n f hearg ann ad chridhe ? 
An robh thu mì-fhaighidneach fo chroisean, fo 
anshocair, 's fo easlaintean ^? 

An so tha e ri thoirt fonear, nach e am peacadb a mhàin 
a thari 'aideach, ach a bhàrr air sin, gu'm beil a' cho 
huthad uair 's a thuit thu anns gach peacadh ri ìnnse. Tha 
seòrsa, àireamh, 'us cùisean-miadachaidh a' pheacaidh ann an 
seòl comharraichte, ri thoirt fosn-àird; agus ma thug thu 
air falbh cuid no chù an atharraich, fèumaidh tu a chur 
air ais. 



152 URNAIGH ROMH EISDEAOHD. 

Urnaigh air son aitTireachais, 

OTHIGHEAEN"A, is aobhar mulaid 'us bròin 
dhomh an sealladh a thug thu dhomh air mo 
pheacannan. Tha iad trcm, lionmhor, gràineil. Och, 
is ioma dòigh air 'na thoill mi d' fhearg, agus do 
chorruich! Tha 'fhios agam gu'n èirich iad suas gus 
mo dhiteadh aig uair mo bhàis, mur glan mi bhuam 
iad an dràsda le fior aithreachas. Ach, mo Dhia, 
's ann bho d' làimh fhialaidh, thobhairtich-sa a tha 
dùil agam ris na gràsan sin fhaotainn. Mur gluais 
thusa mo chridhe le fior bhròn air son mo chiontan, 
bithidh mo shaothair-sa diamhain, agus bithidh mi 
truagh gu bràch. Och, chuir mi suarach do mhathas ! 
Einn mi diochuimhne air do chaoimhneas, mhi- 
bhuilich mi do ghràsan, agus bha mi neo-thaingeil 
air son gach tròcair a rinn thu orm! Is iomadh 
anam a tha 'n diugh a' losgadh ann an lasraichean 
iutharna air son na's lagha 'pheacannan na a rinn 
mise'? Ach gabh truas rium. Is mòr d'fhathamas 
rium an uair a thug thu rathad dhomh gutilleadh riut, 
agus mo shith a dhianamh suas riut. So an rud a 
tha 'toirt misnich dhomh, mo Dhia, beannaichte 
gu'n robh d' ainm gu bràch. mo Dhia, na agair 
orm peacannan nan làithean a chaidh seachad. 
Thoir làn-mhathanas dhomh annta, le fior-aithreachas 
a thoirt dhomh ; air chor 's gu'm bi mi aon uair eile 
air mo chùnntadh 'am measg do sheirbhiseach. 
Thusa, Dhia, a chruthaich an saoghal le facal do 
chumhachd, cruthaich cridhe glan 'am chom. 
Thighearna losa, seall orm le bàigh. Lion m' anam 



URNAIGH ROMH EISDEACHD. 153 

le bròn spioradail, 'us le fuatli agus gràin air mo 
plieacannan. A so siias le còmhnadh do ghràs, bheir 
mi gaol dhut 'os cionn gach ni ; bithidh mi dìan, 
dileas, ann ad sheirbhis. Bithidh aoibhneas ann am 
flathanas air son aon pheacaich a ni peanas. 
Athair na tròcaire, deònaich gu'm bi m'aithreachas 
cho trom agus cho flrinneach, 's gu'n toir e sòlas do 
chùirt fhlathanais. Air cridhe bruite, a Thighearna, 
cha dian thu tàire. Thighearna, dian tròcair 
orm, a thaobh 's gur peacach truagh mi. Air sgàth 
bàs dòruinneach mo Shlànair losa Crìosta, dian 
tròcair orm. 

Urnaigli a dKfhaodar a ràdh tric romh èisdeachd. 

'TOSA, thoir mo pheacannan gu m' chuimhne. 
X 'losa, thoir dhomh gràsan an aithreachais, 

'losa, thoir dhomh gràsan na h-ùmhlachd. 

'losa, thoir dhomh gràsan na h-irisleachd gu mi- 
fhèin a dhiteadh aig cathair-na-Faoisid, los nach tèid 
mo dhiteadh aig cathair-a'-bhreitheanais. 

'losa, thoir neart 'us misneach dhomh, ann an 
dòigh 's nach toir an t-àrdan orm peacadh sa bith a 
chleith. Is fhasa dhomh dol fo nàire car tamuill 
bhig, na m' anam a chur ann an cunnart dol gu 
dòruinn shiorruidh. 

'losa, tha mi 'cur romham, le còmhnadh do ghràs, 
mo pheacannan aideach cho saor, agus cho soilleir, 
's ge b'i so uair mo bhàis. 

'losa, gabh truas rium. 

'losa, dian tròcair orm. 

Is aobhar nàire agus bròin am peacadh ; ach is 



154 URNAIGH AN DEIGH NA H-EISDEACHD. 

aobliar aighir 'us sòlais do dh-ainglean Dhè, gu'm 
biodh e air a nigheadh air falbh ann an tobar na 
Faoisid. m'anam, biodh aoibhneas ort; tha 
Dia toileach air rèite 'dhianamh riut : glac a làmh 
thròcaireach, tha i sinte 'mach gu rèite 'dhianamh 
suas riut : na diùlt a mhathas. mo Dhia, air 
sgàth Chrlosta, thoir dhomh fior-aithreachas air son 
mo pheacannan, agus thoir air ais dhomh mo chòir 
air flathanas ; agus na leig m' anam gu bàs siorruidh. 

URNAIGH AN DEIGH NA H-EISDEACHD. 

ADHIA na tròcaire, tha mi 'toirt molaidh dhut, 
agus cliii, air son gu'n d' thug thu dhìom 
eallach throm mo pheacannan. Le cridhe iriseal 
gun cheilg, dh'aidich mi do m' Athair-faoisid a h-uile 
peacadh air am b'urrainn dhomh cuimhneachadh. 
Deònaichgu'mbi an fhaoisid so taitneach'ad shiiilean. 
Thoir làn-mhathanas dhomh anns gach peacadh a 
chuimhnich, agus nach do chuimhnich mi aideach. 
Tkighearna, thugas dhomh a bhi na's cùramaiche, 
agus na's dichioUaiche à so suas, ann ad sheirbhis, 
agus ctil a chur ris gach leannan-peacaidh a tha 
fuaighte rium, 's mi nis a 'toirt fuath agus gràin mo 
chridhe dhaibh. Le d' chòmhnadh, Thighearna, 
cha dian mi peacadh tuille, a thoilleas d' fhearg, 
'fhad 's is beò mi. Shlànair, neartaich mi 'an 
aghaidh nam buairidhnean a's mutha a tha 'cur a 
dhiachainn orm. (Ainmich ^an so riut-fhèin iad.) 
Thugas dhomh a h-uile cunnart agus ceann-aobhaii 
peacaidh a sheachnadh gu cùramach à so suas. 
mo Dhia, seall, tha gach f àillinn a's coirbte a thàinig 



GEALLADH N. FRANSL 155 

a nuas orm bho Adhamh air an tromachadh agus air 
an daingneachadh le m' dhroch dhianadas fhèin. 
Ach a nise le còmhnadh do ghràs, tha nii 'cur 
roniham nach bi mi ciontach am feasd ann am 
peacadh-bàis. ISTi mi dìchioll air gach giomh agus 
fàillinn a tha annam a leigheas, agus gach ni 'dhian- 
amh gu barrachd glòire dhutsa. losa, beann- 
aich mo thoil mhath agus mo dhùrachd. mo 
Dhia thugas dhomh mo chogais a rannsachadh gu 
mean agus gu dichiollach a h-uil' oidhche ; agus 
toiseach mo ghnìomhannan a thoirt dhutsa a^ h-uile 
madainn, air chor's gu'm bi 'chuid eile de 'n latha 
air a bhuiJeachadh gu d' ghlòir. mo Dhia, thugas 
dhomh mo bhreitheanas-aithrich a chuimhneachadh, 
agus a chur 'an gnìomh le spiorad na h-ùmhlachd 
agus an aithreachais. Thugas dhomh a h-uile latha 
'bhi 'gabhail am barrachd saothrach orm-fhèin, gu 
fàs na's diadhaidh agus na's fhèarr; air chor 's gu'n 
ruig mi mar sin air làn-mhathanas 'am pheacannan, 
air coimhlionachd caithimh-bheatha, agus air duais 
shiorruidh anns an ath-shaoghal. Tromh losa 
Criosta ar Tighearna. Amen. 

GEALLADH N. FRANSL 

^S e conihairle Naomh Fransi de Sàles do neacli a 
ni èisdeachd, gu'n tugadh e an gealladh laidir so do 
Dhia a hhi dìleas dha tuille : — 

AIR mo ghlùn 'am fìanais an Dè shiorruidh, agus 
uile chùirt fhlathanais, tha mise, A. a' faicinn 
a' mhiad 's a dh' fhiach thu, 'Athair na h-iochd, de 
thròcair dhomh, crèutair bochd gun diù, ga m' 



156 GEALLADH N. FRANSI. 

chruthachadh à neoni, ga m' ghleidheadh, ga m' 
àrach, ga m' thiarnadh bho ioma cunnart, agus a' 
buileachadh a' cho liuthad tiodhlaic orm : ach gu 
sònraichte tha mi 'faicinn cho iochdmhor, 's cho 
bàigheil 's a chuir thu, 'Dhia ghràsoir, suas ri m' 
pheacaunan ; gu tric ag iarraidh orm tilleadh, agus 
deagh-bhèusan a leanail ; agus gus an latha an 
diugh a' feitheamh, gu ro-fhaighidneach, ri m' 
aithreachas, agus ri m' thionndadh bho gach èucoir 
a rinn mi ort, agus bho m' mhi-thaingealachd 'am 
mhi-dhlea^nachd, 's 'am mhi-dhligheachd, leis an 
robh mi 'cur dàil' anns an aithreachas, agus a' 
dianamh neophris de d' ghràsan. Tha mi 'faicinn 
mar an ciadna, ged a chaidh mo naomhachadh, agus 
mo chomharrachadh a mach do Dhia mar urra- 
chloinne aig tobar a' bhaistidh, gu 'n do bhrist mi 
air na bòidean sin le 'bhi gu nàr, agus gu maslach, 
a' milleadh agus a' truailleadh buaidhean m' anma, 
agus cèudan mo choluinne, le peacachadh 'an aghaidh 
mo Dhè phrìseil : ach tha mi nis a' tilleadh rium- 
fhèin, agus a' tuiteam, le cridhe iriosal, brùite, air 
bialaobh cathair-cheartais mo Dhè ; tha mi 'thuill- 
eadh air sin, ag aideach, ag innseadh, agus ag aithris 
gu'n do pheacaich mi gu trom 'an aghaidh mo Dhè 
uile-chumhachdaich ; agus gu'm beil mi ciontach 
ann am pàis agus 'am bàs losa Chrìosta air a' chrois, 
le m' pheacannan a choisinn dhàsan am bàs agus 
an dòruinn sin, agus a thoill dhòmhsa mo thilgeadh 
air chùl, agus mo dhiteadh gu siorruidh. 

Ach a' tionndadh ri cathair mo Dhè a's mutha 
tròcair, le cridhe aithreachail agus goirt air son 



GEALLADH N. FRANSI. 157 

peacannan mo bheatha uile, tha mi 'sireadh gu 
h-iriosal mathanais, 'us ghràsan, agus tròcaire, à 
uchd pàis agus bàs Slànair agus Fear-saoraidh m' 
annia. Air a' bhun so mar aon stèidh mc dhòchais, 
tha mi 'g ùrachadh agus a' daingneachadh nam bòid 
a thugadh, as mo leth, aig tobar a' bhaistidh : ciil a 
chur ris an deomhan, ris an t-saoghal, agus ris an 
fheòil : agus ag oillteachadh romh chaochladh 
hiipidh, romh bhuaireadh an aibhistir, 's romh 
chealgaireachd an t-saoghail, a nis agus a chaoidh. 
Agus a' tionndadh ri m' Dhia a's mutha iochd 
agus tròcair, 's e m' aigne, mo mhiann, agus mo 
dhùrachd à so suas, a sheirbhis a dhianamh, agus 
gaol nach diobair a bhos no thall, a thoirt dha. 
Agus anns a' bheachd sin tha mi 'toirt seachad 
dha mo spioraid le 'uile bhuaidhean, m' anma le 
'uile chumhachdan, mo chridhe le 'uile rùintean, 
mo choluinne le 'cèudan air fad, ag gealltainn nach 
millear ball dhiom tuille le olc a dhianamh 'an 
aghaidh toil an Dè mhòir, d'am beil mi ga m' 
thoirt fhein seachad bho m' chridhe ; agus ag 
gealltainn a bhi dleasnach, umhal, dìleas dha, gun 
tarrainn air m' ais, gun mhùthadh beachd, gun 
chaochladh ìnntinn. 

Ach, mo thruaighe ! ma bheir buaireadh an 
nàmhaid, no laigse mo nàduir, orm gèilleadh do 
pheacadh air bith a bhios 'an aghaidh m' aigne, 
agus mo dhiirachd an dràsda, tha mi 'gealltainn agus 
a' cur romham, le còmhnadh an Spioraid Naoimh, 
gu'n grad-èirich mi, cho luath agus a mhuthaicheas 
mi mo choire ; agus gu'n till mi as iir gu cathair na 



158 OOMANACHADH. 

tròcaire, gun mlioille, gnn dàil air bith. 'S e so mo 
thoi], mo bheaclid, agus mo dhùraclid, a tha mi ag 
ceangal, agus a' daingneachadh, gun saobhadh, gun 
atharrachadh, ann an làthair Dhè agus 'am fianais 
na h-Eaglais uile, a tha 'an glòir air nèamh, agus 'an 
cath air talamh ; a tlia na 'màthair dhomh, agus ag 
cluinntinn mo gheallaidh, ann am pearsa a fìr-mhuinn- 
tir, ris an d' rinn mi m' aideach. 

Gu'm b'e do thoil, Dhia shiorruidh nan uile 
ghràs, 'Athair, a Mhic, agus a Spioraid N'aoimh, 
am beachd so 'dhaingneachadh annam agus a ghabh- 
ail mar iobart chùbhraidh mo chridhe. Agus bho'n 
a thug thu an toil dhomh thun a ghnìomha so deòn- 
aich dhomh neart agus càil do ghràs gus a choinih- 
lionadh. mo Dhia, is tusa mo Dhia-sa, Dia mo 
chridhe, Dia m'anma, Dia mo spioraid. Is amhuil 
sin tha mi 'gèiUeadh 's a' toirt aoraidh dhut, a nise 
's gu siorruidh. Amen. 



COMAJ^ACHADH. 

TEAGASG AIR COMANACHADH. 

" Dear'b'hadh duine e-fhèin ; " arsa E"aomh Pòl (1 
Cor. xi. 28.) agus an sin icheadh e de ^n aran so : 
's e sin sealladh duine air staid a chogaise fhèin, 
agus ma chi e peacadh sa bith air 'anam, nigheadh 
e bhuaithe e le deòir an aithreachais, agus le deagh 
fhaoisid ; " Oir co sa bith a dh' icheas 's a dh' òlas 
gu mi-iomchuidh, tha e g-ithe 's a 'g òl dltidh dha 
fhein, le cion aire a thoirt do chorp an Tighearna ". 

An neach a tha 'dol a ghabhail Comaine 



OOMANACHADH. 159 

fèumaidh e a blii na 'thrasgadh bho mhiadhon- 
oidhche. 

Cha'n fhuilear dha cuideachd e-fhèin uidheamach- 
adh air son an aoidh mhòir a tha 'dol a thighinn a 
dh-ionnsaidh 'anma : neach nach lagha na losa 
Crìosta, Mac an Dè bheò ; tha e 'tighinn eadar 
Dhiadhachd agus Dhaondachd, Ehuil agus Fhcòil, 
Anam agus Chorp, gu còmhnuidh a ghabhail na 
'anam, agus gu fuireach ann, ga 'dhion, ga 'bheath- 
achadh, ga 'àrach, gus an tog e suas e air an latha mu 
dheireadh do fhlathanas a rèir 's mar thuirt e. Gus 
an t-uidheamachadh so a dhianamh mar a's còir, tha 
na gnìomhannan cràbhaidh so a leanas, no 'n leithid- 
ean eile, ri chur 'an cèill le mòran saothrach agus 
dtirachd. 

GNIOMHANNAN ROMH CHOMANACHADH. 

GniomJi Creidimh, 

THA thusa, a Dhia, a chruthaich nèamh agus 
talamh a' dol a thighinn gu m' ionnsaidh. 
nach mi 'bhios sona le 'bhi ann an cuideachda mo 
Shlànair 1 Co b'urrainn a' mhiorailte so a chreid- 
sinn, mur biodh còmhdach soilleir air bho d' bhriath- 
ran firinneach fhèin. Tha mi 'creidsinn, a Thigh- 
earna, gur tusa-fhein a tha mi 'dol a ghlacail anns 
an t-Sàcramaid naoimh so. Thusa-fhèin a rugadh 
le Moire Oigh agus a dhòirt d' fhuil phrìseil air a' 
chrois gu m' shàbhaladh, Tha thu 'cur sgàth- 
lainn air do ghlòir, agus a' falach orm do ghnùis' 
àluinne, fo riochd iimhlaidh air an altair. Ach gu 
teann tha mi 'creidsinn gu'm beil do Chohiinn 



1 60 COMANAOHADH. 

naoinh, d' Fhiiil phrìseil, d'Anam glòrmhor, maille 
ri d'Phearsa dhiadhaidh, anns aa t-Sàcramaid 
bheannaichte so. Is fhada 'ghabh e bhuam gèill- 
eadh do m'chèudan-corporra, 'an aghaidh briathran 
firinneach mo Thighearna agus mo Dhia. Ag no 
teagamh cha chuir mi ann am facal uile-chumhachd- 
ach mo Dhè. mo Dhia, le còmhnadh do ghràs, 
cha toir bàs no beatha orm an fhìrinn so a theagaisg 
thu, àicheadh ; no a' phuing so de ni' chreideamh 's 
de m' aidmheil a leigeil dhiom gu bràch. 

Gnìomli Urahlacìid, 

Co mise, a Dhia a's mutha glòir agus cumhachd 1 
'So ciamar a's fhiach leat sùil a thoirt orm ? Còir 
sa bith cha'n 'eil agam air meas no urram, mo 
Thighearna Dia. Is peacach truagh mi; is cnuimh- 
eag dhiblidh mi; is suaraiche mi na an neoini fhèin. 
Agus ciamar a thig mi 'an làthair an Ti sin a tha 
uile-naomh^ Ciamar a dh' icheas mi aran nan aingeal'? 
Am bi mise air mo bheathaohadh le lòn diadhaidh ] 
Cha robh 's cha bhi mise, a Thighearna, toillteanach 
air meas cho mòr. Is truagh nach b' urrainn dhomh 
mi-fhein iimhlachadh air son do ghlòire, cho fada 's a 
dh' islich thusa thu-fhèin air mo shon-sa anns ant-Sàc- 
ram.aid naoimh so. losa, a Eigh nan aingeal, 
agus a Thighearna air nèamh 's air talamh, le uile 
ùmhlachd mo chridhe tha mi ga m' striochdadh 
fhèin 'ad làthair, agus ag aideach mo neoineachd. 
Agus cha ghabhainn an dànadas orm-fhèin tighinn 
gu cuirm cho urramach, mur h-abradh tu-fhèin, 
" Mur ìcli sibh feòil Mhic an duine, agus mur òl 



COMANACHADH. 161 

sibh fhiiil, cha bhi 'bheatha agaibh unnaibh"; agus, 
" An neach a dh' icheas an t-aran so bithidh e beo 
gu sìorruidh." — Eoin, vi. 53, 59. A Thighearna, 
cha'n fhiach mise gu'n tigeadh tu stigh fo m' fhàrd- 
aich, ach abair am facal a mhàin, agus bithidh 
m' anam sàbhailte. 

Gnìomh AUhreacIiais, 
Dhia uile-mhathasaich, agus uile-thròcairich, 
tha thu a' tighinn gu m' ionnsaidh le ionmhas do 
ghràs, ged is e mo thoiUteanas, mo thrèigsinn leat 
buileach. Le m' pheacannan thog mi do chorruich, 
ach a nis tha mi 'toirt gràin mo chridhe dhaibh ; 
agus le cuideachadh do ghràs, tha mi 'cur romham 
an seachnadh à so suas. Athair shìorruidh, a tha 
làn iochd agus tròcaire, gabh truas rium. Air sgàth 
fulaiigas agus bàs mo Shlànair, math dhomh mo 
pheacannan : oir ged a tha mi 'n earbsa 's an àm a 
bhi glan le Sàcramaid na Faoisid, 'an dèigh sin, a 
Thighearna, nigh thusa mi na's mutha 's na's m.utha : 
dian uidheamaichte mi air son na cuilme diadhaidh 
gus am beil mi 'dol. Cruthaich cridhe glan 'am chom. 
Cuir trusgan geal nan gràs air m' anam, ann an 
rathad 's gu'm bi mi ann an staid iomchuidh gus mo 
Shlànair a ghlacail anns an t-Sàcramaid naoimh so. 

Gmomh Dòchais. 
Tha thu 'tighinn a shealltainn orm, a Shlànair 
bheannaichte. Ciod e bhios a dhìth orm, agus an 
Tì aig am beil a h-uile nì ga 'thoirt fhèin dhomh ì 
Le mòr earbsa 'ad chumhachd, 'ad thròcair, agus 'ad 
mhathas, tha mi ga m' liubhairt f Jièin dhut. Tliigh- 
11 



162 COMANACHADH. 

earna, tha tliu 'faicinn m' uireasbhuidh agus mo 
bhochdainn, agus co 's urrainn mo dhianamh suas 
ach thu ì Tha thu deònach air sin a dhianamh, le 
'bhi 'toirt cuiridh dhomh gu cuirm nan gràs. Tha 
thu 'gealltainn mo chòmhnadh ; tha do bhriathran 
naomh a' toirt misniche dhomh gu tighinn 'ad 
fhianuis. Tha mi ga m' nochdadh fhèin 'ad làthak, 
gu fann, truagh, dall, mar a tha mi, 'an dòchas gu'n 
neartaich, gu'n cobhair, agus gu'n soilleirich thu mi. 
mo Dhia, is leatsa mo chridhe ; thig a ghabhail 
còmhnuidh ann. Le èideadh do ghràs iiraich d' 
iomhaigh fhèin air m' anam, agus coisrig dhut 
fhèin e. 

Gniorah larrtais, 

A Thighearna, nach iongantach an gnothach 
gu'n iarradh tusa gu m' ionnsaidh, gus mo dhlùthadh 
riut-fhèin anns an t-Sàcramaid naoimh so ? Is tusa 
'mhàin a' s airidh air mo ghaol-sa. 'Uain Dh6, a tha 
'toirt air falbh peacannan an t-saoghail, dian tròcair 
orm, agus dian sìth rium. Thig, Thighearna 
losa, a cheannaich gu daor mi, agus tog m' anam 
bho bhàs a' pheacaidh gu beatha nan gràs. Tha m' 
anam, ge fada 's an t-saoghal so bhuat air fògradh, 
gu dian 'an geall ort. mo Dhia, mo shòlas, m' 
ionmhas, mo shonas, mo bheatha, agus mo Eìgh, 
aig am beil gu saoibhir gach ni a tha dh'uireas- 
bhuidh orm, dian bàigh rium. Ge truagh, peacach, 
neoineach mi, ann ad mhòr thròcair tha thu 'deòn- 
achadh tighinn gu m' ionnsaidh. Cha'n 'eil ni sa 
bith air talamh, no air nèamh fhèin a's urrainn mo 



COMANACHADH. 163 

cliridhe 'llonadh ach thu-fhein a mhàin. Ts tusa an 
t-àrd-lèigh a ni mo leigheas. Is tusa mo charaide 
dìleas nach trèig gu bràch mi. Is tu Eìgh na sithe 
agus a' mhòr chumhachd a bheir fois 'us samhchair 
do m' anam. Is beag a dh-ionmhas do ghràs a ni 
sona, saoibhir, sàbhailte mise gu siorruidh. Thigh- 
earna losa, lion m' anam le creideamh beò, le dòchas 
làidir, agus le dian ghràdh. Abair am Jacal a 
mhain agus hithidh m' anam sabhailte, 

GNIOMHANNAN AN DEIGH COMANACHAIDH. 

Gràomh Aoraidh., 

ODhia na mòrachd 's nam feart ! an uair a's gann is 
urrainn na h-Ainglean a's àirde sealltainn air àiU- 
eachd do mhaise ; an uair a tha nèamh agus talamh 
fo chrith 'ad làthair ; an uair a tha na cumhachdan 
a's mutha 'lùbadh le fìamh dhut ; ciamar a sheasas 
mise 'd fhianais % Ciamar a labhras mi ri ^N'aomh 
nan naomh ? Thighearna, 's e mo chuid a bhi 
sàmhach, agus 'am thosd, bàite ann an ioghnadh le 
smaoineachadh air do ghaol miorailteach, agus air 
do bhàigh gun tomhas. Eigh nan rlghrean, tha 
mi 'toirt aoraidh dhut, agus ga m' iimhlachadh f hcin 
gu neoini 'ad fhianais. 'An coimeas riutsa is lag, 
fann gach dùil 'us cumhachd ; is truaighe agus 
bochdainn gach cothrom saoghalta ; sokis cruth- 
aichte na grèine fhèin, is dorchadas 'ad làthair. 
Glòir 'us moladh, buidheachas 'us onair, aoradh agus 
cliù., bho'n chruinne gu lèir do Mhac siorruidh 
an Ti sin a's àirde, air son gu'm b'fhiù leis air 



16i COMANACHADH. 

an latha diugh tighinn a ghabhail còmhnuidh 'am 
anam. 

Gnìomh GaoiL 

MO Dhia, tha thusa a nis agam aig am 
beil gach ni. Tha m' anam sona leat agus le 
ionmhas do ghràs. Fhuair mi an Ti air an robh 
mo mhiann, 's cha leig mi as e, gus an toir mi e gu 
tuinidh àrd mo mhàthar. Eiodh an speis shalach, 
fhaoin, thruaillidh, a thug mi do chrèutairean tal- 
mhaidh, air a f uadach as mo chridhe ; agus biodh e 
air a lìonadh, biodh e air a lasadh suas le d' ghràdh-sa 
a mhàin, mo Shlànair, agus mo Dhia, a tha 
làn de na h-uile deagh bhuaidh, gun choimeas, gun 
tomhas, gun àirimh ; tha mo ghaol dhut os cionn 
gach ni ; le m' uile chridhe, le m' uile anam, le m' 
uile ìnntinn, agus le m' uile neart tha mi 'toirt 
gràidh dhut. 0, is fhada 'bha mi gun eòlas ort ! 
0, is fhada 'bha mi gun ghaol a thoirt dhut ! Ach 
à so suas tha mi 'cur romham gach ni a chur suarach 
ach thusa 'ad aonar. losa, a thug gaol dhòmhsa 
bho'n t-siorrachd, 's e rùn làidir mo chridhe, gu'm 
biodh uile ghaol m'anma air a choisrigeadh dhut 
gu bràch. losa, beannaich mo rùn, agus neart- 
aich mo thoil agus m' aigne. 

Gnìomh Taingedlachd, 

De an taing a bheir mise dhut, Dhia nan 
gràs, air son na comaine a chuir thu orm air an 
latha diugh. Cha d'fhoghainn leat bàs maslach, 
dòruinneach na croise fhulang air mo shon ; le miad 



COMANACHADH. 165 

do ghaoil orm, dheònaich thu 'bhàrr air sin tighinn 
gu m' ionnsaidh air an Jatha diugh ann an Sàcramaid 
naoimh na h-altarach. m'anam, thoir taing, 
agus cliìi, agus moladh do'n Tighearna do Dhia, 
air son a mhathais, a chaoimhneis, agus a thròcaire 
dhut. Ged a thachair do m'chaitheamh-heatha a 
bhi mì-dhligheach, mi-dhleasnach, agus mi-dhiadh- 
aidh, cha bhi mi mi-thaingeil. Gu latha mo bhàis 
bithidh mi taingeil agus cuimhneach air a' chomaine, 
agus air na fìachan a chuir thu orm air an là so. 
Cha'n ann a mhàin 's a' bheatha so, ach ann an 
righeachd do ghlòire, tha mi 'n dòchas, a bhios mi 
'dioladh nam fìachan mòra so, le ^bhi 'seinn do 
chliii-sa bho shaoghal gu saoghaL 

Gnìomh AchanaicK, 

Tha thu 'am miadhon mo chridhe, Thuarain 
a h-uile sonais ! Do chaoimhneas, do mhathas, do 
ghràsan, dh'fhiach thu gu saor dhomh. mo 
Thighearna Dia, tha thusa fìalaidh, pàirteach, 
tròcaireach; agus tha mise fèumach, uireasbhach, 
truagh. Is aibheis do ghràsan a tha gun iomall, 
gun ghrunnd. Is ionmhas iad nach traogh air a' 
mhiad 's ge'n toir thu seachad. Maothaichmo chridhe 
tioram le dealta do ghràs. Cuir deagh cheann-fìnid 
air an obair naoimh a thug gu m' ionnsaidh thu. 
Gach ni a's fuathach leat spion bho m'chridhe, 
agus gach ni a's taitneach leat cuir ann. Cuir srian 
ri an-miannan mo choluinne ; naomhaich m'anam. 
Tha thusa 'làthair anns gach àite agus ionad ; na 
leig dhomh 'bhi ciontach ann am peacadh 'ad 



166 COMANACHADH. 

fhianais, le smaointeaii, le briatliran, no le gnìomh- 
annan. Ka toilleam gu bràch d'fhearg, losa, 
agus na siream de shòlas ach a bhi 'dianamh do 
thoile, agus ag imeachd 'ad làthair. 

Gniomh Tairgse, 

AiR son nan tiodhlaicean lionmhor agus prlseil a 
bhuilich thu orm, losa, nì cha 'n 'eil thu 'g 
iarraidh ach mo chridhe, agus mo chridhe gu 
b-iomlan. Tha mi ga 'thoirt dhut, Thighearna, 
agus mi-fhèin gu h-iomlan ; chionn mar a thug thusa 
fchu-fhèin gu buileach dhòmhsa, ciamar a dhiìiltas 
mise mi-fhèin a thoirt gu buileach dhutsa; gu 
h-àraid an uair a's e mo bhuannachd f hèin a th' ann ì 
As m'èugmhais tha thusa làn shona annad fhèin, 
ach as d'èugmhais-sa is crèutair bochd truagh mise 
ga rireamh. Air an aobhar sin, tha mi ga ni' 
cheangal fhèin ri d' sheirbhis le m' uile chridhe 
gu uair mo bhàis. Tha mi ro-dheònach cuideachd 
gu'n rachadh gach nì eile a fhuair mi bhuat, mar a 
tha slàinte, neart, càileachdan, cuid, cliii, agus gach 
tàlann eile, a thionndadh gu barrachd glòire dhut. 
Mo smaointean, mo bhriathran, mo ghniomhannan 
tha mi 'cur fo chùram, agus fo stiùradh do fhreasdail 
naoimh. I^a d' thoil-sa, mo Dhia, bithidh m' uile 
thlachd, agus m' uile shòlas. 

Gràomh Deagh-h'heachd^ 

A THIGHEARNA, is mòr a' bhàigh a dh' fhiach thu 
dhomh, an uair a chum thu bho bhàs obann, agus 
bho sgrios sìorruidh mi, 'an dèis na rinn mi dh'olc 
a thogail do chorruich gu diùghaltas orm. Gu uair 



COMANACHADH. 167 

mo bhàis bithidh mi dubhach, brònach, air son do 
ghaol-sa 'chur cho suarach, agus m' anam fhèin 
'an cunnart. Eis a h-uile ni a tha 'dol eadar mi 's 
mo Dhia, tha mi nis ag cur cùil, 's a' toirt fuath 
agus gràin mo chridhe dha. Glèidh thusa mi, 
Thighearna, bho na h-uile smaoin, facal, agus 
gnìomh a bhios 'an aghaidh geimneachd, carrantachd, 
agus iimhlachd. Tha mi 'cur cùil ri aimhreit, ri 
mì-fhoighidinn, ri mionnan, ri briagan 'us cùl- 
chainnt, ri dearmad 'am dhleasnas, ri leisg 'am 
sheirbhis, agus ris gach nì eile a ni bèud air 
m' anam, no 'chuireas fearg ortsa. Cha toir mi spèis 
do neach, no do ni, a laghdaicheas do ghaol-sa 'am 
chridhe. Cha bhi mi dian, diorrasach na m' 
bheachd fhèin ; cha mhutha 'ghabhas mi uaill no 
àrdan as na tiodhlaicean a thug thu dhomh. Tha 
mi 'cur romham nach lagaich eisimeil ri clann- 
daoine mo mhisneach ann ad sheirbhis, agus nach bi 
mi air mo shèideadh suas le pròis no moladh, no air 
mo mheatachadh le tarcuis. Thighearna, ma 
bhios tusa air mo chùl, faodaidh mi 'bhi coma co 
bhios 'am aghaidh. O Thighearna, b'annsa leaiii 
's an uair, am bàs fhulang 'ad fhianais, na gu'n 
tugainn, a chaoidh tuille, masladh dhut leis a' 
pheacadh. Athair na soillse, le d' bheannachd 
thoir càil, buanas, agus soirbheas, do'n aigne agus 
do'n bheachd so, los gu'n coimhlion mi gach ni a 
tha mi 'gealltainn dhut ; agus le sin a dhianamb, 
gu'n coisinn mi an duais gun chrich a tha 'feitheamh 
air do sheirbhisich ann am flathanas : tromh losa 
Criosta ar Tighearna. Amen. 



168 COMANACHADH. 

GNIOMH MOLAIDH. 
i. Bliadlina laghaidh gach uair a theirear e. 
ii. Làn-laghadh uair 's a' mhìos, dhaibhsan a theìr e uair 
*s an latha fad a' mhìos. 

Eeannaichte gu'n robh Dia. 

Beannaichte gu'n robh 'ainm naomh. 

Eeannaichte gu'n robh losa Crìosta, fior Dhia agus 

fior dhuine. 
Beannaichte gu'n robh ainm losa. 
Beannaichte gu'n robh losa ann an Sàcramaid 

uilenaomh na h-Altarach. 
Beannaichte gu'n robh Màthair urramach Dhè, 

Moire ro-naomh. 
Beannaichte gu'n robh a gineadh naomh agus 

gunsmal. 
Beannaichte gu'n robh ainm Moire, Oigh agus 

Màthair. 
Beannaichte gu'n robh Dia na 'Ainglean naomh 

agus na '^aoimh. 

ANIMA CHRISTI. 

i. 300 latha gach uair a ghabhar i. 

ii. Seachd bliadhna agus seachd carghuis 'an deaghaidh 
Eiarachaidh. 

iii. Làn-laghadh uair 's a' mhios dhaibhsan a ghabhas i, 
an car a's lagha, uair 's an latha. 

'Anma Chriosta, naomhaich mi. 
A Chuirp Chriosta, sàbhail mi. 
Thuil Chriosta, sàthaich mi. 
'Uisge thaoibh Chriosta, glan mi. 
A Phàis Chriosta, neartaich mi. 
'losa mhath, gii gràsor èisd rium. 



MU LAGHADH-EAGLAIS. 169 

Ann ad lotan f alaich mi. 

Na f uilig mo sgaradh bhuat. 

Elio 'n nàmhaid aingidh teasraig mi. 

Aig uair mo bhàis gairm mi. 

Agns òrdaich mi 'thighinn 'ad ionnsaidh. 

Gu 'bhi maille ri d' Naoimh a' toirt cliii dhut 

Fad shaoghal nan saoghal. Amen. 

*EN EGO', 'aN LATHAIR CEUSAIDH. 

Làn-laghadh, air na * cùmhnantan gnàthaichte, ' do gach 
aon a ghabhas gu cràbhach an ùrnaigh so 'am fìanais dealbh 
no ìomhaigh Chrìosta air a chèusadh. 

Seall, losa mhath agus uilechaoimh, tha mi air 
mo ghliiinean ga m' ùmhlachadh fhèin ad làthair, 
agus mi le uile dhiirachd m' anma ag gnidhe 's ag 
griosad ort, gu'n deònaicheadh tu beò-fhaireachdainn 
creidimh, dòchais, agus gràidh, agus fìor-aithreachas 
air son mo pheacannan, maille ri rùn-leasachaidh 
ro-làidir, a chàramh 'am chridhe : agus mi le 
faireachadh-cridhe 's le diibh-bhròn anma, a' smaoin- 
eachadh rium-fhèin, agus a' meòrachadh 'am ìnntinn 
air do chòig lotan, agus agam fa chomhair mo 
shiil, an ni a labhair am fàidhe Dàbhaidh 's 
an fhàisneachd, mu d'dhèighinn, 'losa mhath : 
Tlioll iad mo lamhan agus mo chasan : chùnnt iad 
mo chnaimhean uile, — Salm. xxi. 17, 18. 



MU LAGHADH-EAGLAIS. 

ATHUILLEADH air ar pecannan-bàis aideach, 
agus mathanas fhaotainn annta bho Dhia, 'us 
fuasgiadh bho na piantan sìorruidh a tha iad a' 



170 MU LAGHADH-EAGLAIS. 

toiUtinn ; agus cuideachd 'an deaghaidh dhuinn 
mathanas fhaotainn na 'r peacannan-sola — tha'n Eag- 
lais a' teagasg gu'm beil againn, mar is trice, ri diol- 
adh-fìach aimsireil a dhianamh do cheartas Dhè. Chi 
sinn samhladh air so 's an t-seann-Tiomnadh (2 Eigh. 
xii.), an uair a chuir Dia am Fàidhe Nàtan gu Eìgh 
Dàbhaidh, g'a chronachadh air son peacaidh thruim 
's an do tliuit e. Dh'aidich an rìgh a chionta agus 
rinn e an t-aithreachas ; agus an sin dh'innis am 
Fàidhe dha gu'n d'thug Dia mathanas dha. A 
dh'aindeoin sin, ged a thug e mathanas dha, b'àill leis a 
pheanasachadh le bàs a leinibh, ni gu firinneach a 
thachair. Is amhuil sin sinne, ged a gheabh sinn 
mathanas le deagh-fhaoisid, fèumaidh sinn, mar is 
trice, dioladh-fìach a dhianamh le oibrichean an 
aithreachais air son ar peacannan, air neo leigidh 
Dia peanas òirnn 's an t-saoghal so, mar a thachair 
do Elgh Dàbhaidh, no 's an ath-shaoghal air dhòigh 
mòran na's cruaidhe ann am Purgadair. 

Tha comas aig an Eaglais peacannan a mhathadh 
le sàcramaid na Faoisid; agus cuideachd ar fuasgladh 
bho'n phèin aimsireil so le Laghadh-eaglais. A 
chionn thug Dia an làn-chomas so dhith, an uair a 
thuirt e : Ciod sa titìi a cheanglas tu air talamh, 
hithidh e ceangailte air neamh, &c. — Mat. xvi. 19. 

Ach cha'n ann idir gu misneach a thoirt dhuinn 
peacadh a dhianamh a tha 'n comas so aig an Eaglais, 
ach gu cuideachadh leinn fuath a thoirt dha agus 
a sheachnadh ; is ann a mhàin air chiimhnanta gu'm 
bi gràin againn air ar peacannan a's urrainn dhi 
laghadh a bhuileachadh, agus is tric leatlia 'bharr- 



MU LAGHADH-BAGLAIS. 171 

achd air sin a cliur mu'r coinneamh deagh-oibrichean 
a dhianamh. 

Anns na ciad linntean bha'n Eaglais ag cnr bhreith- 
eanasan-aithrich ro-chruaidh, agus sin ùine mhòr, air 
peacaich j air uairibh còig bliadhna, deich bliadhna, 
's mar sin, agus air uairibh fad ani beatha. Ach 's 
na h-amannan so, leis cho plodach 's a tha sluagh air 
fàs, agus cho duilich 's a tha e dhaibh a' leithid sin 
de pheanas a dhianamh, rinn i, le neart a bàighe 
ruinn, an aotromachadh dhuinn. Air chor's a nise, 
le ùrnaighean goiiid àraid a ghabhail, gu'm faod sinn 
fuasgladh fhaotainn bho urad de phian Phurgadair 
agus a gheabhteadh bho shean leis na breitheanais- 
aithrich chruaidhe ud a dhianamh ioma latha, agus 
ma dli'fhaoite ioma bliadhna. Mar shamhladh air 
sin: Tha'n Eaglais a' buileachadh 300 latha laghaidh 
òirnn gach uair a ghabhas sinn Leadan Moire le 
cràbhadh agus le fior-aithreachas : 's e brigh sin gu'm 
beil an ù.rnaigh so a ghabhail ga 'r saoradh bho urad 
de'n phèin a tha 'feitheamh òirnn 'am Purgadair agns 
a rachadh ar saoradh bhuapa le 300 latha de na 
breitheanais-aithrich bho shean. 

Air uairibh tha'n Eaglais a' buileachadh òirnn 
làn-shaorsa bho gach pèin aimsireil a tha sinn a' toill- 
tinn 's a' cheart àm. Eis an laghadJj so theirear 
lan-laghadh ; agus ris an laghadh a bhuilicheas i 'am 
pàirt, mar a tha 300 latha, 's a leithid sin, theirear 
Pairt-laghadli. 

Air amannan sònraichte tha'm Pàp a' buileachadh 
làn laghaidh air an Eaglais gu h-iomlau. Ris an 
la''liadh so theirear Juhilee, Tha'n diùbhras so 



172 MU LAGHADH-BAGLAIS. 

eadar e 's làn-lagliadh eile : tha aobhar àraid aìr a 
thoirt seachad ; tha àrd-mhodhannan ga^n gnàthach- 
adh 'an àm a bhnileachadh ; tha ciimhnantan 
sònraichte ri choimhlionadh ; tha e air a bhuileach- 
adh air na creidich nile; tha comas àraid ga 
'bhuileachadh air a' chlèir ; &c. 

Gu laghadh a chosnadh tha trl nichean uile-riat- 
anach : 1. A bhi ann an staid nan gràs ; 2. A bhi 
'am beachd an laghadh a chosnadh; 3. Na cùmh- 
nantan iomchuidh a chur gu mean 'an gniomh 
le mòr-chràbhadh, agus gu toradh làn-laghaidh 
a chosnadh; 4. Gràin a bhi againn air ar n-uile 
pheacannan-sola cho math 's air ar n-uile pheac- 
annan-bàis, agus ar cridhe 'bhi glan-shaor 's gach 
spèis 'us dèigh orra. 

An uair a theirear gu'n coisnear laghadh air na 
"ciimhnanta gnàthaichte, " tuigear le sin faoisid, 
comanachadh, agus ìirnaigh a rèir beachd a' Phàpa. 
H-uige so fòghnaidh dhuinn còig Paidrichean 'us 
còig Beannachaidh Moire 'ghabhail. 

A bharrachd air laghadh a chosnadh dhuinn-fhèin, 
faodaidh sinn gu tric laghadh a chosnadh air son nan 
anmannan a th' ann am Purgadair. Is còir dhuinn 
so a chumail na 'r cuimhne, agus fìachainn ri urad de 
chobhair a thoirt dhaibh 's is urrainn duinn, gu 
h-àraid do dh'anmannan ar pàrantan, ar càirdean, ar 
dilsean, ar kichd-mathais, agus ar naimhdean: A 
chionn is smaoin naomh agus shlàinteil ìtrnaigh a 
dhianamh air son nam mar'bh, los gu^m fuasglar iad 
hhd'm ;peacannan. — 2 Macab. xii. 46. 

Bheirear fonear gu'm faodar gach laghadh a th' air 



MU LAGHàDH-EAGLAlS. 173 

an ainmeachadh air f eadh an leabhair so, a chosnadh 
air son nam marbh. 

Urnaigh gu Lagliadh a chosnadh, 

ODHIA, àrd Athair naoimh, is tusa bonn a' cheart- 
ais, agus peacadh sa bith cha 'n fhaod tighinn 
'ad chòir ; ciontan 'us peacannan dhaoine cha'n urr- 
ainn dol as bho d'dhiùghaltas ; 'an dèigh sin, làn 
bàighe agus carrantachd, tha do lamhan sgaoilte agus 
fosgailte, gus na peacaich a thilleas riut le fìor bhrist- 
eadh cridhe a ghlacail, leis an toir iad a mach deagh- 
thoradh an aithreachais. A Dhia a's mutha tròcair, 
air sgàth do Mhic ionmhuinn losa Crlosta, a dhòirt 
'fhuil, agus a dh' fhuilig am bàs air son nam peacach, 
dian riumsa fathamas. A Dhia iochdoir, bho ghrunnd 
mo chridhe tha fuath agus gràin agam air peacannan 
mo bheatha gu h-iomlan, agus le cràdh spioraid tha 
mi an diugh a' leirsinn a' mhiad 's a thoill mi 'dhiùgh- 
altas air an son. Ach as leth mòr thoillteanas do 
Mhic ionmhuinn fhèin, tha mi 'an dòchas làidir gu'm 
bi thu càirdeil agus iochdmhor rium. losa Chriosta 
a Mhic Dhè, aig am beil gach cumhachd bho d' Athair, 
shuidhich thu Ard-bhuachaille ann ad Eaglais naoimh 
fhèin, gus do thrèud, a cheannaich thu cho daor 
le d' fhuil phrìseil, a bheathachadh agus a stiùr- 
adh ; agus dh'òrdaich esan, le impidh do Spioraid 
^tNTaoimh gu'm biodh làn-fhuasgladh bho gach pèin 
aimsireil aig gach fìoi chreideach a tha 's an rìgh- 
eachd so, aii am beil làri-aithreachas air son a pheac- 
annan. losa, m' aon fhear-tiarnaidh air bialaobh 
d' Athar, bitheam air mo chÌLnntadh 'am measg an 



174 CRABHADH DO'N TRIANAID UILENAOIMH. LEADAN. 

fhior luchd-aithreacliais, gus am faigh mi na gràsan 
mòra sin a bheir dhìom mo phian aimsireil air fad, a 
thoiU mi air son mo chiontan. Làn creidimh 'us 
dòchais as do bhàigh,tha mi 'g achanaich ort d'Eaglais 
bheannaichte fhèin a lionsgaradh, 's a naomhachadh ; 
saor i bho bhristeadh a mach, 's bho chònns- 
achadh ; biodh a buill uile air an aon-bheachd fhir- 
inneach; biodh solus do shoisgeil, tha mi guidhe ort, 
Dhia naoimh, air a sgaoileadh feadh gach cèarna 
de'n t-saoghal. Soilleirich agus neartaich le gràsan 
saoibhir do Spioraid Ard-Cheannard d'Eaglaise 
naomh ]^. agus easpuigean eile mar an ciadna, agus a' 
chlèir gu h-iomlan : ann an rathad 's gu'm faod iad 
le teagasg, 's le caitheamh-beatha diadhaidh, an 
creideamh naomh Caitliceach a chraobh-sgaoileadh 
air feadh an t-saoghail. Thugas dhuinn na gràsan 
mòra sin, sith agus sàmhchair : glaodh ri chèile 
ìnntinn agus cridheachan righrean agus phrionns- 
achan, air chor 's gu'n rian iad an sluagh a tha 'n 
earbsa riu gu rèidh-bheairteach, ceart, 's mar sin gu'm 
faod sinn gu sitheil moladh 'us aoradh a thoirt dhutsa 
bho shiorrachd gu siorrachd. Amen. 

CRABHADH DO'N TRIANAID UILENAOIMH. LEADAN. 

AThighearna, dian tròcair òirnn. 
A Chriosta, dian tròcair òirnn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn. 
'Athair, bho am beil a h-uile ni, Dian tròcair òirnn. 
A Mhic, tromh am beil a h-uile ni, Dian tròcair òirnn, 
A Spioraid E'aoimh, anns am beil a h-uile ni, Dlan 
tròcair òirnn. 



CRABHADH DO'n TRIANAID UILENAOIMH. LEADAN. 175 

A Thrianaid naomh agus neodhealaichte, aon Dia, 

A Mhòrachd thair-tuigse, 

A Chumhachd neochaochlaidich, 

A Ghliocais neochriochnaich, 

A Mhathais gun tràghadh, 

'lnbhe àrd-uachdranaich, 

A Dhiadhachd bho'n dhgheach lagh 

'Fhirinn shiorruidh, 

A Dhia a Kìgh uile-chumhachdaich, tl 

Thusa 'mhàin a's Dia agus a's aon Dia, |* 

Thusa anns am beil ar beatha, ar giuasad, agus ar ^ 

bith, S^ 

Thusa 'tha'n talamh uile làn de d' Mhòrachd, |. 
Thusa 'mhàin a's airidh air onoir 'us glòir, <^. 

Tliusa 'tha 'toirt furtachd dliuinn na'r tèinn, |* 

Thusa 'mhàin a tha ri mòr bheartan-iongantach, ?^ 
Thusa a tha, a bha, 's a tha ri tighinn, 
Thusa a tha ceart agus uamhasach'am breitheanas, 
Thusa a tha glòrmlior agus àghor 'ad riaghladh, 
'Athair a tha bhuat fhèin, 
'Aonghin Mhic, 
A Spioraid IsTaoimh, a tha bho'n Athair 's bho'n 

Mhac, 
A Thrianaid bheannaichte aon Dia, 
Bi tròcaireach, Dian fathamas ruinn, a Thighearna, 
Ei tròcaireach, Gu gràsor èisd ruinn, 
Bho na h-uile olc, iS g^ 

Bho na h-uile peacadh, ^. ^ 

Bho na h-uil' anacreideamh, g^ cg^ 

Bho bhristeadh d' fhàintean, B | 

Bho shuarachas air do thìodhlaicean, Ì ^ 



176 CRABHADH DO*N TRIANAID UILENAOIMH. LEADAN. 



Bho dlaearmad air nithean naomha, 
Bho bhàs sìorruidh, »S ^ 

As leth d' uile-chumhachd, ^- ^ 

As leth do ghliocais, g^ ^^ 

As leth do mhathais neochriochnaich, ^ Ì 

As leth do mhòr-thròcaire, a "^ 

As leth d'fhoighidinn agus d' fhad-fhulangais, 
Sinne na peacaich, Deonaich èisdeaclid ruinn. 
Titiraich dhuinn thusa, am fior Dhia, aideachadh 

anns gach àm agus àite, 
Tiùraich dhuinn lirram a thoirt dhutsa aon Dia S^ 

'an Trianaid, agus aoradh a thoirt do'n Trian- ^" 

aid na 'h-aon, §• 

Tiùraich dhuinn gaol a thoirt dhut le'r n-uile ^ 

chridhe, S* 

Tiiiraich do shluagh a tha coisrigte do d' ainm g 

naomh a ghleidheadh agus a shàbhaladh, g^ 
Tiiiraich solus dhaibhsan a th' air seachran, gu ^ 

tilleadh gu slighe 'cheartais, g 

Tiiiraich f ois shiorruidh do anmannan nam marbh- | 

chreideach uile, 
Tiùraich gu gràsor èisdeachd ruinn, 
Thrianaid bheannaichte, Saor sinn. 
Thrianaid bheannaichte, sabìiail sinn. 
Thrianaid bheannaichte, cdh-bheothaich sinn, 
A Thighearna, dian tròcair òirnn. 
A Chriosta, dian tròcair òirnn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn. 
Ar n-Athair a tha air Nèamh, &c. (os-n-ìosal). 
V, Beannaicheamaid an t-Athair agus am Mac 

maille ris an Spiorad iN'aoiiih. 



CONAIR NA TRIANAID UILENAOIMH. 177 

R. Molamaid agus àrdaiclieamaid e gu sìorruidh. 
F. Is beannaichte thusa, a Thighearna, 'an spèur 

Nèamh. 
R, Agus airidh air cliù, agus glòrmhor, agus àrd- 

aichte gu sìorruidh. 
F. Gu'm beannaicheadh Dia sinn, ar Dia fhein, 

gu'm beannaicheadh Dia sinn. 
i?. Agus gu'n robh eagal aig uile chrìochan an 

talmhainn roimhe. 

Dianamaid urnaigK 

Dhia uile-chumhachdaich shìorruidh, a thiiiraich 
do d' sheirbhisich, ann an aidmheil an fhlor-chreid- 
imh, glòir na Trianaid slorruidh aideachadh, agus ann 
an cumhachd na mòrachd aoradh a thoirt do 'n aon- 
achd ; deònaich le bunailteas daingeann 's a' chreid- 
eamh chiadna gu'm bi sinn tiarainte daonnan bho 
gach truaighe. Tromh losa Criosta, do Mhac, ar 
Tighearna, Dia a tha beò agus a' rian maille riutsa 
ann an aonachd an Spioraid JN'aoimh : fad shaoghal 
nan saoghal. Amen. 

A' Mhòrachd dhiadhaidh, agus an aon Diadhachd, 
an t-Athair, agus am Mac, agus an Spiorad Naomh, 
ga'r beannachadh. Amen. 



'S 



CONAIR NA TRIANAID UILENAOIMH. 

E fàth a' chràbhaidh so — coimhleasachadh a dhianamh 
do'ii Trianaid Uilenaoimh air son gach tàmailt 'us 
èucoir a thathas a' toirt dhi le hichd-toibheum 's le anacreid- 
ich, gu h-àraid 's na h-amannan so. Bho n' a 's e dìomh- 
aireachd na Trianaid, cha'n e 'mhàin a' phuing a's àirde 's 
a 's naoimhe de'n chreideamh chrìostail, ach an dearbh bhonn 
12 



178 CONAIR NA TRIANAID UiLENAOIMH. 

air am beil e air a stèidheachadh, cha'ii urrainn cràbhadh a 
bhi na's taitniche do Dhia na 'n cràbhadh so leis am beil 
sinn ag aidmheil ar creidimh innte, agus a' strìth ri coimh- 
leasachadh a dhianamh air son mì-dhiadhachd a luchd- 
fochaid. Cha mhutha 's urrainn nach bi e ro-stàthor h-uige 
sin, agus fìor-thaitneach do Dhia, 's gu'm beil ann na 
ceart-ghnìomhannan sin, a tha 'n Sgriobtur a' teagasg 
dhuinu, 's sìor-ùrnaigh ùmhlachd 'us aoraidh do uile ^chùirt 
f hlathanais ga 'tairgse suas gu sìorruidh air bialaobh cathair 
Dhè. 

Tha 'chonair so na 'trì earrannan, agus grìogag mhòr 'us 
deich bheaga 's gach earrainn. 

Theirear 'an toiseach uile a' Chrèud, Creidim ann an 
Dia, &c. ; agus an sin : — 

A Dhia 'Athair nam Flathas, dian tròcair oirnn. 
A Dhia 'Mhic Thir-shaoraidh an t-saoghail, dian 

tròcair oirnn. 
A Dhia 'Spioraid Naoimh, dian tròcair oirnn. 
A Thrianaid JN"aomh aon Dia, dian tròcair oirnn. 

'An sin theirear gach earranu mar a leanas. 

An toiseach, air a' ghrìogaig mhòir, theirear a' Phaidir, 

" Ar n-Athair a tha air nèamh," agus na 'deaghaidh 

theirear, 

Beannachd, 'us glòir, 'us gliocas, 'us buidheachas, 
onair, agus cumhachd, agus neart dh'ar Dia, fad 
linn nan linn. Amen. 
'An sin air gach grìogaig bhig theirear : 
Is naomh, naomh, naomh, Tighearna Dia nam f eachd. 

Tha'n talamh uile làn de 'ghlòir. Glòir do'n 
Athair, agus do'n Mhac, agus do'n Spiorad I^aomh. 
Mar a bhà, 's mar a thà, 's mar a bhitheas, fad 
shaoghal nan saoghal, Amen. 



CRABHADH DO CHORP-CHRIOSTA. 179 

LAOIDH NAN AINGEAL. 

i. 100 latha laghaidh uair 's an latha. 

11. Làn-laghadh uair 's a' mhìos air na cùmhnantan gnàth- 
aichte. 

Is naomh, naomh, naomh, Tighearna Dia nam 
feachd : Tha'n talamh làn de d' ghlòir. Glòir do'n 
Athair, glòir do'n Mhac, glòir do'n Spiorad E'aomh. 



CEABHADH DO CHOEP-CHEIOSTA. 

CRABHADH. 

i. 300 latha gach uair a ghabhar an ùrnaigh a leanas 'an 
làthalr na Sàcramald Beannaichte. 

li. Làn-laghadh uair 's a' mhìos, alr na cùmhnantan 
gnàthaichte, do gach aon a ghabhas uair 's an latha i fad a' 
mhios. 

OJ MO Thighearna losa Criosta^ a tha, le miad do 
ghaoil air a' chinne-dhaonda, a' fuireach a 
dhoidhche 's a latha anns an t- Sàcramaid N'aoimh so 
làn caoimhneis agus gaoil, a' f eitheamh, ag cuireadh, 
's ri di-beatha gach neach a thig a shealltainn ort ; 
tha mi 'creidsinn annad a làthair ann an Sàcramaid 
na h-Altrach ; bho ghrùnnd mo neoineachd tha nii 
'toirt tainge dhut air son nan uile ghràs a fbuair mi 
bhuat, gu sònraichte air son gu'n do dheònaich thu 
thu-fhèin a bhuileachadh orm anns an t-Sàcramaid 
so, air son do Mhàthair ISTaomh Moire 'thoirt dhomh 
mar eadarghuidhear, agus air son cuireadh a thoirt 
dhomh gu tighinn a shealltainn ort 's an eaglais so. 
Tha mise 'n diugh a' toirt ùmhlachd do d' Chridhe 
uile-ghaolach, agus ri sin leis na tri beachdan so : 'an 



180 CEABHADH DO CHORP-CHRIOSTA. 

toiseach, mar bhuidheaclias air son an tlodhlaic 
mhòir so f hèin ; a rithist, mar choimhleasachadh 
air son gach tàire a fhuair thu bho d' uile naimhd- 
ean 's an t-Sàcramaid so ; ^s an treas àite, tha mi leis 
a' chràbhadh so air bheachd aoradh agus diù a thoirt 
dhut anns gach àite 's an lagha 'thathas a' toirt de 
dh'urram dhut agus 'am mutha 'thathas ga d' dhlob- 
airt innte. 

losa, tha mi 'toirt gaoil dhut le m' uile chridhe. 
Tha 'n t-aithreachas orm air son a' cho liuthad uair 
's a chuir mi roimhe so miothlachd air do mhathas 
neochriochnach. Le d' ghràsan tha mi 'cur romham 
nach cuir mi miothlachd ort tuille 's an -uine ri 
tighinn ; agus 's a' cheart àm so, 'am pheacach 
truagh mar a tha mi, tha mi ga m'choisrigeadh fhèin 
gu h-iomlan dhut, tha mi 'cur cùil 's a' liubhairt 
dhut m' uile thoile, m' uile mhiannan, agus m' uile 
iarrtais, agus gach ni a's leam. Bho'n là so à so suas, 
dian mar a thoilicheas tu rium-fhèin 's ris gach ni a 
bhuineas dhomh. 'S e m' aon achanaich agus m' 
iarrtas ort do ghaol naomh, seasrachd gu m' chrich, 
gus do thoil a làn-choimhlionadh. Tha mi 'g earbsa 
riut nan anmannan a tha'm Purgadair, gu sònraichte 
iadsan a bu deòthasaiche mu'n t-Sàcramaid uile- 
naoimh agus mu Mhoire ro-naoimh. Tha mi 
cuideachd ag earbsa riut nam peacach truagha gu 
lèir. 

Anns a' bheachd so, Shlànair phriseil, losa, 
tha mi 'co-shnaim m'uile iarrtas ri iarrtais do 
Chridhe Naoimh-sa, agus 'an aonachd riutha-san tha 
mi ga'n tairgse suas do'n Athair shiorruidh, ag 



LBADAN OOBP OHRÌOSTA, 181 

guidlie air *ad ainm-sa 's air sgàth do ghaoil, gabhail 
riutha 's èisdeachd riutha. 

LEADAN OORP OHRIOSTA. 

AThighearna, dian tròcair òirnn. 
A Chriosta, dian tròcair òirnn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn. 
A Chrìosta, èisd ruinn. 
A Chrìosta, gu gràsor èisd ruinn. 
A Dhia Athair nam flathas, Dian tròcair òirnn, 
A Dhia 'Mhic Fhir-shaoraidh an t-saoghail, v^ 

A Dhia 'Spioraid N'aoimh, g. 

A Thrianaid naomh aon Dia, 5^ 

'Arain bheò, a thàinig a nuas à Flathanas, ^ 

A Dhia 's a Shlànair fhalaichte, § 

A chruithneachd nan daoine-taghte, ^* 

Thiona 'chinnicheas òighean, 2t 

'Arain bhrìgheil 's a shòigh righrean, | 

'lobairt shìor-mhaireannach, 
A Thobhartais ghloin, 
'Uain gun bhèud, 
A chuirm fhìorghloin, 
A lòin nan aingeal, 
A mhanna f halaichte, 



b 



A chuimhneachain ioghnaidh Dh6, 5s 



'Arain os cionn nàduir, 

Thacail-'am-feòil, § 

A tha 'gabhail còmhnaidh na'r measg, ^ 

'lobairt naoimh, S 

A ChaiHs a' bheannachaidh, | 
A dhiomhaireachd a' chreidimh, 



182 LBADAN CORP CHRÌOSTA. 

A Shàcramaid tharraichte agus urramaich, 
'lobairt a's uile-naoimhe, 

'Fhior iobairt-rtìte air son nam beè 's nam marbh, 
'locshlaint nèamhaidh, leis am beil sinn ga'r 

glèidheadh bho'n pheacadh, b 

A mhiorailt nam miorailtean, |* 

A chuimhneachain ro-naomh air pàis an Tighearna, ^ 
A Thìodhlaic thair gach pailteas, §' 

A chuimhneachain àraidhair gaol Dhè, §. 

A shaoibhris gach mathais dhiadhaidh, o. 

A dhiomhaireachd ro-naomh 's ro-àghor, g* 

locshlaint na neo-bhàsmhorachd, l^ 

A shàcramaid uamhasach agus bheòthachail, 
'Arain a rinneadh 'ad f heòil le uile-chumhachd an 

rhacail, 
'lobairt neo-fhuilteach, 
Ar cuirm 's ar n-aoigh, 
A chuirm a's sòghaile, 's ainglean-frithealaidh ga 

d'fhreasdal, 
A shàcramaid na diadhalachd, ^ 

A bhann na carrantachd, S* 

A shagairt 's a thobhartais, ^ 

A mhìlse spioradail air a blasad na 'ceart f hriamh S- 

fhèin. Ì. 

'Urachaidh nan anmannan naomh, ^^ 

A Lòin-thuruis na feadhnach a gheabh bàs 's an ^* 

Tighearna, jS 

'Earlais na glòire ri tighinn, 
Bi tròcaireach, 

Dian fathamas ruinn, a Thighearna, 
Ei tròcaireach, Gu gràsor èisd ruinUy a Thighearna. 



LEADAN CORP CHRÌOSTA. 183 

Bho d'Cliorp agus d'Fhuil a ghlacail gu inì-iom- 

chuidh, 
Bho anamiannan na feòla, 

Bho anamiannan nan sùl, ^ 

Bho uabhar na beatha, ^ 

Bho na h-uile ceann-aobhair peacaidh, ^. 

As leth an ro-mhiann leis am bu mhiann leat a' i 

Chaisg so iche maille ri d' dheisciobuil, a 

As leth na fior-irisleachd sin leis an do ghlan j^ 

thu casan do dheisciobul, ^. 

As leth na teas-charrantachd sin leis an d' òrd- §" 



uich thu an t-sàcramaid dhiadhaidh so. 



I 

As leth d' Fhala prìseil a dh'fhàg thu againn air a 

ar n-altairean, 
As leth Còig Lotan do Chuirp uilenaoimh so a 

fhuair thu air ar son. 
Sinne na peacaich, Deònaich èisdeachd ruinn. 
Gu'm b'e do thoil ar creideamh, ar n-urram, 

agus ar cràbhadh do'n t-sàcramaid àghoir so ^ 

a mhiadachadh agus a ghìeidheadh annainn. |s 
Gu'm b'e do thoil ar treòrachadh le deagh- 1 

fhaoisid gu tighinn tric a ghlacail do Chuirp gJ 

iN'aoimh. cb^ 

Gu'm b'e do thoil ar teasraiginn bho gach eiric- a. 

eachd, foill, agus doille cridhe, | 

Gu'm b'e do thoil toradh luachmhor agus nèamh- g 

aidh na Sàcramaid uilenaoimh so a bhuil- -^ 

eachadh oirnn, |. 

Gu'm b'e do thoil ar neartachadh agus ar teas- ?^ 

raiginn leis an lòn-thuruis so aig uair ar bàis, 
A Mhic Dhè, 



184 BEANNACHD NA SACRAMAID NAOIMH. 

'XJain Dliè a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Dian fathamas ruinn, a Thighearna, 
'Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Gu grhsor èisd ruinn. 
'Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Dian tròcair òirnn, 
A Chrìosta, èisd ruinn. 
A Chrìosta, gu gràsor èisd ruinn. 

V. A Thighearna, èisd ri m' ùrnaigh. 

E. Agus gu d' ionnsaidh thigeadh mo ghuth. 

Dianamaid ìirnaigh, 

Dhia, a dh'f hàg againn 's an t-sàcramaid mhlor- 
ailtich so, cuimhneachan air do phàis ; tiùraich 
dhuinn, guidhimid ort, a leithid a dh' urram a thoirt 
do mhistre naomh do Chuirp agus d'Ehala, 's gu'm 
bi sinn daonnan a' faireachdainn annainn toradh do 
shaoraidh. A tha beò 's a' rian gu saoghal nan 
saoghal. Amen. 

BEANNACHD NA SACRAMAID NAOIMH. 

IS e Beannachd na Sàcramaid Naoimli — cràbliadli a tha'n 
Eaglais ag cleaclidadli gu aoradh, moladh, agus glòir 
a thoirt do Dhia air son a mhathais agus a ghaoil gun àirimh, 
a dh'fhiach e dhuinn an uair a dh'òrdaich e Sàcramaid 
jSTaomh a Chuirp fhèin ; agus amhuil sin gu Beannachd ar 
Slànair fhaotainn. 

An uair a bhios an sagart a' toirt na Sàcramaid 'am f oUais an t-sluaigh 
gu aoradh a thoirt di, seinnear an laoidh. 



BBANNACHD NA SAOEAMAID NAOIMH. 



185 



O SALUTARIS HOSTIA. 

salutaris Hostia, Ciad-fàilt, a Shàcramaid 



nam biiadh, 

A dh' fhosgail dorus nèamh 
do'n t-sluagh ; 

Tha sinn' ga 'r claoidh ag 
cath ri 'r nàmh, 

Thoir neart dhuinn, furt- 
aich òirnn na 'r càs. 

Sìor-ghlòir do Dhia na 
'Thriuir 's na 'aon, 

An t-Athair, am Mac, 's an 
Spiorad Naomh. 

0, deònaich dhuinne 
'bheatha shìor 

'An sòlas nèamh fad 
shaogh'l gun chrìoch. Amen. 

'An so, 's tric gu'n seinnear Leadan Moire, no laoidh iomchuidh air 
an sònraichear ; agus 'an sin ** Tantum ergo." Aig ** Veneremur cernui," 
cromaidh gach aon sios. 



Quae coeli pandis ostium 
Bella premunt hostilia, 
Da robur, fer auxilium. 

Uni trinoque Domino 

Sit sempiterna gloria, 

Qui vitam sine termino 

Nobis donet in patria. 
Amen. 



Tantum ergo Sacramentum 
Yeneremur cernui : 
Et antiquum documentum 
Novo cedat ritui ; 
Prsestet fìdes supplementum 
Sensuum defectui. 

Genitori, Genitoque 
Laus et jubilatio, 



'Shàcramaid, tha sinn le 
ùmhlachd, 

'Toirt dhut aoraidh, cliù, 
'us glòir' ; 

Riochd an t-Seann-lagh 
chnireadh cùl ris, 

'S an Lagh-ùr tha'n fhir- 
bheachd chòrr ; 

Ged nach tuigear le 'r cèud- 
fàthan, 

Creideamh cha dian fàill- 
inn òirnn. 

Glòir do'n Athair, *s glòir 
do'n Mhac, 

'S glòir co-cheart do'n 
Spiorad Naomh — 



186 



BBANNACHD NA SACRAMAID NAOIMH. 



Salus, honor, virtus quoque 
Sit et benedictio ; 

Procedenti ab utroque 

Compar sit laudatio. 

Amen. 

V. Panem de coelo prae- 
stitisti eis. [Alleluia.] 

E. Omne delectamentum 
in se habentem. [AUehiia.] 

Oremus. 
Deus, qui nobis sub Sac- 
ramento mirabiU passionis 
tuse memoriam reUquisti ; 
tribue, qusesumus, ita nos 
corporis et sanguinis tui 
sacra mysteria venerari ; ut 
redemptionis tuse fructum 
in nobis jugiter sentiamus. 
Qui vivis et regnas in saecula 
sseculorum. Amen. 



Cliù'us aighir, onair'sneart, 

Slàinte 's beannachadh a 
chaoidh — 

Trianaid chumhachdach 
nam feart, 

Molamaid mu seach 's mar 
aon. Amen . 

Thug e aran daibh as na 
flaithis. [Alleluia.] 

Anns an robh gach rogha 
blas. [Alleluia.] 

Dianamaid ùrnaigh. 
Dhia, a dh 'fhàg againn 
's an t-sàcramaid mhìorailtich 
so cuimhneachan air do 
phàis ; tiùraich dhuinn, 
guidhimid ort, a leithid a dh' 
urram a thoirt do mhistre 
naomh do Chuirp agus 
d'Phala, 's gu'm bi sinn 
daonnan a* faireachdainn 
annainn toradh do shaor- 



aidh. A tha beò 's a' rian gu 
saoghal nan saoghal. Amen 

An uair a bhìos an sagart a' toirt a' Bheannachd seachad leis 
t-Sàcramaid. cròm thu-fhèin sìos, agus thoir aoradh le d'uile chridhe 
do d'Shlànair anns an t-Sàcramaid. Thoir taing dha air son a 
nihathais, agus liubhair thu fhèin thairis dha ; agus gu dùrachdach 
iarr air a bheannachd dhut fhèin agus do d'chuideachda, agus do'n 
Eaglais gu h-iomlan. 

Ant, Adoremus in seternum Thugamaid aoradh gu sìor- 
sanctissimum Sacramentum. ruidh do'n t-Sàcramaid uile- 

naoimh. 

CXVI.— SALM. 



Laudate Dominum, omnes 
gentes ; laudate eum, omnes 
populi : 



Molaibh an Tighearna, 'uile 
chinneacha ; molaibh e, 'uile 
shluaigh. 



PANGE LINGUA. 



187 



Quoniam confirmata ^ est 
super nos misericordia ejus ; 
et veritas Domini manet in 
ffiternum. 

Gloria Patri, et Filio, et 
Spiritui Sancto. 

Sicut erat in principio, et 
nunc et semper, et in ssecula 
sseculorum. 
Amen. 
Adoremus, &c. 



A cliionn dhaingnich e òirnn 
a thròcair ; agus firinn an 
Tighearna mairidh gu sìor- 
ruidh. 

Glòir do'n Athair, agus 
do'n Mhac, agus do'n Spiorad 
Naomh. 

Mar a bha, 's mar a tha, *s 
ma,r a bhitheas, fad shaoghal 
nan saoghal. 
Amen. 
Thugamaid, &c. 



Pange lingua. 

i. 300 latha laghaidh aon uair 's an latha ; 100 latha air 
son * Tantuni ergo ' 's an ùrnaigh. 

ii. Lan-laghadh Diordaoin Bangaid, Diordaoin Corp 
Chrìosta, no latha sa bith de'n ochdamh 's aon latha sa 
bith eile de 'n bhliadhna, air na cùmhnantan gnàthaichte. 

'Theanga, sèinn le caithrim 
cheòl-bhinn, 
Dìomhaireachd Corp glòr- 
mhor Chrìost', 



Pange lingua gloriosi 
Corporis mysterium, 



Sanguinisque pretiosi, 
Quem in mundi pretium 

Fructus ventris generosi 

Rex effudit gentium. 

Nobis datus, nobis natus 
Ex intacta Yirgine, 

Et in mundo conversatus 
Sparso verbi semine, 



Agus 'Fhala priseil, mòrail, 
'N èiric chòrr a dhiol ar 
fiach, 
Toradh^ cuim ro-naoimh na 
h-Òighe, 
'Dhòirt àrd - rlgh gach 
slòigli gu fìal. 

Dhuinne thugadh, dhuinne 
rugadh, 
Leis an Oigh nach d'fliuilig 
bèud ; 
Bhos air talamh labhair 's 
thuinich, 
Sgaoil 'us chuir e facal Dhè; 



188 PANGB LINGUA. 

Sui moras incolatus 
Miro clausit ordine. 



'N dòigh 'na chrìocli e cuairt 
a thurais, 
S' ioghnadh dhuinne 's do 
chùirt nèamh. 



In supremse nocte coense, 
Recumbens cum fratribus, 

Observata lege plene 
Cibis in legalibus, 

Cibum turbse duodense 
Se dat suis manibus, 

Verbum caro, panem verum 
Verbo carnem efìficit : 

Fitque sanguis Christi merum, 
Et si sensus defìcit, 

Ad fìrmandum cor sincerum 
Sola fìdes sufìicit. 

Tantum ergo Sacramen^ 
tum 
Veneremur cernui : 

Et antiquum documentum 

Novo cedat ritui ; 



Aig an t-suipeir, oidhch* a 
Phàise, 
Shuidh le 'bhràithrean sìos 
gu biadh, 
'S choimhlion e an lagh gun 
fhàiUinn, 
'S na deas-ghnàthan 'dh- 
òrdaich Dia ; 
'S thug e 'chorp — 's e beò na 
'n làthair — 
As a làimh do'n dà fhear 
dhiag. 

Le cumhachd 'fhacail naoimh 
tha Criosta 
'Tionndadh arain fhìor gu 
Theòil, 
'S a'tionndadh fìona gu 'Fhuil 
dhiadhaidh — 
Ged nach tùr sinn 'mhìor- 
ailt mhòr, 
Fòghnaidh creideamh dhuinn 
mar fhianuis, 
Biodh an cridhe dìan gun 
ghò. 

'Shàcramaid, tha sinn le 
ùmhlachd, 

'Toirt dhut aoraidh, cliù, 
'us glòir' ; 

Riochd an t-Seann-lagh 
chuireadh cùl ris, 

'S an Lagh-ùr tha'n fhir- 
bheachd chòrr ; 



PANGE LINGUA. 



189 



Prsestet fìdes supplementum 
Sensuum defectui, 

Genitori, Genitoque 

Laus et jubilatio, 

Salus, honor, virtus quoque 
Sit et benedictio : 

Procedenti ab utroque 

Compar sit laudatio. 
Amen. 

V. Panem de coelo prse- 
stitisti eis. [Alleluia.] 

B, Omne delectamentum 
in se habentem. [Alleluia.] 

Oremus. 
Deus, qui nobis sub Sac- 
ramento mirabili passionis 
tuse memoriam reliquisti ; 
tribue, qusesumus, ita nos 
corporis et sanguinis tui 
sacra mysteria venerari ; ut 
redemptionis tuse fructum 
in nobis jugiter sentiamus. 
Qui vivis et regnas in ssecula 
sseculorum. Amen, 



Ged nach tuigear le *r 
cèud-fàthan, 

Creideamh cha dian fàill- 
inn òirnn. 

Glòir do'n Athair, *s glòir 
do'n Mhac, 

'S glòir co-cheart do'n 
Spiorad Naomh — 

Cliù 'us aighir,onoir 's neart, 

Slàinte 's beannachadh a 
chaoidh — 

Trianaid chumhachdach 
nam feart, 

Molamaid mu seach 's 
mar aon. Amen. 

Thug e aran daibh as na 
flaithis. [AUehna.] 

Anns an robh gach rogha 
blas. [Alleluia.] 

Dianamaid Urnaigli. 
Dhia, a dh'fhàg againn 
'san t-sàcramaid mhìorailtich 
so, cuimhneachan air do 
phàis ; tiùraich dhuinn, 
guidhimid ort, a leithid de 
urram a thoirt do mhistre 
naomh do Chuirp agus 
d'Fhala, 's gu'm bi sinn 
daonnan a,' faireachdainn 
annainn toradh do shaor- 
aidh. A tha beò 's a' rian gu- 
saoghal nan saoghal. Amen. 



190 CRABHADH DO CHRIDHB NAOMH lOSA. 

CEABHADH DO CHEIDHE NAOMH lOSA. 

LE Cridhe Israomh losa thathas ag ciallachadh 
Cridhe ar Slàrxair air aonadh ris an Daondachd 
bheannaichte, 's air an aobhar sin ri Pearsa Dhiadh- 
aidh an Fhacail. Bho'n is e 'n cridhe samhladh a' 
ghaoil, tha'n Eaglais a' moladh a' chràbhaidh so 
dhuinn, 's gur h-e Cridhe Naomh losa samhladh 'us 
ionad-naomh sJ ghaoil sin leis an d'thug ar Slànair 
gaol duinn, agus 'n a liubhair e e-fhèin air ar son. 
Uime sin an uair a chuireas sinn suas ar n-achanaich 
ri Cridhe N"aomh losa, tha sinn air sheòl ro-shòn- 
raichte a' toirt onoir do'n ghaol sin a bha na 'theine 
's a' Chridhe Naomh air son mhic an duine. 

Is e beachd àraid a' chràbhaidh so dìoladh-fiach 
a dhianamh 'an èiric gach tarcuis a rinneadh air 
Cridhe Naomh losa an uair a bha e air talamh — 
tarcuis a thathas fhathast a' dianamh air anns an 
t-Sàcramaid Dhiadhaidh — 'an Sàcramaid a ghaoil. 

Ei linn do 'r Slànair an cràbhadh so fhoillseachadh 
do'n mhaighdinn-chràbhaidh naoimh ud, Màiri 
Alacoque Urramach, dh'fhiach e a chridhe dhi 's e 
air a chuairteachadh le droigheann, crois ann, 's e 
air cathair-theine, agus thuirt e : " Faic an cridhe a 
thug a' leithid de ghaol do mhac-an-duine 's nach do 
chaomhain e ni a dhearbhadh a ghaoil daibh, gu 
ruig 'us e fhèin a chaitheamh as air an son ; ach 
'an èiric sin nach fhaigh ni bho'n tromlach de'n 
chinne-dhaonda, ach eas-urram 'us mithaingealachd. 
Is e a tha ga m' chràdh gu tur cridheachan a th'air 
an coisrigeadh dhomh a bhi ga m' ghiollachd 's an 



CRABHADH DO CHRIDHB NAOMH lOSA. 191 

dòigli." ^An sin dli'earb e rithe a culaidli-mhathais 
a dhianamh gu latha-fèiUe a chur air chois 'an onoir 
a Chridhe Dhiadhaidh air a' chiad Dhihaoine 'an 
deaghaidh an Dònaich an taobh-stigh de fhèiU 
Chuirp-Chriosta ; agus sin leis a' bheachd so : 1 . 
Los Crìostaidhnean a thoirt tainge dha air son an 
tobhartais àghoir a bhuilich e orra 'an Sàcramaid a 
Chuirp fhèin. 2. Gu dioladh-fìach a dhianamh le 
'n iimhlachd agus le 'n aoradh air son na h-eas-onoir 
agus na tarcuis a tha peacaich a' toirt da anns an 
t-Sàcramaid uilenaoimh. 3. Los gu'n tugadh iad 
dha an onoir a's dligheach dha, ach a thathas ag 
cumail bhuaithe 'an iomad eaglais far am beileas a' 
toirt cho beag de ghaol, de urram, agus de aoradh 
dha. Gheall e ionmhas a chridhe a bhuileacha^i 
gu fialaidh, pailt, orrasan a chleachdadh an cràbhadh 
so, cha'n ann a mhàin air an latha-fhèille, ach air 
làithean eile an uair a thigeadh iad air choimhead- 
achd air an t-Sàcramaid Dhiadhaidh. 

Chuireadh Comuinn Cridhe Naomh losa air chois 
anns gach cèarnaidh, agus bhuilich am Pàp ioma 
laghadh-eaglais orra, a dh'fhaodas gach urra dhiubh 
a chosnadh air a shon fhèin no air son nam Marbh- 
chreideach. 'S e na tha mar fhiachan air gach urra 
de'n chomunn ('an deaghaidh a ghabhail a stigh le 
sagart fo iighdarras gu sin a dhianamh) gu'n gabh e 
uair 's an latha A^ Phaidir, Failte Moire, 's a' 
Chreud, agus an achanaich so : 

A Ghridhe uilenaoimh losa thoir orm gaol a 
thoirt dut nds mò 's na^s mò. 



192 LEADAN CRIDHE UILENAOMH lOSA. 

Gniomh COISRIGIDH. 

OCHEIDHE ISTaoimh losa, dhutsa tha mi 
'coisrigeadh 's a' tairgse suas mo bheatha, mo 
smaointean, mo bhriathran, mo ghnlomhran; mo 
shaothair, agus m' fhulangais. Deònaich gur h-e 's 
culaidh-oibre dhomh à so suas a bhi 'toirt gaoil, 'us 
seirbhis, 'us urraim, 'us glòire dhutsa. Uime sin, 
Chridhe uilenaoimh, bì-sa dhomh 'ad aona chuspair- 
gaoil, 'ad dhìon do m' bheatha, 'ad èarlas air mo 
shàbhaladh, agus 'ad sgèith-dhìdein aig uair mo 
bhàis. Chridhe na fèile, bi-sa 'd naomhachadh 
dhomh air bialaobh cathair Dhè, agus dion mi bho 
'fheirg-san, a thoill mi cho ceart. Annadsa tha mi 
'cur m' uil' earbsa ; agus, dearbhte 's mar a tha mi 
'a m' laigse fhein, tha mi ga m' chur-fhèin gu 
buileach 'am mèinn do mhathais. Cuir as do gach 
nl annam a tha mì-thaitneach no mlothlachdor leat. 
Càirich thu-fhèin mar chomharradh diadhaidh air 
mo chridhe, los mo gheall dhut gun dealachadh riut 
gu bràch, a bhi daonnan 'am chuimhne. As leth 
do chaomh-mhathais, cuideachd, deònaich m' ainm 
a chur sios 'an Leabhar-na-Beatha ! agus gur h-ann 
a bhios mi 'am chobhartach coisrigte do d' ghlòir, a' 
sior-lasadh le d' ghaol fiorghlan, 's mi uile 'm chaoir- 
theine leis gu sìorruidh. Annadsa tha mi 'cur m' 
uile shonais ; 's e so m' uil' iarrtas, gun mo bheò no 
mo mharbh a bhi 'n staid sa bith eile ach 'am sheir- 
bhiseach dìleas dhutsa. Amen. 

Leadan Cridhe Uilenaomh Iosa. 
4 Thighearna, dian tròcair òirnn. 



LEADAN CRIDHE UILENAOMH lOSA. 193 

A Chrìosta, dian tròcair òirnn. 

A Thighearna, dian tròcair òirnn. 

A Chriosta, èisd ruinn. 

A Chriosta, gu gràsor èisd ruinn. 

A Dhia Athair nam Flaitheas, Dian tròcair òirnn. 

A Dhia Mhic Thir-saoraidh an t-saoghail. 

A Dhia a Spioraid jN'aoimh, 

A Thrianaid naomh aon Dia, 

A Chridhe losa, fa 

A Chridhe losa, aonaicht* 'am pearsa ri Facal g' 

Dhè, ^ 

A Chridhe losa, 'Ionaid-JSTaoimh na Diadhachd, §- 
A Chridhe losa, a Thèampuill na Trianaid §. 

naoimhe, o/ 

A Chridhe losa, 'Aibheis a' ghliocais, |' 

A Chridhe losa, a Chuain a' mhathais, ^ 

A Chridhe losa, a Chathair na tròcaire, 
A Chridhe losa, Tonmhais nach fàilnich a 

chaoidh, 
A Chridhe losa, a fhuair sinn uile dhe d'lànachd, 
A Chridhe losa, ar Sith 's ar Eèite, t^ 

A Chridhe losa, a Shamhuilt nan uile shuhh- S* 

ailcean, ^ 

A Chridhe losa, Uileghràdhach, agus airidh o^ 

air uileghràdh, g, 

A Chridhe losa, Thuarain fhìoruisge 'sruthadh ^^ 

a mach gu beatha shiorruith, ^/ 

A Chridhe losa, anns am beil mòr-thlachd an s 

Athar, 
A Chridhe losa, 'lobairt-rèite air son ar peac- 

annan, 

13 



194 LEADAN CRIDHE UILENAOMH lOSA. 

A Chridhe losa, a bha dèarlàn cràidh air ar son, 
A Chridhe losa, a bha f o dhùbhròn-bàis 's a' 

ghàradh, tJ 

A Chridhe losa, a lionadh le tarcuis, S' 

A Chridhe losa, a leònadh le gaol, «>k 

A Chridhe losa, a tholladh le sleagh, §- 

A Chridhe losa, a thràghadh le f uil air a' chrois, §. 

A Chridhe losa, a bhrisd air son ar peacannan, ^^ 

A Chridhe losa, a tha fhathast fhèin le daoine |* 

mi-thaingeil ga d' rèubadh 'an Sàcramaid l^ 

uilenaomh a' ghaoil, 
A Chridhe losa, a Dhidein nam peacach, 
A Chridhe losa, a Chobhair nan deòiridh, 

A Chridli3 losa, a Sheasrachd nan daoine-cearta, ^ 

A Chridhe losa, a Shàbhalaidh na feadhnach a S' 

tha 'cur an dòchais annad, ^ 

A Chridhe losa, a Shàbhalaidh na feadhnach ^' 

a gheabh bàs annad, g. 

A Chridhe losa, a chaoin Thiarmainn do luchd- ^^ 

aoraidh, ^* 

A Chridhe losa, a Shòlais nan Naomh uile, s 
A Chridhe losa, ar Cùl-taice 's na diachainnean 

cruaidhe 'tha 'tighinn òirnn. 

'Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, Dian fathamas ruinn, TMghearna. 

'Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, Gu gràsor èisd ruinn, Thighearna. 

'Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, Dian tròcair oirnn. 
V. 'losa, a tha ciiiin 'us iriseal 'an cridhe. 
R, Dian mo chridhe-sa a rèir do ehridhe. 



UENAIGHEAN. 195 

Dianamaid urnaigh, 
Tha sìnn ag achanaich ort, a Dliia uile-chumh- 
achdaich, gu'n deònaicheadh tu dhuinne, a tha 'cur 
uaille à Cridhe Uilenaoinh do Mhic ionmhainn, 
agus a' toirt cuimhne air tiodhlaicean àghor a 
ghràidh dhuinn, subhachas a bhi òirnn, maraon 
mu'n oibreachadh agus mu'n toradh. As leth ar 
Tighearna ciadna. Amen. 

Urnaigli eile. 

OIOSA, as leth do Chridhe naoimh, a' sruthadh 
thairis le caoine, tha sin ga 'r n-earbsa fhèin riut, 
agus gach ni a bhuineas duinn, ar pàrantan, ar 
càirdean, ar dilsean, ar luchd-mathais, ar n-uachd- 
arain agus ar naimhdean : gabh fo d' dhion an tigh, 
's am baile, 's an righeachd so : gabh an cùram 
ciadna de gach aon a tha fo thrioblaid ; agus dhiùbh- 
san a tha 'n craaidh-spàirn a' bhàis ; seall a nuas na 
d' iochd ris a' pheacach dhalma, agus gu sònraichte 
seall ris na h-anmannan truagh a tha 'fulang 'am 
Purgadair, 's maraon riuthasan a tha maille-ruinne 
's a' chomunn naomh so a' toirt onoir 'us urraim 
dhutsa. Beannaich iad sin gu h-àraidh, losa 
mhathasaich, agus beannaich iad a rèir miad do 
mhathais, do thròcaire, agus do ghaoil gun àirimh. 
Amen. 

TJrnaigh air son na feadhnach a tha'n 

TARRAINN a' BHAIS. 

ì, 100 latha gach uair a ghabhar i. 

ii. Làn-laghadh uair 's a' mhìos do gach aon a 



196 GNÌOMH COILEASACHAIDH. 

ghablias fad a' mliios i, tri uairean 's an latha aig 
caochla aniannan. 

1 S A uile-thròcairich, Thir-ghaoil nan 
anmannan, tha mi 'guidhe ort as leth Spàirn 
do Chridhe uilenaoimh, agus bròn do Mhàthar gun- 
smal-peacaidh, gu'n glanadh tu na d' Fhuil fhèin 
peacaich an t-saoghail uile a tha 's an tarrainn agus 
gu bàsachadh an diugh. Amen. 

A Chridhe losa a dh'fhuilig spàirn a* bhàis, gabh 
truas riuthasan a tha 's an tarrainn. 

Gnìomh coileasachaidh do chridhb naomh 

loSA. 

OCHEIDHE uile-ghaolaich agus aorail losa, a 
bhuillsgein gach cridhe, 'ad chaoir-theine le 
carrantachd, 's ad lasair le èud air son glòir d' Athar, 
agas sàbhaladh a' chinne-dhaonda 1 Chridhe 
losa, a tha'n còmhnaidh fiosrach mu'r truaighe, agus 
daonnan uUamh gu fuasgiadh òirnn ! Chridhe 
losa, 'fhior thobhartais ghaoil anns an t-Sàcramaid 
Naoimh, agus iobairt-rèite air son pheacannan air 
altair na croise. A' faicinn duinn nach 'eil tromlach 
nan Criostaidhnean ri coileasachadh eile dhut 'an 
èiric d' uile thròcair, ach ag cur suarach do mhathais, 
diochuimhne air an geall dut, agus mi-thaingealachd 
do'n tobhartair a's fèile, nach ceart gu'n dianamaide, 
's miad an eas-urraim a tha thu 'faotainn a' drùghadh 
cho trom òirnn, 'fhad 's a tha e na 'r comas, gniomh 
iriseal coileasachaidh do d' Mhòrachd uilenaoimh ì 
Air an aobhar sin air ar gliin 's le cridhe iriseal, 



GNÌOMH COILEASACHAIDH. 197 

'an làthair nèamli agus talmhainn, tha sinn a' togail 
fianais air ar gràin air a' leithid de ghiulan. Bu 
ro-ghoirt a chràidh niiad ar peacannan do Chridhe 
maoth; b'an-trom cudrom ar lochdan a leag do 
ghnùis ri làr 's a' ghàradh , agus thair-tuigse bha do 
lèireadh ri linn dhut an deò 'thoirt suas le gaol, le 
bròn, 's le spàirn air Calbhari, agus a ghuidh thu, 
leis an ospaig dheireannaich, air son nam peacach, 
ag iarraidh orra tionndadh ri 'n dleasnas agus ris an 
aithreachas. Tha sinn fìosrach air so, Shlànair 
ghaoil, agus bu toileach a dhianamaid dioladii-fìach 
dhut ann an èiric an fhulangais sin, le 'r fulangas 
fhèin, no co-phàirteachadh leatsa. 

losa ioclidair, daonnan a làthair air an altair, 
agus do Chridhe fosgailt' a ghabhail ana gach aon 
a tha ri saothair agus fo eallaich, Chridhe 
Aorail losa, a thobair an f iiior-aithreachais ! tlioir 
do 'r cridheaciian-ne spiorad an fhìor-aithreachais, 
agus tobar dhiar dh'ar sùilean gu 'bhi 'caoidh air son 
ar peacannan fhein agus an t-saoghail. Tiioir 
mathanas anns gach mi~dhiadhachd, eas-urram agus 
tàire a fhuair thu 's an t-Sàcramaid Naoimh bho'n a 
dh'òrdaich thu 'n tùs i. Gu gràsor gabh ri dioladh- 
fìach so ar n-aithreachais, ge beag e, niar tliobhartas 
taitneach 'ad làtliair, mar l)liuidheachas air son gacli 
tiodhlaic a tha sinn a' faotainn gach latha bho'n 
altair far am beil thu 'ad iobairt biieò agus mliaircann- 
aich, agus 'an aonachd na làn iobairte-fuiltich sin 
a thairg thu air a' chrois air beinn Chalbhari do d' 
Atiiair Siorruith. 

losa Chaoimhj thoir do bheannachd do'n dian 



198 CRABHADH DO DH-AINM lOSA, 

thoil a tV againn 's an àm, agus do'n riin naomh a 
chuir sinn romhainn gaol 'us aoradh gu bràch a 
thoirt dhut le'r n-uile chridhe, 's le'r n-uile neart 
anns an t-Sàcramaid Naoimh ; mar so le fìor thionn- 
dadh cridhe, agus le èud iomchuidh air son do 
ghlòire, coileasachadh a dhianamh air son ar neo- 
shuimealachd 's ar neo-sheasrachd 's an ùine 'chaidh 
seachad. Bi-sa, Chridhe Aorail, 's gur fìos dhut 
a' chriadh de'n d' rinneadh sinn, bi-sa 'ad f hear-rèite 
ris an Athair nèamhaidh air an do chuir sinn a' 
leithid de dhiùmb : neartaich ar laigse, daingnich ar 
rùn, agus le d' charrantachd, le d' chiùine, 's le d' 
fhoighidinn, dubh a mach ar peacannan. Bi-sa 'ad 
chùl-taice dhuinn, 'ad dhideann, 's ad neart, los, à 
so suas, nach dian nì 's a' bheatha no 's a' bhàs ar 
sRaradh bhuat. Amen. 



CEABHADH DO DH-AINM lOSA, 

ACHANAICH. 
100 latha laghaidh uair 's an lath^ 

OIOSA mhath : losa uile-thròcairich : O losa 
uilechaoimh : losa 'Mhic na h-Oighe Moire 
làn tròcair 'us diadhachd. losa chaoimh, a rèir 
do mhòr thròcair gabh truas rium. losa uile- 
thròcairich; tha mi 'guidhe ort as leth na fala priseil 
a dheònaich thu 'dhòrtadh air son nam peacach, 
gu'n glanadh tu mi bho m'uile chiontan, 's gu'n 
sealladh tu nuas orm, peacach truagh gun fhiù, gu 
h-ùmblaidh ag iarraidh mathanais 's ag gairm air 
d'Ainm ]N"aomh losa, 



LEADAN lOSA. 199 

Ainm losa, ainm ro-chaomh : Ainm losa, 
Ainm ro-thaitneach : Ainm losa, Ainm ro-neartor. 
A chionn ciod e losa ach Slànair ? Air an aobhar 
sin losa, air sgàth d'ainme Naoimh, bi ^d losa 
dhòmhsa agus sàbhail mi. E"a leig dhomh a bhi air 
mo dhiteadh, — dhomhs' a chruthaich thu à neoini. 
losa mhath na leig le m' aingeachd an ni sin a 
rinn thu le d' mhathas uile-chumhachdach a sgrios. 
O losa mhath gabh ri d' chuid fhèin 's cuir as do 
gach nì nach buin dhut. losa uile-chaoimhneil 
dian tròcair orm fhad's a tha ùine mathanais a 
làthair, 's na dit mi 'an uair a' bhreitheanais. Cha 
toir na mairbh moladh dhut, a Thighearna losa, cha 
mhutha 'bheir iadsan uile 'thèid sios do dh-ifrinn. 

losa uile-ghaolaich : losa uil' ùidh do shluaigh : 
losa uile-chiùin : losa, losa, losa, gabh mis' 'an 
àireamh do dhaoine-taghte. losa, a shàbhalaidh 
na feadhnach a tha 'creidsinn annad, losa, a 
chofhurtachd na feadhnach a dh'iarras cobhair ort, 
losa, 'Mhic na h-Oighe Moire, dòirt annam gràsan, 
gliocas, carrantachd, geimneachd, agus ioraslachd, 
los gu'm faod mi làn-ghaol a thoirt dhut, do mhol- 
adh, do mhealtainn, do sheirbhiseachadh, agus glòir a 
thoirt dhut maille ris gach aon a tha 'gairm air d' 
Ainm Xaomh losa. Amen, 

LEADAN lOSA. 
Laghaidh 300 latha, gach uair a ghabhar e- 
A Thighearna, dian tròcair òirnn 
A Chriosta, dian tròcair òirnn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn. 



?s 



200 LEADAN lOSA. 

losa, èisd ruinn, 

losa, gu gràsor èisd ruinn. 

A Dhia Athair nam Flathas, dian tròcair òirnn. 

A Dhia Mhic Thir-shaoraidh an t-saoghail. 

A Dhia Spioraid J^aoimh, | 

A Thrianaid naomh aon Dia, 

'losa, 'Mhic an Dè bheò, § 

losa, 'Sholuis an Athar, § 

losa, 'Dhèarrsaidh an t-Soluis shìorruith, ^ 

losa, ^Righ na Glòrach, | 

losa, 'Ghrian a' Cheartais, ?^ 

losa, 'Mhic na h-Oighe Moire, 

losa ro-ghràdhach, 

losa ro-mhiorailteach, 

losa, 'Dhè chumhachdaich, 

losa, 'Athair an t-saoghail tha ri tighinn, 

losa, 'Aingil na comhairle 's àirde, 

losa, ro-chumhachdach, 

losa, ro-fhaighidneach, 

losa, ro-ùmhladh, 

losa, 'tha ciiiin 'us iriosal 'an cridhe, t: 

losa, leis an toigh geimneachd, | 

losa, leis an toigh sinne, 

losa, 'Dhè na sithe, 

losa, 'Ughdair na beatha, 

losa, 'Sgàthain nan subhailcean, 

losa, ro-èudmhor mu anmannan, 

losa, ar Dia, 

losa, ar Dideann, 

losa, 'Athair nam bochd, 

losa, 'lonmhais nan creideach, 



55 



LEADAN lOSA. 201 



55 



losa, 'Dheagli Bliiiacliaille, 

losa, 'Sholuis fhirinnich, 

losa, 'Ghliocais shiorruith, § 

losa, 'Mhathais gun àirimh, ^ 

losa, ar Slighe, agus ar Beatha^ § 

losa, 'Shòlais nan Aingeal, ^' 

losa, 'Eìgh nan aithrichean naomh, S. 

losa, 'Mhaighstir nan Ostal, | 

losa, Thir-theagaisg nan Soisgeulach, 

losa, 'Spionnaidh nam Mairtirean, 

losa, 'Sholuis nan aidmheileach, 

losa, 'Gheimneachd nan òighean, 

losa, 'ChrtLÌn nan l!^aomh uile. 

Bi tròcaireach ruinn. Dian fathamas ruinrij ^losa, 

Bi tròcaireach ruinn. Gu gràsor èisd ruinn^ ^losa. 

Bho'n a h-uile olc, ^ 

Bho'n a h-uile peacadh, § 

Bho d' fheirg, oo 

Bho mhealltaireachd an droch-spioraid, |* 

Bho Spiorad na neòghlaine, 

Bho bhàs sìorruith, o* 

Bho dhearmad air do ghràsan, ? 

As leth rùn-diomhair do dhaondachd heannaichta 

As leth do bhreith, 

As leth do naoidheineachd, gj 

As leth do chaithimh-bheatha ro-dhiadhaidh, ^ 

As leth do shaothaire, ^c^ 

As leth do spàirne 's do phàise, | 

As leth do chroise 's do thrèigsinn, " - 

As leth d'airtneil, § 

As leth do bhàis agus do thiodhlaicidh, -^ 



202 LEADAN lOSA, 

As leth d'aiseirigh, 

As leth do dheasghabhailj 

As leth d'aoibhnis, 

'As leth do ghlòire, 

'Uain Dhè, a tha toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Dian fathamas ruinn, ^losa. 
'Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Gu grasor èisd ruinn^ losa. 
Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Dian tròcair oirnn^ ^losa, 
'losa, èisd ruinn. 
*Iosa, gu gràsor èisd ruinn, 

Dianamaid ìirnaigh. 

Thighearna losa Chrìosta, a thuirt : Tarraibh, 
agus bheirear dhuibh ; siribh, agus gheabh sibh ; 
buailibh agus fosglar dhuibh, guidhimid ort, deònaich 
dhuinne do hichd-achanaich, gràsan do ghaoil ro- 
dhiadhaidh, ann an rathad 's gu'm bi sinn a' toirt 
gaoil dhut le 'r n-uile chridhe, le 'r bilibh, 's le 'r 
gniomhannan, agus nach lasaich sinn de thoirt cHù 
dhut. 

Thighearna thugas duinn a bhi daonnan 'am 
fìamh 's 'an gaol do d'ainm naomh ; oir cha'n 'eil 
thu uair sa bith a' toirt do làimh-stiùraidh bhuapa- 
san a tha thu 'socrachadh air stèidh do ghaoil. 
Tromh losa Criosta ar Tighearna. Amen. 



LAOIDH. 203 

Laoidh. — Jesu dulcis memoria, 

Dh' fhoghnadh smaointeaii air d' ainm Tos', 
Gu sòlas dìan a ghin' 'am chrè ; 
Cuilm 'bu taitniche na'm fìon, 
M' inntinn ga 'lìonadh le d' spèis. 

Cha taisbein binneas thèudan ciùil, 
Cha nochd seanchas no tùr sluaigh, 
Cho luachor 's a tha 'n t-ainm ud dhuinn, 
'S ainglean le ùmhlachd ga' luaidh. 

Gach nì 'tha 'm flathanas Dè, 
Air talamh no fo'n talamh shìos, 
Lùbaidh an glùn gu lèir, 
'X uair chluinneas iad ainm èuchdach los', 

los' an t-ainm os cionn gach ainm', 
Beatha m' anma, 's mo lèigh ; 
Ged is tric a thoill mi d' fhearg, 
Bithidh mi 'leanmhuinn air do dhèigh. 

N' uair a dh' iarras an saoghal 's an fheòil, 
Ormsa dòibheart 'chur 'an gniomh, 
Diridh mo spiorad mar a's còir, 
Gu righ na tròcaire gu 'dhìon. 

Air sgiathan creidimh agus gràidh, 
Teichidh mi gu gàradh mo mhiann, 
Far an d'f huilig Criost' a phài.s^ 
'Us fallus ga 'f hàsgadh romh 'bhian. 

'S a' ghàradh choisinn sinn am bàs : 
Pheacaich Adhamh, dh' ich e 'm meas : 
'S a' ghàradh, dh' ùmhlaich Eigh nan gràs 
E-f hèin, gu'r sàbhaladh bho sgrios. 

Bhrùchd cùirneana faUuis mar dheòir, 
Tromh chorp glòrmhor le fìor phèin ; 



204 LEADAN BEATHA 's PAIS lOSA CHRÌOSTA. 

Bu trom mo pheacannan gn'n toirt 
Air Uan neo-chiontach mo Dhè. 

Bhuaileadb Cìbear nan caoin bhèus, 
Sgapadh a thrèud 's a luchd-dàimh ; 
Chaidh Criost' a bhrath le Ostal fhèin, 
Chuir pòg an èucoraich e 'n làimh. 

Guileamaid mu d' dhìol-s', a Chriost*, 
'Ad bhall-bùirt 'am measg do nàmh, 
's iad ar peacannan a sgiùrs, 
'S a spàrr le cràdli an crùn mu d' cheann. 

'Choluinn, ùmhlaich sìos thu-fhèin, 
Aig bun a chroinn-chèusd' a dh-Ios', 
'S na cuir tuilleadh e gu pèin, 
Ag ùrachadh a chrèuchd' le d' ghnìomh. 

M' anam, ùmhlaich sios do d' Dhia, 
Las mar tlieine dian do ghaol ; 
Smaoinich na dh' f huilig do Thriath, 
Dh' ionnsaidh d' f hiachan a bhi saor. 

Thug e 'ghoimh dhuinn as a' bhàs, 
Rinn e pàras fior de 'n uaigh ; 
'N uair 'rinn e aiseirigh nan gràs, 
Choisinn air gach nàmhaid buaidh. 

Cliù do'n Athair, 's cliù do'n Mhac, 
'S cliù do'n Spiorad neartmhor naomh ; 
Trianaid cliumhachdach nam feart, 
Molamaid mu seach 's mar aon. 

Leadan beatha 's pais Iosa Chrìosta. 

DH' ìslich ar Tighearna losa Crìosta e-fhèin a' 
striochdadh gu h-iriseal gu bàs, 's eadh gu bàs na 
croise : agus air son so thog Dia suas e, agus thug e 



LEADAN BEATHA ^S PAIS lOSA CHHÌOSTA. 205 

dha ainm, a tha fos cionn a h-nile ainm, 's gu'n lùb 
ann an ainm losa a li-uile glùn dhiùbhsan, a tha air 
nèamh, air talamh, agus fo'n talamh : agus gu'n 
aidich gach teanga, gu'm beil ar Tighearna losa 
Criosta ann an glòir Dhè an t-Athair. 

A Thighearna, dian tròcair òirnn. 

A Chriosta, dian tròcair òirnn. 

A Thighearna, dian tròcair òirnn. 

A Chriosta, èisd ruinn. 

A Chriosta, gu gràsor èisd ruinn. 

A Dhia Athair nam flaitheas, dian tròcair òirnn. 

A Dhia Mhic, Fhir-saoraidh an t-saoghail, dian 

tròcair òirnn. 
A Thrianaid naomh aon Dia, dian tròcair òirnn. fc) 
Tosa, a ghliocais shiorruith, |* 

Tosa, a Mhic na h-Oighe Moire, ^ 

'losa, dh'an d' thug do Mhàthair aoradh, §' 

'losa, a shuaineadh 'am brat-spèilidh, §. 

'losa, a chàireadh am prasaich, ^^ 

'losa, a thogadh air bainne oighe, 2|- 

'losa, a dh' fhiachadh 's a' phrasaich do na buach- Ì 

aiUean, 
'losa, a, chaidh fo'n lagh leis an timcheall-ghearr- 

adh, t^ 

'losa, dli' an d' thug na daoine-glice aoradh, S* 

'losa, a thairgeadh suas 's an tèampull, c^ 

'losa, a thugadh do'n Eiphit, 2-' 

'losa, a dh' iarr Herod gu d' mharbhadh, §. 

'losa, a chaidh àrach 'an Nàsaret, ^ 

'losa, a fhuaradh 's an tèampull, S' 

'losa, a bha umhailte do d' phàrantan, |s 



'losa. 
'losa. 
'losa, 
'losa. 
'losa. 
'losa. 
'losa, 
'losa. 
'losa^ 
'losa. 
'losa 
'losa. 
'losa, 
'losa. 
'losa. 
'losa. 
'losa, 
'losa, 
'losa, 
'losa, 
'losa, 
'losa, 
'losa, 
'losa. 



s 



206 LEADAN BEATHA 'S PAIS lOSA CHRÌOSTA. 

'losa, a bhaisteadh le Eòin, 

'losa, a bhuaireadh 's an fhàsach, 

'losa, a 'rinn còmhradh ri daoine, 

'losa, a fhuair fuath gun aobhar, 

'losa, a lèireadh le tàire, 

'losa, a chaochail cruth air a' bheinn 'an làthair 
nan Athraichean, | 

a chaidh mar rìgh ciùiu do lerusalem, 
a bha 'gal le truas ris, §- 

a reiceadh air dheich buinn fhichead airgid, §. 
a lùb sìos gu casan do dheisciobul, ^ 

a thuit air d'aghaidh ag ùrnaigh, §' 

a neartaicheadh le aingeal, ^s 

a bha 'sruthadh le fallas-fala 'ad spàirn^ 
a bhrath lùdas Iq pòig, 
a cheangladh leis na maoir, 
a thrèigeadh le d' dheisciobuil, 
a thugadh 'an làthair Annais 'us Chaiphais, 
a bhuail maor le 'bhois 's an aodann, tr^ 

a dhiteadh le fìanaisean-brèige, g 

air an d'thugadh binn-bhàis mar chiontach, 
air an do chaitheadh smugaidean 's an aodann, 
air an do chuireadh dallan-shiil, § 

a bhuaileadh le diiirn, o 

a dh' àicheidh Peadar tri uairean |" 

a liùbhradh ceangailte do Philat, ^ 5^ 

air an d' rinn Hèrod magadh 'us fochaid, 
a dh' èideadh 'an trusgan geal, 
dhe'n d' rinneadh diti seach Barabbas, 
a r^ubadh le sgiiirsadh, 
a dh' fhàgadh brtiite air son ar peacannan, 



53 

Ci 



LEADAN BEATHA 'S PAIS lOSA CHRÌOSTA. 207 

'losa, a mheasadh mar lobhar, 

'losa, a dh' èideadh 'an deise phurpuir, 

'losa, a chrùnadh le dreigheann, 

'losa, a bhuaileadh le cuilc, 

'losa, a dh'iarr na h-Iùdhaich gu d' chèusadh, 

'losa, a dhìteadh gu bàs ro-mhaslach, b 

'losa, a hùbhradh do thoil nan liidhach, | 

'losa, a luchdaicheadh le uallach na croise, ^ 

'losa, a thugadh mar chaora thun na casgairt, §^ 

'losa, dhe'n do spionadh d' aodach, §. 

'losa, a cheangladh ris a' chrois le tàirnean, o 

'losa, a chrèuchdadh air son ar ciontan, g* 

'losa, a rinn ùrnaigh ri d' Athair air son do .^ 

naimhdean, 
'losa, a mheasadh 'am measg nan èucorach, 
'losa, a fhuair toibheum 'us fochaid air a' chrois, 
'losa, a fhuair tàire bho'n mhèirleach, 
'losa, a gheall pàras do'n mhèirleach a thionn- 

daidh, ^ 

'losa, a chuir Naomh Eòin fo chùram do Mhàthar S* 

mar a mac, ^ 

'losa, a chuir 'an cèiU gu'n do thrèig d' Athair S- 

thu, ^ g. 

'losa, a fhuair domblas 'us fìon-geur air do phath- ^ 

adh, ^ 

'losa, a thog fìanais gu'n do choimhlionadh gach Ì 

ni a bha sgribhte mu d' dhèighinn, 
*Iosa, a liubhair d' anam 'an lamhan d' Athar, 
'losa, a bha umhailte gu bàs na croise f hèin, 
'losa, a thoUadh le sleagh, 
'losa, a rinneadh 'ad iobairt-rèite air ar son, 



208 LEADAN BEATHA 'S PAIS lOSA CHRÌOSTA, 

^losa, a thugadh a imas bhàrr na croise, 

'losa, a chàireadh 's an uaigh, 

' [osa, a dh' èirich gu glòrmhor bho na mairbh. b 

'losa, eì chaidh suas air nèamh, |* 

'losa, ar fear-rèite ris an Athair, .^^, 

'losa, a chuir a nuas an Spiorad J^aomh an Co- §" 

fhurtair air do dheisciobuil, |. 

'losa, a dh' àrdaich do Mhàthair os cionn nan o 

aingeal, |* 

'losa, a thig a thoirt breth air bheò 's air mharbh, .^ 
Bi tròcaireach, 

Dian fathamas ruinn, a Thighearna, 
Bi tròcaireach, 

Gu gràsor èisd ridnn^ a Thighearna, 
Bho'n a h-uile olc, 
SaoT sinn, a Thighearna, 
Bho'n a h-uile peacadh, 

Bho fheirg, bho fhuath, 's bho gach droch-rùn, 
Bho phlàigh, bho ghorta, 's bho chogadh, ^ 

Bho gach cunnart inntinn 'us cuirp, § 

Bho bhàs sìorruith ^ 

As leth do ghinidh uileghlan, §• 

As leth do bhreithe miorailtiche, i^ 

A.S leth do thimcheall-ghearradh iriseal, ^ 

As leth do bhaistidh 's do thraisge naoimh, ^ 

As leth do shaothaire 's do chaithris, ^* 

As leth do sgiùrsaidh 's do chriinaidh dòruinnich, g 
As leth do phathaidh, do dhiar, agus do riisgaidh, g 
As leth do bhàis agus do chroise prìseile, .^ 

As leth d'aiseirigh's do dheasghabhail glòrmhòire, 
As leth cur-a-nuas an Spioraid JSTaoimh, an Co- 

fhurtair, 



LEADAN BEATHA 's PAIS lOSA OHEÌOSTA. 209 

Air latha a' bhreitheanais, 

Sinne na peacaich, 

Deònaich èisdeaclid ruinn, 

Gu'n tugadh tu fathamas duinn, 

Gu'n tugadh tu raathanas duinn, 

Gu'ni b'e do thoil ar toirt gu fìor aithreachas, 

Gu'm b'e do thoil gu tròcaireach gràsan an Spior- ^ 

aid Naoimh a chur a nuas na 'r cridhe, § 

Gu'm b'e do thoil d' Eaglais naomh a dhion 's a | 

lìonsgaradh, g.] 

Gu'm b'e do thoil gach comunn a chruinnicheas c^v 

'ad ainm naomh a theasraiginn 's a chraobh- §] 

sgaoileadh, g 

Gu'm b'e do thoil fior-shith, irisleachd, agus car- g 

rantachd a bhuileachadh òirnn, ^ 

Gu^m b'e do thoil bunailteas a thoirt dhuinn 'an §. 

staid nan gràs agus 'ad sheirbhis naoimh, ^^ 
Gu'm b'e do thoil ar teasraiginn bho smaointean 

neòghlan, bho bhuairidhnean nan deomhan, 

agus bho dhiteadh sìorruidh, 
Gu'm b'e do thoil ar gabhail 'an co-chomunn co- 

thional do naomh, 
Gu'm b'e do thoil èisdeachd gu gràsor ruinn, 
Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Dian fathamas ruinn^ Thighearna^ 
Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
GrU gràsor èisd ruinn. 
Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghal, 

U 



210 URNAIGH N. GRIOGAIR. 

Dian tròcair oirnn, 

A Chrìosta, èisd ruinn. 

A Chrìosta, gu gràsor èisd ruinn. 

V. Tha sinn a' toirt aoraidh dhut, a Chrìosta, agus 

ga d' bheannachadh. 
R. A chionn gu'n do shaor thu an saoghal le d' 

chrois naoiinh. 
F. Cuimhnich d' iochd, a Thighearna. 
R, Agus do thròcair a th' ann bho thùs. 
V, Faic m' irisleachd agus mo shaothair. 
R, Agus math dhomh mo lochdan. 
F. A Thighearna, èisd ri m' tirnaigh. 
R, Agus gu d' ionnsaidh thigeadh mo ghuth. 

Dianamaid ùrnaigh, 
Dhia, a tha do thròcair gun àirimh, agus 
ionmhas do mhathais neo-chriochnach, tha sinn a' 
toirt tainge do d' Mhòrachd uile-ghràsoir air son do 
thiodhlaicean gu lèir, 's sinn daonnan ag guidhe do 
thròcair : los, mar a tha thu a' buileachadh an iarr- 
tais air do luchd-achanaich, gun idir an diobairt, 
gu'n uidheamaich thu iad air son nan duaisean ri 
tighinn. As leth do Mhic losa Crìosta ar Tighearna. 
F. Beannaicheamaid an Tighearna. 
R, TaingdoDhia. 
F. Fois gu'n robh aig anmannan nam marbh-chreid- 

each tromh iochd Dhè. 
R, Amen. 

Urnaigh IN". Griogair. 
1. r\ THIGHEAENA losa Chriosta, tha mi 'toirt 
\J aoraidh dhut 'an crochadh air a' chrois 's 



URNAIGH N. GRIOGAIR. 211 

crùn drelgMnn air do cheann : guidhim ort do chrois 
ga m' theasraiginn bho'n aingeal mhillteach. 
Ar n- Athair, &c. 

2. Thighearna losa Chrlosta, tha mi 'toirt aor- 
aidh dhnt làn chrèuchd air a' chrois, a' faighinn 
domhlais 'us fìon-ghèir air do phathadh : guidhim 
ort do lotan a bhi dhomh na 'n iocshlaint anma. 

Ar n- Athair, &;c. 

3. Thighearna losa Chrlosta, as leth na dòruinn 
a dh' fhuilig thu air a' chrois gu h-àraid 'an àm do 
d' anam priseil do cholainn bheannaichte f hàgail : 
guidhim ort tròcair a dhianamh air m'anam 'an àm 
fàgail mo cholainn, agus a thoirt gu beatha shlor- 
ruith. 

Ar n- Athair, &c. 
4 Thighearna losa Chriosta, tha mi 'toirt aor- 
aidh dhut air do thasgadh 's an uaigh air d' ùngadh 
le spisreadh 's le mir : guidhim ort do bhàs a bhi 
dhomh na 'bheatha. 

Ar n- Athair, &c. 

5. Thighearna losa, tha mi 'toirt aoraidh dhut 
a* dol sios do dh-ifrinn a shaoradh nam priosanach : 
guidhim ort m' anam a chumail as an ionad sin, 

Ar n- Athair, &c. 

6. Thighearna losa Chriosta tha mi 'toirt aor- 
aidh dhut ag èirigh bho na mairbh ; a' dol suas air 
nèamh agus 'ad shuidhe air deas-làimh an Athar : 
guidhim ort gu'n lean mi suas thusa, 's gu'n toill mi 
mo chur 'ad làthair. 

Ar n- Athair, &c. 



212 URNAIGHEAN NAN COIG LOTAN. 

7. Thighearna losa, a dheagh-bhuachaille, teas- 
raig na daoine-naomh, naomhaich na peacaich, dian 
tròcair air na creidich uile, 's dian gu h-àraid fath- 
amas riùmsa am peacach. 
Ar n- Athair, &c, 

Urnaighean nan coig Lotan, 
100 latha laghaidh aon uair 's an latha. 
Gnìomh Aithreachais* 

OSHLAN"AIE uile-ghràdhaich m' anma, fcha mi 
ga m' ùmhlachadh sios air do bhialaobh air a' 
chrois, 's mo chogais ga m' dhiteadh air son do 
thàirneachadh le m' dhà làimh ris a' chrois sin cho 
tric 's a thuit mi 'am peacadh-bàis, ga d' lèireadh le 
m' mhi-thaingealachd ghràineil. mo Dhia, m' 
Ard-mhath uile-choimhlionta, airidh air m^ uile ghaol 
a thaobh do mhathais dhomh 'an còmhnaidh, is 
crèutair truagh mise ; cha'n urrainn dhomh, ni 'bu 
mhiann leam, mo lochdan a ghairm air an ais ; ach 
tha mi 'toirt gràine dhaibh le fior bhròn-cridhe a 
chionn miothlachd a chur ortsa, a Mhathais neo- 
chriochnaich ; agus air mo ghliin aig do chasan, ni 
mi m' uile-dhichioll air a bhi cràiteach air do shon, 
air mathanas 'us aithreachas iarraidh ort, 's mi le m' 
chridh* air mo bhilean ag ràdh ri — 

/. Lot na GoisG Clith* 

Tha mi 'toirt aoraidh dhut, a Loit uilenaoimh na 
Coise Clith ; losa, tha mo chridhe cràiteach air 



UBNAIGHEAN NAN COIG LOTAN. 213 

son na pèine ro-dhòruinnicli a dh' fhuilig thu ; tha 
mi 'toirt tainge dhut air son a' ghaoil sin a bha ga d' 
chlaoidh air mo thòir 's mi air mo chèum gu sgrios, 
's tu sruthadh fala air feadh dhrisean mo pheacannan. 
Tha mi tairgse do'n Athair shiorruith cràdh agus 
gràdh do dhaondachd uilenaoimh ann an èiric mo 
pheacannan 's mi 'toirt gràine dhaibh le fior-aith- 
reachas cràiteach. 

PaidÌTf Beannachadh Moire^ Glòir. 

IL Lot na Coise Deise» 

Tha mi 'toirt aoraidh dhut, a Loit uilenaoimh na 
Coise Deise ; losa, tha mo chridhe cràiteach air 
son na pèine ro-dhòruinnich a dh' fhuilig thu ; tha 
mi 'toirt tainge dhut air son a' ghaoil a lot thu le 
'leithid de phèin 's de dhòrtadh-fala a pheanasach- 
adh mo sheachrain agus an toileachais pheacaich a 
thug mi do m'ana-miannan neo-chiosnaichte ; tha mi 
'tairgse do 'n Athair shiorruith cràdh agus gràdh do 
dhaondachd uilenaoimh, agus tha mi 'guidhe ghràsan 
ort gu 'bhi 'sileadh deòir an aithreachais air son mo 
chiontan; agus gu buanachadh 's na deagh-bheairtean 
air an do thòisich mi, gun snaoidheadh am feasda 
tuiUe bho ùmhlachd do d' fhàinte dhiadhaidh. 

Paidir, Beannachadh Moire, Glòir. 

IIL Lot na Làimhe Clith, 
Tha mi 'toirt aoraidh dhut, a Loit uilenaoimh na 



214 URNAIGHEAN NAN COIG LOTAN. 

Làimhe Clitli ; losa, tha mo cliridhe cràiteach air 
son na pèine ro-dhòruinnich a dh'fhuilig thu ; tha 
mi 'toirt tainge dhut air son a' pheanais agus an 
dìtidh shìorruith a thoill mo pheacannan, a chur 
seachad orm le 'leithid de ghaol ; tha mi 'tairgse do'n 
Athair shiorruith cràdh agus gràdh do dhaondachd 
uilenaoimh, agus tha mi 'guidhe ort mo stiiiireadh gu 
buil mhath a dhianamh de na tha romham de m' 
bheatha gu toradh freagarrach do 'n aithreachas a 
thoirt a mach, agus sith a chur air corruich ceartas 
Dhè. 

Paidir, Beannachadh Moire, Glòir, 

IV, Lot na Laimhe Deise, 

Tha mi 'toirt aoraidh dhut, a Loit uilenaoimh na 
Làimhe Deise ; O losa, tha mo chridhe cràiteach air 
son na pèine ro-dhòruinnich a dh'fhuilig thu ; tha 
mi 'toirt tainge dhut air son do mhathais dhomh 'an 
còmhnaidh a dh-aindeoin cho fìor-olc 's a thoill mi 
e ; tha mi 'tairgse do'n Athair shìorruith cràdh agus 
gràdh do dhaondachd uilenaoimh, agus tha mi 
'guidhe ort mo chridhe 's m' aigne 'thionndadh riut, 
's mo threòrachadh gu m' uile-dhianadas a chur 'an 
gnìomh a rèir toil mhath Dhè. 

Paidir, Beannachadh Moire, Glòir 

V, Lot an Taoihh Naoimh, 

Tha mi 'toirt aoraidh dhut, a Loit uilenaoimh an 
Taoibh ; losa, tha mo chridhe cràiteach air son na 



URNAIGHEAN NAN COIG LOTAN 215 

tàmailte maslaicli a dh'fhuilig thii ; tha mi 'toirt 
tainge dhut air son a' ghaoil a hithasaich do Thaohh 
agus do Chridhe 'tholiadh, agus gu'n do dheònaich 
thu am boinne mu dheireadh fala 's uisge 'dhortadh 
gus mi 'bhi pailt de shaoradh ; tha mi 'tairgse do'n 
Athair shìorruith na tàmailte so maille ri gràdh do 
dhaondachd uilenaoimh, los m' anam a dh-fhaotainn 
aon uair a stigh 's a' Chridhe uile-ghràdhach sin, a 
tha deònach agus ullamh gu dibeatha 'thoirt do na 
peacaich a's mutha, gun mo sgaradh bhuaithe am 
feasda tuille. 

Paidir, Beannachadh Moire, Glòir. 

Ris an Oigìi ro-naoimh, Màthair na dòruinn, 

Mhoir' Oigh, a Mhàthair Dhè, is martair gaoil 
'us dòruinn thu le 'bhi fìanaiseach air pèin 'us dòruinn 
losa : cho-aontaich thu ann an deagh-obair mo shaor- 
aidh le d' dhòruinn gun àirimh, agus le 'Aona-ghin 
j\'Ihic, d' Aona-ghin Mhic fhèin, a thairgse suas do'n 
Athair shìorruith na 'làn-ìobairt agus na 'thobhartas 
tròcaire air son mo pheacannan. Tha mi 'toirt tainge 
dhut air son a' ghaoil gun chrìch leis an do chuir thu 
de d' dhith toradh do chuim, fior dhuine agus fìor 
Dhia, gu mise, am peacach, a shàbhaladh. D'eadar- 
ghuidhe a gheabh èisdeachd 'an còmhnaidh, cuir suas 
ris a' Mhac 's ris an Athair, los mo dhroch-chleachd- 
annan a leasachadh gu bunailteach, air chor 's nach 
bi mi le ciontan as ùr ag cèusadh mo Shlànair 
gràdhaich ; agus le buanachadh na 'ghràsan gu uair 



216 SLIGHE NA CROISE. 

mo bhàis, gu'm buannaiclid mi a' bbeatha shìorruith 
as leth a phàise 's a bhàis dhòruinnich air a' chrois. 

Tri Beannachaidli Moire. 
Dianamaid ùrnaigh. 

Thighearna losa Chriosta, a dhnich crann na 
croise aig an t-siathamh uair agus a dhòirt d'Fhuìl 
phriseil air son mathanas pheacannan : tha sinn gu 
h-u.mhlaidh ag guidhe ort gu'n deonaicheadh tu 
dhuinn 'an deaghaidh ar bàis dol gu sòlasach a stigh 
air geataichean fhlathanais. 

Thighearna losa Chriosta, guidhimid ort, an 
Oigh bheannaichte do Mhàthair a chaidh claidheamh 
dòruinn romh 'h-anam ro-naomh aig uair do phàise, 
a bhi ri eadarghuidhe ri d' thròcair air ar son a nise 
's aig uair ar bàis. As do leth-sa, losa Chriosta, a 
Shlànair an t-saoghail, a tha beò 's a' rian maille ris 
an Athair 's ris an Spiorad iN'aomh, f ad shaoghal nan 
saoghal. Amen. 



SLIGHE E"A CROISE. 
(YiA Crucis.) 

Mìneadiadh, 

1. RrABH bho lìnn ar Slànair bha e mar cbleacbdadli aig 
Crìostaidhnean dol as gach cèarna de'n domhan air thunis- 
cràbhaidh a shealltainn nan ceart àiteachean 's an d'fhuilig 
Crìost' a Phàis. Leanadh air sin bho àm gu h-àm gus an 
do chuir na h-ana-creidich fòpa-fhèin Talamh-a'-Ghealltan- 
ais. Mu'n àm sin chaidh tòiseachadh air Slighe na Croise 's 
na h-eaglaisean. 

2. Tha Slighe na Croise 'riochdachadh slighe ar Slànair 
bho thigh Philait, far an deach a dhìteadh, gu muUach 



SLIGHE NA CROISE. 217 

Chalbliari, far an deach a clièusadli ; agus bho sin thun na 
h-uaghach 's an deach a thasgadh 'an deaghaidh a bhàis. 
Tha i air a roinn na 'ceithir chinn-uidhe dhiag ris an abrar 
Stadan ; agus aig gach Stad tha crois de dh-fhiodh, 'us 
dealbh a tha 'riochdachadh roinn de'n Phàis. 

3. Cha'n 'eil laghadh-eaglais a bhuilich Pàp rìabh air son 
dol air thurus-cràbhaidh do dh-Ierusalem ('s gun teagamh 
bu làn-laghaidh mòran dhiubh), nach fhaod neach sa bith a 
thèid gu h-iomchuidh romh Shlighe na Croise ann an staid 
an fhìor-aithreachais, a chosnadh dha-fhèin 's do na marbh- 
chreidich, agus sin leis-fhèin no 'n cuideachda feadhnach 
eile. 

4. 'An àm dol tre Shlighe na Croise bheirear fonear gu'm 
fèumar, gus na laghaidh-eaglais a chosnadh, (1) Dol thun 
gach cinn-uidhe fos-leth ; ach mur bi sin goireasach a thaobh 
dòmhladais sluaigh, no aobhar eile, fòghnaidh do neach far 
am bì e, 'aghaidh a thionndadh ris a' chrois a th'aig gach 
Stad ; (2) Meòrachadh car ùine a rèir a chomais, air Pàis ar 
Slànair. Cha'n 'eil ùrnaigh shònraichte sa bith riatanach ; 
air a shon sin thàthas a' moladh a' chràbhaidh a leanas, no a 
leithid eile. 

Seòladh. 

1. *Ad aonar. Dian gnìomh aithreachais ; cuir romhad 
na laghaidh-eaglais a tha'n cois a' chràbhaidh so, ach aon 
làn-laghadh dhut-fhèin, ma thogras tu, a bhuannachd air son 
nam marbh-chreideach. Tòisich aig taobh an t-soisgeil 's 
rach bho Stad gu Stad a' meòrachadh car ùine a rèir do 
chomais air Pàis ar Slànair. 

2. Le cuideachda. An uair a thèid an sagart air a ghlùn 
air bialaobh na h-altrach rach-sa air do ghlùn cuideachd ; 
dian an gnìonih aithreachais : cuir romhad na laghaidh- 
eaglais a chosnadh ; an uair a dh'èireas esan èirich thusa 's 
rach leis bho Stad gu Stad mar gu'm biodh thu leat-fhèin. 
Aig * Adoramus ' lùb air do ghlùn deas ; seas aig lèughadh 
a' mheòrachaidh ; 'an sin rach air do ghlùn gu * Fois gu'n 
robh aig anmannan nam marbh-chreideach.' Is tric gu'n 
seinnear ceithreamh de'n * Stabat Mater ' a' dol eadar gach 
Stad. 



218 SLIGHB NA CROISB. 

Crab'hadh, 

Their an sagart *s e-fhèin 's na clèirich air an glùn air 
bialaobh na h-altrach : 

OIOSA, 'Shlànair ghràsoir, seall sinne ga'r 
n-ùmhlachadh sios 'ad làthair a ghuidhe tròc- 
aire dhuinn-fhèin 's do dh-anmannan nam marbh- 
chreideach. Deònaich toradh uile-luachmhor do 
Phàise, air am beil sinn 's an uair a' dol a mheòrach- 
adh, a chàramh ri 'r n-anam ; agus mar a ghabhas 
sinn slighe nan diar 's na dòruinne so, gu'n taisich 
bròn 'us aithreachas ar cridhe, air chor 's gu'm hi 
sinn làn-leagte ri croisean, ri diachainnean, 's ri triob- 
laidean na beatha so 'ghlacail le aoibhneas agus le 
ùmhlachd. 

F. Fosglaidh Tusa, a Thighearna, mo bhial. 

R. Agus bheir mo theanga cliti dhut. 

V. A Dhia, thig gu m' chòmhnadh. 

R. A Thighearna greas gu m' chuideachadh. 

V. Glòir do'n Athair, agus do'n Mhac, agus do'n 
Spiorad JSTaomh. 

R. Mar a bhà, 's mar a thà, 's mar a bhitheas, fad 
shaoghal nan saoghal. Amen. 

I. Stad. 
losa air a dhìteadh gu hàs. 
V. Tha sinn a'toirt aoraidh dhut, a Chrlosta, agus 
tha sinn a' toirt chù dhut. 

R. A chionn le d' chrois naoimh gu'n do shaor 
thu an saoghal. 

'An deaghaidh toibheum a thoirt dha 'an tigh 



SLIGHE NA CEOISB. 219 

Chaiphais, agus fanaid a dhianamh air *an tigh 
Hèroid, tha losa air a tharrainn 'an làthair Philait : a 
dhrnim air a rèubadh le sgiùrsadh, 's e air a chrìin- 
adh le criin dreighinn ; agus esan a bheir, air an 
latha dheireannach, breth air bheò 's air mhairbh, 
air a dhìteadh e-fhèin gu bàs maslach. 

Is ann air ar son-ne 'dh'fhuilig thu, Tosa 
bheannaichte ; is ann air son ar peacannan a chaidh 
do dhiteadh gu bàs. deònaich dhuinn fuath 
agus gràin a bhi againn orra bho ghriinnd ar cridhe ; 
agus leis an aithreachas sin gu'm faìgh sinn bhuat 
tròcair agus mathanas. 

Gniomh aithreachais, 
['An deaghaidh gach stad.] 

ODHIA, tha sinn a' toirt gaoil dhut le 'r n-uile 
chridhe, agus os cionn gach nì, agus tha fìor- 
dhuilichinn òirnn gu'n do chuir sinn riabh mio- 
thlachd ort. deònaich dhuinn nach cuir sinn ri 'r 
beò tuiUe miothlachd ort, 's gu'm bi sinn a' toirt 
gaoil gun lasachadh dhut, agus gu'm b'e ar sòlas do 
thoil naomh a dhianamh anns gach nì. 

Ar n-Athair. Fàilte dhut. Glòir do'n Athair. 

V. Ei tròcaireach ruinn, Thighearna. 

R. Bi tròcaireach ruinn. 

F. Fois gu'n robh aig anmannan nam marbh- 
chreideach tromh iochd Dhè. 

R. Amen. 

A Mhàthair naonih, càirich gu domhainn air mo 
chridhe lotan an Ti a chaidh a chèusadh. 
[Mar so cuirear crìoch air gach. stad.] 



220 SLIGHE NA CROISB. 

II. Stad. 
losa ^gabhail na croise air a ghuaillnean, 

F. Tha sinii a' toirt aoraidh dhut, &c. 
B, A cliionn le d' clirois, &c. 

Chaidh crois throm a chàradh air guaillnean 
crèuchdach losa. Ghabh e i le ciiiine, 's ghiùlain e 
i le aoibhneas, a chionn gu'm b'i am miadhon a rogh- 
naich e gus an saoghal a shaoradh. 

losa, deònaich dhòmhsa, le f eart na croise, cridhe 
caomh, ciiiin, gràdhach mar a bh'agadsa. Thoir 
dhomh diachainnean 'us trioblaidean na beatha so 
a ghiùlan le misnich 's le ùmhlachd ; miagh 'us dèigh 
a bhi agam air na croisean a thig 'am rathad, agus 
an naomhachadh. 

Gnlomh aithreachais, &c. (slios 219.) 

A Mhàthair naomh, &c. (slios 219.) 



III. Stad. 
losa Huiteam fdn chrois a* chiad uair^ 

V. Tha sinn a' toirt aoraidh dhut, &c. 

B. A chionn le d' chrois, &c. 

Air a chromadh sios fo chudthrom na croise, tha 
losa le cèum airtealach ag gabhail na slighe gu 
Calbhari, 'am measg sluaigh gun bhàigh 's iad a' 
fanaid 's a' magadh air. An spàirn a dh'fhuilig e 's 
a' ghàradh chlaoidh i 'neart; e na 'phiantach le 
buillean 's le lotan ; thrèig a threòir e ; thuit e air làr 
f o'n chrois 1 



SLIGHE NA CROISE. 221 

losa, 'bho'ii is ann air son ar peacannan a 
ghiùlain thu eallach throm na croise, 's a thuit thu 
air làr fo 'cudthrom, thoireadh smaoineachadh air 
d'fhulangas òirnn a bhi faicilleach agus ar cumail 
bho thuiteam 's a' pheacadh. 

Gnìomh aithreachais, &c. (slios 219.) 



IV. Stad. 

losa *s a mhàthàir a? tachairt 

F. Tha sinn a' toirt aoraidh dhut, &c. 
R, A chionn le d' chrois, &c. 

Ag giùlan na croise 's e air a leòn as ùr leis an 
tuiteam, tha losa 'cumail air 'aghart air an t-slighe. 
Tha e-fhèin 's a Mhàthair naomh a' tachairt. !N"ach 
b'i sin a* choinneamh mhuladach ga rlreamh ! 
Cridhe tlàth Moire ga 'bhristeadh ri faicinn dìol 
dèisneach a Mic rùnaich 's i gun seòl aic' air furtach 
air; 's cridhe naomh losa ga 'chràdh gu goirt le 
truas ri 'Mhàthair bhrònaich. 

losa, as leth an truais a bh'agad ri d' Mhàthair 
naoimh 's an àm sin, gabh truas ruinne, 's thoir còir 
dhuinn air a 'h-eadarghuidhe. Mhoire, a Mhàth- 
air na dòruinne, dian eadarghuidhe air ar son, los, 
as leth fulangas do Mhic, gu'n teasraigear sinn bho'n 
fheirg ri tighinn. 

Gnìomh aithreachais, &c. (slios 219.) 



222 SLIGHB NA CROISB. 

V. Stad. 
à! chrois aÌT a càradh air Sìmon Chirène^ 

V. Tha sinn a' toirt aoraidh dhut, &c. 

i?. A chionn le d' chrois, &c. 

Leis mar a thrèig a neart losa, 's nach b'urrainn 
dha ach gann dol air 'aghart, rug na saighdearan air 
Sìmon Chirène, 's thug iad air a' chrois a ghiùlan. 
Thaisich feart na croise sin a chridhe, air chor 's 'an 
àite dhi 'bhi na 'h-obair aindeoinich leis, gur h-ann 
a bha i leis na 'h-onair agus na 'sòlas. 

losa, deònaich urram a chur òirnne le d' chrois 
a thoirt dhuinn ri ghiùlan ; uaill na biodh òirnn 
ach aisde-se ; leatha biodh an saoghal air a chèusadh 
dhuinn agus sinne do'n t-saoghal. A chaoidh na 
biodh sgàth òirnn romh fhulangas ] 'an àite sin thoir 
dhuinn gur ann a bhios aighir òirnn airson a bhi 
airidh air fulang air do shon-sa. 

Gniomh aithreachais, &c. (slios 219.) 



VI. Stad. 
Veronica Hiormachadh aodainn losa. 

F. Tha sinn a' toirt aoraidh dhut, &c, 

R. A chionn le d' chrois, &c. 

Mar a bha losa 'cumail air 'aghart 's e 'sruthadh 
le fallus a' bhàis, le truas ris, ghabh boirionnach 
àraidh romh 'n t-sluagh, agus thiormaich i 'aodunn 
le nèapaiginn. Mar dhuais air son a caoimhneis, 
dh'fhàg esan gu miorailteach ìomhaigh 'aoduinn 
dhiadhaidh air an nèapaiginn. 



SLIGHE NA CKOISE. 223 

losa, deònaich gu'n dian smaoineacliadh air 
d'fhulangas ar taiseachadh le spiorad cràiteach, 's 
fuath agus gràin a thoirt dhuinn air ar peacannan, 
agus ar cridhe 'lasadh le barrachd gaoil dhutsa. 
Deònaich d'iomhaigh a chàramh air ar n-inntinn, gus 
an atharraichear sinn gu d' choltas fhèin. 
Gnìomh aithreachais, &c. (slios 219.) 



VII. Stad. 

losa Huiteamfd'n chrois an darna Ti-uair. 

F. Tha sinn a' toirt aoraidh dhut, &c. 

R, A chionn le d' chrois, &c. 

Le cràdh nan lot, 's le 'bhi sìor-chall fala *s gach 
cèum, thrèig a neart losa 'rithist, agus thuit e ri làr 
fo'n chrois an dàrna h-uair. 

losa, thuit thu 'rithist ri làr fo eallach ar peac- 
annan, 's ro-mhiad d'fhulangais air an son ; 0, cho 
ro-mhinig 's a chràidh sinn do chridhe naomh le 'r 
n-ath-thuiteam cho tric 's a' pheacadh. 0, thoir 
dhuinn gu'm b'fhearr leinn am bàs fhèin fhulang na 
miothlachd a chur tuille ort. 

Gniomh aithreachais, &c. (slios 219.) 



VIII. Stad. 

Na mnathan naomh ag caoidh air son ar Slhnair, 

F. Tha sinn a* toirt aoraidh dhut, &c. 
B. A chionn le d' chrois, &c. 

Ei faicinn f ulangas losa, ghabh mnathan àraid a 



224 SLIGHB NA CROISB. 

bha 's a' cliuideaclida a' leithid de tlimas lis 's gu'n 
do thòisich iad air gal 'us caoidh gu follaiseach air a 
shon. Ach, le fìos a bhi aig losa mar a dh'èireadh 
do dh-Ierùsalem a thaobh cùl a chur ris-fhèin, 
thionndaidh e riutha 's thuirt e : *^ A nigheanan 
lerùsaleim, na bithibh ag gal air mo shon-sa, ach 
guilibh air ur son-fhèin 's air son ur sliochd." 

losa, tha sinne 's bithidh sinn tuille a' caoidh gu 
cràiteach air do shon-sa 's air ar son-fhèin ; air son 
d'fhulangais agus air son ar peacannan a bu choir- 
each ris. 0, ionnsaich dhuinn a bhi cràiteach air 
sheòl 's gu'm faigh sinn comhfhurtachd, 's gu'n seach- 
ainn sinn am breitheanas uamhasach sin a tha 'feith- 
eamh orrasan a chuireas cùl riut no 'ni dearmad ort 
*s a' bheatha so. 

Gnlomh aithreachais, &c. (slios 219.) 



IX. Stad. 
losa Huiteam fdn chrois an treas uair. 

V, Tha sinn a' toirt aoraidh dhut, &c. 

R, A chionn le d' chrois, &c. 

Bha losa 'nise gu 'bhi air mullach Chalbhari, ach 
mu'n d'ràinig e tur an t-àite 's an robhas a' dol g'a 
chèusadh, thrèig a neart a rithist e, 's thuit e ri làr 
f 'n chrois an treas uair ; ach tharruing na saigh- 
dearan an-iochdor suas e, agus ghreas iad gu brùideil 
air 'aghart e. 

losa, as leth toiUteanas an treas tuitim ro- 
phiantail so, tha sinn ag guidhe ort mathanas a 
thoirt dhuinn na 'r tuiteam cho tric 's na peacannan 



SLIGHE NA CROISB. 225 

ciadna, agus na 'r leantainn cho buan orra ; agus 
deònaich dhuinn gu'n dian smaoineachadh air 
d'fhulangas gràin na's niutha 's na's mutha 'thoirt 
dhuinn air ar peacannan. 

Gnìomh aithreachais, &c. (slios 219.) 



X. Stad. 
Aodacli losa ga spionadli dìietK 

F. Tha sinn a' toirt aoraidh dhut, &c. 

R. A chionn le d' chrois, &c. 

Kàinig iad mu dheireadh ionad na h-lobairte 's 
dh'ullaich iad gu losa chèusadh. Spion iad 'aodach 
de 'cholainn chrèuchdaich, agus bha Naomh nan 
naomh rùisgte 's na 'bhall-bùirt aig gràisg gun athadh, 
gun iochd. 

losa, is ann air son ar peacannan maslach a 
dh'fhuilig thu'n tàmailte so. Guidhimid ort gu'n 
splonadh tu dhinn gach nàire as ar dleasnas, 's gach 
pròis 'us àrdan, agus gu'n ùmhlaicheamaid sinn-fhèin 
le 'r deòin 's a' bheatha so, air sheòl 's gu'n seach- 
ainn sinn nàire shiorruith 's an ath shaoghaL 
Gniomh aithreachais, &c. (shos 219.) 



XI. Stad. 
losa ^ga thairneachadìi ris d chrois, 

F. Tha sinn a' toirt aoraidh, &c. 
R. A chionn le d' chrois, &c. 

Leig iad a' chrois a nis air làr, agus chaidh losa 
15 



226 SLIGHE NA CROISE. 

'ruighe air a leaba-bliàis. A lamhan 's a chasan 
crèuchdach thairg e fos-leth dh'a Athair air nèamh 
'an èiric ar peacannan, agus do na saighdearan 
an-iochdor gu'n tàirneachadh ris a' chrann gun tlus. 
Ehuaileadh na buillean ; bhrùchd an fhuil a mach. 
losa, a thàirneachadh ris a' chrois, fasdaidh ar 
cridhe ris a' chrann-chèusaidh air sheòl 's gu'm bi e 
'an tàthadh riutsa gu bràch gus an toir an t-èug a' 
bhuille-bàis dhuinn, 's leis an ospaig dheireannaich 
gu'n liubhair sinn dhut ar n-anmannan. 
Gniomh aithreachais, &c. (slios 219), 



XII. Stad. 
losa ^hasacìiadh air a^ cTirois, 

F. Tha sinn a' toirt aoraidh dhut, &c. 
R, A chionn le d' chrois, &c. 

Trì nairean a dh-ùine thug losa 'n crochadh air 
na tàirnean; 'fhuil phrìseil a' sruthadh sìos le 
'cholainn, 's a' braonadh air làr; agus cràiteach 's 
mar a bha 'fhulangas, thug e mathanas dh'a luchd- 
cèusaidh, gheall e pàrras do 'n mhèirleach, agus 
chuir e 'Mhàthair bheannaichte fhèin 's a dheisciob- 
ul ionmhuinn fo chùram a chèile. Eha 'h-uile ni 
'nise criochnaichte ; agus gu ciùin ag cromadh sios a 
chinn, thug e suas an deò. 

losa, le faoilte naoimh glacaidh sinn a' chrois 
urramach sin air 'na dhearbh thu gus am bàs fhèin 
do ghaol dhuinn. Anns a' bhàs sin tha sinn ag cur 
ar n-uile-dhòchais. A so suas deònaich ar cridhe 



SLIGHE NA CROISB. 227 

'bhì daonnan 'an geall ort ; agus an nair a's crioch 
dhuinn, faigheamaid bàs a' toirt gaoil dhutsa, agus 
eadar do ghlacaibh naomh. 

Gniomh aithreachais, &c. (slios 219.) 



XIII. Stad. 
losa *ga chur ^an uchd a mhathar naoimhe. 

F. Tha sinn a' toirt aoraidh dhut, &c. 

R. A chionn le d' chrois naoimh, &c. 

Dh'fhàg co-thional an t-sluaigh mullach Chalbhari; 
cha d'fhuirich ach an deisciobul ionmhuinn 's na 
mnathan naomh. Dh'fhan iadsan aig bonn na Croise 
'fìachainn ri furtachd a thoirt na 'trom-mhulad do 
Mhàthair dhubh-bhrònach losa. Thug loseph Ari- 
mathèa agus Mcodèmus a nuas bhàrr na croise corp 
a Mic dhiadhaidh agus chuir iad na 'h-uchd e. 

thusa a bha do bhròn gun tomhas mar chuan 
gun chrich, a Mhoire 'Mhàthair Dhè, deònaich dhuinn 
cuibhrionn de d' bhròn air son fulangas do Mhic, 
agus biodh iochd agad ri 'r laigse. Dian cloinn 
dhut-fhèin dhinn maille ris an deisciobul ionmhuinn. 
Dearbh thu-fhèin 'ad Mhàthair dhuinn ; agus as do 
leth, gu'm b'e 'thoil-san a dheònaich a bhi na 'mhac 
dhut, èisdeachd ri 'r n-ùrnaigh. 

Gniomh aithreachais, &c. (slios 219.) 



XIY. Stad. 



losa ^ga charadh 's an uaigh, 
Thug na deisciobuil corp a Mic ghràdhaich à uchd 



228 AN FHUIL PHRÌSEIL. 

a mhàtliar, agus cliàiricli iad 's an uaigli e. Tlia 'n 
uaigh air a dùnadh, 's a' cholainn fuar marbh 'an 
tasgaidh innte gu uair a h-aiseirigh glòrmhoir. 

Thèid sinne cuideachd sios do'n uaigh, Thigh- 
earna, an uair a's àill leatsa, mar is àiU, agus far an 
àill leat. Do thoil naomh gu'n robh diante ; till- 
eadh ar collainnean peacach do'n ùir as an d' thàinig 
iad, ach a Dhia na mòr-thròcair, gabhsa greim de 'r 
n-anmannan neo-bhàsmhor ; agus an uair a dh'èireas 
ar collainnean a rithist bho na mairbh, gabh iadsan 
cuideachd a stigh do d' righeachd far an toir sinn 
gaol, onair, agus cliù dhut fad na siorrachd. Amen. 
Gniomh aithreachais, &c. (slios 219.) 
Co-dhunadh, 

V, Dh'ùmhlaich Criosta e-fhèin air ar son gu bàs, 

B. 'S eadh bàs na croise. 

Dianamaid ùrnaigh, 

Seall a nuas, tha sinn ag guidhe ort, Thighearna, 
òirnne do theaghlach : air son nach d' ath losa 
Criosta ar Tighearna e-fhèin a liubhairt 'an lamhan 
a naimhdean, agus pian na crois' fhulang. A tha 
beò, etc 



AJ^ FHUIL PHEÌSEIL. 

GNIOMHANNAN TAIRGSE. 

1. 300 latha laghaidh gach uair a ghabhar iad. 

ii. Làn-laghadh uair 's a' mhìos air na cùmhuantan 

gnàthaichte. 

I. 'Athair shiorruith ! tha mi 'tairgsinn dhut 
toillteanas Fuil Phriseil losa, do Mhac ionmhuinn, 



AN FHUIL PHRÌSEIL. 229 

mo SUànair agus mo Dhia, air son lionsgaradh agus 
àrdacliadh mo chaomh Mhàthar d' Eaglais Naomh, 
air son tiarainteachd agus deagh-shoirbheas dh'a 
ceannard air talamh ar n-Ard-bhuachaille Easbuig na 
Eòimhe; air son nan Cardinalan, nan easbuigean, 
nam pearsachan-eaglais, agus na clèire gu h-iomlan. 
Glòir ddn Atliair^ &c. 

Beannachadh 'us cliii gu sìorruith do losa a 
shàbhail le Thuil sinn. 

II. 'Athair shìorruith ! tha mi ^tairgsinn dhut 
tointea,nas Fuil Phriseil losa, do Mhac ionmhuinn, 
mo Shlànair agus mo Dhia, air son sith agus fìor- 
chòrdadh a chur eadar rìghrean agus phrionnsaichean 
CaitHceach, air son naimhdean ar Creidimh J^aoimh 
a smachdachadh, agus air son leas gach sluaigh 
Chriostail. Glòir dd'n Atliair, &c. 

Beannachadh 'us cliù, &c. 

III. 'Athair Shiorruith ! tha mi 'tairgsinn dhut 
toillteanas Fuil Phriseil losa, do Mhac ionmhuinn, 
mo Shlànair agus mo Dhia, air son aithreachas do 
na h-ana-creidich, cur as do eiriceachd, agus air son 
peacaich a thionndadh. Glbir dd'n Athair, &c. 

Beannachadh 'us cliù, &c. 

IV. 'Athair shiorruith ! tha mi 'tairgsinn dhut 
toillteanas Fuil Phriseil losa do Mhac ionmhuinn, 
mo Shlànair agus mo Dhia, air son m' uile chàirdcan 
m' uile dhìlsean, agus m' uile nàimhdean ; air son 
nam bochd, nan easlainteach, agus nan deòiridh ; 
agus air son gach duine a's fios dutsa, mo Dhia, a's 



230 AN FHUIL PHRÌSEIL. 

còir dhomh guidhe air an son, no a b' àill leat mi 
'ghuidhe air an son. Glòir dd'n Athair, &c. 
Beannachadh 'us cliù, &c. 

Y. 'Athair shlorruith ! tha mi 'tairgsinn dhut 
toillteanas Fuil Phriseil losa do Mhac ionmhuinn, mo 
Shlànair agus mo Dhia, air son gach aon a chaochla's 
an diugh ; gu'n teasraigeadh tu iad bho phèin ifrinne 
agus gu'n leigeadh tu stigh gu luath iad gu seilbh 
liir do ghlòir. Glòir ddn Athair, &c. 

Beannachadh 'us cliù, &c. 

YI. 'Athair Shlorruith ! tha mi 'tairgsinn dhut 
toillteanas Fuil Phriseil losa, do Mhac ionmhuinn, 
mo Shlànair agus mo Dhia, air son gach aon aig am 
beil gaol air an ionmhas mhòr so, air an son-san a 
tha 'cur leamsa a' toirt aoraidh agus urraim dhi, agus 
air son gach aon a tha 'fiachainn ri cràbhadh dhi a 
sgaoileadh. Glòir dd'n Athair^ &c. 

Beannachadh 'us cliii, &c. 

VII. 'Athair Shìorruith ! tha mi 'tairgsinn dhut 
toillteanas Fuil Phrìseil losa, do Mhac ionmhuinn, 
mo Shlànair agus mo Dhia, air son m' uile uireas- 
bhuidh, spioradail agus corporra, air son nan anman- 
nan Naomh a tha 'm Purgadair, gu h-àraid air son na 
feadhnach a bu deòthasaiche 'an gaol air an Phuil 
so, prìs ar sàbhalaidh, agus air bròn 'us pèin ar 
caomh mhàthar, Moire ro naomh. Glòir dd'n Athair, 
&c. 

Beannachadh 'us cliii, &c. 

Gloir do Fhuil losa, nis agus gu slorruith, agus 
fad linn nan linnteaii. 



SALTAIR lOSA- 231 

ACHANAICH. 

100 latha laghaidli gach uair a gliabhar i. 

'Athair Shìorruith ! tha mi 'tairgsinn dhnt Fuil 
Phrìseil losa ann an èiric mo pheacannan, agus air 
son nireasbhuidh d' Eaglais I^aoimhe. 



SALTAIR lOSA. 

Tha Saltair losa na 'thri earrannan, agus còìg iarrtais anns 
gach earrainn. Tha ainm glòrmhor losa ga 'luaidh deich 
uairean romh gach iarrtas, agus mar sin ciad gu leth uair 's 
an iomlan. Faodar an saltair so a ghabhail còmhla no na 
'thri earrannan, a rèir ùine agus cràbhaidh. 

* ' Cha'n 'eil ainm air hith eile fo nèamh air a thoirt do 
dhaoine leis amfaod sinn a hhi sàhhailte,'' — Gniomh. iv. 12. 

I. Earrann. 

Tòisich le cromadh a thoirt air do cheann no le d' ghlùn a 
lùbadh ri hiaidh no chiinntinn ainm losa, ag ràdh : — 

*' Lùbadh ann an ainm losa a h-uile glùn dhiùbhsan, a 
tha air nèamh, air talamh 's fo'n talamh ; agus aidicheadh a 
h-uile teanga gu'm beil an Tighearna losa Criosta, ann an 
glòir Dhè an t- Athair. "— Phil. ii. 10, 11. 

A^ chiad iarrtas, 
losa, losa, losa, ì 

losa, losa, losa, > dian tròcair orm. 
losa, losa, losa, | 

10 SA, dian tròcair orm, Dhia an iochd, agns 
math dhomh mo chiontan lìonmhor agus trom, 
anns an do thiiit mi 'ad làthair. 

Is iomad aimideachd a rinn mi ri m' là, agus is 
m6r na truaighean a thoill mi le m' mhì-thaingeal- 
achd. 



232 SALTAIR lOSA. 

Dian tròcair orm, 'losa chaoimh, oìr tlia mi lag ; 
slànaich mi 's mi gun chomas mi-fhein a chòmhnadh. 

Teasraig mi bho m' chridhe a leagail air gin de d' 
chrèutairean air dhòigh a dh'fhaodas mo shiiilean a 
thionndadh bho 'bhi sìor-shealltainn suas rintsa. 

Thoir gràsan domh gu gràin a thoirt tuille do'n 
pheacadh, as leth do ghaoil ; agus le fior speis dhut, 
gu gach faoineis shaoghalta a chur suarach. 

^ Dian tròcair air na peacaich uile, losa, tha mi 
'guidhe ort; tionndaidh an dubhailcean gu subh- 
ailcean ; thoir orra do lagh a chumail mar is còir, 
agus gaol fìrinneach a thoirt dhut, agus thoir iad gu 
sonas 'an glòir shiorruith. Guidhim ort, cuideachd, 
tròcair a dhianamh air na h-anmannan a tha'm 
purgadair, air sgàth do phàise dòruinnich, agus d' 
ainme glòrmhoir losa. 

A Thrianaid bheannaichte, aon Dhia shiorruith, 
dian tròcair orm. 

Ar n-Athair. Fàilte dhufc. 

An darna iarrtas, 

losa, losa, losa, j 

losa, losa, losa, > cuidich mi. 

losa, losa, losa, j 

losa, cuidich mi gu buaidh a chosnadh air gach 
buaireadh gu peacachadh, agus air droch-riin mo 
nàmhaid spioradail. 

Cuidich mi gu m' tiine a chur seachad ri gniomh- 
annan subhailceach, agus a leithid de dh-oibrichean 
's a bhios taitneach leat. 

A chur 'an aghaidh 's a chìosnachadh tograidh- 



SALTAIR lOSA. 233 

nean na feòla gu leisg spioradail, craos, agus 
neòghloine. 

Gus mo cliridhe a bhi 'n dèigh air subhailcean, 's 
gus a lasadh le dèigh air do làthaireachd ghlòrmhoir. 

Cuidich mi gu deagh-ainm a thoilltinn 's a ghleidh- 
eadh le caitheamh-beatha sìtheil agus diadhaidh ; gu 
onoir dhutsa, 'losa, gu comhfhurtachd dhomh fhein, 
agus gu leas an atharraich. 

*" Dian tròcair, &c. (slios 232.) 

An treas iarrtas, 

losa, losa, losa, \ 

losa, losa, losa, > neartaich mi. 

losa, losa, losa, j 

losa, neartaich m' anam agus mo cholainn gus do 
thoileachadh le 'leithid de bheartan math a chur 'an 
gnìomh 's a thoilleas dhomh mo thoirt gu d' aoibhneas 
agus do shonas siorruith. 

Thoir rùn làidir dhomh, a Shlànair thròcairich, 
gus mo chaitheamh-beatha a leasachadh, agus gu 
dioladh-fiach a dhianamh air son nam bliadhnaichean 
a chaidh tharam. 

!N"a bliadhnaichean a mhi-bhuilich mi 'cur mighean 
ortsa le smaointean, briathran, no gniomhannan faoin 
no peacach, no le droch-cleachdadh. 

Dian mo chridhe umhailte do d' thoil, agus ullamh, 
air ràdh ^o ghioil, gu uile oibrichean corporra na 
tròcaire a chur 'an gniomh. 

Builich orm tiodhlaicean an Spioraid l^aoimh, 
gus, le deagh chaitheamh-beatha 's le tighinn tric 'an 



234 SALTAIR lOSA, 

coinneamli nan sàcramaidean naomh, nu» thoirt mu 
dheireadh do d^ righeachd nèamhaidh. 
* Dian tròcair, &c. (slios 232.) 

An ceathramh iarrtas, 

losa, losa, losa, ) 

losa, losa, losa, > f urtaich orm. 

losa, losa, losa, ) 

losa, furtaich orm, agus thoir gràsan domh gu m' 
àrd, m' aon aoibhneas agus shonas a chur annad. 

Cuir meòrachadh nèamhaidh orm, milseachd spior- 
adail, agus dian-dhèigh air do ghlòir ; lìon m' anam 
le smaointean air flathanas, far am bi mi gu siorruith 
ag còmhnaidh leatsa. 

Uraich tric 'am chuimhne do mhathas gun àirimh, 
do thìodllaicean, agus gach caoimhneas a dh' fhiach 
thu dhomh. 

Agus an uair a chuireas tu 'n cuimhne dhomh 
cuimhneachan muladach mo pheacannan, leis an do 
chuir mi cho mì-thaingeil ort miothlachd, furtaich 
orm le cinnte gu'm faigh mi do ghràsan le spiorad 
an fhìor-aithreachais, ag glanadh bhuam mo chiontan, 
agus ga m' uidheamachadh air son do righeachd. 

^ Dian tròcair, &c. (slios 232). 

An coigeamh iarrtas. 

losa, losa, losa, ì 

losa, losa, losa, > dian stèidheil mi. 

losa, losa, losa, ) 

losa, dian stèidheil mi 'an creideamh, ^an dòchas 
agus 'an carrantachd, le bunailteas 'an uile shubh- 
ailcean, agus le rùn gun mhiothlachd a chur ort. 



àALTAIR lOSA, 235 

Gu'n dianadli cuimline do phàise, agus nam 
piantan dòruinneach r. dh' f huilig thu air mo shon, 
m' f hoighidinn a chumail rium agus f urtachd a thoirt 
domh anns gach trioblaid agus anshocair. 

Thoir orm greim teann a dhianamh air uile 
theagasg d' Eaglais Naoimhe Caitlicich, agus a bhi 
gu dichiollach, tric a' dol gu m' dhleasnas. 

ÌTa dalladh toileachas f eallsa an t-saoghail mheallta 
so mi; na tugadh buaireadh na feòla, no ceilg an 
deomhain snaoidheadh air mo chridhe : 

Mo chridhe a chuir gu slorruith 'fhois annadsa, 
agus a tha ^cur roimhe cùl a chur ris gach nì air son 
do dhuaise siorruith-sa. 

* Dian tròcair, &c. (slios 232.) 

*' Dh' islich ar Tighearna losa Criosta e-fhèin a' strìochd- 
adh gu h-iriosal gu bàs, 'seadh gu bàs na croise."— Phil. 
ii., 8. 

Eisd ri m' iarrtais so, Shlànair ro-thròcairich, 
agus thoir gràsan domh gu'n iarraidh gu tric, 's am 
meorachadh, los gu'n tionndaidh iad gu 'bhi na'n 
cèumannan f urasda air an dirich m' anam gu eòlas, 
gaol, agus dianamh mo dhleasnais dhutsa agus do m' 
choimhearsnach fad mo bheatha. 

Ar n-Athair. Eàilte dhut. A' chrèud. 



AN DAENA H-EAREANN 

Tòisich mar 's a' chiad earrainn (slios 231) ag ràdh : — 
*' Lùhadh ann an aimn losa,'' kc. 

An siatliamh iarrtas, 

losa, losa, losa, ì .n . . , . i . i j 

Iosa,Iosa, losa 1''^'"'™°'' "tl ^' 'P'°''''^ "" 
losa, losa, losa; i Shliocals. 



236 SALTAIR lOSA. 

losa, soiUeiricli nii le spiorad a' ghliocais gn eolas 
fhaighinn air do mhathas agus air gach nl a's ro- 
thaitneach leat. 

Thoir dhomh làn-thuigse air mo mhath spioradail, 
agus ciall gus mo chaitheamh-beatha 'rian d' a rèir. 

Deònaich dhomh gluasad gu ciallach bho shubh- 
ailce gu subhailce, gus, mu dheireadh, am buannaichd 
mi làthaireachd shoilleir do Mhòrachd glòrmhoir. 

JSTa leig leam, a Thighearna mo ghràidh, -tilleadh 
ris na peacannan a rinn mi bròn-cridhe air an son, 
agus bho'n do ghlan mi mi-fhèin le aithreachas agus 
le faoisid. 

Thoir gràsan domh gu 'bhi gu f èum do'n atharrach 
le m' dheagh-ghiùlan 's le deagh-chomhairle, gus an 
tionndaidh mi ris an aithreachas an fheadhainn a 
rinn èucoir orm. 

"^ Dian tròcair, &c. (slios 232). 

An seachdamh iarrtas, 
losa, losa, losa, Kj^^.^ .^^^ ^^^^ ^j^. ,^ 
losa, losa, losa, V eagal romhad. 

losa, losa, iosa, J ° 

losa, thoir gràsan domh gus mo chridhe a bhi 'n 
eagal romhad, agus gus gach fàth a dh' fhaodadh 
miothlachd a chur ort, a sheachnadh^ 

Thugas do bhagradh nam pian a thuiteas air 
peacaich, agus eagal do ghaol agus oighreachd nèamh 
a chall, mo chumail 'am fìamh romhad. 

ISTa gabham de dhànadas fuireach 's a' pheacadh, 
ach grad-ghairm orm gu aithreachas ^ air eagal 's le 



SALTAIK lOSA. 237 

d' chorriiicli gu'n tuit orm breitlieanas eagalacli bàis 
agus dìtidh shiorruitli. 

Gu'n robh eadar-ghuidhe chumhachdach do 
Mhàthar beannaichte, agus nan naomh uile, ach os 
cionn gach nì, do thoillteannas agus do thròcair, 
mo Shlànair, daonnan eadar do cheartas diùghailteach 
agus m' anam truagh. 

Thoir neart dhomh, mo Dhia gus mo shàbhaladh 
oibreachadh le fiamh 's le ball-chrith ; agus dianadh 
eagal do bhreitheanais naoimh na's irisle 's na's 
dùrachdaiche mi 'am achanaich aig cathair nan gràs. 

* Dian tròcair, &c. (slios 232). 

An t-oclidamh iarrtas. 

losa, losa, losa, ì , i • v j i p\ i i 

To^a Tosa To^a l*^^"^ ^^^^^^ ^^^^ S^ flor-ghaol 
iosa, losa, iosa, > ^ ^^^^^ ^ 

iosa, iosa, iosa, J 

losa, thoir gràsan domh gu fior-ghaol a thoirt 
dhut air son do mhathais gun àirimh, agus gach 
tobhartas mòr a fhuair mi bhuat, agus a tha dòchas 
agam a bhi 'faotainn bhuat a chaoidh. 

Thugadh cuimhne do chaoimhneis agus d' fhaigh- 
idinn buaidh air droch-mhèinn agus droch-fhàgal- 
aichean mo nàduir choirbte. 

Deonaich smaointean air thu ga m' shaoradh cho 
tric, agus ga m' ghairm cho minig, agus do sbior- 
dhion 'an rathad na beatha, mo chur fo nàire air son 
mo mhi-thaingealachd. 

Agus ciod a tha thu 'g larraidh orm air son d' uile 
thròcaire, no leotha, ach gaol a thoirt dhut; agus 
c'arson sin, ach gur tu m' uile mhath. 



238 SALTAIR lOSA. 

mo Thighearna caomli, cha bhi tuiUe mo hheatha 
ach sìor-iarraidh a d' ionnsuidh ; agus bho'n a tha 
fìor-ghaol agam ort, cumaidh mi gu ro-chùramach 
d' fhàintean. 

^ Dian tròcair, &c. (slios 232). 

An naoidheamh iarrtas, 

losa, losa, losa, ) j.i . > -i -u t^i,! 

losa losa losa 1*^°"^ grasan domh gus mo bhàs 

losa, losa; losa; f a chumail 'am chmmhne. 

losa, thoir gràsan domh gus mo bhàs a chumail 
daonnan 'am chuimhne, agus an cùnntas tròm a th' 
agam ri thoirt seachad ; los mar sin le 'bhi daonnan 
uidheamaichte gu'm fàg mi an saoghal 'ad dheagh- 
ghean. 

'An sin le eadar-ghuidhe naoimh do Mhàthar 
beannaichte agus le còmhnadh E'aomh Mìcheil glòr- 
mhor, teasraig mi bho nàmhaid m'anma; agus 
'Aingil choimhidich, guidhim ort-sa, mo chobhair 's 
an uair ghàbhaidh sin. 

'An sin, losa ghaoil, cuimhnich air do thròcair, 
agus na tionndaidh do ghnùis ghaolach air falbh 
bhuam a thaobh mo chiontan. 

Dian mo thiarnadh fa chomhair gàbhadh na 
h-uarach sin le toirt orm bàsachadh gach latha do 
gach nì talmhaidh, agus mar sin mo chòmhradh a 
bhi daonnan 'am flathanas. 

Teagaisgeadh cuimhne do bhàis dhomh mar a thig 
dhomh m'ùigh a chur 'am bheatha; agus cuimhne 
air d'aiseirigh thugadh misneach dhomh gu dol sios 
gu h-inntinneach do'n uaigh. 

Dian tròcair, &c. (slios 232). 



SALTAIR lOSA. 239 



An ddcheamh iarrtas. 

losa, losa, losa, \ ^^^.^ ^^^ ^^ Phurgadair air 

losa, losa, losa, > 4. i i. 

T ' T T ( talainh. 

losa, losa, losa, J 

losa, thoir dhomh mo Phurgadair air talamh, agus 
mar sin cuir seachad orm dòruinn an teine sin, a 
tha 's an ath-shaoghal a' feitheamh nan anmannan 
nach deachaidh a làn-ghlanadh 's a' bheatha so. 

Leag orm croisean agus diachainnean an iochd sin 
a tha thu 'faicinn riatanach gu m' aigne a sgaradh 
bho gach ni talmhaidh. 

Bho nach fhaicear thu le gin 'g am beil gaol air 
ni sa bith ach air do shon-sa, na leig fois do m' anam 
a bhos, ach a' sior-iarraidh a d' dhèigh. 

Mo thruaighe 's fior chràiteach acain an anma a 
th' air a sgaradh bhuat-sa, a tha 'n dèigh gun chomas 
tighinn a d' ionnsaidh agus slabhraidh anntrom a' 
pheacaidh ga 'chumail air 'ais. 

Uime sin, mo Shlànair, thoir dhomh m' ana- 
miannan a shior-chlaoidh 's a' bheatha so ; los le 'bhi 
làn-ghlan le teine do ghaoil-sa, gu'm faod mi dol 
direach à so do ghlòir fhlathanais. 

^ Dian tròcair, &c. (agus criochnaich mar air slios 

232). 

III. Earrann. 

Tòisicli mar *s a' chiad earrainn (slios 231) ag ràdh :— 
** Lùbadh ann an ainm losa," &c. 

An t-aon iarrtas diag. 
losa, losa, losa, 1 , 1 . x j -l j -u 

losa losa, losa i ^^'^^^ /'^T^^ domh gu drocli- 
losa, losa, losai J c^ideachd a sheachnadh. 



240 SALTAIR lOSA. 

losa, thoir gràsan domli gu drocli-cuideachd a 
sheachnadh ; no ma thuiteas dhomh dol na 'measg, 
guidhim ort, as leth luaidheachd do ghiùlain fhior- 
ghloin 'am measg pheacach, mo theasraiginn bho 
ghèilleadh do bhuaireadh peacaidh-bhàis. 

Thighearna bheannaichte, thoir orm cuimhneach- 
adh daonnan le fiamh gu'm beil thusa 's an làthair 
agus 's an èisdeachd, thusa a thagras ctinntas oirnn 
na'r n-uile bhriathran 's na'r n-uile dhianadas, agus 
a bheir breith oirnn dh' an rèir. 

Ciamar, ma ta, a tha de ladarnas agam, bruidhinn 
ri luchd-sgainneil, ri briagairean, ri misgearan, no 
riutha-san a tha 'n cainnt aona chuid buaireasach, no 
salach, no diamhain ì 

losa ghaoil, smachdaich annam uile thogradh ml- 
riaghailteach na feòla, agas ana-measarrachd ; agus 
thoir gràsan domh gu comunn na feadhnach a 
dh'fhaodadh teine nam miannan mì-riaghailteach sin 
a dhiisgadh, a sheachnadh. 

Biodh do chumhachd ga m' dhion, do ghliocas ga 
m' sheòladh, d' iochd caomh ga m' smachdachadh, 's 
a' toirt orm mo bheatha 'chaitheamh 'am measg 
dhaoine, air dhòigh 's gu'n toill mi 'bhi iomchuidh 
air co-chomunn a chumail ris na h-ainglean air nèamh. 

^ Dian tròcair, &c. (slios 232). 

An darna iarrtas diag, 
losa, losa, losa, ì ^j^^.^ .^^ ^^^^ .^,^ ^^^ 

losa, losa, losa, V ^.^ ^^^ cuideachaidh. 
losa, losa, losa, ) 

losa, thoir gràsan domh anns gach teinn gu gairm 



SALTAIR lOSA. 241 

ort air son cuideacliadh, 'cuimhneachaidh bho m' 
chridhe air do bhàs agus air d' aiseirigh air mo shon. 

An diiin-sa do chluas ri mo ghlaodh, thusa 'dheòn- 
aich do bheatha leigeil sios 'am èiric? no, nach 
urrainn dut-sa mo shàbhaladh, a dheònaich a togail 
suas a rithist gu crùn domh ? 

losa, co a th'agam air nèamh ach thusa, a thuirt 
le d' bhilean beannaichte fhèin : ** Gairm ormsa 'an 
latha do thrioblaid agus fuasglaidh mi ort." 

Is tu carraig chinnteach mo dhìdinn 'an aghaidh 
gach nàmhaid ; is tu mo dheas-ghràsan murrach air 
mo neartachadh gus gach deagh ghniomh. 

Uime sin, anns gach f ulangas, laigse, 's buaireadh, 
gairmidh mi ort-sa gu h-earbsach ; 0, losa, èisd rium, 
's 'n uair a dh' èisdeas, dian tròcair. 

* Dian tròcair, &c. (slios 232). 

An treas iarrtas diag, 

T ' T ' T M thoirbunailteasdhomh'ansubli- 

losa, losa, losa, > ., 

T ' -r ' T ' ( ailcean. 

losa, losa, losa, j 

losa, thoir bunailteas dhomb 'an subhailcean, agus 
'an deagh chaitheamh-beatha, agus thoir orm gun do 
sheirbhis fhàgail a chaoidh gus an toir thu gu m' 
dhuais mi 'ad righeachd. 

Annsgach deagh-chleachdadhagus dleasnas naomh, 
ann am oibrichean riatanach agus laghail, Thigh- 
earna, lean air neartachadh mo chuirp agus m' anma. 

Ciod a tha 'm bheatha ach cuairt air talamh air 
an t-slighe do Fhlathanas, ionad nach ruig a chaoidh 
esan a shuidheas, no 'shnaoidheas as a ghabhail. 
16 



242 Saltair iosa. 

losa thoir orm do shamhladh beannaichte a bhi 
daonnan 'am aire, a liiithad acain chràiteach agus 
beag-thoileachas a ghreas gu d' bhàs dòruinneach thu 
air d' uidhe gu d' aiseirigh ghlòrmhoir. 

mo shlànair, thoir dhomh beachd cudromach a 
ghabhail air do bhriathran gàbhaidh : ^* 's e am fear 
a bhuan-sheasas gus a chrioch a bhios sàbhailte." 

^ Dian tròcair, &c. (slios 232). 

An ceathramh iarrtas diag, 

losa, losa, losa, ì rFi • > t i > \ i.* 

-T- j T ' f inoirgrasandomhgum mntmn 
j.osa, xosa, JLosa, y i-n in i. 

Tosa losa losa I ^ shuidheachadh ort. 

losa, thoir gràsan domh gu m' inntinn a shuidh- 
eachadh ort, gu h-àraidh 'an àm na h-ùrnaigh, an 
nair a bhios romham labhairt riut aghaidh ri aghaidh. 

Smachdaich seachran m'inntinn agus iarraidh mo 
chridhe; cuir srian ri cumhachd mo naimhdean spior- 
adail, a dh'fhaodadh 's an àm sin m'inntinn a 
tharrainn bho ghnothaichean fhlathanais, gu smaoin- 
tean 'us meanmna-brèige. 

Mar sin chi mi thu le sòlas 'us taingealachd, mar 
m'fhear-saoraidh bho gach olc a sheachainn mi, agus 
mar thobhartair gach math a fhuair mi, no is ion 
domh dÌLÌl a bhi agam ris. 

Chithear dhomh gur tusa fhèin m' aona mhath ; 
agus nach 'eil anns gach ni eile ach miadhonan òrd- 
aichte leat-sa gu m' inntinn a shuidheachadh ort, agus 
toirt orm barrachd gaoil a thoirt dut, agus a bhi sona 
gu sìorruith. 

annsachd m* anma, tàlaidh riut m' uile smaoin- 



SALTAIR I08A. 243 

tean a bhos, los gu'n toill mi d' fhaicinn agliaidh ri 
aghaidh. na d^ ghlòir gu siorruith, 
^ Dian tròcair, &c. (slios 232). 

An coigeamh iarrtas diag, 

losa, losa, losa, \ Thoir gràsan domh gus mo 
losa, losa, losa, > bheatha 'chur air rian gu m' 
losa, losa, losa, j leas sìorruith. 

losa, thoir gràsan domh gus mo bheatha 'chur air 
rian gu m' leas siorruith, gu uile dhianadas mo chuirp 
agus m'anma òrdachadh le dùrachd 's a shònrachadh 
ie cèiU, a bhuannachd duais do shonais neo-chrioch- 
naich agus do shòlais shiorruith. 

A chionn ciod e an saoglial so ach sgoil a dh'eil- 
eineachadh anmannan, agus gu'n uidheamachadh air 
son an ath-shaoghail ? Agus ciamar eile 'theid an 
uidheamachadh ach le 'bhi gu dian 'an geaU air Dia, 
an aona chrioch, a mhealtainn. 

losa, brist mo spiorad diorasach; dian iriseal 
agus umhailte e ; thoir gràsan domh gus a' bheatha 
so fhàgail le fuath air an t-saoghal, agus le dòchas 
sòlasach dol a d' ionnsaidh 's an ath-shaoghal. 

Thugadh cuimhne do phàise orm gach trioblaid 
fhulang gu deònach air an t-saoghal so air son do 
ghaoil-sa ; 's m' anam 'an geaU air a' bheatha shona 
sin, 's a' ghlòir shiorruith, a dh'òrdaich thu air nèamh 
mu choinneamh do sheirbhiseach. 

losa, thugas dhomh a thoirt gu tric agus gu 
durachdach f onear, ge b'e ni 'choisneas mi ma chaiUeas 
mi thusa gu'm beU gach ni dhomh caiUte ; agus ge 



244 CRABHADH DO'N SPIORAD NAOMH. 

b'e ni 'chailleas mi, ma choisneas mi thusa, gu'n 
coisinn mi gacli ni. 

* Dian tròcair, &c. (slios 232). 



CEABHADH DO'I^ SPIOEAD NAOMH. 

LEADAN AN SPIORAID NAOIMH, 

ATHIGHEAENA, dian tròcair òirnn. 
A Cliriosta, dian tròcair òirnn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn, 
A Chriosta, èisd ruinn. 
A Chriosta, gu gràsor èisd ruinn. 
A Dhia Athair nam fiaitheas, dian tròcair òirnn, 
A Dhia Mhic, Fhir-saoraidh an t-saoghail, 
A Dhia Spioraid !N"aoimh, 
A Thrianaid naomh, aon Dia, 
A Spioraid E"aoimh, a tha 'tighinn bho'n Athair 

agus bho'n Mhac, 
A Spioraid Naoimh, a tha co-ionann ris an Athair t^ 

agus ris a' Mhac, S* 

A Gheallaidh an Athar, uile-ghràdhach 's uil'-fhial- ^ 

aidh, 2- 

A Thiodhlaic an Dè a*s àirde, g. 

A Ghath-soluis nèamhaidh, ^^ 

'Ughdair gach math, §• 

Thuarain an uisge bheò, s 

A Theine chaithtich, 
'Ungaid Spioradail, 

A Spioraid na firinn agus na cumhachd, 
A Spioraid a' ghliocais agus na tuigse. 



3 



CRABHADH DO'n SPIORAD NAOMH. 245 

A Spioraid na comhairle agus an neart, 

A Spioraid an eòlais agus na diadhalachd, 

A Spioraid eagal an Tighearna, 

A Spioraid an aithreachais agus a' pheanais, 

A Spioraid nan gràs agus na h-ùrnaigh, b 

A Spioraid na carrantachd, na sìthe, 's an 1>sòlais, |* 

A Spioraid na f aighidinn, an f had-fhulangais agus <>+. 

a' mhathais, §' 

A Spioraid na stuamachd, na measarrachd, a 

na geimneachd, 
A Spioraid uchd-mhacachd clann Dhè, 
A Spioraid Il^aoimh, a Chomh-fhurtair, .^ 

A Spioraid l!Taoimh, a ^N'aomhaicheir, 
A ghluais an tus os cionn nan uisgeachan, 
A ghluais gu labhairt daoine naomh Dhè, 
A chuir sgàile air Moire, 

A cho-oibrich 'an gineadh mìorailteach Mhic Dhè, 
A theirinn air aig a bhaisteadh, fc 

A chimnacas air Didònaich Caingis 'an coltas § 

theangannan-teine 'tighinn air na h-Ostail, q- 
Leis am beil sinne air ar n-ath-bhreth, S' 

A tha 'gabhail comhnaidh annainn, 2|' 

A tha 'riaghladh na h-Eaglais, o- 

A tha 'lionadh an t-saoghail uilè, 3 

A 'Spioraid ^N'aoimh, Deònaich èisdeachd ruinn. "^ 
Gu'm b'e do thoil aghaidh an talmhainn ath-nuadh- 

achadh, 
Gu'm b'e do thoil do sholus a dhòrtadh a nuas na 

'r cridheachan, 
Gu'm b'e do thoil do lagh a sgribheadh air ar 

cridheachan, 



246 CRABHADH DO'n SPIORAD NAOMH. 

Gu'm b*e do thoil an lasadh le teine do ghaoil, 
Gu'm b'e do thoil ionmhas do ghràs fhosgladh 

dhuinn, 
Gu'm b'e do thoil ionnsachadh dhuinn an iarraidh b 

a reir do thoile, S' 

Gu'm b'e do thoil ar soilleireachadh le d' ghràsan I. 

nèamhaidh, S^ 

Gu'm b'e do thoil ar cumail riut-fhèin le d' thàladh |: 

cumhachdach, g^ 

Gu'm b'e do thoil an t-aon eòlas riatanach a bhuil- § 

eachadh oirnn, S^ 

Gu'm b'e do thoil ar còmhnadh gu gaol a thoirt | 

dh'a chèile 's gu cur suas le 'chèile, §* 

Gu'm b'e do thoil ar treòrachadh air slighe d' -"^ 

fhàintean, 
Gu'm b'e do thoil ar dianamh umhailte do d' 

ghràsan, 
Gu'm b'e do thoil ar n-ionnsachadh air ùrnaigh, 's k^ 

thu-fhèin a bhi 'g urnaigh 's an taobh-stigh §. 

dhinn, g 

Gu'm b'e do thoil ar sgeadachadh le gaol 's le g^ 

iochd ri 'r bràithrean, c^. 

Gu'm b'e do thoil oillt a chur unnainn romh 'n olc, |] 
Gu'm b'e do thoil ar seòladh 'an cleachdadh a' S 

mhath, g 

Gu'm b'e do thoil gràsan nan uile shubhailcean a ^ 

thoirt dhuinn, S. 

Gu'm b'e do thoil toirt òirnn buanachadh 'an staid Ì 

a' cheartais, 
Gu'm b'e do thoil thu-fhèin a bhi 'd dhuais 

shiorruith dhuinn, 



CRABHADH DO'N SPIORAD NAOMH. 247 

'TTain Dliè a tha 'toirt air falbh peacannan an t- 

saoghail, 
Builich òirnn do Spiorad. 
'Uain Dhè a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Dòirt a nuas do Spiorad Naomh òirnn, 
'Uain Dhè a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Thoir dhuinn 8piorad na àthe, 
A Spioraid Kaoimh, èisd ruinn. 
A Spioraid Naoimh^ gu grasor èisd ruinn, 
A Thighearna dian tròcair òirnn. 
A Chrìosta^ dian tròcair òirnn, 
A Thighearna, dian tròcair òirnn. 
Y. Cruthaich cridhe glan annainn, a Dhia. 
R. Agus spiorad ceart ath-nuadhaich na 'r c6m. 

Dianamaid ùrnaigh, 

OATHATE thròcairich, deònaich gu'n dian do 
Spiorad diadhaidh ar cridheachan a shoiUeir- 
eachadh, a lasadh, agus a ghlanadh; los drtighadh 
òirnn le 'dhriìichd nèamhaidh, agus ar dianamh pailt 
an deagh oibrichean. Tromh losa Crlosta ar Tigh- 
earna. Amen. 

Gairm. 

TUIELT]^G a nuas, a Spioraid ISTaoimh, bho d^ 
chathair àiUidh le mui-bhraon do ghràs. Thusa, 
O Athair nam bochd, thusa, Ughdair mhathasaich 
ar stòrais, teirinn a nuas agus fadaidh teine do ghaoil 
na'r cridheachan. Bho'n is tu am f ior chomh-fhurtair, 



248 VENI CREATOR SPIRITUS. 

bho'n is tu caraid tlàth. an anma, agus ceann-uidhe 
gach fir-thuruis, thig a nuas. Bhuat-sa gheabh sinn 
sìth ann an trioblaid 's an anshocair ; lasachadh anns 
gach cruaidh-chàs ; agus comhfhurtachd ann an 
dòbhròn. Sholuis naoimh, bèum do ghathan air 
na cridheachan a tha le creideamh ag iarraidh a d' 
ionnsaidh. As d' èugais cha'n 'eil math 's an duine, 
cha'n eil ni dha neo-lochdach. Thighearna, glan 
bhuainn gach smal peacaidh ; maothaich na tha 
tioram ; slànaich na tha easlainteach ; taisich na tha 
rag na'r n-anam ; blàthaich gach ni a tha fuar na'r 
cridheachan, agus till gach cèum seachranach. 
Thighearna, deònaich do na creidich a tha 'g earbsa 
à d'fhacal, do Spiorad seachd fìllte; deònaich 
dhuinn f ad ar beatha a bhi umhail do d' ghràsan ; 
deònaich dhuinn 'an àm ar bàis do ghniiis fhaicinn, 
agus a' bheatha shiorruith a shealbhachadh. Amen. 

Veni Creator Spiritus. 

OTHIG a nuas, a Spioraid Naoimh, 
A shealltainn anmannan do ghaoil, 
'Us lìon ar crìdh' le d' ghràsan caomh, 
A Chruthadair a' chinne-dhaond'. 

'S tu ar Comh-fhurtair 's gach càs, 
'S tu gibht ro-naomh an Dè a's àird', 
'S tu 'm fuaran beò, an teine, 'n gràdh, 
'Us ùngaid spioradail an àigh. 

Tha do thìodhlaicean seachd-fìllt, 
Miar deas-làmh Dhè thu 'thriath gach nì, 
'S tu gealladh 'n Athar naoimh le cinnt', 
Bhuat-sa thig deas-labhairt cìnn. 



ACHANAICH AIR SON SEACHD TIODHLAICEAN. 249 

O las le d' sholus ar cèiid-fàitli, 

'Us taom a nuas na 'r crìdli' do gliràdh, 

Cùm ri 'r nàdnr lag do làmh, 

*Us thoir dhuinn neart, 'us feart, 'us càil. 

Ur naimlidean fuadaicli fada bliuainn, 

'Us builich òirnn do sbìth gu buan, 

Bi ad iùl dhuinn fad ar cuairt, 

'S gu'n seachainn sinn gach bèud 'us truaigh'. 

Deònaich dhuinne eòlas fìor 

Air an Athair 'us air Crìost', 

'S annad 'fhèin 'tha bhuap' 'ad Dhia, 

Creideamaid a nis 's gu sìor. 

Glòir gu'n robh gu sìor gun tàmh, 
Do 'n Athair, 'us do Mhac a ghràidh, 
A rinn an aiseirigh bho'n bhàs, 
'Us dhuts', a Chomh-fhurtair nan gràs. 

achanaich air son seachd tìodhlaicean an 
Spioraid JSTaoimh. 

I. 

Thig, a Spioraid JN'aoimh, 
Agus cuir a nuas tiodhlaicean 
Nèamhaidh do ghràs. 

THIGr, Spioraid d! Ghliocais ! Teagaisg mo 
chridhe air chor 's gu'm bi tùr agam meas agus 
gaol a thoirt do bheannachdan fhlathanais, agus an 
roghnachadh thair gach ni talmhaidh. Seòl dhomh 
cuideachd an dòigh air am buannaichd 's am meal 
mi iad gu siorruidh. 

Ar n- Athair, &c. 



250 ACHANAICH AIR SON SEAOHD TIODHLAICEAN. 
II. 

Thig, a Spioraid Naoimh, &c. 
Thig, a Spioraid na Tuigse I Soilleirich m' inntinn, 
air chor 's gu'n faic 's gu'n glac mi uile mhistirean 
an t-sàbhalaidh, 's mu dheireadh gu'n toill mi 'ad 
shohis-sa an solus sìorruith fhaicinn, 's ruigsinn air 
làn eòlas Ort-sa, 's air an Athair 's air a' Mhac. 

Ar n- Athair, &c. 

III. 

Thig, a Spioraid Naoimh, &c. 
Thig, a Spioraid na Comhairle ! Bi maille rium 
ann an uile ghnothaichean na beatha diomaine so, 
aom mo chridhe ris a' mhath, agus glèidh e bho'n 
olc, agus dian iùl dhomh air slighe dhìrich d'fhàint- 
ean gu ceann-uidhe an t-sàbhalaidh shiorruith air 
am beil mi 'n tl. 

Ar n- Athair, &c. 

lY. 

Thig, a Spioraid ^N'aoimh, &c. 
Thig, a Spioraid an Neart / Thoir neart do m' 
chridhe anns gach trioblaid, 's anns gach cruaidh- 
chàs, 's thoir spionnadh dhomh 'an aghaidh droch- 
ionnsaidh mo nàmhad, air eagal 's le buaidh a thoirt 
orm, gu'n sgarar mi bhuat-sa, a Dhia 's gur tu m' 
ard-mhath. 

Ar n- Athair, &c. 



AOHANAICH AIR SON SFACHD TIODHLAICEAN, 251 

V. 

Thig, a Spioraid Naoimh, &c. 
Thig, a Spioraid an Eòlais ! Deònaich dhomh 
gnothaichean diomain an t-saoghail so agus am faoin- 
eachd a thuigsinn 's a chur suarach, agus gun 
fhèum eile 'dhianamh dhiiibh, ach gu d' ghlòir-sa 
mhàin 's gu m' shàbhaladh fhèin ; agus gu'n dian mi 
roghainn air do dhuaisean slorruith-sa thairis air 
gach ni talmhaidh. 

Ar n- Athair, &c. 

VI. 

Thig, a Spioraid Naoimh, &c. 
Thig, a Spioraid na Diadhalachd ! Gluais mo 
chridhe gu fìor-dhiadhalachd agus gu gaol naomh 
mo Thighearna Dia, los a bhi daonnan 'g a shireadh 
na m' uile chràbhadh, agus a bhi air mo shnaim ris le 
fior ghaol. 

Ar n- Athair, &c. 

VII. 

Thig, a Spioraid ]N"aoimh, &c. 
Thig, a Spioraid Eagail an Tighearna ! Lìon m' 
fheòil le d' eagal, los thusa mo 'Thighearna Dia a 
chumail daonnan 'am làthair, agus gu'n seachainn mi 
gu cìiramach gach nì a dh'fhaodas a bhi mi-thaitneach 
'an sùilean uile-ghlan do Mhòrachd diadhaidh. 

Ar n- Athair, &c. 



252 



LBADAN MOIRB. 



V. A Spioraid Naoimh, thig agus lion cridheachan 
do chreideach. 

jB. Agus las annta teine do ghaoil. 

Dianamaid urnaigh. 

Tha sinn ag achanaich ort, a Thigheama, gu'n 
dòirteadh tu gu tròcaireach na 'r cridheachan, do 
Spiorad J^aomh a dhealbh le 'ghliocas sinn, agus a 
tha le 'fhreasdal ga'r riaghladh. Tromh, &c. 

F. Còmhnadh Dhè gu'n robh daonnan maille 
ruinn. 

R. Amen. 



CEABHADH DO'h OIGH BHEAIT^t^AICHTE 
MOIEE. 



LBADAN MOIRB. 



300 latha laghaidh. 

Sub tuum prsesidium con- 
fugimus, sancta Dei Genitrix, 
nostras deprecationes ne des- 
picias in necessitatibus nos- 
tris ; sed a periculis cunctis 
libera nos semper, Yirgo 
gloriosa et benedicta. 
Kyrie eleison. 

Christe eleison. 
Kyrie eleison. 

Christe audi nos. 
Christe eocavdi nos. 



Tha sinn a* ruith fo d' 
dhìon, a Mhàthair naomh 
Dhè, na diùlt ar n-iarrtas 'an 
àm ar fèuma ; ach saor sinn 
daonnan bho gach cunnart, 
'Oigh ghlòrmhoragusbheann- 
aichte. 
A Thighearna, dian tròcair 

oirnn. 
A Chriosta, dian tròcair oirnn. 
A Thighearna, dian tròcair 

oirnn. 
A Chriosta, èisd ruinn. 
A Chriosta, gu gràsor èisd 

ruiun. 



LBADAN MOIBE. 



253 



Pater de ccelis Deus, 

Fili Redemptor mundi 
Deus, 

Spiritus Sancte Deus, 

Sancta Trinitas, unus 

Deus, 
Sancta Maria, Ora pro 

noMs, 
Sancta Dei Genitrix, 
Sancta Yirgo virginum, 
Mater Christi, 
Mater divinse gratiae, 
Mater purissima, 

Mater castissima, 
Mater inviolata, 

Mater intemerata, 

Mater amabilis, 

Mater admirabilis, 

Mater Creatoris, 

Mater Salvatoris, ! 

Yirgo prudentissima, 

Yirgo veneranda, 

Virgo prsedicanda, 

Virgo potens, 

Virgo clemens, 

Virgo fìdelis, 

Speculum justitise, 

Sedes sapientise, 

Causa nostrse Isetitiae, 

Vas spirituale, 

Vas honorabile, 

Vas insigne devotionis, 

Rosa mystica, 

Turris Davidica, 






A Dhia Athair nam 

flathas, 
A Dhia Mhic, Fhir- 

shaoraidh an t-saogh- §. 

ail, I 

A Dhia Spioraid ?^ 

Naoimh, 
A ThrionaidNaomh, aon 

Dhia, 
A Naoimh Mhoire, Giddh 

air ar son. 
A Mhàthair naomh Dhè, 
'Oigh naomh nan òighean, 
A Mhàthair Chrìosta, 
A Mhàthair nan gràsan 

diadhaidh, 
A Mhàthair ro-ghlan, 
A Mhàthair ro-gheimnidh, 
A Mhàthair gun truaiU- 

eadh, 
A Mhàthair gun smal, 
A Mhàthair ro-ghràdhach, 
A Mhàthair ro-iongantach, 
A Mhàthair ar Cruthadair, 
A Mhàthair ar Slànair, 
*Oigh ro-ghlic, 
'Oigh ro-mheasail, 
'Oigh ro-chliùiteach, 
'Oigh ro-chumhachdach, 
'Oigh ro-thròcaireach, 
'Oigh ro-dhìleas, 
A Sgàthain a' cheartais, 
'Arois a' ghliocais, 
A Chinn-aobhair ar sòlais, 
A Sbaghaich spioradail, 
A Shaghaich urramaich, 
A Shaghaichro-chràbhach. 
A Ròis dhìomhair, 
A Thùir Dhàbhaidh, 



Q^ 



254 



leadan moire. 



Tiirris e"burnea, 
Domns aurea, 
Foederis arca, 
Janua coeli, 
Stella matutina, 
Salus infìrmorum, 

Refugiura peccatorum, 
Consolatrix afflictorum, 
Auxilium Ohristianorum, 

Regina Angelorum, ^* 

Eegina Patriarcharum, 55 

Regina Prophetarum, ^. 

o 

Regina Apostolorum, f^* 

Regina Martyrum, 

Regina Confessorum, 

Regina Virginum, 
Regina Sanctorum om- 

nium, 
Regina sine labe originali 

concepta, 
Regina sacratissimi Rosarii, 

Agnus Dei, qui tollis peccata 
mundi, 

Farce nohis, Domine, 

Agnus Dei, qui tollis peccata 
mundi, 

Exaudi noSf Domine, 



A Thùir ìbhridh, 

A Ghrianain òir, 

'Airc a' chùmhnant, 

A Dhoruis fhlathanais, 

A Rèul na maidne, 

A Shlàinte nan easlaint- 

each, 
A Dhìdein nam peacach, 
A Chobhair nan deòiridh, 
A Thaice nan Criostaidh- 

nean, s;^ 

A Bhànruinn nan Aingeal, |. 
A Bhànruinn nan Aith- ^ 

richean-naomh, g 

A Bhànruinn nam Fàidh- ^* 

ean, -^ 

A Bhànruinn nan Ostal, | 
A Bhànruinn nam mair- .^ 

tirean, 
A Bhànruinn nan Aid- 

mheileach, 
A Bhànruinn nan Oighean, 
A Bhànruinn nan Naomh 

uile, 
A Bhànruinn a ghineadh 

gun pheacadh, 
A Bhànruinn naconairro- 

naoimh, 
'Uain Dhè, a tha 'toirt air 

falbhpeacannan an t-saogh- 

ail, 
Viccn fathamas ruinn, 

Thighearna, 
'Uain Dhè, a tha 'toirt air 

falbhpeacannan an t-saogh- 

ail, 
Gu gràsor èisd ruinn, 

Thighearna, 



CONAIB MOIRB. 



2m 



Agnus Dei, qui tollis peccata 
muiidi, 

Miserere noMs, 
Christe audi nos. 
Christe exaudi nos, 

Sub tuum prsesidium con- 
fugimus, sancta Dei Genitrix, 
nostras deprecationes ne des- 
picias in necessitatibus nos- 
tris ; sed a periculis cunctis 
libera nos semper, Virgo 
gloriosa et benedicta. 

V, Ora pro nobis, sancta 
Dei Genitrix. 

B. Ut digni efficiamur pro- 
missionibus Christi. 

Oremus. 
Gratiam tuam qusesumus 
Domine, mentibus nostris 
infunde ; ut qui, angelo 
nuntiante, Christi Filii tui 
incarnationem cognovimus, 
per passionem ejus et crucem 
ad resurrectionis gloriam per- 
ducamur. Per eundem Chris- 
tum Dominum nostrum. 

R. Amen. 

V. Divinum auxilium 
maneat semper nobis cum. 
R. Amen. 



'Uain Dhè, a tha 'toirt air 

falbhpeacannan an t-saogh- 

ail, 
Dian tròcair oirnn. 
A Chrìosta, èisd ruinn. 
A Chriosta, gu gràsor èisd 

ruinn. 

Tha sinn a' ruith fo d' 
dhìon, a Mhàthair naomh 
Dhè, na diùlt ar n-iarrtas 
'an àm ar fèuma ; ach saor 
sinn daonnan bho gach 
cunnart, 'Oigli ghlòrmhor 
agus bheannaichte. 

V. Guidh air ar son, a 
Mhàthair naomh Dliè. 

B. Los gu'n toill sinn 
gealladh Chrìosta. 

Dianamaid ùrnaigK 

Dòirt, a Thighearna, tha 
sinn ag guidhe ort, do ghràs- 
an na'r cridheachan, air 
chor's gu'm faod sinne, a 
fhuair fios air daondachd do 
Mhic losa Criosta, le teachd- 
aireachd aingil, ruigheachd, 
as leth a pliàise agus a chroise, 
air glòir 'aiseirigh. Tromh 
Chrìosta ciadna ar Tighearna. 

B. Amen. 

F. Còmlmadh Dhè gu'n 
robh daonnan maille ruinn. 

B. Amen. 



CONAIR MOIRE. 

Tha'n cràbhadh so air a roinn na 'thrì earrannan ; tha còig 
rùin-dhìomhair anns a' h-uil' earrainn : aon Phaidir, deich 
Beannachaidh Moire anns a' h-uile rùn dìomhair, 's ag 



256 CONAIR MOIRB. 

criochnacliadh le Glòir do*n Athair, maille ri ùrnaigh ; a* 
tighinn mar sin gn còig rùin-dhiomhair dhiag, còig Paid- 
richean diag, còig diag Glòir do'n Athair, còig ùrnaighean 
diag, 'us ciad gu leth Beannachaidh Moire. Faodar an 
Cràbhadh so a dhianamh air aon tarruinn, no air tri 
chuairtean : le neach na 'aonar, no le luchd-freagairt dha. 

a' chonaie-phIirteach. 
Tha * a' chonair-phàirteach ' air a dianamh-suas de chuid- 
eachdan anns am beil 's gach aon diubh, ceithir pearsacha 
diag 'us ceannard. Tha gach cuideachda ag gabhail os 
làimh * Conair-Moire ' a ghabhail uile eatorra aon uair 's an 
latha. Uair 's a' mhios gheabh an ceannard do'n chuid- 
eachda cairtean air am beil rùintean-diomhair fos leth de 
Chonair-Moire. Na cairtean so tàirnidh iad eatorra : gach 
neach fad a' mhìos ag gabhail an rùin a thig air. An neach 
air an tig a' cMad rùn, their e Grèvd, Faidir, *s trì Beann- 
achaidh'Moire, a thuilleadh air càch. 

LagTiaidh, 

i. (1) 100 latha air son aon rùn-dìomhair fhèin de*n 
chonair a ghabhail. (2) 7 bliadhna 's seachd carghuis air 
son a ghabhail Didònaich 's Làithean-fèille, &c. 

ii. (1) Làn-laghadh a' chiad là feìlle an deigh ar gabhail 
a stigh. (2) Là Nolaig, Là na bliadhn'-ùire, Là nan Trì 
Rìghrean, Là Càsga, Diordaoin Deasghabhail, Diordaoin 
Corp Chrìosta, Didònaich Caingis, Didònaich na Trianaid 
uilenaoimh, Fèilltean na h-Oighe Moire, Là Pheadair 'us 
Phòil, Là Samhna, 's air an treas Dònach de'n mhlos. 

'An ainm an Athar ►J^, agus a' Mhic, agns an 
Spioraid Naoiinh. Amen. 

F. Fàilte dhut, a Mhoire, tha thu làn de na 
gràsan, tha an Tighearna maille riut. 

R, Is beannaichte thu 'measg nam ranà agus is 
beannaichte toradh do bhronn, Tosa. 

F. Fosglaidh tusa, a Thighearna, mo bhial. 



CONAIR MOIRE. 257 

R. Agus bheir mo theanga cliù dhut. 

V. Dian cobhair orm, Dhia. 

R. A Thighearna, greas gu m' chuideachadh. 

Glòir do'n Athair, agus do'n Mhac, agus do'n 
Spiorad ^aomh. 

Mar a bhà, 's mar a thà, 's mar a bhitheas fad 
shaoghal nan saoghal. Amen. 

A^ Chiad Earmnn, 

Na còig Rùin Eibhinn, ri gliahhail a! h-uile Diluain 's 
Diardaoin ; Didònaicli 's an Aidbhen, agus 'an dèigh Là 
nan tri Righrean gu Oarghus. 

I. Teaclidaireachd an Aingil. 

Smaoinicheamaid anns an rùn dhìomhair so gu'n 
do chuir an t-Aingeal Gabriel fàilt air an Oigh 
bheannaichte leis na briathran so, Tha thu làn de 
na grasan: agus gu'n d' innis e dhi gu'n robh ar 
Tighearna Tosa Crìosta 'dol a ghabhail coluinn 
daonda. 

Ar n-Athair a tha air nèamh, &;c., aon uair, 

Fàilte dhut, a Mhoire, &c., deich uairean, 

Glòir do'n Athair, &c., aon uair. 

Dianamaid urnaigh, 

AJSTAOMH Mhoire, a Ehànruinn nan Oighean, 
as leth daondachd do Mhic ionmhuinn ar 
Tighearna losa Criosta, a thàinig gus ar sàbhaladh, 
thoir dhuinne, le brigh d' achanaich, soilleireachadh 
ceart air na gràsan mòra sin a thog sinn gus an ard- 
inbhe 'bhi na'r bràithrean aig do Mhac diadhaidh, 
agus thusa 'bhi dhuinn 'ad Mhàthair. Amen. 
17 



^58 CONAIR MOIRE. 

11. Turus Moire gu 'hanacharaid Ban'naomh 

Ealasaid. 
Smaoinicheamaid anns an rùn dhiomliair so gn'n 
deach. an Oigh bheannaichte Moire, 's i air cluinntinn 
bho'n Aingeal gu'n do ghabh a banacharaid Ban- 
naomh Eaìasaid sliochd, air a h-aghart gu luath gu 
beanntan ludèa a dh-amharc oirre, agus gu'n 
d'fhuirich i còmhla rithe tri miosan. 
Ar n-Athair, ^c, 

Dianamaid urnaigh. 

OMHATHAIR bheannaichte, a sgàthain ghlain 
na h-iimhlachd, as leth na blàth-charrantachd 
a thug a choimhead do bhanacharaid Ban-naomh 
Ealasaid thu, thugas dhuinn le feartan d' eadar- 
ghuidhe, gu'm bi ar cridheachan air an lionadh le 
gràsan do Mhic naoimh cho pailt, agus gu'm bi sinn 
air ar glanadh bho'n a' h-uile peacadh, agus gu'n toir 
sinn cliìi agus taing dha fad na siorrachd. Amen. 

III. Breith losa ann am Bethlehem. 

Smaoinicheamaid anns an rùn dhiomhair so gu'n 
d'rug an Oigh bheannaichte Moire 's an àm fhreag- 
arrach dhi, ar Slànair losa Criosta mu mhiadhon- 
oidhche, agus gu'n do chuir i anns a' phrasaich e, a 
thaobh 's nach robh àite dha 's na tighean. 

Ar n-Athair, ^c, 

Dianamaid urnaigh. 

OMHATHAIK a's gioine, as leth d' aiseid 
mhaighdeannail gun bhèud, leis an d' thug thu 
solus do'n t-saof^hal le d' Mhac, ar Slànair losa 



OONAIR MOIRB. 259 

Crìosta ; coisinn dhuinn, tlia sinn ag achanaich ort, 
le feartan d' eadarghuidhe, na gràsan sin a bheir 
neart agus treòir dhuinn gu caitheamh-beatha cho 
naomh, agus cho diadhaidh a leantuinn air talamh, 
gu'm bi e na'r comas a bhi 'seinn a latha 's a 
dh-oidhche tròcair do Mhic agus a thiodhlaicean. 
Amen. 

lY. losa air a thairgsinn ^s an Teamjpull, 

Smaoinicheamaid anns an rùn dhiomhair so gu'n 
do thairg an Oigh bheannaichte Moire, air latha a 
glanaidh a rèir an lagha, an leanabh naomh losa 
anns an tèampuU ; far an d' thug I^aomh Simeon 
taing do Dhia gu ro-chràbhach, 's a ghabh e air a 
ghàirdeanan e. 

Ar n-Athair, ^c, 

Dianamaid urnaigh, 

OMHATHAIR bheannaichte, a sgàthain agus a 
bhèus na h-iimhlachd, a thairg 's an tèampuU 
Cruthadair an t-saoghail, f aigh dhuinne le d' mhaoidh- 
ean air do Mhac gaolach, spionnadh agus càil, mar a 
bh'aig Simeon agus aig a bhan-fhàidh Anna, gu cliù 
agus moladh a thoirt dha gu siorruidh. Amen. 

V. Fhuaras losa Crìosta ^s an teamimll. 

Smaoinicheamaid anns an riin dhiomhair so gu'n 
d' fhuair an Oigh bheannaichte Moire, an dèigli 
sireadh thri latha le bròn, a Mac gaolach, a chaill i 
gu neochiontach 's an tèampuU, 'am miadhon iiau 



260 CONAIR MOIRE. 

ollanili,a' rèusanacliadh riutha, na 'dhà bhliadhn'-diag 
a dh-aois. 

Ar n-Athair, ^c, 

Dianamaid hrnaigh, 

OIGH naomh a's mutha 'dh' fhuilig na na martir- 
ean fhèin, 'an dèigh sin a tha 'ad threise 's ad 
chomhfhurtachd do thruaghain; as a' mhiad 's a 
rinn thu dh' fhaoilteachas ri d' Mhac ionmhuinn 
fhaotainn 's an tèampull, 'am measg an àrd luchd- 
fhaoghluim a' reusanachadh riutha; faigh dhuinne 
bhuaithe na gràsan a bheir oirnn a shireadh, agus a 
shealbhachadh anns an Eaglais naoimh Chaitlicich, 
ann an dòigh 's nach tèid ar sgaradh bhuaithe a 
chaoidh. Amen. 

SALVE REGINA. 

FAILTE dhut, a Bhànruinn, Màthair na tròcaire, 
ar beatha, ar sòlas, 's ar dòchas, f àilte ort. Eiutsa 
tha sinne, sliochd seachranachEubha, a' togail ar guth. 
Eiutsa tha sinn ag osnaich, ag caoidh 's ag acain, ann 
an gleann so nan diar. Thoir, ma ta, 'iuchair nan 
gràs, sùil fhial òirnne. Agus 'an deaghaidh dhuinn 
a' chèin-thìr so 'fhàgail, fìach dhuinn toradh beann- 
aichte do bhronn, losa. Mhoire Oigh bhàigheil, 
ghràdhach, chaomh ! 

V. Guidh air ar son, a Mhàthair J^aomh Dhè. 

R, Los gu'n toill sinn gealladh Chriosda. 

Dianamaid urnaigh, 

ODHIA, a cheannaich còir dhuinn air duais 
shiorruidh le beatha, bàs, 'us aiseirigh d' aon 



CONAIR MOIRE. 261 

Mhic ionmliuinn: thugas dhuinn, a tha 'l^ughadh 
agus a' beachdachadh air na rùin dhiomhair a tha 's 
an ùrnaigh so, gu'n lean sinn an seòladh, 's gu'm 
faigh sinn an gealltanas. Tromh losa Criosta, ar 
Tighearna. Amen. 

An Darna Earrann. 

Na còig Rmn Dhòruìnneach, ri ghabhail a* h-uile 
Dimàirt's Dihaoine ; agus air Didònaich 's a' Charghus. 

I. Urnaigli 'us Fallus-fala Chrìosta '5 a' Gliaradh. 
Smaoinicheamaid anns an riin dhiomhair so, mar 
a bha losa Criosta ar Tighearna, fo dhòrainn cho 
trom ann an gàradh Ghethsemane, 's gu'n robh 
fallus-fala 'fàsgadh romh choluinn naoimh, agus a' 
sruthadh gu frasach gu làr. 
Ar n-Athair, ^c. 

Dianamaid urnaigh, 

OTGH a's mutha naomhachd, a dh'fhairich 
dòruinn thair martair ri linn do d' Mhac a bhi 
'g ùrnaigh gu cruaidh 's gu cràiteach anns a' ghàradh; 
deònaich dhuinn còmhnadh d' eadarghuidhe, los gu'n 
cuir sinn ar n-ana-miannan fo shrèin rèusain, agus 
gu'n aontaich 's gu'n striochd sinn do thoil Dhè. 
Amen. 

II. Sgiìirsadh losa aig a' phosta. 

Smaoinicheamaid anns an rùn dhiomhair so, gu'n 
deach losa Criosta ar Tighearna a sgiùrsadh gu goirt 
aig a' phosta aig tigh Philait, a' faighinn tuilleadh 
'us còig mìle stràc, a rèir 's mar a chaidh a shoilleir- 
eachadh do Bhan-naomh Brighde. 

Ar n-Athair, Sfc, 



262 CONAIR MOIKE. 

Dianamaid urnaigh. 

OMHATHAIE Dhè, a shamhlaidh naoimh na 
faighidinn, as leth a sgiùrsaidh ghoirt a dheòn- 
aich do Mhac gràdhach 'fhulang; faigh dhuinn na 
gràsan a chuireas casg air mi-rian ar cèudan-corporra, 
agus a ghearras bhuainn ceann-aobhair gach peacaidh. 
Amen. 

III. Grìin dreathainn air a chuir air ceann 
Chrìosta. 
Smaoinicheamaid anns an riin dhiomhair so, mar 
a ghahh an sluagh gun iochd, gun bhàigh, an 
dreathann giar, agus an dèis fleasg a dhianamh dheth, 
spàrr iad e gun athadh air ceann beannaichte losa 
Criosta ar Tighearna. 
Ar n-Athair, ^c. 

Dianamaid ìimaigh. 

OMHATHAIE Prionnsa agus Eigh na glòrach 
siorruidh, as leth nan drisean piantail a rèub 
ceann do Mhic ionmhuinn le mile lot, thugas dhuinn, 
tha sinn ag guidhe ort, le feart d' eadarghuidhe, a 
bhi saor anns a' bheatha so bho uaill, agus air latha 
'bhreitheanais bho nàire a' pheacaidh. Amen. 

lY. losa ag giidan na Groise. 

Smaoinicheamaid anns an run dhiomhair so gu'n 
do ghiiilain losa Criosta ar Tighearna a' chrois, a 
chuireadh air a ghuaillean crèuchdach ; agus gu'n d' 
iomraich e i cuideachd le mòr fhaighidinn, air a' 
thruimead 's g' an robh i, 's air a' mhiad 's g' an robli 
a tàire. 

Ar n-Athair, ^c. 



OONAIR MOIRB. 



Dianamaid urnaigh, 

OMHATHAIR bheannaichte, a shamUaidli na 
faighidinn, as leth pian giùlan na croise le 
d'Mhac gaolach losa Crlosta ar Tighearna, agus eallach 
'bu truime na sin ar peacannan, coisinn le feart 
d'iirnaigh misneach agus càil dhuinne gu 'chèumannan 
a leanailt, agus ar crois iomrachadh gu faighidneach 
gu deireadh ar làithean. Amen. 

V. losa air a chèusadh. 

Smaoinioheamaid anns an rùn dhiomhair so, nach 
luaithe a ràinig ar Slànair losa Criosta beinn 
Chalbhari, na 'chaidh aodach a spìonadh dheth, agus 
a lamhan 's a chasan naomh a thàirneachadh gu 
teann agus gu piantail ri fìodh na croise ann am 
fianuis a Mhàthar brònaich. 

Ar n-Athair, Sfc, 

Dianamaid urnaigh, 

OMHOIRE naomh, a Mhathair Dhè, gu'm b' ann 
mar a bha do Mhac ionmhuinn air a ruighe air 
a' chrois air ar son, a bhios gach tèud 'us buaidh 
annainn air an ruighe gu teann, ag cur a sheirbhis 
naoimh air a h-aghart, 's ag gabhail truais ri 
'dhòruinn. Gu'm b' ann mar sin a bhitheas le 
d'eadarghuidhe, Mhàthair naomh, los gu'n coisinn 
sinn sàbhaladh sìormidh dhuinn fhein. Amen. 
Salve Regina, 's e sin, Failte dhut, a Bhànruinif, 



264 CONAIR MOIRB. 



An Treds Earrann. 

Na còig Rùin Ghlòrmhor, ri'n cantainn a' h-nile Diciad- 
uin 's Disathurna ; agiis air Didònaich bho Chàisg gus an 
Aidbhen. 

I. Aiseirigh Chriosta. 

Smaoinicheamaid anns an rùn dhiomliair so, gu'n 
d' èirich ar Tighearna losa Crìosta gu cumhaclidach 
's gu giòrmhor air an treas latha bho bhàs gu beatha, 
's gu'm beil e à so suas os cionn gath a bhàis, 'us 
guin pèine. 

Ar 'ìi-Athair, Sfc. 

Dianamaid urnaigh. 

OMHOIEE ghlòrmhor, as leth d' aighir 's do 
shòlais ri hnn Aiseirigh ghlòrmhor d' aon 
Mhic, coisinn dhuinn, tha sinn ag guidhe ort, nach 
bi ar cridheachan à so suas ag iarraidh gu toileachadh 
brèige saoghalta, ach 'an geall an còmhnuidh air 
aoibhneas bunailteach, buan fhlathanais. Amen. 

II. Deasghahhail losa Chriosta. 

Smaoinicheamaid anns an rùn dhiomhair so, gu'n 
deach ar Slànair losa Criosta 'an ceann dà fhichead 
là an deis 'Aiseirigh, suas gu nèamh, air a chuairt- 
eachadh leis na h-Ainglean, ann an làthair a Mhàthar 
naoimh, nan Ostal agus nan deisciobul, a bha 'g 
amharc air le mòr-ioghnadh. 

Ar n-Athair, ^c. 



CONAIR MOIRB. 265 

Dianamaid ìirnaigh, 

OMHATHAIE Dhè, a cliomhfhiirtaclid nan 
uireasbhach, gu'm b'ann mar a thog Mac do 
ghaoil a lamhan, agus a bheannaich e 'Ostail naomha, 
a thogas tusa do lamhan beannaichte ri d' Mhac as 
ar leth, air chor 's gu'm faigh sin mar aon beannachd 
a' Mhic agus na Màthar, gu stàth dhuinn a bhos 'us 
thall. Amen. 

III. Tigldnn an Spioraid Naoimh air na h-Osfail. 

Smaoinicheamaid anns an rùn dhìomhair so, gu'n 
do chuir losa Criosta, 'an dèigh dha suidhe air làimh 
dheis Dhè, an Spiorad N'aomh a nuas air na h-Ostail, 
mar a gheall e ; agus iad 's aii àm maille ri Moire 
ann an lerùsalem ri iirnaigh 's ri cràbhadh gu dìan, 
a' feitheamh ri tighinn an Spioraid Naoimh an 
Comhfhurtar. 

Ar n-Athair, Sfc. 

Dianamaid urnaigh. 

OMHATHAIR bheannaichte, a thèampuiU an 
Spioraid JSTaoimh, coisinn dhuinne le cumhachd 
d' achanaich, gu'm bi sinn air ar stiùradh leis a' 
Chomhfhurtair sin, a thug do Mhac gaolach dh'a 
chuid Ostal, agus gu'm bi sinn air ar treòrachadh 
leis air an t-slighe dhìrich do fhlathanas, agus air 
cèumannan gach subhailce 's deagh-ghnìomha. Amen. 

IV. An Oigh Bheannaichte ag gahhail seilhh ^am 

flathanas. 
Smaoinicheamaid anns an rtin dhiomhair so, gu'n 
deach an Oigh ghlòrmhor Moire, 'an ceann dà 



266 CONAIR MOIRB, 

bhliadhn^diag 'an clèìgh Aiseirigh a Mic, suas do 
fhlathaiias as aii t-saoghal so le urram mòr agus 
glòir, air a cuairteachadh le feachdan Ainglean. 
Ar n Athair, Sfc. 

Dianamaid ùrnaigh, 

OIGH a' mhòr-ghliocais, a lion, a' dol a stigh do 
thalla giòrmhor nam flathas, na Naoimh 's na 
h-Ainglean le sòlas, agus sinne le dòchas ; deònaich 
seasamh air ar cùl aig uair a' bhàis, air chor 's gu'n 
toir sinn buaidh air innleachdan, 's buairidh an 
droch-spioraid, agus gu'm bi ar n-aiseag bho thìm gu 
sìorrachd làn sonais 'us aoibhneis gun chrìch. Amen. 

Y. Orànadh na h-Oighe Moire, 
Smaoinicheamaid anns an rùn dhìomhair so, gu'n 
do chuir a Mac cumhachdach, 'an làthair co-thional 
aobhach nan J^aomh 's nan Aingeal, crùn na glòrach 
a b' àillidh 's a bu ghile air ceann na h-Oighe beann- 
aichte Moire Mathàir Dhè. 
Ar 7i-Athair, ^c, 

Dianamaid urnaigh, 

OBHANEUINN^ nan uile J^aomh, 's e ar n-ach- 
anaich riut, gu'n gabhadh tu bhuainn an 
cràbhadh so, mar fhleasg taitneach 'ad shùilean ; 
agus thugas dhuinn bho bhrigh d' achanaich, gu'm 
bi ar dèigh air d' fhaicinn 'ad ghlòir, mar theine air 
a lasadh na'r cridhe cho dìan, 's nach gabh e cur as, 
na diocladh, gus am fiach e dhuinn do ghlòir ann am 
flathanas. Amen. 

Salve Eegina, 's e sin, Fàilte dhut, a Bhànruinn, ^c. 



LEADAN CRIDHE NAOMH MOIRB. 267 
LBADAN CKIDHB NAOMH MOIRB. 

ATHIGHEARNA, dian tròcair òirnn. 
A Chrìosta, dian tròcair òirnn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn. 
A Chrìosta, èisd ruinn. 
A Chriosta, gu gràsor èisd ruinn. 
A Dhia Athair nam Flathas, Dian tròcair òirnn. 
A Dhia Mhic Fhir-shaoraidh an t-saoghail, Dian^ ^c. 
A Dhia Spioraid Naoimh, Dian^ ^o. 
A Thrianaid Kaomh, aon Dia, Dian^ ^o, 
A Chridhe Moire, Guidh air ar son. 
A Chridhe Moire, a rèir Cridhe Dhè, 
A Chridhe Moire, aonte ri Cridhe losa, 
A Chridhe Moire, a làmh-riaraich an Spioraid 

Naoimh, 
A Chridhe Moire, 'lonaid-naoimh na Trianaide 

diadhaidh, 
A Chridhe Moire, a phàillinn Dhè 'am feòil, ^ 

A Chridhe Moire, gunsmal bho d' chruthachadh, g 
A Chridhe Moire, làn de na gràsan, gÌ 

A Chridhe Moire, beannaichte 'am measg gach a 

cridhe, ^' 

A Chridhe Moire, a chathair na glòire, § 

A Chridhe Moire, 'aibheis na h-'risleachd, § 

A Chridhe Moire, 'ìobairt-loisgtu gaol Dhè, -^ 

A Chridhe Moire, fuaighte ris a' chrois maille 

ri Criosta cèuste, 
A Chridhe Moire, a chobhair nan deòiridh, 
A Chridhe Moire, a dbidinn nam peacach, 
A Chridhe Moire, a dhòchais na feadhnacli 

's an tarrainn, 



268 URNAIGH RI CRIDHE NAOMH MOIRE. 

A Chridhe Moire, a chathair na tròcaire, 

'Uain Dhè a tha a' toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Dian fathamas riiinn, Thighearna. 
'TJain Dhè a tha a' toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Gu gràsor eisd ruinn, Thighea.rna, 
'Uain Dhè a tha a' toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Dian tròcair òirnn. 
A Chrìosta, èisd ruinn, 
A Ghrìosta, gu grasor èisd ruinn. 
Y. A Mhoire Gunsmal, a tha ciiiin 'us ìriseal 'an 

cridhe. 
E. Dian ar cridhe a rèir cridhe losa. 

Dianamaid ùrnaigh. 

ODHE ro-thròcairich, a dheònaich, air son sàbh- 
aladh pheacach agus air son dldeann do 
thruaghain, Cridhe Gunsmal na h-Oighe Beannaichte 
Moire 'bhi coltach 'an carrantachd agus 'an iochd 
ri Cridhe Diadhaidh do Mhic losa Criosta ; deònaich 
gu'n toill sinne, as leth luaidheachd agus eadar- 
ghuidhe na h-Oighe Beannaichte ciadna, a tha 'toirt 
cuimhne air a' Chridhe ro-chaomh agus ghaolach 
so, ar i'aighinn a rèir Cridlie losa. Tromh Chrìosta 
ciadna ar Tighearna. Aiuen. 

URNAIGH RI CRIDHE NAOMH MOIRE. 

OCHETDHE Moire, a Mhàthair Dhè, ar Màthair- 
ne ! A Cìiridhe ro-ghaolaich, anns am beil 
mòr-thlachd na Trianaide diadhaidh, airidh air uile 



URNAIGH EI CRIDHE NAOMH MOIRE. 269 

ghaol agus urram amglean agus dhaoine ; a Chridhe 
ro-choltach ri Cridhe naomh losa; 'ìomhaigh a's fior- 
choltaiche ris ; a Chridhe a tha làn mathais, daonnan 
iochdor ri 'r truaighe — deònaich neimh ar cridhe 
a thaiseachadh, los gu'n atharraichear sinn gu 
buileach gu 'bhi na'r n-iomhaigh Cridhe losa. 
Dòirt annta gaol air do shubhailcean, las iad leis an 
teine naomh sin leis am beil tbu-fhèin a' sìor-lasadh. 
Annadsa faigheadh an Eaglais IN'aomh dìon sàbhailte; 
teasraig i, agus bi dhith 'ad dhìdein caomh, 'ad thùr 
daingnich nach bristear a dh'aindeoin ionnsuidh- 
nean a naimhdean. Gu'm b'e thusa an rathad air 
an ruigear losa ; gu'm b'e thusa am feadan tromh 'm 
faigh sinn na h-uile ghràsan a tha riatanach gus ar 
sàbhaladh. Bi thusa dhuinn 'ad chòmhnadh 's gach 
teinn, 'ad fhurtachd 's gach trioblaid, 'ad neart 'am 
buaireadh, 'ad dhìdein 'an gèur-leanmhuinn, 'ad 
chobhair 's gach càs ; ach gu sònraichte 'an cath 
spàirn a' bhàis, 's an uair dheireannaich, an uair a 
dh'fhosglar ifrinn uile gus ar n-anmannan a spìonadh 
air falbh — 's an uair ghàbhaidh sin, 's an uair uamh- 
asaich a tha ar sìorrachd na 'mèinn, 0, 's an uair 
sin, 'Oigh ro-chaomh, fairgheamaid tlà do Cliridhe 
Màthaireil-sa, agus ro-mhiad do chumhachd ri Cridlie 
losa, le dìdeann tiarainte fhosgladh dhuinn 'an 
dearbh thobar na tròcaire, los gu'n tèid sinne cuideaclid 
'ad cho-chomunn 'am Pàras a bheannachadh Cridlio 
Naomh sin losa fad shaoghal nan saoghal. Amen. 



270 TAOGHAL-ORABHAIDH AIR N. MOIRE. 

O DOMINA MEA. 

Achanaidi ^an àm huairidh. 
40 latha laghaidh an uair a ghabhar i 'n àm buairidh. 

OMO Bhaintighearna ! mo Mhàthair ! cuimh- 
nich gur leat-fhèin mi. 
Glèidh mi, teasraig mi, mar do chuid 's do sheilbh 
fhèin. 

TAOGHAL-CRABHAIDH AIR AN OIGH MOIRE. 

OOIGH ro-naomh, a Mhoire Gunsmal, mo Mhàth- 
air, a Mhàthair mo Thighearna, a Bhànruinn 
an t-saoghail, 'Eadarghuidhear, a Dhòchais, agus a 
Dhìdinn nam peacach, tha mise, am peacach truagh, 
ag iarraidh cobhair ort ; agus tha mi a' toirt tainge 
dhut air son gach mathais a bhuilich. thu orm gus a 
nise, gu sònraichte air son mo shaoradh bho ifrinn, a 
thoill mi cho liuthad uair. Tha mi 'toirt gaoil dhut, 
a Mhàthair ro-ghaolach, agus le miad mo ghaoil 
ort, tha mi 'gealltainn a bhi daonnan uUamh gus do 
sheirbhiseachadh, agus mo dhìchioU a dhianamh a 
thoirt air feadhainn eile gaol a thoirt dhut. Annadsa 
tha mi 'cur m' uile dhòchais, riutsa tha mi' 'g earbsa 
m' uile shàbhalaidh. Gabh rium mar do sheirbhis- 
each, agus glac mi 'an sgàil do sgèithe, Mhàthair 
na tròcaire. Agus bho'n a tha thu cho cumhachdach 
air bialaobh Dhè, saor mi bho gach buaireadh, no 
co-dhiùbh, glèidh dhomh neart gu làmh-an-uachdar 
fhaighinn orra gu uair mo bhàis. mo Mhàthair, 
air sgàth do ghaoil air Dia, guidhim ort mo chuid- 
eachadh daonnan, ach gu tur uair dheireannach mo 



LEADAN SHEACHD DÒRUINNEAN MOIRE. 271 

bheatha. Xa fàg mi gns am faic thu mi sàbhailte 
air nèamh, gu d' bheannachadh, agus gu 'bhi 'seinn 
do mhathais 'an sin fad na siorrachd. Amen. Is e 
so mo dhòchas. Amen. 

LEADAN SHEACHD DÒRUINNEAN MOIRB. 

ATHIGHEARNA, dian tròcair òirnn. 
A Chrìosta, dian tròcair òirnn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn. 
A Chrìosta, èisd ruinn. 
A Chriosta, gu gràsor èisd ruinn. 
A Dhia Athair nam Flathas, Dian tròcair òirnn. 
A Dhia Mhic Fhir-shaoraidh an t-saoghail, Dian, &c. 
A Dhia Spioraid JSTaoirah, Dian, &c. 
A Thrianaid l^aomh aon Dia, Dian^ &c. 
A Mhàthair Dhòruinneach, Guidh air ar son, 
'Nacli d'fhuair àite 's an tigh-òsda, 
A dh'fhimir fasgadh a ghabhail 'an stàbull, 
A chàirich d'Aonghin Mhic 'am prasaich, 
A bha ga d'lèireadh ri faicinn timcheall-ghearr- 

adh do Mhic, g^ 

Dh'an d'innseadh gu'n do chuireadh do Mhac na g; 

chuspair a rachadh àicheadh, ^ 

Dh'an d'innseadh gu'n sàithteadh claidheamh ^- 

tromh d'anam fhèin, a 

A dh'fhimir teicheadh le d' Mhac do'n Eiphit, ^ 
À bha ga d' chuaradh mu mhort nan Ì^aoidh- i 

eachan, 
A bha gu dubhach fad thri latha air tòir do Mhic, 

a chaidh, na 'dhà bhliadhu'-diag, air chall 's 

an tèampull, 



272 LEADAN SHEACHD DORUINNEAN MOIRE. 

A bha 'mothacliadh an t-slor-fhnath a bh' aig na 

h-Iìidhaich air do mhac, 
A ghabh, air là na Suipreach-deireannaich, soir- 

idh-bhroìn le d' Mhac a^ dol do lerìisalem a 

dh^fhulang, 
Dh'an d'innseadh gu'n do bhrath Iiidas e, agus 

gu'n do ghlacadh e, 
A bha fìanaiseach air a liubhairt mar chiontach 

do na h-àrd-shagairt, 
A chuala gu'n do dhiteadh e le fianaisean-brèige, 
A fhuair fios gu'n do bhuaileadh buille dhèis- 

neach 'an aodunn beannaichte do Mhic, 
A chuala gu'n d' thug na h-Iùdhaich agus na J^ 

saighdearan diol fìor ain-iochdor as do Mhac, g^ 
A chuala gu'n d' rinneadh diù thair Barabbas ^ 

de d' Mhac, ^ | 

A chunnaic sgiùrsadh do Mhic, agus a chrùnadh ^ 

l^ dreathann, o, 

A chuala 'bhi 'toirt na binne èucoraich' air do § 

Mhac, 
A chaidh 'an còmhdhail do Mhic 's e 'gitilan 

uallach na croise, 
A chuala 'bhi 'tolladh lamhan 'us casan do Mhic 

le tàirnean dèisneach, 
A fhuair briathran deireannach do Mhic air a' 

chrois, 
A bha 'd sheasamh làmh ri d' Mhac 'an spàirn 

a bhàis, 
A ghlac 'ad uchd màthaireil corp do Mhic a 

thugadh a nuas bhàrr na croise, 
A thill dhachaidh gu dubhach, bronach 'an dèis 

corp do Mhic a thiodhlaiceadh. 



LBADAN SHEACHD DORUINNEAN MOIRB. 273 

Bhànruinn nani Martair, 

Sgàthain nan dubh-bhrònaeh, 

Chobhair nan deòiridh, 

E'eart nan lag-chridheach, 

Dhìdinn nam peacach, 

As leth pàis agus bàs ro-dhòruinneach do Mhic, 

Saor sinn, Bhànruinn nam Martair, g5 

As leth mor-chràidh do chridhe, ^ 

As leth ro-mhiad do dhubh-bhròin 's do chianalais, cg, 
As leth d' anabharr pèine, | 

As leth d^ acain agus do ghuil, 'L 

As leth do thruais mhàthaireil, l^ 

As leth do chomhnaidh ro-chumhachdaich, 5^ 

Bho anabharr bròin, ^s' 

Bho spiorad meata, g^ 

Bho'n a' h-uile ceann-aobhair agus cunnart peac- | 

aidh, 5S 

Bho mhealltaireachd an droch-spioraid, . . g 
Bho chruas cridhe, ^ 

Bho neo-aithreachas, ^ 

Bho bhàs obunn agus mì-uidheamaichte • S* 

Bho dhiteadh sìorruith, .^* 

Sinne na peacaich, Debnaicli èisdeachd ruinn^ 

Bhìinruinn nam- Martair, 
Gu'm b'e do thoil ar glèidheadh le d' dhion ^am g 

fior chreideamh, dòchas, agus carrantachd, g^ ^ 
Gu'm b'e do thoil fìor bhròn-cridhe a^us aith- ^ s' 

reachas air son ar peacannan a ghlèidheadh g_ §• 

dhuinn bho d' Mhac, J" ^ 

Gu'm b'e do thoil f artachd 'us còmhnadh a ^ ^- 

thoirt dhaibhsan a ghairmeas ort, ^ ' 

18 



274 LEADAN SHEACHD DÒRUINNEAN MOIRB. 

Gu'm b*e do thoil ar cuideachadh 'an spàirii -^ <^^ l^ 

a' bhàis, Ì* Ì' ^ 

Gu'm b'e do thoil bàs sona a ghlèidheadh j^ § |^ 

dhuinn, vr^ §^ ?^* 

A Mhàthair Dhè, ^ ^ ^ 

'Uain Dhè a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Dian fathamas ruinUi Thighearna. 
'Uain Dhè a tha a' toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Gu gràsor eisd ruinn^ Thighearna, 
'Uain Dhè a tha a' toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Dian tròcair òirnn. 
A Chriosta, èisd ruinn. 
A Chriosta, gu gràsor èisd ruinn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn, 
A Chriosta, dian tròcair òirnn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn.- 
Paidir. Beannachadh Moire. 
Y. Anns gach trioblaid 'us diachainn. 
E. Cuidich sinn a Mhoire Oigh ro-bheannaichte. 

Dianamaid ìirnaigh. 

Thighearna losa Chriosta, guidhimid ort, gu'm 
bi an Oigh Bheannaichte Moire do Mhàthair a 
chaidh a cridhe a tholladh le claidheamh-bròin 'an 
àm do phàise, ri eadar-ghuidhe ri d' thròcair air 
ar son a nise 's aig uair ar bàis. As do leth-sa 
fhèin, 'losa Chriosta, a Shlànair an t-saoghail, a tha 



CONAIR NAN SEAOHD DORUINNEAN. 275 

maiUe ris an Athair agus ris an Spiorad Naomh 
beò 'agus a' rian fad shaoghal nan saoghal. 
R. Amen. 



CONAIR NAN SEACHD DORUINNEAN. 

i. 100 bliadhna laghaidh gach uair a ghabhar i 'an staid 
an aithreachais ; 150 bliadhna Diluain, Diciadaoin, agus 
Dihaoine, 's air Làithean-feiUe, 'an deaghaidh Riarachaidh, 
200 bliadhua 'an deaghaidh Faoisid, a thuilleadh air ioma 
pàirt-laghadh eile. 

ii. Lan-laghadh uair 's a' mhìos dhaibhsan a ghabhas uair 
's an latha fad a' mhìos i. 

Gnìomh aithreachais, 

mo Thighearna, thusa a mhàin a's fior-airidh 
air mo ghaol, seall orm 'am sheasamh air bialaobh 
do làthaireachd diadhaidh, air mo chlaoidh gu buil- 
each le smaointean air gach èucoir lionmhoir, thruim, 
a rinn mi ort. Tha mi le m' uile chridhe 'g iarraidh 
mathanais ort, 's aithreachas orm air an son, a bhrìgh 
do ghaoil-sa a mhàin, agus le smaoineachadh air do 
mhòr-mhathas tha mi a' toirt fuath agus gràin 
dhaibh thair gach olc eile 's a' bheatha so. Mar a 
y fhearr leam bàs fhulang mile uair na miothlachd 
a chur ort, tha mi nise 'cur romham gu daingeann 
mo bheatha a chall a roghainn air miothlachd a 
chur ort tuille. M' losa cèusta, tha mi 'cur romhani 
gu daingeann m' anam a ghlanadh cho luath 's is 
urrainn domh le d' fhuil phriseil ann an sàcramaid 
na Faoisid. Agus thusa, 'Òigh ro-chaomh, a Mhàth- 
air na tròcaire agus a Dhìdinn nam peacach, glèidh 



276 CONAIR NAN SEACHD DORUINNEAN. 

dhomh mathanas le feart do dhòruinnean cràiteach ; 
agus, bho'n a tha mi 'g tirnaigh air rèir beachd a cho 
liutha Pàpa naoimh, a chosnadh nan laghadh-eaglais 
a tha'n cois na conaire naoimhe so, tha dòchas agam 
le sin gu'm faigh mi fuasgladh bho gach pèin a tha 
mo pheacannan a' toilltinn. 

1. Leis an earbsa so 'am chridhe, smaoinichim air 
a' Chiad Dhòruinn, an uair a thairg Moire, Oigh- 
Mhàthair mo Dhè, losa a h-aon Mhac ^s an 
Tèampull, ga 'chàradh air gàirdeinean sheann Shim- 
eoin naoimh, 's a chuala i bhuaithe an fhàisneachd 
so, " Bidh so na 'chlaidheamh dòruinn a thollas 
romh d' chridhe fhèin," le sin ag innse romh làimh 
mu phàis agus mu bhàs a mic losa. 

Aon Phaidir, seachd Beannachaidh Moire. 

2. B'e Darna Dòruinn na h-Oighe Beannaichte 
gu'm b'fhèudar dhi teicheadh do'n Eiphit a thaobh 
gèur-]eanmhuinn Hèroid ain-iochdoir, a bha gu 
mollaichte a' sireadh gu a Mac ro-ghaolach a chur 
gu bàs. 

Aon Phaidir, seachd Beannachaidh Moire. 

3. B'e Treas Dòruinn na h-Oighe Beannaichte, 
'an deaghaidh dhi dol suas do lerùsalem aig Fèill 
na càsga, maille ri loseph a cèile agus ri losa a Mac 
gaolach, gu'n deachaidh esan air chall oirre, air a 
tilleadh gu a fàrdaich bhochd, 's gu'n d'thug i trì 
latha a' caoidh a chionn a h-aon mhac gaolach a 
chall. 

Aon Phaidir, seachd Beannachaidh Moire. 

4. B'e Geathramh Dòruinn na h-Oighe Beannaichte 
tachairt air a Mac gaoil 's e 'giìilan air a ghuailnean 



CONAIR NAN SEACHD DORUINNEAN. 277 

maoth a chroise truime, air an robh e gu bhi air a 
chèusadh gus ar sàbhaladh. 

Aon Phaidir, seachd Beannachaidh Moire. 

5. B'e Còigeamli Dòruinn na h-Oighe Beannaichte 
a bhi 'faicinn a Mic losa air a thogail suas air crann 
na croise, 'fhuil a' sruthadh romh gach mìr de 
chohiinn naoimh, agus i ga 'fhaicinn a' toirt suas 
an deò 'an deaghaidh dha 'bhi ann an spàirn-chruaidh 
fad thri uairean a dh'ùine. 

Aon Phaidir, seachd Beannachaidh Moire. 

6. B'e Siathamh Dòruinn na h-Oighe Beannaichte 
a 'bhi 'faicinn an t-sleagh a' tolladh taobh naonih 
losa, a Mac gaolach, agus an sin a chorp naomh a 
ghabhail na 'h-uchd a bu ro-ghloine. 

Aon Phaidir, seachd Beannachaidh Moire. 

7. B'e Seachdamh Dòruinn na h-Oighe Beann- 
aichte, ar Bànruinn agus ar n-Eadarghuidhear-ne, a 
seirbhisich, peacaich thruagh, ri faicinn di corp 
naomh a Mic ga 'thiodhlaiceadh 's an uaigh. 

Aon Phaidir, seachd Beannachaidh Moire. 

An sin ahaÌT Beannachadh Moire trì ualrean ann 
an onoir nan diar a shil Moìre, d ruigsinn te sin air 
fior bhròn-cridhe air son ipheacannan agus air na 
Laghaidh-eaglais naomh a. thd!n cois a' chràhhaidh 
naoimh so. 

Y. Guidh air ar son, 'Oigh ro-dhòruinneach. 

E. Los gu'n toill sinn gealladh Chrìosta. 

Dianamaid ùrnaigh, 

Tha sinn ag achanaich ort, Thighearna, gu'n 
dian an Oigh Bheannaichte Moire do Mhàthair, a 



278 STABAT MATER. 

tholl claidheamh dòruinn a h-anam ro-naomh ri linn 
do Phàise, eadarghuidhe air ar son a nise 's aig uair 
ar bàis. As do leth-sa, 'losa Chriosta, a Shlànair an 
t-saoghail, a tha beò 's a' rian maille ris an Athair 
agus ris an Spiorad Naomh, fad shaoghal nan 
saoghal. Amen. 

LAOIDH. STABAT MATER. 

SHEAS a' mhàthair 'am bròn bàite, 
Aig 'chrann-chèusaidh dèurach, cràiteach, 
'M bun a Mic 's e 'n spàirn ro-ghoirt. 
'Cridhe caomh bha brùite, dubhach, 
Briste 'g osnaich 'us a' tuireadh, 

Rinn an claidheamh-guin a lot. 

^Chòin ! bu chràiteach 's gu'm bu chianail 
Moire Màthair bheannaicht' Chrlosta, 

'S e ga 'phianadh air sJ chrois. 
Gu'm bu dubhach, air a lèireadh, 
A bha Moir' air dhi 'bhi lèirsinn, 

Diol ro-dhèisneach 'h-aona Mhic. 

Cò an neach a bhiodh 's an làthair, 
'Chitheadh Màthair Dhè 's an spàirn sin, 

Nach biodh cràiteach 'sileadh dhiar ì 
Cò a b'urrainn gun 'bhi brònach, 
'Smaoinicheadh air cor na h-Oighe 

'Ghabh co-phàirt 'an dòruinn Chriost' ì 

Air son peacannan a shluaigh fhèin, 
Moire 'faicinn los' ga 'chuaradh, 

'N dèis a sgiùrsadh cruaidh gun iochd. 



STABAT MATEE. 279 

Moire 'faicinn a Mic ghràdhaich, 
Air a dhiobairt le 'chaomh-chàirdean, 
'Dol gu bàs air fìodh na crois* 

'Mhàthair uile-ghaolach, tiùraich, 
Miad do dhòruinn, orms', a dhrùghadh, 

Los 'bhi 'bròn 's a' tùrsa leat. 
Deònaich m' anam le gaol Chrìosta, 
'Ehi na 'lasair dhèin gun dlocladh, 

'Chor 's gu'n toill mi 'mhiagh 's a thlachd. 

'Mhathair naomh, biodh lotan creuchdach 
Do Mhic losa 'chaidh a chèusadh, 

Domhainn gèarrt' air clàr mo chrì'. 
Deònaich dhòmhsa, 'Mhoire Mhàthair, 
Mo cho-roinn de Phàis mo Shlànair, 

'Dh'fhuilig air mo sgàth gach ni. 

Thugas dhomh gu'm bi mi tuille, 
Ag co-bhròn leats' mar a's cubhaidh, 

^Thaobh na dh'fhuilig do Mhac rùin. 
A bhi 'd chuideachd 'taobh ^chroinn-cheusaidh, 
'Us co-chòir de d' dhòruinn fhèutainn, 

Chuir mi, 'Mhàthair Dhè, 'am iiigh. 

'Oigh ro-urramach nan òighean, 
Na cuir suaracb mi, ach deònaich 

Dhomh co-chòir de d' dhòruinn chràidh, 
Deònaich gur h-e bàs m' fhir-shaoraidh, 
'Us a Phàis 's a chrèuchdan craobhach, 

'S culaidh-smaoinich dhomh gach tràth. 



280 TRI URNAIGHEAN. 

Gu'n dian gaol nan lot mo rèubadh, 

'S gaol na Fala, gaol 'chroinn-chèusaidh, 

M' anam 'thoirt fo ghèill 's fo dhaors'. 
'N uair a thèid mi 'n làthair Chrlosta, 
'Thoirt dha cùnntais air mo ghniomhran, 

Cùm bho'n teine shior mi saor. 

'Shlànair naoimh, an uair a's bàs domh, 
Builich orm, air ghaol do Mhàthar, 

Ann am Pàras criin na buaidh'. 
^N uair a bhios mo chorp gun anail, 
Deònaich sòlas sior do m' anam 

Ann an glòir nam flaitheas shuas. Amen. 

TRÌ URNAIGHEAN MAILLE RI BEANNACHAIDH MHOIRE. 

i. 100 latha laghaidh gach uair a ghabhar iad. 
ii. Làn-laghadh uair 's a' mhìos. 

1. 'Oigh ro-naomh, tha mi le m' uile chridhe sJ 
toirt urraim dhut thair gach aingeal 'us naomh 'am 
flathanas, mar nighean an Athar shiorruith, agus 
tha mi 'coisrigeadh dhut m' anma le 'uile chumh- 
achdan. 

Fàilte dhut, Sfc, 

ii. 'Oigh ro-naomh, tha mi le m' uile chridhe a' 
toirt urraim dhut thair gach aingeal 'us uaomh 'am 
flathanas, mar Mhàthair an Aonghin-Mhic, agus tha 
mi 'coisrigeadh dhut mo choluinne le 'h-uile chèudan. 

Fàilte dhut, ^c, 

iii. 'Oigh ro-naomh, tha mi le m' uile chridhe a' 
toirt urraim dhut thair gach aingeal 'us naomh 'am 
flathanas, mar Chèile an Spioraid Naoimh, agus tha 



AN GINEADH GUNSMAL. NA H-AINGLEAN. 281 

mi 'coisrigeadh dhut mo chridhe agus 'uile fheartan, 
's ag guidhe gu'n glèidheadh tu dhomh bho'n 
Trianaid shìor-bheannaichte gach ni a tha riatanach 
gu m' shàbhaladh. 
Fàilte dhutj ^c. 

A'E Gi:^EADH GUI^SMAL. 

CONAIR a' GHINIDH GUNSMAL. 

i. 300 latha gach uair a ghahhar i. 
ii. Làn-laghadh uair 's a' mhios. 

Tha 'm paidirein so na thri eariannan, agus griogag 
mhor'us ceithir bheaga anns gach earrainn. 

Air a' ghrìogaig mhòir abair, " Beannaichte gu'n 
robh Gineadh [N'aomh Gunsmal na h-Oighe fìor- 
bheannaichte Moire," agus Paidir. Air gach grìog- 
aig bhig abair ^Beannachadh Moire/ agus dùin le 
* Glòir do'n Athair ' ; agus amhuil sin an dà earrainn 
eile. 

ACHANAICH. 

100 latha laghaidh gach uair a ghabhar i. 

Beannaichte gu'n robh Gineadh ^aomh agus 
Gunsmal na h-Oighe sìor-bheannaichte Moire. 

CEÀBHADH DO IN^A H-AHSTGLEAK 

LEADAN NAN AINGEAL NAOMH. 

ATHIGHEAEN'A, dian tròcair òirnn. 
A Chriosta, dian tròcair oirnn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn. 



282 LEADAN NAN AINGEAL. 

A Chrìosta, èìsd ruinn. 

A Cliriosta, gu gràsor èisd ruinn, 

A Dhia Athair nam fiathas, dian tròcair òirnn 

A Dhia Mhic Fhir-shaoraidh an t-saoghail, dian trho- 

air òirnn. 
A Dhia Spioraid E"aoimh, dian tròcair òirnn. 
A Thrianaid Naomh, aon Dia, dian tròcair òirnn. 
A Naomh Mhoire, Guidh air ar son, 
A Mhàthair J^aomh Dhè, 
'Oigh naomh nan Òighean, 
A iN'aomh Mìcheil, a bha riabh 'ad fhear-dìon 

do shluagh Dhè, 
A Naomh Micheil, a thilg Lucifer 's a ghais- 

readh easumhal a mach à nèamh, 
A Naomh Micheil, a thilg sios do ghrùnnd ifrinn -^ 

fear-casaid ar bràithrean, g 

A ISTaomh Gabriel, a mhìnich an sealladh nèamh- gj 

aidh do Dhaniel, gi 

A Naomh Gabriel, a dh'innis romh làimh do 



Shacharias breith agus driachd Eòin Bhaiste, 



Naomh Gabriel, a thug fìos air daondachd § 

Mhic Dhè, ^ ^ -^ 

A Naomh Raphael, a thug sàbhailte Tobias 

bho'n tigh 'us dhachaidh, 
A Naomh Eaphael, a shaor bho'n deomhan Sàra, 
A IsTaomh Eaphael, a thug a fhradharc do 

sheann Tobias, 
'Ainglean Naomh uile, a tha na 'r seasamh air cath- 

air àrd, thogte suas Dhè, Guidhihh air ar son. 
A tha 'sior-shèinn do Dhia, Is Naomh, Naomh, 

Naomh, Guidhihh^ ^c. 



LEADAN NAN AINGEAL. 283 

A tha, le sgapadh an dorchadais, a' soiUeireachadh 

ar n-inntinn, 
A tha 'toirt fios do dhaoine air gnothaichean 

diadhaidh, 
A fhuair cùram dhaoine bho Dhia, 
A tha daonnan a' faicinn gnùis ar n-Athar a tha 

air nèamh, 
Air am bi aoibhneas air son aon pheacach a ni 

peanas, 
A bhuail le doille na Sòdomaich, 
A thug a mach Lot 4 miadhoin nam peacach, 
A dhirich *s a theirinn air fàradh làcoib, C^ 

A liubhair do Mhaois lagh Dhè air bèinn Shlnai, Ì. 
A thug sgial an aoibhneis do dhaoine aig breth §:J 

Chriosta, gj 

A fhreasdail do Chriosta 's an fhàsach, gj 

A ghiiilain Làsarus do dh'uchd Abrahaim, ^' 

A bha na 'r suidhe an èideadh-geal aig uaigh ^ 

Chriosta, § 

A chunnacas leis na deisciobuil an uair a chaidh -^ 

Criosta suas air nèamh. 
A bhios romh Chriosta le suaicheantas na croise 

an uair a thig e gu breitheanas, 
A chruinnicheas na daoine-taghte aig deireadh 

an t-saoghail, 
A thearbaidheas na droch-dhaoine à miadhon 

nan deagh-dhaoine, 
A tha 'tairgsinn ùrnaighean luchd-ùrnaigh do 

Dhia, 
A chuidicheas aig uair ar bàis sinn, 



284 LEADAN NAN AINGEAL. 

A tha 'treòireachadh do nèamh anmannan nan 

naomh a th'air an glanadh bho gach smal, 
A tha ri comharraidhnean 's ri mìorailtean le 

cumhachd Dhè, 
A th'air ur cur a fhrithealadh dhaibhsan a ghlacas 

oighreachd an t-sàbhalaidh, 
A leighiseadh Bàbilon, agus bho nach b'àill leis g^ 

a bhi air a leigheas, a dh'fhàg 's a thrèig e, & 
A th'air ur suidheachadh os cionn righeachdan §: 

agus dhtithchannan, ^ 

A sgap gu tric armailt naimhdean, |. 

A shaor gu tric seirbhisich Dhè bho phriosain 's $:ì 

bho chunnartan eile na beatha so, ^ 

A dh'fhurtaich gu tric air na martairean naomh 5s 

na'n dòruinn, 
Dh'an àbhaist easbuigean agus prionnsaichean na 

h-Eaglaise, agus gach aon a tha fo'n curam, 

altrum le cùram sònraichte, 
Gach òrdugh naomh de na Spioraid bheannaichte, 
Bho gach cunnart, as leth d' ainglean naomh, Saor 

sinn, a Thighearna. 
Bho mhealltaireachd an droch-spioraid, Saor, ^c, 
Bho gach eiriceachd agus bristeadh-a-mach, Saor, ^c, 
Bho phlàigh, bho ghorta, 's bho chogadh, Saor, ^c, 
Bho bhàs obunn agus mi-uidheamaichte, Saor, ^c, 
Bho bhàs sìorruidh, Saor, ^c, 
Sinne na peacaich, Deònaich èisdeaclid ruinn. 
As leth d' ainglean naomh, ^ Ì^ t^ 

Gu'n tugadh tu fathamas duinn, |, ^ §' 

Gu'n tu(?adh tu mathanas duinn, Ì 8 § 

• £§- 



LEADAN NAN AINGEAL. 285 

Gu'm b'e do thoil d' Eaglais naomh a stiùireadh 's 

a dhìon, 
Gu'm b'e do thoil Ceannard na h-Eaglaise 's a' t;;^ 

chlèir uile 'theasraiginn, o- 

Gu'm b'e do thoil sith agus aonachd a chur eadar g^ 

righrean agus prionnsaichean Criostail, §^ 

Gu'm b'e do thoil fàs agus cinneachadh a thoirt ^ 

do phòr an talmhainn, ^' 

Gu'm b'e do thoil fois shiorruidh a thoirt do 

dh-anmannan nam marbh-chreideach uile, 
'Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Dian fathamas ruinn, Q Thighearna. 
'Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Gu gràsor èisd ruinn. 
'Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Dian tròcair òirnn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn. 
A Chriosta, dian tròcair òirnn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn. 
Ar n-Athair, &c. (os n-ìosal). 

Y. Beannaichibh an Tighearna, 'uile ainglean fhèin. 
R. Sibhse a tha trèun 'an neart, a tha 'coimhhonadh 

'fhàintean, ag èisdeachd ri guth a bhriathran. 
V. Beannaichibh an Tighearna, 'uile chunihachdan 

fhèin. 
R. A luchd-frithealaidh fhèin, a tha 'dianamh a 

thoile. 
V. Thug e òrdugh dh'a ainglean mu d' dlièighinn. 



286 I^DAN AN AINGIL-CHOIMHIDICH. 

E. lad gu d* ghlèidheadli 'ad uile rathaidean. 

V. Cuairtichidh aingeal an Tighearna iadsan aig am 

beil eagal roimhe. 
R. Agus saoraidh e iad. 
V. 'An làthair nan aingeal seinnidh mi dhut, mo 

Dhia. 
E. Eheir mi aoradh dhut 'ad thèampull naomh, agus 

aidichidh mi d' ainm, a Thighearna. 
V. A Thighearna, èisd ri m' ìirnaigh. 
R. Agus gu d' ionnsaidh thigeadh mo ghuth, 

Dianamaid urnaigli. 

ODHIA, a tha air sheòl miorailteach, a* riarach 
seirbhis ainglean agus dhaoine j gu tròcaireach 
deònaich gu'm bi ar beatha air a teasraiginn air 
talamh leothasan a tha daonnan ri seirbhis dhut air 
nèamh. Tromh losa Criosta ar Tighearna. Amen. 



LEADAI^ A:E AINGIL-CHOIMHIDICH. 

ATHIGHEARJN'A, dian tròcair òirnn, 
A Chriosta, dian tròcair òirnn, 
A Thighearna, dian tròcair òirnn. 
A Chriosta, èisd ruinn. 
A Chriosta, gu gràsor èisd ruinn. 
A Dhia Athair nam Flathas, Dian tròcair òirnn, 
A Dhia Mhic Fhir-shaoraidh an t-saoghail, Dian^ ^c. 
A Dhia Spioraid I^^aoimh, Dian^ ^c. 



LBADAN AN AINGIL-CHOIMHIDICH. 287 

A Thrianaid Naomh, aon Dia, Dian^ S^c, 

A iN'aonih Mhoire, Bànruinn nan Aingeal, guidh air 

ar son. 
'Aingil Kaoimh, mo Choimhidiche, 
^Aingil IN'aoimh, mo Phrionnsa, 
'Aingil JNTaoimh, m' fhear-saniiis, 
'Aingil Naoimh, mo chomhairliche, 
'Aingil I^aoimh, m' fhear-dìon, 

'Aingil N"aoimh, mo rianadair, ^ 

Aingil Naoimh, mo charaide, g^ 

'Aingil ]S"aoimh, m' fhear-gnothuich, ^ 

'Aingil ISTaoimh, m' eadar-ghuidhear, |. 

'Aingil Naoimh, mo chùl-taice, 5i 

'Aingil ]N"aoimh, mo cheann-iùil, ^ 

'Aingil JSTaoimh, mo riaghladair, p 

Aingil !N"aoimh, m' fhear-teasraiginn, 
Aingil !N"aoimh, mo chomhfhurtair, 
'Aingil Naoimh, mo bhràthair, 
'Aingil Naoimh, m' f hear-teagaisg, 
'Aingil JN'aoimh, mo bhuachaiUe, ^ 

'Aingil JSTaoimh, m' fhianais, g^ 

'Aingil iJ^aoimh, mo chuidiche, ^ 

'Aingil Xaoimh, mo threòiriche, S. 

'Aingil JN'aoimh, mo ghlèidhtiche, © 

'Aingil ijTaoimh, m' oid'-ionnsaich, ^ 

'Aingil Kaoimh, m' fhear-soilleireachaidh, § 

'Uain Dhè a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Dian fathamas ruinn^ Thighearna, 
'Uain Dhè a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail. 



288 URNAIGH RI N. MICHAEL. 

Gu grasor èisd ruinn^ Tliighearna^ 

'Uain Dhè a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Dian trbcair òirnn. 
A Chriosta, eisd ruinn, 
A Chrìosta, gu grasor èisd ruinn. 
y. Guidh air ar son, 'Aingil-choimhidich naoimh. 
E. Los gu'n toill sinn gealladh Chrìosta. 

Dianamaid ùrnaigh. 

ODHIA shlorruidh uile-chumhachdaich, ann an 
comhairle do mhathais gun àirimh, a dh'òrdaich 
do na creidich uile, bho chòm am màthar, Aingeal- 
coimhideach sònraichte air an cokiinn 's air an anam ; 
deònaich dhòmhsa a leithid de ghaol 's de dh-urram 
a thoirt dhàsan a dh'òrdaich thu cho tròcaireach 
dhomh, los, le 'bhi air mo dhìon le mathas do 
ghràsan-sa 's le 'chòmhnadh-san, gu'n toill mi, maille 
ris-san, agus ri uile armailt nan Aingeal, a bhi 
'faicinn glòir do ghniiise 'an righeachd nèamh. A 
tha beò agus a' rian fad shaoghal nan saoghal. 
Amen. 

URNAIGH RI N. MICHEIL AN T-ARDAINGEAL. 

0PHEIO]:^XS A armailt nèamh, a ISTaomh Micheil, 
a thilg sios an t-aingeal uaibhreach agus a ghas- 
raidh uile do ghrùnnd ifrinn ! dhìon 's a thiar- 
mainn na h-Eaglaise ! Dhìdinn nan anmannan 
a tha 'fàgail an t-saoghail so ! cuidich m'anam-sa 
'an spàirn a' bhàis, 's nii 's an uair gu dùrachdach 
ga 'earbsa riut. Dion e bho uile ionnsaidhnean an 



URNAIGH RI N. RAPHAEL. 289 

nàmhaid ; gabh a chùrani ort sJ fàgail an t-saoghail 
so, agns a dhion 'an aghaidh uile cheilg nan deomhan, 
agus leig a stigh e do ghlòir fhlathanais far am bi e, 
maille rÌ8 na h-ainglean uile, a' moladh Dhè le cliii 
siorruidh. Amen. 

URNAIGH RI NAOMH GABRIEL. 

OTHEEISE Dhè, a momh Gabriel, a chnir 'an 
cèill do'n Oigh !Moire Daondachd Aon-ghin 
Mhic Dhè, agus a dh'fhurtaich air Criosta 's a neart- 
aich e na 'dhò-bhròn 's na 'spàirn 's a' ghàradh ; tha 
mi 'toirt cliÌL dhut, tha mi 'toirt urraim dhut, 
Spioraid thaghte, agus tha mi gu h-ùmhlaidh ag 
guidhe ort thu 'bhi 'd eadarghuidhear dhomh air 
bialaobh losa Chriosta, mo Shlànair, agus a Mhàthar 
beannaichte Moire Oigh, agus gu'n deònaich thu 
furtachd orm daonnan anns gach tèinn, agus mo 
neartachadh, los buaireadh sa bith g'an tig a chaoidh 
orm nach cuir mi miothlachd air Dia m' àrd-mhath. 
Amen. 

URNAIGH RI NAOMH RAPHAEL. 

0LEI6H nèamhaidh, agus a choimhidiche ro- 
dhileas, a Xaomh Eaphael, a thug a fhradharc 
do sheann-Tobias, agus a threoirich Tobias-òg air 
'uile slilighean an turuis a ghabh e, agus a ghlèidh 
sàbhailte e : bi 'd Lèigh cuirp agus anma dhòmhsa : 
fuadaich dorchadas m'aineolais, agus cuidich mi 
daonnan air cuairt chunnartaich na beatha so, gus an 
toir thu mi do m'thir nèamhaidh fhèin, far am bi 
mi beannaichte maille riutsa a' meòrachadh gu 
siorruidh air agliaidh Dhè. Amen. 
IJ 



290 LEADAN NAN NAOMH. 



LEADAN l^Aì^ IS^AOMH. 

ATHIGHEAEISrA, dian tròcair òirnn. 
A Chriosta, dian tròcair òirnn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn. 
A Chrìosta, èisd ruinn. 
A Chriosta, gn gràsor èisd ruinn. 
A Dhia, Athair nam flathas, Dian tròcair òirnn. 
A Dhia Mhic, Fhir-shaoraidh an t-saoghail, Dian 

tròcair òirnn. 
A Dhia Spioraid JSTaoimh, Dian tròcair òirnn. 
A Thrionaid ^aomh, aon Dhia, Dian tròcair òirnn. 
A Xaomh Mhoire, Guidh air ar son, qs 

A Mhàthair naomh Dhè, g^ 

Oigh naomh nan òighean, g |:i 

A I^aomh Mìcheil, .^ a 

K Gabriel, ^* 

N". Raphael, ^ 

'Ainglean 's 'ArdaingleaB naom.ha uile, Guidhihh 

air ar son. 
Gach Ordugh de na Spioraid bheannaichte, Guidhihh 

air ar son. 
N". Eòin-Bhaiste, Guidh air ar son. 
^. loseph, Guidh, ^c. 
'Aithrichean 'us 'Fhàidhean nacmh' uile, Guidhihh 

air ar son. 
ì^. Peadar, 05 S ^ 

KPòi, i^-| 

JSr. Aindris, -^ $5- 



LEADAN NAN NAOMH. 291 



K 


Sèumas, 








:^r. 


Eòin, 








K 


Tòmas, 








JN". 


Sèumas, 






s^ 


K 


Philip, 






S: 


K 


Bartholomè, 






S^ 


i^. 


Mata, 






s 
^* 


^^. 


Sìmon, 






S5 


i^. 


Thadè, 








N. 


Mathias, 






5S 


K 


Barnabas, 








K 


Luc, 








:^r. 


Marc, 








'Ostala 's a Shoisgeulaiche naomb' uile, 


Guidhihh, 


4'e. 


'UileDheisciobuilenaomh' ar 


L Tighearna 


, Guidhihh 


,4^c. 


A ^N'aoidheana naomh' uile, 


Guidhihh, 


^c. 




JST. 


Stephan, Guidhy ^c. 








^. 


Labhruinn, Giddh, Sfc. 








K. 


Yincent, Guidh, <^c. 








NN. Fàbian agus Sebastian, 


Guidhihh, 


j-c. 




]N^K Eòin 'us Pòl, GuidUhh, ^c. 






NJ^. Cosmas 'us Damian, Guidhihh^ ^ 


c. 




NJ^. Gerbhàsi 'us Protàsi, Guidhihh, ^c. 




A Mhartairean naomh' uile, 


Guidhihh, 


^c. 




^N". 


Silbhester, 






^ 


K 


Gregori, 








:n. 


Ambros, 






l^ 


K 


Uistein, 








K 


lerom. 






s^ 


N. 


Màirtinn, 






-^ 


isr. 


I^eacal, 






p 



LEADAN NAN NAOMH. 

'Easpuigean 'us 'Aidmheiliche naomli' uile, Guidliihh, 

'Ollaichean naomh' uile, Guidhihh, Sfc, 

]Sr. Antoni, -. 

JS[. Benedic, g ss 

N. Bernaird, co S^ 

iN'. Dominic, .^ gv 

l!^. Franse, ^* 

A Shagairtean 's a Lebhitich naomh' uile, Guidhihh, 

A Mhanaiche 's 'Aonaranaiche naomh' uile, Guidh- 

ihh, ^c. 
N". Moire Magdalen, ^ 

JS'. Agatha, |^ 

K Liiisaidh, ^ 

N. Agnes, s|- 

K Cesali, ^ 

N. Catrìona, § 

]^. Anastasia, -^ 

'Oighean 's a Bhantraichean naomh' uile, Guidhihh 

air ar son. 
A ^N'aomha 's a Bhan-naomha Dhè uile, 
Dianaihh eadarghuidhe air ar son, 
Bi tròcaireach, 

Dian fathamas ruinTif Thighearna, 
Bi tròcaireach, 
Eisd ruinn, Thighearna. 
Bho na h-uile olc, Saor sinn, Thighearna, 
Bho na h-uile peacadh, g^ 

Bho d'fheirg, 3 

Bho bhàs obann agus neo-uidheamaichte, vr^ 



LEADAN NAN NAOMH. 293 

Bho mhealltaireachd an droch-spioraid, ^ 

Bho fheirg, bho fhuath, 's bho gach droch-ràn, § 

Bho spiorad na drùise, ^ 

Bho dhealanach 's bho stoirm, §• 

Bho sgiùrsadh le crith-thalmhainn, ^^ 

Bho phlàigh, bho ghort, 's bho chogadh, O 

Bho bhàs siorruidh, ^ 

As leth diomhaireachd do Dhaondachd naoimhe, ^- 

As leth do Thighinn, g 

As leth do Bhreith, g 

As leth do Bhaistidh 's do Thraisge naoimhe, P 

As leth do Chroise 's do Phàise, 

As leth do Bhàis agus do Thiodhlacaidh, 

As leth d'Aiseirigh naoimhe, 

As leth do Dheasghabhail miorailtich, 

As leth tighinn an Spioraid Kaoimh an Comhfhurtair, 

Air latha a' bhreitheanais, 

Sinne na peacaich, 

Deònaich èisdeacìid ruinn, 

Gu'n tugadh tu fathamas duinn, ^ 

Gu'n tugadh tu mathanas duinn, §. 

Gu'm b'e do thoil ar toirt gu fior aithreachas, Ì 

Gu'm b'e do thoil d'Eaglais naomh |a stiùradh g," 

's a dhion, c^;. 

Gu'm b'e do thoil Ceannard na h-Eaglaise 's a' £, 

chuid eile de'n Chlèir a chumail ri'n dleasnas, | 
Gu'm b'e do thoil naimhdean na h-Eaglais' a g^ 

smachdachadh, -j 

Gu'm b'e do thoil sith agus fior chòrdadh a chur g- 

eadar righrean 'us prionnsaichean Criostail, .^ 
Gu'm b'e do thoil sith agus aontachd a chur 'am 

measg a h-uile pobuill Chriostail, 



294 LBADAN NAN NAOMH. 

Gu'm b'e do thoil sinne fhèin a neartachadh 's a 

stèidheachadh ann ad sheirbhis naoimh fhèin, 
Gu'm b'e do thoil ar cridheachan a thogail gu ^ 

smaointean diadhaidh, Ì' 

Gu'n dìoladh tu beannachdan slorruidh air ar ^- 

luchd-mathais ^u. leir, ^ 

Gu'n tiarnadh tu ar n-anmannan fhèin, anmannan g* 

ar bràithrean, ar dàimhich, 's ar luchd-math- g' 

ais, bho dhìteadh siorruidh, g^. 

Gu'm b'e do thoil fàs agus cinneachadh a thoirt ^ 

do phòr an talmhainn, 3 

Gu'm b'e do thoil fois shìorruidh a thoirt do | 

dh-anmannan nam marbh-chreideach uile. 
Gu'm b'e do thoil cluas a thoirt do'r n-achanaich, 
A Mhic Dhè, 

Deònaich eisdeachd ruinn. [t-saoghail, 

'Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 
Dian fathamas ruinn^ Thighearna, 
'Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Gu grctsor èisd ruinn, Thighearna. 
'Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Dian trdcair dirnn, 
A Chrìosta, èisd ruinn. 
A Chrìosta, gu gràsor èisd ruinn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn. 
A Chrìosta, dian tròcair òirnn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn. 
Ar n-Athair a tha air nèamh, &c. (le guth losal). 
V.'S na leig ann am buaireadh sinn. 
R. Ach saor sinn bho 'n olc. Amen. 



LEADAN NAN NAOMH. 295 

LXIX. SALM. 

Deus in adjutorium. 

A Dhia, thig gu m' chòmhnadh : a Thighearna, 
greas gu m' chuideachadh. 

ladsan biodh air an nàrachadh 's air am maslach- 
adh : a tha 'sireadh cur as do m' anam. 

Air an tilleadh air an ais, gu nàrach ; gu'n robh 
iadsan a tha 'g iarraidh uilc dhomh. 

Air an grad-thionndadh air an ais gu nàrach, gu'n 
robh iadsan a their rium : Ro-mhath, ro-mhath. 

Làn-shòlas 'us aighir annadsa gu'n robh acasan 
uile 'tha 'n geall ort : 's gu'm'^lii^ sìor-ghuth luchd- 
dèigh air d' Fhear-saoraidh : Gu'm bu ghlòrmhor a 
bhios an Tighearna. 

Ach is duine èiginneach bochd mise : a Dhia, 
dian mo chòmhnadh. 

Mo chùl-taice 's m' fhear-fuasglaidh gur tusa 
fhèin : a Thighea'rna, na dian moille. 

Glòir do'n Athair, agus do'n Mhac, agus do'n 
Spiorad Naomh. Mar a bhà, 's mar a thà, 's mar a 
bhitheas, fad shaoghal nan saoghal. Amen. 

Y. Sàbhail do sheirbhisich. 

E. A tha 'cur an dòchais annad, mo Dhia. 

V. l!Ta d'dhaingneach làidir bi dhuinn, a Thigh- 
3arna. 

E. Bho aodann an nàrahaid. 

V. Na dianadh an nàmhaid bèud òirnn. 

E. 'Us mac an uilc na dianadh ar dolaidh. 

V. A Thighearna, na buin ruinn a rèir ar peac- 
annan. 



296 LEADAN NAN NAOMH. 

R. 'S na biodh do dhiiigiialtas mar ar toillteanas. 

V. Guidheamaid air son ar n-Ard-easbuig, N. 

E. Gu'n gleidheadh an Tighearna e, gu'n neart- 
aicheadh e e, gu'n tugadh e deagh-shoirl)heas dha air 
talamh, agus na leigeadh e gu mì-run a naimhdean 
e. 

V. Guidheamaid air son ar luchd-mathais. 

R Deònaich, a Thighearna, as leth d'ainme 
fhèin, a' bheatha shiorruidh a thoirt do'r luchd- 
mathais gu l^ir. 

y. Guidheamaid air son anmannan nam marbh- 
chreideach. 

R. Fois shlorruidh thoir dhaibh, a Thighearna ; 
agus solus nach dìbir dèarrsadh orra. 

Y. Gu'n robh am fois ann an sith. 

R. Amen. 

y. Air son nam bràithrean nach 'eil 's an làthair. 

E. Sàbhail mo Dhia do sheirbhisich a tha 'cur an 
dòchais annad. 

y. Thoir cobhair dhaibh, Thighearna, à 
d'ionad-naomh. 

R. Agus à Sion dion iad. 

y. A Thighearna, èisd ri m' iirnaigh. 

R. 'S a d' ionnsaidh thigeadh mo ghuth. 

y. Gu'n robh an Tighearna maille ribh. 

R. Agus ri d' spiorad-sa. 

Dianamaid ùmaigh, 
A Thighearna d'an àbhaist a bhi tròcaireach agus 
fathamasach, èisd ri'r n-achanaich ; air sheòl 's gu'm 
bi sinne, agus do sheirbhisich uile a tha 'n sàs 'aii 



LEADAN NAN NAOMH, 297 

lion a' pheacaidh, air ar fuasgladli le mòr-chaoimh- 
neas do thròcaire. 

Eisd, a Thighearna, tha sinn ag gnidhe ort, ri 
ùrnaigh do luchd-achanaich, agus thoir mathanas 
dhaibhsan a tha 'g aideach am peacannan ; los gu'm 
faigh sinn bho d'chaoimhneas maraon fuasgladh 
agus slth. 

Gu gràsor fiach dhuinn, a Thighearna, do mhòr 
thròcair, le'r fuasgladh bho'r n-uile chiontan, 's le'r 
saoradh bho na piantan a tha sinn a' toiUtinn air an 
son. 

A Dhia, a tha 'faighinn tàire bho'n pheacadh, 
agus dìolaidh bho'n aithreachas, èisd gu bàigheil ri 
achanaich do phobuill ; agus tionndaidh bhuainn 
ascaoin do chorruich, a tha ar peacannan a' toilltinn. 

A Dhia shiorruidh, uile-chumhachdaich, dian 
tròcair air do sheirbheiseach 'N. ar n-Ard-easbuig, 
agus stiùir e, a rèir do mhòr-chaoimhneis, air rathad 
na beatha siorruidh ; air chor 's gu'n iarr e le d' 
ghràsan gu beartan matha, 's gu'n cuir e 'an gniomh 
iad le 'uile neart. 

A Dhia, bho'n tig deagh-thogradh, comhairle 
cheart, agus gniomh dleasnach, thoir do d' sheirbhis- 
ich an t-sith sin nach urrainn do'n t-saoghal a 
thoirt seachad ; air chor 's gu'n gèill ar cridheachan 
do d' fhàintean, 's gu'm bi na timeannan, le saorsainn 
bho eagal naimhdean, siochainteach fo rian do 
fhreasdail. 

Las, a Thighearna, teine do Spioraid Naoimh na^r 
leasraidh agus na'r cridhe : los gu'n seirbhisich sinn 
thu le coluinn gheimnidh, agus gu'n toilich sinn thu 
le cridhe glan, 



298 LEADAN NAN NAOMII. 

A Dhia, a Chruthadair, *s Thir-shaoraidh nan 
creideach nile, math am peacannan do dh-anmannan 
do sheirbhiseach 's do bhan-sheirbhiseach a chaochail 
beatha ; air chor 's gu'm faigh iad, le achanaich 
dhiadhaidh, an làn-laghadh sin ris an robh diiil aca. 

Deònaich, a Thighearna, deagh-bheartan a chur 
na'r cridheachan, agus co-oibreachadh leinn ga'n cur 
'an gniomh ; air chor's gur h-ann bhuatsa a thig tùs 
ar n-ùrnaigh 's ar gnìomhannan gu lèir, agus gur 
h-ann annadsa a thèid an criochnachadh. 

A Dhia shiorruidh, uile-chumhachdaich, aig am 
beil uachdaranachd air a' bheò agus air a' mharbh, 
agus a tha 'fiachainn tròcaire do gach aon a tha thu 
'faicinn romh làimh a bhuineas dhut-fhèin le creid- 
eamh 's le deagh-dhianadas : 's e ar n-achanaich 
iriosal riut, gu'n tugadh tu do'n fheadhainn a bha 
sinn 'am ì^eachd a chòmhnadh le'r n-ùrnaigh, co- 
dhiù a tha iad fhathasd 'am priosan na coluinne, no 
a shiubhail an anam thun na sìorrachd, làn-mhath- 
anas na'n uile pheacannan, as leth eadarghuidhe do 
naomh uile agus bàigh do thròcaire fhein. Tromh 
losa Criosta ar Tighearna, Dia, a tha beò 's a' rian 
maille riutsa ann an aonachd an Spiorad-Naoimh, 
fad shaoghal nan saoghal. 

K. Amen. 

Y. A Thighearna, èisd ri m' ùrnaigh. 

R. Agus a d' ionnsaidh thigeadh mo ghuth. 

Y. Thusa, a Thighearn, a's mutha cumhachd agus 
tròcair, èisd ruinn. 

R. Amen. 

Y. Agus tromh iochd Dhè gu^n robh fois aig 
anmannan nam marbh-chreideach, R. Amen. 



LEADAN N. JOSEPH. 299 



CEABHADH DO K lOSEPH. 

LEADAN NAOMH lOSEPH. 

ATHIGHEAEJ^A, dian tròcair òirnn. 
A Chriosta, dian tròcair òirnn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn, 
A Chriosta, èisd ruinn. 
A Chriosta, gu gràsor èisd ruinn. 
A Dhia, Athair nam flathas, dian tròcair òirnn. 
A Dhia Mhic, Thir-saoraidh an t-saoghail, dian tròcair 

òirnn. 
A Dhia Spioraid ISTaoimh, dian tròcair òirnn. 
A Thrianaid naomh aon Dia, dian tròcair òirnn. 
A N^aomh Mhoire, a chèile loseiph, guidli air ar son. 
A Naomh loseiph, a chèile Moire òigh, 
'Oide-altruim losa, 
A dhuine a rèir cridhe Dhè, 

A sheirbhisich dhilis agus ghlic, -. 

'Fhir-dion maighdeannas Moire, g 

A chompanaich agus 'fhurtaiche Moire, èi 

A bha fìor-ghlan 'am maighdeannas, ^, 

A bha ro-choimhlionta 'n irisleachd, ^" 

A bha làn teas carrantachd, 8 

A bha ro-àrd 'ani meòrachadh, § 

A dhearbhadh le teisteanas an Spioraid IS^aoiuih .~ 

thu 'bhi 'd dhuine ionraic, 
A fhuair soilleireachadh thair gach duine 'an 

riiintean diomhair Dhè, 



300 LEADAN N. lOSEPH. 

A fhuair fìosracliadh à nèamh air diomhrachd 

daondachd losa, 
A chaidh suas do Bhethlehem le Moire do chèile 

's i beò-leatromach, 
A chaidh a leth-taobh do stàbuU, leis nach 

d' fhuair thu àite 's an tigh-òsda, 
A mheasadh airidh air a bhi 's an làthair an 

uair a rugadh Criosta 's a chàireadh 's a' 

phrasaich e, 
A bha 'giiilan Mhic Dhè air do ghàirdean, -^ 

A thairg, maille ri Moire 'Mhàthair, an leanabh g 

losa do'n Tighearna 's an tèampull, gj 

A theich leis an leanabh 's le 'Mhàthair do'n gj 

Eiphit, air dhut rabhadh fhaotainn bho'n ^* 

aingeal, § 

A thill do thir Israeil leis an leanabh 's le § 

'Mhàthair 'an deaghaidh bàs Hèroid, ?^ 

A bha tri latha gu dubhach maille ri Moire 

'Mhàthair air forfhais an leinibh an uair a 

chaidh e air chall oirbh 'an lerùsalem, 
A fhuair le aoibhneas e 'an ceann thri latha 

na 'shuidhe 'am miadhon nan Ollaichean, 
Thusa dh'an robh Tighearna nan tighearnan 

umhailte air talamh, 
Thusa a tha do chliti 's an t-Soisgeul : Cèile 

Moire bho'n d' rugadh losa, 
Ar n-eadarghuidhear, èisd ruinn^ a Naomli losepTi, 
Ar ciil-taice, gu gràsor èisd ruinn, a Naomh 

loseph. 
JSTa 'r n-uile uireasbhuidh, a Naomh loseph^ cuidich 

sinn, 



LEADAN N. lOSEPH. 301 

iSTa 'r n-uile thèinn, 

Aig uair ar bàis, ^ 

As leth do rèitich fhìor-ghloin, | ^ 

As leth do chùraim athaireil agus do dhilseachd, & § 
As leth do shaothrach agus do shàruchaidh, §- g. 
As leth d'uile shubhailcean, |. k, 

As leth d'àrd-urraim agus do shonais shior- S ^ 

ruidh, ^ 

As leth d'eadarghuidhe chinntich, 
Sinne do sheirbhisich, Deònaich èisdeacfid ruinn, 
Gu'm b'e do thoil mathanas ar peacannan a 

ghleidheadh dhuinn bho losa, 
Gu'm b'e do thoil ar n-earbsa gu teann ri losa 's 

ri Moire, ^ 

Gu'm b'e do thoil a' gheimneachd a tha sgèithte 5^' 

ri 'n staid a ghleidheadh do gach aon' ma's ^- 

ann gun phòsadh no pòsta, ^ 

Gu'm b'e do thoil fior charrantachd as^us chòrdadh c^* 

a ghleidheadh do gach pobull, g 

Gu'm b'e do thoil an luchd-riaghlaidh uile 's na g. 

h-easbuigean a sheòladh 'an rian an iochdaran, ^ 
Gu'm b'e do thoil na pàrantan a chòmhnadh 'an ^ 

ionnsachadh Criostail an cloinne, | 

Gu'm b'e do thoil gach aon a tha 'g earbsa à d' 

chiil-taice a dhion, 
Gu'm b'e do thoil na comuinn a chuireadh air 

chois 'ad ainm 's fo d'dhion a shior-chuid- 

eachadh le d'chòmhnadh athaireil, 
Gu'm b'e do thoil tighinn gu 'r sealltainn agus 

fuireach leinn maille ri losa 's ri Moire 's 

an uair dheireannaich. 



302 LEADAN N. lOSBPH. 

Gu'm b'e do thoil, le còmlinadh d'eadarghuidlie, 

fuasgladh air na marbh-chreidich uile, 
A chèile theisteil Moire, 
'Oide dhìlis losa, 
A Naomh loseph, 
'Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Dian fathamas ruinn^ a Tfiighearna, 
'Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Gu grasor èisd ruinn^ a Thighearna, 
'Uain Dhè, a tha 'toirt air falbh peacannan an 

t-saoghail, 
Dian tròcair òirnn, a Thighearna. 
A Chrìosta, èisd ruinn. 
A Chriosta, gu gràsor èisd ruinn. 
V. Guidh air ar son, 'loseiph ro-bheannaichte. 
E. Los gu'n toill sinn gealladh Chriosta. 

Dianamaid ùrnaigh, 

ODHIA, a roghnaich l^aomh loseph gu 'bhi na 
'chèile do Mhoire bheannaichte a bha riabh na 
h-Oigh, agus gu 'bhi na 'oid'-altruim aig do Mhac 
ionmhuinn losa Crìosta ar Tighearna ; tha sinne do 
kichd-achanaich ag guidhe ort gu'm buiHcheadh tu 
gu bàigheil òirnn, as leth a dhìon 's a thoillteanais, 
gloine anma agus cuirp ; los le 'bhi glan bho gach 
smal, agus sgeadaichte 's an trusgan bhainnse, gu'n 
gabhar a stigh sinn thun na bainnse air nèamh. 
Tromh losa Criosta ciadna ar Tighearna. Amen. 



UEXAIGH EI N. lOSEPH, 303 



SEACHD DÒRUINNEAN AGUS SEACHD SOLAIS NAOMH 
lOSEPH. 

L 100 latha laghaidli aon nair 's an latlia, 's 800 latlia a 
h-uile Diciadaoin. 

ii. Làn-laghadh uair 's a' mMos. 

L r\ CHÈILE tlieisteil Moire ro-iia<^ìmli, a l^aomli 

\J loseph. glòrmhor, bu mhòr dòruinn agus 
spàim do ch.ridh.e, ri Hnn dhut, 's tu 'n imcheist 
chruaidh, a mhiann a bhi ort do chèile gunsmal a 
cbur bhuat ; ach, an uair a thaisbein an t-ArdaingeaÌ 
dhut mòr dhìomhrachd na Feòilghabhail, cha ghabh 
do shòlas luaidh. 

As leth na dòruinne 's an t-sòlais so giiidhimid ort 
furtachd a thoirt do 'r n-anmannan a nise agus 'an 
spàhn a' bhàis le socair-inntinn deagh chaithimh- 
beatha, agus bàs sona mar do bhàs-sa, agus losa 's 
Moire mu'n cuairt duinn. 

Paidir, Beannachadh Moire, agus Glòir. 

ii. Athair-naoimh ro-bheannaichte, a Xaomh 
loseph glòrmhor, a roghnaicheadh gus an inbhe ud a 
bhi 'd Oide do'n Fhacal-'am-feoil, bu chruaidh do 
chràdh ri faicinn an IN'aoidhein ga 'bhreith 's an 
dubh-bhochdainn ; ach thionndaidh do chràdh gu 
aoibhneas nèamhaidh ri ckiinntinn co-sheirm còisir 
nan aingeal, agus ri faicinn glòire na h-oidhche sin. 

As leth na dòruinne 's an t-sòlais so, guidhimid 
ort, glèidh dhuinne mar an ciadna, an uair a ruitheas 



304 URNAIGH RI N. lOSEPH. 

cuairt ar beatha, dol a stigh do'n tlr iDheannaichte 
sin 's an cluinn sinn còisir nan aingeal, agus an dian 
sinn aoibhneas 'an solus dealrach glòir Fhlathanais. 

Paidir, Beannachadh Moire, agus Glòir. 

iii. thusa a bha riabh fior umhailte 'an coimh- 
lionadh lagh Dhè, a JSTaomh loseph glòrmhor, tholladh 
do chridhe le pèin an uair a dhòirteadh fuil an 
IN'aoidhein Dhiadhaidh leis an timcheall-ghearradh ; 
ach leis an ainm, losa, thill ìir-bheatha riut agus 
sòlas nèamhaidh. 

As leth na dòruinne 's an t-sòlais so glèidh dhuinne, 
le 'bhi rè ar beatha saor 's gach dubhailc, dol gu 
h-aoibhneach thun a' bhàis 'us ainm caomh losa 
na'r cridhe 's air ar bilean. 

Paidir, Beannachadh Moire, agus Glòir. 

iv. ISTaoimh ro-dhileas, a Ì^aomh loseph glòr- 
mhor, dh'an do tliiùraicheadh co-phàirt 'an saoradli 
mhic an duine, chuir fàisneachd Shimeoin, mu 
fhulangas losa agus Moire, guin mar ospag a' bhàis 
'ad chridhe, ach 's a' cheart àm rinn an fhàisneachd 
mu shàbhaladh 's aiseirigh ghlòrmhob anmannan gun 
àirimh do lìonadh le aoibhneas. 

As leth na dòruinne 's an t-sòlais so cuidich sinne 
le d' iirnaighean, gus a bhi de dh-àirimh na feadh- 
nach sin a gheabh, le toillteanas losa agus 'Oighe- 
Mhàthar, co-phàirt na h-Aiseirigh gu glòir. 

Paidir, Beannachadh Moire, agus Glòir. 

V. choimhidiche fhritheiltich, a !N"aomh loseph 
glòrmhor, Oid'-altruim Mhic Dhè 's an fheòil, gu 
fìor shaothraich thu gu goirt a dh-àrach 'sa fhrith- 
ealadh MIiic an De a's àirde, gu sònraichte air 



URNAIGH RI N. lOSEPH. 305 

fògradh leis 's an Eiphit; ach bha aoibhneas ort 
Dia fhèin a bhi daonnan maille riut, agus a bhi 
'faicinn iodhail na h-Eiphit a' dol air chùl. 

As leth na dòruinne 's an t-sòlais so glèidh dhuinne 
gràsan gu fuireach fada à caraibh nàmhaid ar n- 
anmannan, leis a h-uile ceann-aobhair cunnartach a 
sheachnadb, air chor 's à so suas, nach bi dia-brèige 
de spèis thalmhaidh sa bith na 'r cridhe, ach, le sinn- 
fhein a thoirt thairis gu buileach do sheirbhis losa 
agus Moire, gur h-ann a mhàin air an son-san a bhios 
ar beatha 's ar bàs. 

Paidir, Beannachadh Moire, agus Glòir. 

vi. Aingil air talamh, a Naomh loseph glòr- 
mhor, a bha fo leithid de dh-ioghnadh ri 'bhi 'faicinn 
Eigh Nèamh umhailte do d' fhacal, an toilinntinn 
a bh' ort ri 'thilleadh dhachaidh chuir d' eagal 
romh Archilaus fo smalan, ach le cinnt fhaotainn 
bho'n aingeal, thill thu agus 'an cuideachd losa 's 
Moire rinn thu còmhnaidh gu sona 'an Nàsaret. 

As lethna dòruinne 's an t-sòlais so gleidh dliuinne, 
le 'r cridheachan a bhi saor bho gach eagal faoin, 
gu nieal siiin slth deagh-chogaise, ag gabhail 
còmhnaidh gu tiarainnte maille ri losa 's ri Moire, 
agus mu dheireadh gu'm faigh sinn bàs na'n glacaibh. 

Paidir, Beannachadh Moire, agus GJòir. 

vii. shamhuilt nan deagh-bheus, a Naomh loseph 
glòrmhor, an uair a chaidh losa, an Leanabh Naonih, 
air chall ort, b' an-trom do mhulad, ged nach robh 
do choire ris ; thug thu tri latha fada air a thòir gus 
an d' fhiiair thu le mòr-aoibhneas e, 's e leat mar do 
blieatha, 'am measg nan ollaichean 's an tèampull. 
20 



306 URNAIGH RI N. lOSEPH. 

As letli na dòruinne 's an t-sòlais so tha sinn le 'r 
n-nile chridhe 'guidhe ort a bhi daonnan ri eadar- 
ghuidhe air ar son, los a chaoidh nach caill sinn 
losa leis a' pheacadh-bhàis ; agus (ach nar leigeadh 
Dia) ma bhios de chruaidh-fhortan òirnn a chall, an 
sin guidhimid ort còmhnadh leinn gu 'iarraidh gun 
lasachadh gus am faigh sinn e, gu sònraichte aig 
uair ar bàis, los gu'm fàg sinn an saoghal so gu 
'mhealtainn gu sìorruidh air Nèamh far an seinn 
sinn gun sgur a thròcair dhiadhaidh maille riutsa. 

Paidir, Beannachadh Moire, agus Glòir. 

Bha losa faisg air deich bliadhna fichead a 
dh'aois, 's b'e a rèir barail dhaoine mac loseiph. 

y. Guidh air ar son, 'loseiph IsTaoimh. 

E. Los gu'n toill sinn gealladh Chriosta. 

Dianamaid Urnaigh. 

ODHIA a dheònaich na d' fhreasdal àghor roghainn 
a dhianamh de loseph beannaichte gu 'bhi na 
'chèile do d' Mhàthair ro-naoimh ; titiraich, guidhimid 
ort, gu'm bi esan d'am beil sinn a' toirt urraim air 
talamh mar ar cul-taice, ri sior-eadar-ghuidhe air ar 
son air Nèamh. A tha beò 's a' rian fad shaoghal 
nan saoghal. Amen. 

URNAIGH A THAGHADH N. lOSEPH MAR CHUL-TAICE. 

ONAOIMH loseph, 'oid'-ionnsaich 'us altruim 
dhilis m' Fhir-shaoraidh losa Criosta, a chèile 
fhior-gheimnidh Oigh Mhàthair Dhè ! Tha mise 
(A) an diugh ga d' thaghadh mar mo chùl-taice 



tJRNAIGH RI N. lOSEPH, 307 

's m' fhear-dlona sònraiclite, *s ag cur romham gu 
daingean nach leig mi dhiom thu 'chaoidh, 's nach 
mutha 'leigeas mi le gin a th' air mo cheart chùram 
ni sa bith a dhianamh gu as-onair dhut. Uime sin 
tha mi le iimhlachd ag guidhe ort gu'n deònaicheadh 
tu mo ghabhail fo d' shior-dhion, mo shoilleireachadh 
's gach teagamh, m' fhurtachadh 's gach càs, agus 
mu dheireadh, mo dhion 's mo theasraiginn aig uair 
mo bhàis Amen. 

MEMORARE N. lOSEPH. 
300 latha lagliaidh gacli latha 'ghabhar i. 

CUIMHNICH, a chèile fhìorghloin Moire 'bha 
riabh na h-òigh, m' fhear-dìona gaoil-sa, a iN". 
loseph, nach cualas riabh gin sa bith a ghuidh do 
dhion no 'dh'iarr ort cobhair, nach d'fhuair bhuat 
furtachd. Leis an aobhar-mhisnich sin tha mise 
'tighinn 'ad làthair, 's le diirachd mo chridhe ga m' 
earbsa fhein riut. oide Slànair dhaoine, na dian 
diìi de m' achanaich ach gu h-iochdmhor èisd rithe. 
Amen. 



308 SCAPULARAN. 



scapulaea:^. 

Scapnlar, 's e sin — guailleachan no trusgan-guailne 
a thathas ag caitheamh mar shuaicheantas air cràbh- 
adh àraidh. 

SCAPULAR MOIRE BHAINTIGHEARNA BEINN CHARMEIL. 

(An Scapular Donn.) 

'S i Moire Bhaintighearna 'thug seachad an Scap^ 
ular Donn air tùs, agus sin as a làimh fhèin, air 16 
là de July 1251, do Cheannard nan Carmelach [N". 
Sìmon Stock, 's na briathran so : A mhic ro-runaich, 
gahh Scapular d' Orduigh, suaicheantas mo chomuinn^ 
sochair dhut-sa ^s do na Carmelich uile. Urra 
^chaochlas^s e uime cha^n fhuilig e losgadh sìorruidh. 
Is comharradh sabhalaidh e, dìon 'an cunnartan, 
èarlas sìthe '5 cumhnanta shìorruidh. A bhrigh a' 
gheallaidh so faodar a chreidsinn gu'm bi a' leithid 
de chùram aig an Oigh Moire de luchd a' Chomuinn 
a chaitheas gu h-iomchuidh an Scapular 's gu'm 
faigh i dhaibh gràsan gu buanachadh 'an càirdeas 
Dhè, co-dhiù, gràsan an fhior-aithreachais mu'm 
fàg iad an saoghal, air chor's gu'n seachainn iad 
ifrinn. 

Sochairean. 

1. Tha gach aon de'n Chomunn so, air sheòl ro- 
shònraichte, fo dhion na h-Oighe Moire. 

2. Tha'n còir aca de dh-uile dheagh-oibrichean nan 



SCAPULARAN. 309 

Carmelach, a bharracM air an còir a bhi aca de 
dheagh-oibrichean Comunn an Scapulair fhèin. 

Laghaidh, 

i. 5 bliadhna 's c6ig carghuis dhaibhsan a ghabhas 
Eiarachadh aon uair 's a' mhìos, air na cùmhnantan 
gnàthaichte. 300 latha dhaibhsan a thraisgeas bho 
fheòil Diciadaoin 's Disathurna. 100 latha air son 
obair chorporra no spioradail na tròcair* a dhianamh. 

ii. Làn-laghadh — (1) An latha 'ghabhar a stigh 's 
a' Chomunn urra. (2) 16 July, no an taobh-stigh 
de'n Ochdamh. (3) Aig uair a' bhàis. (4) Air 
làithean-fèille na h-Oighe Moire, &c, (5) A h-uile 
Diciadaoin. 

Dleasnasan. 

1. Fèumaidh an Scapular a bhi de dh-olainn 
dhuinn no dhuibh, ach cha ruig na stìomaunan a leas. 

2. 'S e sagart aig am beil comas a dh' fhèumas 
urra 'ghabhail a stigh 's a' Chomunn. 

3. Ma chaitheas a' chiad fhear cha ruigear a leas 
fear iir a bheannachadh. 

4. Fèumar a chaitheamh a latha 's a dh-oidhche, 
agus sin tarsainn air na guailnean. 

Bliadhnaichean 'an deaghaidh taisbeineadh Shim- 
oin, chunnacas an Oighe Moire leis a' Phàp Eòin 
xxii., agus gheall i dhagu'n coibhreadh i air anmann- 
an nan Carmelach 's luchd a' Chomuinn so a 
dh'fhaodadh a bhi 'm Purgadair, 's gu'n tugadh i as 
iad air a' chiad Shathurna 'an deaghaidh am bàis, air 
na ctimhnantan so : — 



310 SCAPULARAN. 

A thuiUeadh air a bhi 's a' Chomunn, agus an 
Scapular a bhi orra a latha 's a dh-oidhche, tha e 
riatanach dhaibh, (i.) An caitheamh-beatha 'bhi 
geimnidh a rèir an staide. (ii.) Ofaig Moire [Officmm 
Farvum] a ghabhail a h-uile latha. An fheadhainn 
nach urrainn a lèughadh, feumaidh iad, a thuilleadh 
air làithean-traisg na bliadhna, traisg bho fheòil a 
h-uile Diciadaoin 's Disathurna. Fòghnaidh an 
Ofaig fhèin do'n chleir, do mhanaich, 's do mhaigh- 
deannan-cràbhaidh, ach a gabhail leis a' bheachd ud. 
Ma bhios e ro ana-ghoireasach (gravi impedimento) 
dhaibh an Ofaig a ghabhail no 'n traisg a dhianamh, 
is còir dhaibh an comhairle 'chur ri pears'-eaglais aig 
am beil comas a' chùis atharrachadh, ma tha iad 'am 
beachd an laghadh-eaglaise 'chosnadh. 

SCAPULAR NA PAISE. 

(An Scapular Dearg.) 

Tha'n Scapular so air an aon dianamh ris an fhear 
Dhonn, Is ann de dh-olainn dheirg a tha e-fhèin 's 
na stìomannan. Cha'n 'eil ri bheannachadh ach a' 
chiad fhear. 

'S e 'm beachd leis an do chuireadh air chois an 
Scapular Dearg, Pàis dhòruinneach ar Slànair, agus 
a Chridhe JN'aomh maille ri Cridhe caomh a Mhàthar 
Gunsmal a shior-ùrachadh na'r cuimhne le barrachd 
urraim 'us leasachadh cràbhaidh. 

LagTiaidh. 
i. (1) 3 bliadhna 's tri carghuis dhaibhsan a 
mheòraicheas ann an staid an fhìor-aithreachais, car 



SOAPULARAN. 311 

leth-uair a dh-iiine, air a' Phàis. (2) 200 latha 
gach uair a phògas iad an seapular, 's a their iad ann 
an staid an fhìor-aithreachais na faclan so : '^Uime sin, 
guidhimid ort^ cuidich do sheirhhisich a shaor thu le 
d'Fhuil Phriseil'\ 

ii. Làn-laghadh — (1) An latha 'ghlacar e. (2) A 
h-uile Dihaoine. (3) Aig uair a' bhàis. Ma bliios 
e ana-ghoireasach Èiarachadh a ghabhail Dihaoine, 
faodar an làn-laghadh a chosnadh Didònaich. 

Fèumar an scapular so a bheannachadh le sagart 
aig ani beil comas sin a dhianamh. Tha leasachadh 
creidimh, dòchais, agus gràidh air a ghealltainn a 
h-uile Dihaoine do luchd an Scapulair Dheirg. 

SCAPULAR a' GHINIDH GUNSMAL. 

(An Scapidar Liath-ghorm, ) 

Tha'n^ Scapular so air an aon dianamh ris an dithis 
eile, 's cha'n 'eil ri bheannachadh ach a' chiad fhear. 

Is còir do luchd an Scapulair so a chumail na'n 
cuimhne onair shònraichte 'thoirt le deagh-bhèusan 
's le cràbhadh do'n t-sochair àghoir so — Gineadh 
Gunsmal na h-Oighe Beannaichte, agus a bhi 'g 
ùrnaigh air son na feadhnach mi-fhortanaich sin a 
th'air dol gu aintheisteil agus tuaitheal air slighe 'n 
t-sàbhalaidh, gus an tionndadh ris an aithreachas, ri 
caitheamh-beatha bèusach, agus ri stuaim. 

, Laghaidh. 

i. (1) 60 bliadhna dhaibhsan a mheòraicheas car 
leth-uair a dh-ùine. (2) 20 bhadhna dhaibhsan a 



312 SCAPULARAN. 

theid a shealltainn dhaoine-tinne gu cobhair orra. 
(3) 20 bliadhna gach latha de dh-ochdaimh Laithean- 
fèille ar Tighearna. (4) 7 bhadhna 's 7 carghuis air 
Làithean-fèille na h-Oighe Moire, &c. 

ii. Làn-laghadh — (1) An latha 'ghlacar e. (2) Aig 
uair a' bhàis. (3) Air a' chiad Dhònach de'n mhios ; 
a h-uile Disathurna fad a' charghuis, &c. Là Nollaig, 
là Càsga, Diordaoin-deasghabhail, Dònach Caingis, 
Dònach na Trianaid ; Là a' Ghinidh Gunsmal, Là na 
Teachdaireachd, Là Dol-suas Moire, Là Breith Moire, 
Là a' Ghlanaidh, agus ioma latha eile. (4) Cho tric 
's a their iad, ann an àite sa bith, sia Paidrichean, 
'us sia Beannachaidh Moire, 'us sia Glòir do'n Athair, 
ann an onair na Trianaid uilenaoimh 's Gineadh 
Gunsmal na h-Oighe Beannaichte, ag ùrnaigh air son 
àrdachadh na h-Eaglaise, cur as do dh-eiriceachd, agus 
sìth agus fior-chòrdadh 'am measg phrionnsaichean 
Crìostail, coisnidh iad laghaidh Sheachd Ard-eag- 
laisean na Eòimhe, eaglais Phortiuncula, agus no 
h-Uaghach Naoimh 'an lerùsalem, 



CRABHADH AIR SON BAS SONA. 313 



CEABHADH AIE SON BAS SO]^A. 



ACHANAICHEAN AIR SON BAS SONA. 

300 latha laghaidh air son an trì ; no 100 latha air son 
gacli aon dliiubE. 

'TOSA, 'loseiph 's a jNIhoire, tha mi 'liubhairt mo 
J_ chridh' agus m' anma dhuibh. 

'losa, 'loseiph 's a Mhoire, cuidichibh mi 's an 
uair dheireannaich. 

'losa, 'loseiph 's a ]\Ihoire, thoiream suas an deò 
'an sith rìbhse. 



TRI TAIRGSEACHAN. 

i. 300 latha laghaidh gach uair a ghabhar iad. 
ii. Làn-laghadh uair 's a' mhios air na cumhnantau 
gnàthaichte. 

i. Tha sinn a' tairgsinn do'n Trianaid uilenaoimh 
toillteanas losa Chrìosta, mar bhuidheachas air son 
na Fala Uilephriseil a dhòirt e air ar son 's a' ghàradh ; 
agus as leth an toillteanais sin tha sinn ag guidhe air 
a Mhòrachd Dhiadhaidh mathanas a thoirt dhuinn 
na'r peacannan. 

Paidir. Beannacliadli Moire. Gìòir. 

ii. Tha sinn a' tairgsinn do'n Trianaid uilenaoimh 
toillteanas losa Chriosta, mar bhuidheachas air son a 
Bhàis Uilephriseil a dh'fhuilig e air a' chrois air ar 
3on ; agus as leth an toillteanais sin, tha sinn ag 



314 LEADAN AIR SON BAS SONA. 

guidhe air a Mhòrachd Dhiadhaidh gu'm inathadh e 
dhuinn na piantan a tha ar peacannan a' toilltinn. 

Paidir. Beannachadh Moire. Glòir. 

iii. Tha sinn a' tairgsinn do'n Trianaid uilenaoimh 
toillteanas losa Chrìosta, mar bhuidheachas air son a 
charrantachd thar iomradh, leis an do theirinn e à 
nèamh gu talamh a ghabhail an nàduir-dhaonda, agus 
a dh'fhulang 's a bhàsachadh air a' chrois air ar son ; 
as leth an toillteanais sin tha sinn ag guidhe air a' 
Mhòrachd dhiadhaidh ar n-anmannan a thoirt do 
ghlòir Fhlathanais 'an deaghaidh ar bàis. 

Paidir, Beannachadh Moire. Glòir, 

LEADAN AIR SON BAS SONA. 

i. 100 latha laghaidh aon uair 's an latha. 

ii. Làn-laghadh uair 's a' mhìos, air na cùmhnantan 
gnàthaichte, dhaibhsan a ghabhas aon uair 's an latha e fad 
a' mhìos. 

OTHIGHEARNA losa, a Dhia a' mhathais, agus 
'Athair na tròcair, tha mi 'tighinn a d'ionnsaidh 
le cridhe iriseal, cràiteach, brònach ; riutsa tha mi 
'g earbsa uair dheireannach mo bheatha, agus mo 
chrannchuir shìorruidh. 

'losa iochdmhoir, dian tròcair orm. 

An uair a bheir cion-lìiis mo chas faireachadh 
dhomh gu'm beil mo chuairt 's an t-saoghal so 'teann- 
adh gu crìch : 

^losa iochdmhoir, dian tròcair orm. 

An uair nach uri'ainn dhomh, le marbh-fhuachd 
'us crith mo làmh an cèusadh a thasgadh rium, ach 
a thuiteas e orm air leaba mo thrioblaid : 



LEADAN AIR SON BAS SONA, 315 

^losa iochdmhoir, dian tròcair orm. 

An uair a tliig doille air mo sliùilean 's iad air 
tlonndadh le fuathas romh dhlùths a' bhàis, ^s a 
dhearcas iad ortsa, m'aon chobhair dheireannach : 

'losa iochdmhoir, dian tròcair orm. 

An uair mu dheireadh a luaidheas mo bhilean, air 
fuachd 's air chrith, d' ainm diadhaidh : 

'losa iochdmhoir, dian tròcair orm. 

An uair a bhios m' aghaidh glasdaidh, fuar, ag cur 
truais 'us oillt' air na bhios mu'n cuairt dhomh ; an 
uair a bhios m' fhalt air snàmh ann am falhis a' 
bhàis, 's e 'g èirigh air mo cheann, ag cur mo chrìch' 
'an cèill dhomh : 

'losa ioclidmhoir, dian tròcair orm. 

An uair a bhios mo chluasan gu 'bhi druidte am 
feasda air conaltradh dhaoine, agus fosgailte gu èisd- 
eachd ri d' ghuth-sa 'bheir orm a' bhinn gun atharr- 
achadh, a shocraicheas mo chrannchur gu siorruidh : 

'losa iochdmhoir, dian tròcair orm. 

An uair a bhios m' aigne fo luasgan le sgleòthan 
oillteil, dèisneach, 's mi fotha ann an dòruinn a' 
bhuairidh ; an uair a bhios m' anam fo ghiorraig ri 
faicinn m' aingeachd agus le eagal do cheartais-sa, 's 
a bhios mi 'cath 'an aghaidh aingeal an dorchadais a 
dh'fhiachas ri gnùis shòlasach do thròcair fhalach 
orm, agus mo sparradh 'an an-dòchas : 

*Iosa iochdmhoir, dian tròcair orm. 

An uair a bhios mo chridhe bochd air geilleadh fo 
dhòruinn mo thrioblaid, 's fo chuaradh a' bhàis, 's 
air a chlaoidh le spàirn ri naimhdean m' anma : 

'losa iochdmhoir, dian tròcair orm. 



316 LEADAN AIR SON BAS SONA. 

An uair a thuiteas an diar deireannach, teachdaire 
mo chriche, bho m' rasg, gabh-sa bhuam e na 'ìobairt- 
dhìolaidh air son mo pheacannan, air chor's gu'm 
faigh mi bàs mar thobhartas-peanais ; agus, 's an uair 
ghàbhaidh sin : 

'losa iochdmhoir, dian tròcair orm. 

An uair a chruinnicheas mo chàirdean 's mo 
dhìlsean mu'n cuairt dhomh, 's iad le truas rium ag 
àrnaigh riutsa air mo shon : 

'losa iochdmhoir, dian tròcair orm. 

An uair a chailleas mi mo mhothachadh, 's nach 
lèir dhomh an saoghal, 's a bhios mi 'g acain le 
dòruinn 'us spàirn a' bhàis : 

'losa iochdmhoir, dian tròcair orm. 

An uair a thig an ospag dheireannach bho m' 
chridhe 'chur sgaraidh eadar m' anam agus mo 
chokiinn, gabh bhuam i ionann's ag èirigh bho 
fhadal naomh gu dol a d' ionnsaidh : 

'losa iochdmhoir, dian tròcair orm. 

An uair a ghabhas m' anam, air bhall-chrith air 
mo bhilean, a chead tuille de'n t-saoghal, agus a 
dh'fhàgas e mo choluinn gun deò, glasdaidh, fuar; 
gabh an dealachadh so mar chìs-iimhlachd a tha 
mi toileach a dhìoladh do d' mhòrachd dhiadh- 
aidh; agus anns an uair dheireannaich sin de m' 
bheatha : 

'losa iochdmhoir, dian tròcair orm. 

Mu dheireadh an uair a theid m' anam 'ad làthair, 
's a gheabh mi 'n ciad shealladh de d' mhaise ghlòr- 
mhoir nach dibir, na tilg mi à d' fhianuis, ach^ gabh 
gu caidreach 'ad asgail mi gu 'bhi gu sìorruidh a' 



URNAlGH AIR SON BAS SONA. 317 

seinn do cliliìi ; agus an sin, 'nuair a thòisiclieas an 
t-siorrachd dhomh : 

'losa iochdmhoir, dian tròcair orm. 

Dianamaid urnaigh. 

ODHIA, a dh'òrdaich am bàs dhuinn uile, ach a 
chleith òirnn an là 's an uair, deònaich gu'n 
caith mi m' iiine 'an gnìomhannan naomh agus ceart, 
's gu'n toill mi an saoghal so fhàgail le sith deagh- 
chogais, ann an caidreamh do ghaoil. Tromh 
Chrìosta ar Tighearna. Amen. 

URNAIGH AIR SON BAS SONA. 

OMHOIRE, 'ghineadh gunsmal, guidh air ar son-ne 
'tha 'ruith fo d' dhìon. A Diiìdein nam peacach, 
a Mhàthair na feadhnach a tha 's an tarrainn, na 
trèig sinn aig uair ar bàis, ach glèidh dhuinn làn 
bhròn-cridhe, fìor-aithreachas, mathanas ar peacannan, 
deagh chomanachadh deireannach, neartachadh 
sàcramaid na h-Ola-romh'n-bhàs, air dhòigh 's gu'm 
faod sinn gu tiarainnte dol air bialaobh a' bhrithimh 
cheart, ach thròcairich, ar Dia agus ar Slànair. 
Amen. 

URNAIGH RI N. lOSEPH AIR SON BAS SONA. 

OE'AOMH loseph, a dh' imich as a' bheatha so 
'an glacaibh uiiechaomh do dhalta losa, agus 
do chèile ro-mhùirneach Moire, cuidich mise, 
Athair naoimh, maille ri losa 's ri Moire, gu sònraichte 
an uair a chuireas am bàs crìoch air mo bheatha ; 



318 CRABHADH DHAOINE TINNB. 

agus an aon fhnrtachd sin a tha mi 'g iarraidh 
glèidh dhomh, 's e sin an deò 'thoirt suas 'an glac- 
aibh uilenaomh losa 's Moire. ì^sl 'r lamhan-se 
ri m' bheò 's aig uair mo bhàis tha mi 'liubhairt mo 
spioraid, 'losa, 'Mhoire, 'loseiph. Amen. 



CKABHADH DHAOINE TINNE. 

COMHAIRLEAN DO DHAOINE TINNE, 

Ma bhuaileas tinneas trom 's a bith thu, cuir a dh' iarraidh 
do lèigh spioradail, agus rian gnothaichean d' anma. 'S ann 
an toiseach do ghalair is f hearr a thèid so a chur 'an gnìomh, 
na'n uair a ghabhas e greis air 'adhart ; far am faod bruaiU- 
ean na h-easlainte, no càil na cungaidh leigheis, duine 
fhàgail mutha's anf hann air son dleasnais cho cudthromach. 
'S ann mar pheanas air a' pheacadh a tha tinneas gu tric ga 
'leagadh oirnn : agns, uime sin, 's e fior aithreachas air a 
shon, agus deagh fhaoisid, miadhonan iomadh uair a's mutha 
'ghlèidheas slàinte dhuinn na nì 's a bith eile. 

Mur d' rinn thu f hathasd do Thiomnaclh, rud nach robh 
glic a chur cho fad' an dàil, dian e mar an ciadna ann an 
toiseach do thrioblaid, air chor 's gu'm faod thu, an dèigh 
do ghnothaichean saoghalt' a rèiteach, do bheachd a leagadh 
gu socrach air leas d' anma. 

Thoir air na càirdean a's f hearr a th'agad brath a thoirt 
dut na 'thràth mu dhèidhinn staid do thinneis, agus do 
chunnart innse' dhut, gun iad a bhith ga d' mhealladh le 
dòchas brèige à slàinte, gun choltas 's a bith ach gann. 
Thoir a' bhuil a's f hearr a 's urrainn thu à àm d' anshocaire, 
gun fhios nach e an tìm mu dheireadh dhuts' e. ISTa fuilig 
ach beagan de hichd-sealltainn a thighinn 'ad charamh, agus 
na èisd ri seanachas mur tig e gu leas d' anma. 

Faic cuideachd ann an toiseach do thrioblaid, gu'm bi 
d'fhiachan air am pàidheadh, 's gu'm fuasgail thu h-uile 
ceangal eile 'th' ort, fhad' 's a ghabhas e dianamh. Thoir 



I 



CRABHADH DHAOINE TINNE. 319 

matlianas dhaibhs' a rinn olc ort, agus iarr mathanas air an 
f headhainn air an d' rinn thu eucoir. 

Gabh do thinneas mar pheanas bho laimh Dhè air-son do 
pheacannan, agus bi làn-striochdte ri 'thoil naoimh : tairg 
thu f hein suas dha gu tric, iarr air faighidin a thoirt dut, 
agus do thrioblaid's do phian a naomhachadh, le an cur ann 
an comunn dòruinne losa Griosta ; agus an gabhail mar èirig 
air-son do pheacannan. 

Thoir air cuid dhe d' chàirdean a bhith 'lenghadh dhut, a' 
taghadh nan urnaighean sin a's mutha 'ni do ghluasad, agus 
a's freagarraiche dha d' staid ; mar tha na Seachd Sailm 
Aithreachail, Leadain, Gniomhan Gràidh air Dia, Gniomhan 
Faighidin 'us Umhlachd, &c. 

Biodh an crann-ceusaidh, no dealbh Chriost' air a' chrois 
an cònuidh 'an sealladh do shùl, smaoinich gu tric air a 
phàis, falaich thu fhèin na 'lotan, no tilg thu f hèin aig a 
chasan leis a' ghaol agus leis an earbsa a's mutha. 

Rè do thinneis dian na 'dh-fhaodas tu gu spiorad an 
f hior aithreachais a ghluasad ann ad chridhe ; gu tric iarr 
trocair air Dia, agus biodh do ghnìomhan aithreachais cuid- 
eachd lionar. Bha naomh Uistein gu tric ag radh, gu'm bu 
dàn do chriostaidh 's a bith dol thun a' bhàis, air feodhas 
a chaithe-beatha, gun a chridhe 'bhith ga 'lèire, leis an 
aithreachas. 



COMHRADH DUmE THmX RI DIA. 

ODHIA, 'Athair agiis a Chruthadair an domhain ! 
Riuts' a tha 'tuinidh an cònuidh shuas, 's a tha 
na d' shuidhe an cathair na glòrach, tha mi nis a' 
togail mo chridhe, agus 'ad f hianuis a' taomadh mach 
mo mhiann. Fada tha mi bhuat fhathasd 's an 
f heoil, a' stri ri iargain na beatha. Tinn, lag, agus 
truagh, tha mi 'n so na ni' shìneadh air leaba na 
h-anshocaire, gun f hios c'uin a thig an uair dheireaiin- 
ach orm, no 'spionas am bàs as an t-saoghal so mi. 



320 CRABHADH DHAOINE TINNB. 

'S ann agads' a mhàin a tha brath air so, Dhia iiile- 
leirsinnich ! Ach an tràth 'thig an uair, bithidh i 
na h-uair èibhinn domhsa. 'lS'uair a thrèigeas m' 
anam mo chorp, stiùir thusa ga d' ionnsaidh f hèin e, 
a chruthaich air do shon f hèin e, agus laidheadh mo 
cholunn gu sìtheil 's an uaigh shèimh gu latha mòr 
na h-aiseirigh. So mo thoil agus m* achanaich riut, 
Athair, biodh iad air an coimhlionadh. Math 
dhomh a h-uile eucoir 'us peacadh a rinn mo laigse 
'ad aghaidh ; na cuir as mo leth aineolas m* òige, 
agus math dhomh eucoirean làithe m' f hearachais. 
Falaich mo pheacannan uile fo chaomh sgèith d' 
fhaighidin, agus do thròcaire. Aig do chasan, 
Athair, tha mi 'tilgeadh cridhe briste agus aith- 
reachail : na cuir suarach e, air sgàth losa Criost' a 
fhuair bàs mar iobairt air mo shon air fìodh na 
croise. M' f hulangas tha mi 'tairgse dhut, Athair, 
^an co-pairt ri fulangas agus bàs losa, los gu'm faod 
mi, an dèidh mo ghlanadh le peanas m' f hulangais, 
tighinn gu taitneach fo d' shùil naoimh. an 
toileachadh a bheir e dhomh ma's e 's gu'n lean mi, 
f had' 's a bhios anail annam, ris an aithreachas so, 
ri faighidin nach gèill, 's gu'm bi mi lan-striochdte 
dha d' thoil naoimh. Ann an earbsa bheannaichte 
à caoimhneas do mhathais, agus do throcaire, gu'm 
V ann a leumas m' anam suas 'ad ionnsaidh, a 
Chruthadair, comhluath 's a thèid 'f huasgladh bho'n 
choluinn ; bho 'n t-saoghal-sa gu'm b' ann a ni thu 
aiseag gu flathanas, bho innis nan diar gu ionad 
aighir 'us sòlais i^un chrìch. 

'An sin cha bhi triiaighe a chuireas bruaillean air 
mo shiochaint, cha tig pian 'am fagus domh a 



CRABHADH DHAOINE TINNB. 321 

chaoidh ; buaireadh cha bhi ann gus mo mhealladh, 
cunnartan cha rohaoidh air m' anam : agus ni cha 
tachair gu m' èislean. 'Ad f hochair bithidh mi, 
mo Dhia ; aghaidh ri aghaidh chi mi thu ; agus 
ann an còisridh ainglean, bithidh m'aighear a bhith 
'g amharc air do mhòralachd ; bheir mi 'an sin mo 
bhriathran gu'm bu cheart, gu'm bu naomh do 
ràidean, a tha doilleir dorcha 'an so a bhos; aidichidh 
mi gu'n robh do chomhairleaD, d' òrduighean, 's do 
luthasachadh naomh, mar-aon 'us do-rannsaichte ; ged 
tha daoil mar sinne a' saoilsinn iomadh uair, gu bheil 
iad a' tighinn tarsuinn air do ghliocas 'us air do 
ghràdh. 'An sin bithidh thus' agam, m' Athair, 
agus mo Dhia, an gaol a's glaine 'bheir mi dhut, 
sealbhaichidh mi thu le aighear 'us aoibhneas mòr, 
agus an sòlas sin cha sguir gu dilinn. Dha d' threud 
bheir thu beatha shiorruidh, agus neach cha 'n urrainn 
a thoirt as do laimh. (Eoin. x. 28.) A' feitheamh 
orm tha aoibhneas bith-bhuan, agus fada fos cionn 
gach dùil, agus iarraidh cridhe. Sùil cha 'n f hac e, 
cha chuala cluas e, 's 'an cridhe duine riamh cha 
deach na nithean a dh' uidheamaich Dia ann am 
flathanas air-son na feadhnach a bheir gaol dha. 

f hlathanais an t-sòlais, thìr mhath fhirinnich 
an aoibhneis mhòir ! Car-son nach fuiligiim gach 
nì air do shon? Cha 'n urrainn domh rud na 's 
f hearr na thus' a chosnadh le m' f hulangas. Air an 
aobhar sin, le gràsan Dè leanaidh mi gu dlan mo 
bhuiUe, gabhaidh mi romham gu dàicheil, gus an 
glac mi an crùn sin a tha 'm freasdal orm bho'n 
bhritheamh cheart. (2 Tim. iv. 8.) 
21 



322 CRABHADH DHAOINE TTNNB. 

'S e mo thoil mòran tiiille 'fhulang air-son do 
ghràidh-se, los', a dh'f huilig an toiseach uiread air 
mo shon-sa ; na dh'f huiligeas mi an dèigh so, 's ann 
air-sondo ghaoil-sa'thèid 'fhulang, agus a chionn gur 
e do thoil a th'ann. Dh' fhuilig thusa, a' fàgail 
samhla againn, gus an leanamaid do cheuman (1 
Pead. ii. 21). Tha mi 'g imeachd a reir do ghuth, 
Shlànair naoimh. Tha mi 'togail mo chroise, 
'us ga d' leanail. Thuirt thu: Cha 'n fhuilear 
dhut fulang, 'us dol a stigh gu d' ghlòir an dèigh 
sin. B' fhaide 's bu truime d' f hulangas f hèin na 
mo chuid-se de'n anshocair, agus gu deònach chuir 
thu suas rithe ; bha thu umhal gu bàs, 's eadh gu 
bàs na croise. Air an aobhar sin thug d' Athair 
ainm dhut, a tha fos cionn gach ainme, agus dha'n 
lùb gach glùn air nèamh, air talamh, agus fo 'n 
talamh. (Phil. ii. 8.) Tha mise ga d' leanail, 'us 
tha mi 'n dòchas an dèigh m' fhulangais gu'n tig mi 
gu d' ionnsaidh 'an aoibhneas. Thugas domh, 
losa, misneach agus càil gus am beachd Criostail so 
'leanail; neartaich m' fhaighidin lag, daingnich mo 
bheachd neo-stèidheil, agus cum taic ri m' bhreòit- 
eachd. Mar mheangan lag glaodh riut fhèin mi, 's 
giir tu am fionan, air chor 's gu'n toir mi mach 
annadsa, le m' bheatha 's le m' bhàs, toradh na beatha 
sìorruidh. Gun thusa 's fheudar gu'm bi mi fann, 
's gu'n gèill mi : uime sin tha mi ga m' shnaim fhèin 
riut gu teann. losa, tha gaol agam ort ; losa, 
tha mi 'fulang air do shon ; losa, tha mi 'faighinn 
a' bhàis air do shon ; tha mi 'creidsinn annad ; tha mi 
'cur mo dhòchais annad ; losa, tha gaol agam ort ; 



CRABHADH DHAOINE TINNB. 323 

neartaicli mo chreideamh, beothai ch mo dhòchas, 
teothaich mo ghràdh, agus na biodh an teine naomh 
so air a dhiocladh annam. Biodh mo dhòchas air a 
choimhlionadh, biodh mo chreideamh gun lagachadh, 
mo mhiann gun lughdachadh, agusbiodh m'fhaighidin 
ann an dòruinn 's 'an diachainnean gun diobradh. 
losa, ann ad uchd-sa tha mi ga m' thilgeadh fhèin gu 
h-iomlan : leatsa biom 'am beatha 's 'am bàs. Cliii 
'us moladh dha d' ainm naomh a nis agus gu slorr- 
uidh. Amen. 



UEISFAIGHEAN 'AN AM TINJSTEIS. 

OTHIGHEAEN' losa, bho'n is e do thoil naomh- 
sa trioblaid a thighinn orm, tha mi làn-thoileach 
air striochdadh. " Gu'n dianar do tlioil air talamh 
mar thatliasga 'dianamh air neamJiJ^ Gu'n robh an 
tinneas so gu onair 'us glòir dha d'ainm naomh, agus 
gu sàbhaladh do m' anam. Leis a' bheachd so tha 
mi ga m' liubhairt fhèin dut gu h-umhailte, striochdte, 
gu f ulang cho fad' agus is àill leat, 'us anns an dòigh 
a 's àill leat. Chionn is peacach truagh mi, a Thigli- 
earn', a rinn iomadh eucoir ort, agus bho'n a bha 
mo chiontan bho chionn fad' a' glaodhaich diiighalt- 
ais ri flathanas, car-son nach gabhainn an t-achasan 
so bhuat ì 

mo Dhia, dè fàth mo ghearain ? tha thus' uile- 
cheart, 'us thoill jnise gu'ni buineadh tu rium gu 
goirt. Ach, mo Thighearna, na smachdaich mi 
na d' chorruich, agus na cronaich mi na d' fheirg. 



324 CRABHADH DHAOINB TINNE. 

Tha fios agad nacn 'eil annam ach laigse, agus 
smiirach an talmhainn; na buin rium a rèir mo 
pheacannan, 's na leag do lamh orm cho trom 's a 
tha m' olcas a' toilltinn, ach a rèir lionmhorachd 
do mhòr thròcaire gabh truas dhiom. biodh do 
thròcair 'an cois do cheartais, agus neartaich mi le d' 
ghràsan na m' theinn. Thusa, 'Dhia, a tha làn iochd, 
dian cobhair orm, air dhòigh 's gu'n giiilain mi m' 
anshocair le faighidin, agus gu'n gabh mi an tinneas 
so bho d' laimh mar pheanas a tha mo pheacannan 
a' toilltinn. 'Na, leig ann am buaireadh mi, dion mi 
'an aghaidh mo naimhdean, agus saor mi na m' 
easlainte bho gach ni 'chuireadh miothlachd ort ; 
agus mur èirich mi dhe 'n leaba so gu bràch, na leig 
dhomh dearmad a dhianamh air na miadhonan 
sàbhalaidh a dh' uidheamaich thusa na d' thròcair 
air-son m' anma gus 'ullachadh chum na siorrachd. 
mo Dhia, glan m' anam bho smal a' pheacaidh, 
biodh mo chreideamh agus mo dhòchas annad-sa 
daingean làidir, thoir dhomh gaol a thoirt dut os 
cionn gach ni ; agus tha mi 'g achanaich le dùrachd 
mo chridhe, as leth fulangas agus bàs Chriosta, gu'm 
bi mi air m' àirimh 'am measg nan naomh, 's a' 
seinn do chliù gu siorruidh. Amen. 

OTHIGHEAENA, òlaidh mi gu toileach an cupan 
searbh so a tha do làmh thròcaireach cheart a' 
tairgse dhomh : tha mi làn-striochdte dha d' thoil 
bheannaichte co-dhiu is beatha no bàs e ; cha 'n e mo 
thoil-sa ach do thoil naomh-sa gu'n robh diante. O 
Thighearna, tha mi 'tairgse dhut na tha mi 'f ulang 



CRABHADH DHAOINE TINNB. 325 

an drasda, agus na dh' fhuiligeas mi an deigìi so gu 
bMth air a naomhachadh le fulangas mo Shlànair. 
mo Dhia, tha mi 'toirt aoraidh dhut mar mo chiad 
thùs agus mo chrìoch dheireannach, dhutsa tha mo 
chridhe 's m' anam a' toirt làn-umhlachd. Thigh- 
earna, 's e mo mhiann a bhith gu bràch d! seinn do 
chlià ann an tinneas no slàinte, 's a bhith 'toirt 
molaidh dha d' ainm maille ris na naoimh air nèamh 
's air talamh. Tha mi 'toirt tainge dhut bho m'uile 
chridhe air-son gach tiodhlaic a bhuilich thu ormsa 
agus air d' Eaglais air fad, as leth do Mhic losa 
Criosta ; gu h-àraid air-son gaol a thoirt domh bho 'n 
t-slorrachd, agus mo shaoradh le d' Fhuil Phrìseil. 
na biodh an Fhuil sin air a dòrtadh air mo shon-sa 
'an diamhanas. 

A Thighearna, tha mi 'creidsinn anns a h-uile 
firinn dhiadhaidh a thaisbean thusa, agus a tha 'n 
Eaglais naomh Chaitliceach a' teagasg. Is tusa Dia 
na firinn, nach urrainn mealladh no bhith air do 
mhealladh, agus a gheall gu'm bitheadh spiorad na 
firinn a' stiùradh d' Eaglais anns gach uile fhirinn. 

Ann an so ahair a! Clireud. 

Le d' chòmhnadh-sa, 'Dhia, so an creideamh anns 
am bi mi fad mo bheatha, agus anns am faigh mi 
bàs. A Thighearna, neartaich mo chreideamh. 
mo Dhia, 's ann annadsa 'tha m' earbsa gu h-iomlan, 
'us diiil agam ri tròcair, gràsan agus sàbhaladh 
bhuatsa, as leth fulangas agus bàs mo Shlànair 
losa Criosta. Annads', a Thighearna, tha mo 
dhòchas ; na bitheam air mo mhealladh, losa 



326 CRABHADH DHAOINE TINNE. 

cliaoimli, dian cobhair orm 'an nair mo thriob- 
laid, falaicli mi na d' lotan, agus glan m' anam le d' 
fhuil phriseil. O mo Dhia, tha mi 'toirfc gaoil dut 
le m' uile chridhe, le m' uile anam, agus os cionn 
gach ni; co-dhiu 's ann mar so bu mhiann leam 
gaol a thoirt dut. O thig a ghabhail seilbh na m' 
anam, 'us biodh e gu bràch air a lionadh le d' ghaol. 
'S e mo thoil a bhith fuasgailte 's a bhith maille ri 
Criosta. c'uin a thig do rioghachd ì Thigh- 
earna, c'uin a bhios tu 'riaghladh cridheachan an 
t-sluaigh gu lèir ? C'uin a thig crioch air a' pheacadh 1 

Air-son do ghaoil bithidh mi ann an carrantachd 
ri gach neach. Tha mi bho m' chridhe 'toirt làn- 
mhathanais do gach aon a rinn eucoir orm, 's ag 
iarraidh mathanais air gach aon air an d' rinn mi 
olc. Dian tròcair, a Dhia, a rèir do mhòr thròc- 
aire, agus a rèir lionarachd do chaomh thròcaire 
dubh as mo lochdan. O co 'bheir uisge dha m' 
cheann agus tobraichean dbiar dha mo shùilean gus 
am bi mi 'là 's a dh-oidhche ag caoidh mo pheac- 
annan ! Is truagh gu'n d' rinn mi eucoir riamh air 
an Ti a tha uile-mhath. O is sona an t-anam a 
ghlèidh neochiontas a' bhaistidh. A Thighearna, 
dian trocair orm, oir is peacach mi. 'losa, 'Mhic an 
Dè bheo, dian trocair orm. Tha mi 'liubbairt m' 
anma do Dhia a chruthaich mi à neoni ; do dh-Iosa 
mo Shlànair a cheannaich mi le 'fliuil phriseil ; 
do'n Spioraid JSTaomh a naomhaich 'an tobar a' bhais- 
tidh mi. 'Ad lamhan-sa a Thighearna, tha mi 
'liubhairt m' anma. 

Tha mi 'nis 'us gu siorruidh ag cur cùl ris an 



CRABHADH DHAOINE TINNB. 327 

aibhisteir, 'us ri 'uile ghniomhannan ; agus tha mi 
'toirt gràine dh'a bhuaireadh 'us dh'a mhealltaireachd. 
Thighearna, na leig le nàmhaid m' anma buaidh 
'fhaotainn orm a nis no aig uair mo bhàis. biodh 
d' ainglean naomh gu lèir ga m' dhion bho chumh- 
achdan an dorchadais. Mhàthair Dhè, guidh air 
ar son-ne na peacaich a nis, agus aig uair ar bàis. 
JSTaoimh agus Ainglean Dhè, guidhibh as mo leth, 
chionn is peacach truagh mise. 

Urnaigli air-son faighidin ^an àm moT'cJiràidh, 

OTHIGHEAE^^TA, chiontaich mi 'ad aghaidh, 
gabh m' fhulangas an èiric mo pheacannan ; is 
tric a chuir mi mìothlachd ort, 'us tha 'h-uile rèuson 
agam air fulang. A Thighearna, tha thusa ceart 
anns gach dòigh. 'S e an Tighearna a thug dhomh 
slàinte agus neart, 's e a thug bhuam iad. Tha 
'chìiis mar a tha esan a' faicinn iomchuidli ; beann- 
aichte gu'n robh ainm an Tighearna. Thoill mi 
tuille mòr 's a tha mi 'f ulang ; anns a' cheart 
thrioblaid a leag thu orm tha thusa, a Thighearna, 
a' fìachainn tròcaire. mo Dhia, na caomhain mi 
's an t-saoghal so, ach bi caomh rium 's an t-siorrachd. 
Is lionmhor iad a tha 'fulang ann an ifrinn air-son 
pheacannan a's lagha na 'rinn mise; is neoni na 
tha mi 'f ulang 'an coimeas riùsan ; 's ann dhomh a 's 
dàn a bhi 'gearan. A Thighearna, rinn thusa iobairt 
dhiot fhèin air mo shon-sa, agus tha mise ga m' 
thairgsinn fhein an dràsda mar iobairt dhutsa. Ma 
dh' fhuilig an Ti neochiontach air son ar peacannan, 
dè dh'èireas do'n chiontach. Eoimhe so 's e mo 



328 CRABHADH DHAOINE TINNE. 

thoil fhèin a bha mi 'leantninn, ach bithidh mì air 
mo stiùradh le toil an Tighearna à so suas. Dè an 
Crìostaidh mise ma dhiùltas mi mo Cheannard a 
leanailt? Ghiùlain thusa, a Thighearna, do chrois, 
agus nach fhèudar dhomhsa mo chrois a ghiùlan mar 
an ciadna. Cha mhi do sheirbhiseach ma chuireas 
mi 'an aghaidh do thoile, no ciamar a their mi mo 
Thighearna riut, mur bi mi umhailte dhut ì 'S ann 
lo d' òrdugh a thàinig so orm, a Thighearna, beann- 
aichte gu'n robh d' ainm. Seall orm, a Thighearna, 
le truas, thoir f urtach dhomh 's mi 'an teinn. Gheall 
thu cobhair dhaibhsan a ghlaodhadh ort na'n trioblaid, 
a Dhia dian còmhnadh rium gun dàil. Gheall thu 
nach bitheadh a h-aon a chuireadh earbsa annad air 
a mhealladh ; a Dhia 's ann annadsa a tha m' uile 
dhòchas ; a Dhia na trèig mi. A Dhia cuidich mi, 
thoir dhomh fulang le faighidin, 's a bhi làn- 
striochdte do d' thoil bheannaichte. 'S e so lath' a' 
chath ; le d' chòmhnadh-sa, a Dhia nam feart, gheabh 
mi buaidh ; bho'n a gheall mi do bhratach a leantuinn 
is còir dhomh fulang 'ad aobhar ; is mòr a dh' fhuilig 
na martairean, ach an uair a bu mhutha an dòruinn 
thug iad moladh do d' ainm. Am beil còir agamsa 
air a bhi saor bho thrioblaid^ Am beil mise na's 
fhèarr na 'n fheadhainn a dh' fhalbh romham? Is 
ioma là socrach, slàinteach, a bh' agamsa, agus feadh- 
ainn a b'fhèarr na mi ann an trioblaid 's an anshocair; 
bho'n is àm diachainn a' bheatha so, nach fhèum mise 
tachairt ri diachainn mar an ciadna? Ambidùil agamsa 
ri crùn mur fhaigh mi buaidh ì 'S am faigh mi buaidh 
mur dian mi cath 1 Ciod is f hiach m' ùmhlachd mur 



CRABHADH DHAOINB TINNB. 329 

strioclid mi do m' thrioblaid ? JSTo m' fhaighidin 
mur giiilain mi m' anshocair 1 No c'àit am beil mo 
mhisneach 's mo neart ma ghèilleas mi 'an àm cruad- 
ail? So an t-àm a dhearbhas gur Criostaidh mi. 
mo Dhia, dè 's fhiach gach gealladh a thug mi 
dhut, ma chuireas mi 'd aghaidh an uair a smachd- 
aicheas tu mi? Ma tha mi 'toilltinn mo chronachadh, 
mo Dhia, car-son a chuirinn 'ad aghaidh ? A 
Thighearna, na cronaich mi ann ad fheirg, agus na 
smachdaich mi ann ad chorruich. Ged nach 'eil mi 
ga 'thoilltinn, seall thusa orm, a Dhia, le truas agus 
le bàigh. Tha fhios agad nach 'eil annam ach neoni; 
cuidich mi le d' ghràsan cumhachdach. Na trèig mi 
'am dhiachainn, ach dion mi fo sgàil do sgeithe, a 
Dhia nam feart : is crèutair bochd truagh mi ; na bi 
ann am feirg rium. Cha'n 'eil cobhair ri 'fhaotainn 
ach bhuatsa ^mhàin; is tu mo thaic, m' fhasgadh, 
agus mo dhidean. A Dhia, na cuir suarach mo 
ghearan, ach thoir fasgadh dhomh fo sgàil do chumh- 
achd. Thoir bhuam mì-fhaighidin, cìosnaich mo 
nàdur coirbte. Olam gu deònach an cupan a chuir 
thu 'am làimh. Thoir dhomh mo chrois a ghiùlan 
le faighidin ; is ann tromh mhòran anshocair a 
thèid sinn a stigh do righeachd fhlathanais ; 's f hèudar 
dhaibhsan leis an àill a bhi 'an glòir maille ri losa, 
fulang maiUe ri Tosa. lonnsaich dhomh mo thrioblaid 
a ghiùlan air dhòigh 's gu'n tig i gu fèum sìorruidh 
do m' anam. Thig crloch air gach nl a dh' fhuiligeas 
mi an dràsda ; is goirid dioman m' ùine 's an 
t-saoghal so; cha'n fhada 'th'agam ri fulang. Ach air 
an ath-bheatha cha tig crioch. giùlaineam a' 



330 COMANACHADH DEIREANNACH. 

phian so nach mair ach goirid, 'an dòigh Chrlostail, 
fhaighidnich, los gu'n seachainn mi a' phian a mhaireas 
a chaoidh ! Ma tha e duilich cur suas leis an trioblaid 
so, ciamar a dh' f huiliginn dòruinn shìorruidh ifrinn ì 
'S ann gus mo theasraiginn bho phèin shiorruidh a 
leag thusa, a Dhia, pian aimsireil orm. Fuiligidh mi 
gu toileach le còmhnadh do ghràs. Do thoil-sa, a 
Dhia uile-ghlic, uile-hheannaichte, agus uile-thròcair- 
each, gu'n robh diante. Amen. 

URNAIGH ROMH 'n CHOMANACHADH DHEIREANNACH. 

An uair a bhios duine tinn a' dol a ghabhail comanachaidli, 
is còir a' chèarna 's am bi e a chur 'an òrdugh cho glan 's a 
dh'fhaodar ; bòrd a bhi ann 's anart geal glan sgaoilt' air, 
agus Cèusadh 'us dà choinnil ; bidh e iomchuidh cuideachd, 
gloine de dh-uisge 'bhi air. 

OSHLANAIE bheannaichte, 'losa Chrìosta 1 tha 
mi 'creidsinn gu daingean gu'm beil thu da 
'rireamh a làthair anns an t-Sàcramaid urramaich so, 
a tha mi 'nis a' dol a ghabhail mar lòn-turuis na 
siorrachd : tha mi 'creidsinn gur e d'fhìor Fheòil 
agus d'fhìor Fhuil maille ri d'Anam agus do 
Dhiadhachd a th' innte. 'S e mo mhiann an t-aran 
nèamhaidh so fhaotainn, air son d'onaire agus do 
ghlòir-sa, agus math m' anma, los gu'm bi mi gu 
sona air mo dhlùthadh riutsa. Ach ciamar is dàna 
leam teannadh riut; cnuimheag cho truagh, a 
dhionnsaidh Mòrachd neo-chrìochnaich ; peacach cho 
sa-Iach, gu gloine agus naomhachd fhèin ? 'S ann 'ad 
thròcair, uime sin, a tha mi 'cur m' uile earbsa ; ach 
bho'n is e do thoil cuireadh a thoirt dhut fhèin a 



COMANACHADH DBIREANNACH. 331 

dh-ionnsaidh bothain cho bochd, truagh, agns suarach, 
ris a' chòm so, deònaich, guidhim ort, gràsan, miagh, 
iimhlachd, agus cràbhadh a thoirt dhomh, a dh'uidh- 
eamaicheas àite-tàimh iomchuidh gu gabhail romhad. 
Glan m' anam bho'n a h-uile smal peacaidh, èid e le 
trusgan-bainnse na carrantachd, agus sgeadaich e le 
uile shubhailcean. Thigim h-ugad mar Mhagdalen, 
gus mo shaoradh bho'n a h-uile olc, agus thusa a 
ghlacail, m'aona mhath. Tha fuath agam bho 
ghrunnd mo chridhe air m' uile pheacannan, a chionn 
gu'n do chuir iad miothlachd air do mhathas. Tha 
toil agam an tilgeadh uile sìos aig do chasan, gus am 
mathar 's an dubhar as iad le d'Ehuil Phriseil. Tha 
duilichinn orm air an son, agus bithidh mi duilich, 
brònach air an son, fhad' 's is beò mi. ì^ì mi caoidh 
'us tuireadh air an son le doilghios-cridhe. Ged a 
tha iad lionmhor agus uamhasach, is neoni iad làimh 
ri d'thròcair do-thomhaiste, agus ri èiric neo- 
chriochnach d'Fhala Priseile. Thoir mathanas 
dhomh, ma ta, 'losa chaoimh. Air sgàth do mhòr- 
iochd, gabh truas rium agus sàbhail mi ; a chioun 
cha trèig thu a chaoidh iadsan a chuireas an dòchas 
annad. Tha mi 'toirt gaoil dhut, mo Dhia, le m' 
uile chridhe, 's le m' uile anam, os cionn gach ni a 
th' air talamh no airnèamh; co-dhiu 's e mo mhiann 
gaol a thoirt dhut le diirachd mo chridhe. Tha mi 
ga m' liubhairt fhèin dhut gu siorruidh. thig agus 
gabh seilbh 'am chridhe gu là-bhràth. Tha mi ga 
'thairgsinn dhut gu h-iomlan. thig agus las suas e 
le teine caomh do ghaoil nèamhaidh, agiis na sgaradh 
nithean 'am beatha no 'm bàs mi bhuat tuiUe. 



332 COMANACHADH DEIREANNACH. 

losa chiùin, deasaicli mi gus am beannachd a tlia 
thu brath a bhuileacliadb. orm fhàilteachadh mar is 
còir. Irioslaichte 'an cridhe 's 'an inntinn, tha mi 
'toirt aoraidh 'us urraim dhut, 's ag aideach 'ad làthair 
nach 'eil annam ach duslach 'us luath. 'S e earbsa 
'ad mhathas a tha 'toirt dànadais dhomh tighinn a d' 
ionnsaidh, a chionn 's èiginn dhomh gabhail ris nach 
airidh air mi air sheòl sa bith. Thighearna, chdn 
fhiach mise gu^n tigeadh tu stigh fo m' fhardaich ; 
ach ahair am facal a mhàin, agus hithidh m' anam 
sàhhailte, 

URNAIGH AN DEIGH a' CHOMANACHAIDH 
DHEIREANNAICH. 

TAIJSTG 'us glòir dhut, Thighearna, a dheònaich 
'ad mhòr-chaoimhneas tighinn a shealltainn orm, 
agus furtachd a thoirt do m' anam fèumach. Leig le 
d' sheirbhiseach a nis triall ann an sith, a rèir d' 
fhacail. Thàinig thu a choimhead orm, agus cha 
dhealaich mi riut. A nis gabhaidh mi mo chead de'n 
t-saoghal gu toileach ; agus thèid mi 'd choinnimh-sa, 
a Dhia, le sòlas. 

losa chaoimh, cha dhealaich mi riut gu sìorruidh. 
Tha mi 'nise air mo dhlùthadh riut gu teann, annadsa 
bithidh mi beò, annadsa gheabh mi bàs, agus annadsa 
tha mi 'n earbsa 'bhi 'còmhnaidh gu bràch. 

Cha'n 'eil 's a' bheatha so ach trioblaid 'us anshocair; 
's e mo mhiann a bhi air m' fhuasgladh 's a bhi maille 
ri Orìosta. 

Ged a ghluaiseas mi ann ^n sgàil a' bhàis^ cha'n 



AN OLA DHEIREANNACH. 333 

èirich bèud dliomli, bho'n a tha thusa ann am chuid- 
eachda, a Thighearna. Mar a tha am fìadh an dèigh 
air uisge an fhuaraiu, mar sin tha m' anam 'an tòir 
orfc ; tha m' anam tarfcmhor 'an geall air òl à tobar na 
beatha. 

mo Dhia, c'uin a thèid mi 'd làthair ! losa, 
thoir do bheannachd dhomh, agus socraich m' anam 
ann an sith shiorruidh ; ann am f ois nach f haigh mi 
ach bhuatsa a mhàin; ann am fois nach cuir mo 
nàmhaid a dhifch orm. 

Is fhada leam gus am bi mi 'd chuideachda ann an 
sòlas siorruidh; is truagh nach robh m' anam aig fois; 
's ann annadsa, a Dhia, a tha sòlas righeachd fhlath- 
anais. 

Ciod e mo ghnothach-sa tuille Hs an t-saoghal ] 
Dè a tha bhuam ann am llathanas ach thusa, mo 
Dhia ? 'Ad lamhan-sa tha mi 'liubhairt nlo spioraid : 
losa, glac m' anam 'us thoir gu sòlas siorruidh e. 
Amen. 

URNAIGH ROMH'N OLA DHEIREANNAICH. 

OTHIGHEAEI^A losa Chriosta, tha thu ann ad 
mhòr-iochd a' freasdal oirnn le d' chuideachadh 
làidir anns gach gàbhadh 'us cunnart 'am bi simi : 
deònaich mise 'dhianamh toillteanach air na gràsan a 
tha fuaighte ris an t-sàcramaid a tha mi 'dol a ghlacail 
an dràsda. Dh'òrdaich thu sàcramaid na h-Ola Deir- 
eannaiche gu furtachadh air na daoine a tha'n dòruinn, 
agus ann an riafcanas àraid air fcaic agus air misnich ; 
tha mise deònach air an leigheas spioradail so 'ghlacail. 



334 AN OLA DHEIREANNACH. 

air son na crìche gus an do shònraich tliu i. Deòn- 
aich, a Thighearna, gu'n tig an t-ùngadh naomh so 
gu fèum dhomh, gu m' anam a leigheas bho na 
crèuchdan a dh'f hàg am peacadh air ; gus mo neart- 
achadh 'an aghaidh gach buairidh ; gu taic a dhianamh 
dhomh 'am thrioblaid, 's 'am dhòruinn ; agus, a rèir 
do thoile naoimh-sa, gu m' ullachadh gu bàs beann- 
aichte. Ma tha thu 'faicinn gu'm bi slàinte do m' 
chokiinn na 'cuideachadh gu m' anam a shàbhaladh, 
biodh so na 'mhiadhon gus a tilleadh ga m' ionnsaidh. 
Ach tha mi làn-striochdte do d' thoil naoimh. Is 
deònaiche mi air do thoil-sa 'dhianamh na 'bhi beò 
's an t-saoghal so. Dian rium a rèir 's mar a tha thu 
'faicinn a's fhèarr do m' anam. So aon iarrtas mo 
chridhe, do thoil-sa 'bhi diante. Thoir dhomh slàinte 
no easlainte, beatha no bàs, do thoil phriseil-sa gu'n 
robh diante, 's cha'n e mo thoil-sa. Is mutha an 
toilinntinn leam do thoil-sa 'bhi diante, na deich mile 
saoghal a bhi agam. Bu ghnothach àghor dhòmhsa 
na'n dianadh mo choluinn a thilgeadh a dh-ionnsaidh 
na h-ìirach as an d' thàinig i, dioladh air son nam 
fìachan a th' agad orm. Bha mo shiiilean fosgailte 
do ghòraiche ; bha mi 'toirt cluaise do chùlchainnt, 
do dhroch-cainnt, 's do chainnt dhiamhain ; bha mi 
'toirt as-onair dhut le m' theanga, 's le m' ana-meas- 
arrachd ; bha mo lamhan ag cur air 'aghart an uilc ; 
bha mo chasan ag giuasad 'an cèumannan na h-aimid- 
eachd. Leis an Ola Naoimh so, agus le urnaigh na 
h-Eaglaise, thoir dhomh mathanas, a Thighearna, 
anns gach peacadh a rinn mi le m' chèudan-corporra ; 
biodh na dorsan sin a leig am peacadh a stigh gu m' 



AN OLA DHEIREAXXACH. 335 

anam a nise dùinte air an t-saoglial so. Biodh nio 
shiiilean fosgailte dhutsa a nihàin ; biodh mo chluasan 
ag èisdeachd ri d' fhàintean ; biodh mo theanga gun 
tàmh ag iarraidh iochd agus tròcair ort. Direadh 
m'iirnaigh mar ìobairt thaitnich 'ad fhianuis ; biodh 
mo lamhan togte suas ri nèamh ag iarraidh mathanais 
'am pheacannan ; gkiaiseadh mo chasan 'ad shlighean, 
agus biodh mo chridhe na 'thèampull beò aig an 
Spiorad Xaomh. Ann ad lamhan, losa, air am 
beil gaol mo chridhe, tha mi 'liubhairt m'anma. 
Annadsa bithidh mi beò, annadsa gheabh mi bàs, 
annadsa ni mi còmhnaidh, agus annadsa tha mi 'n 
dòchas gu'n sealbhaich mi a' bheatha shìorruidh. 
Amen. 

URXAIGH AN DEIGH XA H-OLA DEIEEAS-XAICHE. 

OMO Dhia, is tusa 'chruthaich, a shàbhail, 's a 
naomhaich mi, 's a rinn fuasgladh orm ann an 
ioma cunnart 'us gàbhadh, a thaobh anma agus 
cohiinne. Bheathaich thu mi le Sàcramaid dhiadh- 
aidh do Chuirp, agus d' Ola priseile ; agus dheònaich 
thu dhòmh dleasnas na h-Eaglaise, ged is ioma h-aon 
a bu toillteanaiche na mi a fhuair bàs obann as 
'aonais. 

Air son nan gràsan so, 's nan tìodhlaicean mòra a 
bhuilich thu orm, tha mi 'toirt mòran tainge dhut ; 
tha mi 'tairgsinn mo chridhe dhut mar ìobairt-loisgte, 
seall air le tlachd 's le bàigh. Cha 'n iarr mi 'bhi 
saor bho m' anshocair ; bho'n is ann agadsa 'tha fios 
air an ni 'thig gu m' fhèum. Deònaicìi gu'm fuilig 



336 LEADAN DHAOINE TINNE. 

mi gun ghearan, 's gu'n giùlain mi gu foighidneach 
gacli crois agus trioblaid a thig bho d' làimh ; ma 's 
e do thoil bheannaichte mo choluinn lag a phianadh 
le barrachd cràidh 'us dòruinne na tha mi 'fulang 
an dràsda, Thighearna, tha mi toileach cur suas 
leis, agus a bhi striochdte do d' thoil naoimh anns 
gach nì. mo Dhia, èisd ri aon achanaich, 's i sin, 
gu'n tig am bàs orm ann an staid nan gràs, agus gu'm 
faigh mi, 'an dèigh trioblaid 'us anshocair na beatha 
so, seilbh ann an righeachd na glòire, gu 'bhi 'seinn 
do chliìi maille ris na I^aoimh ann an sòlas slorruidh. 
Atnen. 

LEADAN DHAOINE TINNE. 

ATHIGHEAEISrA, dian tròcair. 
A Chriosta, dian tròcair. 
A Thighearna, dian tròcair. 
A Naomh Mhoire, Guidh air a shon (son). 
'Ainglean 'us 'Ardainglean naomh uile, Guidhihh aii 

a shon (son). 
N. Abel, Guidh air a shon (son). 
A Chòisridh bheannaichte uile, Guidhihh Sfc, 
N. Abraham, Guidh^ ^c, 
N. Eoin-Bhaiste, Guidh, Sfc, 
K loseph, Guidh, Sfc. 
Athraichean 'us 'Fhàidhean naomh uile, Ouidhihli, 

^c. 
N. Peadar, Guidh, ^c. 
N. Pòl, Guidh, ^c. 
N. Aindris, Guidh, Sfc. 
¥. Eoin, Guidh, Sfc, 



LEADAN DHAOINE TINNB. 337 

'Ostala 's a Shoisgeulaiche naomh uile, Guidhihh, ^c, 
'Uile Dheisciobuile naomh an Tighearna, Guidhibh, 

Anaoidheana naonih uile, Guidhihh, ^c. 

N. Stephain, Guidhy &c. 

X. Labhruinn, Gicidh, ^c. 

A Mhairtirean naomh uile, Guidhihh, Sfc, 

K Silbhester, Guidh^ Sfc, 

^. Grigori, Guidh, ^c. 

IST. Uistein, Guidh^ ^c. 

'Easpuigean 'us 'Aidmheiliche naomh uile, Guidhihh, 

^c. 
N. Benedic, Guidh, ^c. 
E". Franse, Guidh^ ^c. 
A Mhanaichean agus 'Aonaranaich naomh uile, 

Giddhihhj ^c. 
K Moire Magdalen, guidh., ^c. 
N. Liùsaidh, guidh^ ^c. 
'Oighean 's a Bhantraichean naomh uile, Guidhihh, 

^c. 
A jS"aoimh 's a Bhan-naoimh Dhè uile, Dianaihh 

eadarghiiidhe air a shon (son). 
Bi tròcaireach, Dian fathamas ris (rithe), Thigh- 

earna. 
Bi tròcaireach, Saor e (i), Thighearna, 
Bi tròcaireach, 

Bho d' fheirg, g3 

Bho ghàbhadh a' bhàis, ^ 

Bho dhroch bhàs, X 

Bho phian ifrinn, ^ 

Bho gach olc, 'S' 

22 



^ 



338 URNÀIGH 'aN SPAIRN a' BÌIAIS. 

Bho chumliaclid an droch-spioraid, ^ 

As leth do Bhreith, § 

As leth do chroise 's do phàise, 
As leth do Bhàis agus do Thiodhlacaidh. -^ 

As leth d' Aiseirigh glòrmhoire, ^ 

As leth do Dheasghabhail mìorailtich, ^ 

As leth gràsan an Spioraid ISTaoimh an Comhfhurt- ^ 
air, ^' 

Air latha a' bhreitheanaiS; g 

Sinne na peacaich, g 

Debnaich èisdeacJid ruinn, ^ 

Thu 'bhi bàigheil ris (ritlie), 
Deònalch èisdeachd ruinn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn. 
A Chriosta; dian tròcair òirnn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn. 

Agus 'nuair a tha an t-anam ann an cruaidh spàirn a' bhàis, 
theirear : 

Dianamaid Urnaigh, 

IMICH as an t-saoghal so, anam Chriostail, ann 
an ainm Dhè an t-xithair uile-chumhachdach, a 
chruthaich thu : ann an ainm losa Chrìosta, Mac an 
Dè bheò, a dh' fhuilig air do shon : ann an ainm an 
Spioraid ]N"aoimb, leis an deach do naomhachadh : 
ann an ainm nan Aingeal agus nan Ardaingeal : ann 
an ainm nan Cathraichean agus nam Feartan ; ann 
an ainm nam Prionnsaichean agus nan Cumhachdan : 
ann an ainm nan Cherubim agus nan Seraphim; 
ann an ainm nan Athraichean-E'aomh agus nam Fàidh- 
ean; ann an ainm nan Ostal agus nan Soisgeulach 



URNAIGH *AN SPAIRN a' BHAlS. 339 

naomh ; ann an ainm nam Mairtirean agus nan aid- 
mheileacli naomh; ann an ainm nam Manach agus nan 
Aonaran naomh ; ann an ainm nan Oighean naomh, 
agus ISTaoimh agus Ban-naoimh Dhè uile ; an diugh 
biodh do thuinidh 'an sìth, agus do dhachaidh ann 
an Sion naomh. Tromh losa Crìosta ar Tighearna. 
Amen. . 

A Dhia na h-iochd, a Dhia na tròcaire, a tha le 
miad do bhàigh a' toirt a' pheacaidh air falbh leis an 
aithreachas, 's a tha 'leaghadh as nan ciontan a chaidh 
seachad ann am fìalachd do ghràs ; thoir sùil fhial air 
i^. so do sheirbhiseach (hlian-sheir'blnseacli), agus air 
ar n-iarraidh èisd ri 'achanaich (h-aclianaicli), a' sir- 
eadh le uile dhiirachd a chridhe (cridhe) mathanais 
na 'uile (h-uile) pheacannan. Leighis ann (innte), 
'Athair'^a tròcaire, gach ni a tha breòite le 
laigse shaoghalta, no truaillidh le ceilg an droch- 
spioraid, agus snaim e (i) ri corp d' Eaglais fhèin, 
mar bhall a chaidh a cheannach leat. Gabh truas, a 
Thighearna, ri 'osnaich (h-osnaich), gabh truas ri 
'dheòir fdeòir) : agus bho nach ann 'an ni sa bith 
eile, ach ann ad iochd-sa a tha bun a dhòchais 
(dòchais), thoir sìth dha (dhi) fo dhìomhaireachd do 
sgèithe. Tromh Chricsta ar Tighearna. Amen. 

Eis an Dia uile-chumhachdach tha mi ga d'earbsa, 
a bhràthair (phiuthar) ro-ghaolaich, agus ga d'liubh- 
airt dhàsan leis an leis thu mar chrèutair : air clior, 
's an uair a phàidheas tu leis a' bhàs dlighe do 
nàduir, gu'n till thu ris an Ti a chruthaich thu, agus 
a dhealbh thu à criadh an talmhainn. A' talbh as a' 
choluinn, ma ta, gu'n? b' e cuideachd gheal nan 



340 Urnaigh 'an spairn a* bhais* 

Aingeal a chòmlilaicheas d' anam : gu'm b' e ctiif t 
nan Ostal le 'm fàilt shèimh. a thig 'ad fhianuis : 
gu'm b' e armailte buadhach nan geal IMhairtirean a 
thig 'ad dhàil : gu'm b'iad na h-Aidmheilich, cruinn 
inar lilidh geal, a dh'iadhas umad : gu'm b' e co- 
sheirm èibhinn nan Oighean a ghabhas greim dhiot, 
agus a bheir gu fois shaibhir thu ann am broilleach 
nan athraichean naomh ; gu'm b' ann le aoigh agus 
gean na 'aodann a nochdar dhut losa Crìosta, ga d' 
ghairm 'am fochair a chàirdean : gu'm bu fada bhuat 
gach nì a dhiolar 'an dorchadas, a smachdaichear 's 
an teine, 's a dhìtear gu dòruinn shìorruidh : gèill- 
eadh dhut Sàtan an uilc, maille ri 'chombaich : crith- 
eadh e romh d' thigheachd 'am naeasg nan Aingeal : 
teicheadh e le f uathas gu 'aibheis dhuibh, shìorruidh 
fhèin. Eireadh Dia, 's biodh a naimhdean air an 
sgapadh : teicheadh a luchd-fuath as 'fhianuis, 
meathadh iad as mar an deathach ; mar a leaghas a' 
chèir ri aodann an teine, caitheadh na peacaich as 
'an làthair Dhè : ach aig na daoine-cearta biodh 
cuilm, biodh aighir 'an làthair Dhè. Mar sin le 
fìamh air an gonadh biodh ceathairne an dorchadais, 
agus aig gaisreadh Shàtain na biodh de dhànadas 
ceap-aimhleis a chur 'ad shlighe. Saoradh Criosta 
thu bho phèin, a chèusadh air do shon ; saoradh 
Crìosta thu bho bhàs siorruidh, a dheònaich am bàs 
fhulang air do shon ; suidhicheadh Crìosta, Mac an 
Dè bheò, thu ann am pàras àilHdh nan sèud; cunnt- 
adh am Buachaille firinneach ud thu 'an àirimh a 
thrèud. Glanadh e thu bho d' pheacannan gu lèir, 
agus am measg a dhaoine-taghte tilgeadh e do 



URNAIGH 'aX SPAIRX a' BHAIS. 341 

clirarinclnir : gu!m V aim aghaidh ri aghaidh a chl 
thu do SHànair, agns gu bràch gn'm b' ann a bhios 
do shiiil shona ag coimhead air fnaran àghor na 
firinne, agus gu'm b' ann 'an comunn nan Xaomh a 
lèumas d' anam le sòlas fo dhèarrsadh an t-soluis 
shìorruidh. Amen. 

Thoir, Thighearna, do sheirbhiseach (bhan- 
sheirhJiiseach) gu ionad na beatha, ris am beil a 
dhùil (duil) bho d' thròcair. 

E. Aìnen. 

Saor, Thigheama, anam do sheirbhisich (hhan- 
sheirhhisich), bho uile chunnartan iuthaina, bho'n a 
h-uile pèin, 's bho'n a h-uile truaighe. 

K. Amen. 

Saor, Thighearna, anam do sheirbhisich (hhan- 
sheirhhisich), mar a shaor thu Enoch agus Elias bho 
bhàs cumanta chlann-daoine. 

R. Araen. 

Saor, Thighearna, anam do sheirbhisich {hhan- 
sheirhhisich), mar a shaor thu Xoà bho'n tuil. 

E. Amen. 

Saor, Thigheama, anam do sheirbhisich (hhan- 
sheirhhisich), mar a shaor thu Abraham bho Ur nan 
Caldèàch. 

E. Aììien. 

Saor, Thigheama, anam do sheirbhisich (hhan- 
sheirhhUich), mar a shaor thu lob bho 'uile dhòr- 
uinnean. 

E. Amen. 

Saor, Thigheama, anam do sheirbhisich (hhan- 
sheirhhisich), mar a shaor thu Isaac bho 'bhi na 
'ìobairt fo làimh 'athar. 



342 URNAiGH 'an spairn a' bhAis. 

R. Amen. 

Saor, Thigheama, anam do sheirbhisich {Ijhan' 
slieirhhisicJi), mar a shaor thu Lot bho Shodom 's 
bho lasraichean teine. 

E. Amen, 

Saor, Thighearna, anam do sheirbhisich (hhan- 
sheirhhisich), mar a shaor thu Maois bho làimh 
Phàrao righ na h-Eiphit. 

E. Amen. 

Saor, Thighearna, anam do sheirbhisich {hhan- 
sheirhhisich), mar a shaor thu Daniel bho shloc 
nan leomhan. 

R. Amen. 

Saor, Thighearna, anam do sheirbhisich {hhan- 
sheirhhisich), mar a shaor thu an triiiir chloinne bho *n 
àmhuinn theine, 's bho làimh an droch righ. 

R. Amen. 

Saor, Thighearna, anam do sheirbhisich (hhan- 
sheirhhisich), mar a shaor thu Susanna bho aithis 
bhrèige. 

R. Amen. 

Saor, Thighearna, anam do sheirbhisich {hhan- 
sheirhhisich)^ mar a shaor thu Dàbhaidh bho làimh 
righ Sàl agus Gholiah. 

R. Amen. 

Saor, Thighearna, anam do sheirbhisich (hhan- 
sheirhhisich), mar a shaor thu Peadar 'us Pòl bho 
pliriosan. 

R. Amen. 

Agus mar a shaor thu an òigh 's a' bhana-mhairtir 
bheannaichte Tecla bho thrì dòruinnean cruaidhe, 



URNAiGH 'an spairn a' bhais. 343 

amliuil sin deònaich anam do sheirbhisich {blian- 
slieir'bìiisicìi) so a shaoradh, agus a chur {cur) maille 
riut ann an seilbh na beatha siorruidh. 
E. Amen, 

Dianamaid ùrnaigK 

THA sinn ag earbsa riut, Thighearna, anam do 
sheirbhisich {hhan-slieir'bMsicli) IN". agus 'se ar 
n-achanaich riut, losa Chriosta, a Shlànair an 
t-saoghail, nach diiilt thu an t-anam so, a thàinig 
thu 'shireadh gu tròcaireach gu talamh, a chur an 
asgail nan Athraichean-]^aomh. Gabh, a Thigh- 
earna, ri 'anam (Ji-anam), a chaidh a chruthachadh, 
cha'n ann le diathan eile, ach leatsa an t-aon Dia beò 
agus firinneach : oir Dia eile cha'n 'eil ann ach thusa, 
agus fear do ghniomh cha'n 'eil ri 'fhaotainn. Thoir 
sòlas do'n anam so na d' làthair, na cùm cuimhne 
air a sheann (seann) chiontan, no air a' mhisg a 
dh'fhaodadh droch thogradh a lasadh na 'inntinn 
(h-inntinn). Ge do dh-èirich dha (dhi) am peacadh 
a dhianamh, cha d'àicheadh leis (leatha) an t-Athair, 
's am Mac, 's an Spiorad Naomh, ach chreid e (J) 
annta, 's bha èud diadhaidh na 'chridhe (cridhe)^ 
agus do'n Dia a rinn gach ni thug e (i) aoradh gu 
dligheach. 

Dianamaid ùrnaigJi. 

E'a agair air (oirre)^ tha sinn ag guidhe ort 
Thighearna, peacannan na h-òige agus an aineolais ; 
ach a rèir do mhòr-thròcaire fhèin bi cuimhneach 
air a leas ann an sohis do ghlòire. Fosgladli 



344 URNAIGH 'aN SPAIRN a' BHAIS. 

flathanas roimhe (roimpe) ; biodh toilinntinn air na 
h-Ainglean. Gu d' righeachd, a Thighearna, gabh 
do sheirbhiseach (bhan-sheirhhiseach). Gabhadh 
!N"aonih Micheil Ardaingeal Dhè aig am beil ceann- 
feadhnas air feachd fhlathanais, greim dheth (dhi), 
Ka 'choinnimh ('coinn-) thigeadh Aingiean Dhè agus 
thugadh iad e (i) gu baile glòrmhor leriisaleim. 
Cuireadh an t-Ostal Peadar beannaichte, a fhuair bho 
Dhia iuchraichean fhlathanais, furan air (oirre). 
Dianadh ]N"aomh Pòl, a thoiU a bhi na 'shaghach 
taghte, a chòmhnadh (còmh-). Biodh naomh Eoin, 
an t-Ostal ionmhuinn a fhuair sealladh air dìomhair- 
eachd fhlathanais, na 'eadarghuidhear air a shon 
(son). Dianadh na !N"aoimh air fad agus daoine- 
taghte Dhè, a dh' fhuilig anns a' bheatha so dòruinn 
air son Chriosta, eadarghuidhe air a shon (son). Air 
chor 's gu'm faod e (i) 'an dèigh bristeadh à priosan 
na feòla, ruighinn air glòir righeachd fhlathanais, le 
comaradh losa Chriosta ar Tighearna. A tha beò 's a' 
riaghladh maiUe ris an Athair, agus ris an Spiorad 
Xaomh, bho shaoghal gu saoghal. Amen. 

Nuair a chaochlas e (i), theirear. 

Thigibh, a N'aomha Dhè uile, thigibh uile Ainglean 
an Tighearna, agus glacaibh 'anam (a h-anam), agus 
thugaibh e 'an làthair an Ti a's àirde. 

Y. Gu'm b'e Criosta a rinn do ghairm a ghabhas 
greim dhiot; gu'm b' iad na h-Ainglean a ghlacas 
tu, agus a chuireas an uchd Abrahaim thu, 's 'an 
làthair an Ti a's àirde. 

K. Glacaihh ^anam (a h-anam). 



URNATGH 'aN SPATRN a' BHAIS. 345 

V. Fois shlorraidli thoir dha {dhi) a. Thighearna, 
agus solus nach dìbir dèarrsadh air (oirre). 

R. Thugaihh e ^an làthair an Tì a^s àirde. 

A Thighearna, dian trocair òirnn. A Chriosta, dian 
trocair òirnn. A Thighearna, dian trocair òirnn. 

Ar n-Athair, &c. (le guth ìosal). 

V. 'S na leig ann am buaireadh sinn. 

E. Ach saor sinn hho ^n olc. 

V. Fois shìorruidh thoir dha (dhi) a Thighearna. 

R. Agus solus naoh dìhir dearrsadh air (oirre), 

Y. Bho dhorsan ifrinn. 

R Teasraig ^anam (a h-anam), Thighearna, 

Y. A Thighearna, èisd ri m' achanaich. 

R. Agus gu dC ionnsaidh thigeadh mo ghuth, 

Y. Gu'n robh an Tighearna maille ribh. 

E. Agus ri d^ spiorad-sa. 

Dianamaid ìirnaigh, 

Eiutsa, a Thighearna, tha sinn ag earbsa anam do 
sheirbhisich (hhan-) N. gu 'bhi maireann maille riut 
'an dèis a' bheatha so a thrèigsinn : agus na ciontan 
a rinn e (i) na 'bheatha (^heatha) le laigse a nàduir, 
glan thusa bhuaithe (hhuaipe) na d' mhòr thròcair. 
As leth losa Chriosta ar Tighearna. Amen. 



346 LEADAN AIR SON NAM MARBH. 



AIE SO:Nr NAM MAEBH. 

LEADAN AIR SON NAM MARBH. 

ATHIGHEAE:N"A, dian tròcair òirnn. 
A Chriosta, dian tròcair òirnn. 
A Thighearna, dian tròcair òirnn. 
'losa, èisd ri'r n-ùrnaigh. 

A Thighearna losa, thoir dhuinn ar n-achanaich. 
Dhia Athair, a Chruthadair an t-saoghail, 
Dian tròcair air anmannan nam marhh-chreideacK 
Dhia a Mhic, a Shlànair a chinnidh-dhaonda, 
Saor anmannan nam marhh-chreideach, 
Dhia a Spioraid J^aoimh, a ni foirfe na daoine 

taghte, 

Coimhlion sblas nam marhh-chreideach. 
Thrìonaid naomh, aon Dia ann an trì pearsachan, 
Thoir fois do dh-anmannan nam marhh-cJireideach. 
'Oigh Moire bheannaichte, a chaidh a thoirt siias 

gu buadhor gu rìgheachd do Mhic, tromh ghràsan 

sònraichte, 

Guidh air son anmannan nam marhh-chreideach. 
'Ainglean beannaichte, a rinn fèum math de 

chiad ghniomh ur toile, 's a fhuair seilbh air ^"^ 

sonas neo-chaochlaideach. £ 

'Athraichean beannaichte, a bha air ur lìonadh g^ 

le sòlas an uair a thug Slànair a chinnidh-dhaonda i^ 

f uasgladh dhuibh as a' phrìosan anns an robh sibh ^ 

fada fo chuibhrichean. 



LBADAN AIR SON NAM MARBH. 347 

'Fhàidhean beannaiclite, a bha, 'an dèigh feith-. 
eamh le faighidin air teachd a' Mhessìa air ur 
lionadh le aoibhneas le e-fhèin a thighinn gu'r 
sealltainn. 

A I^aoimh beannaichte, a chaidh, aig aiseirigh ^ 
ghlòrmhoir ar Slànair, a thoirt à Limbo gu làth- g^- 
aireachd shoilleir Dhè. g;; 

'Ostala beannaichte, a shuidheas air an latha Ì^ 
ghàbhaidh, dheireannach, air dà chathair dhiag, a g^ 
thoirt breith air dà thrèubh dhiag Israeil. ^ 

A Dheiscioble beannaichte ar Tighearna, a lean | 
a chèumannan naomh ann an rathad cumhang ^ 
na foirfeachd. § 

A Mhairtirean beannaichte, a chaidh romh | 
mhuir ruadh ur fala fhèin, 's gun fhuireach ri dol § 
romh ànradh an fhàsaich, a chaidh direach do ^ 
thalamh a' ghealltanais. S 

'Aidmheiliche beannaichte, a chuir suarach ^ 
faoineis an t-saoghail, 's a leag ur n-ìnntinn gu | 
h-iomlan air aoibhneas fhlathanais, 's a tha 'n 3^ 
làn-sheilbh ur miann. ^ 

'Oighean beannaichte, a bha a ghnàth na'r fair- 5" 
eachadh a' feitheamh le ur lòchrain uidheamaichte §• 
air ciad-thighinn fhir-na-bainse, gu dol a stigh g 
leis thun na cuirme. §^ 

A jN^aoimh beannaichte gu lèir, a bha làn 
iomchuidh, le 'bhi saor bho ghaol mi-riaghailteach 
gach nì cruthaichte, gu dol gun dàil 'an cuideachda 
ur Cruthadair. 

Bi tròcaireach, Thighearna, 

Agus math am peacannan.^ 



348 LEADAN AIR SON NAM MARBH. 

Bi tròcaireach, Thighearna, 

Agus tisd riW n-urnaighean. 

Bho sgàil a' bhàis far am beil iad na'n suldne, gun Ì 
dealradh solus do ghnùise, * 

Saor iad, Thighearna, 

Bho'n a h-uile olc a bheir am fein-thoileachadh 
's an t-saoghal so orra 's an ath-shaoghal, 

Bho d' mhighean a bhrosnaich iad le'n dearmad, 
's le 'm mi-thaingeileachd, 

Bho phian Phurgadair a leag do cheartas orra, 
air son am peacannan neo-dhiolte, 

Bho dhòruinnean na's truime gun choimeas na gJ 
na piantan a's cràitiche 's a' bheatha so, ^ 

Bho'n phriosan as nach tigear, gus am pàidhear §• 
am fàirdein deireannach, i^ 

As leth lionmhoiread do thròcairean, a tha O 
daonnan iochdor ri laigse-nàduir. S 

As leth feart do Chroise, air an d' rinn thu ^- 
rèite eadar an saoghal agus d' Athair, §" 

As leth do Thèarnaidh bhuadhoir gu ifrinn, gu | 
cuibhrichean a' bhàis a bhristeadh, S 

As leth d' Aiseirigh ghlòrmhoir bho 'n uaigh, gu 
righeachd nèamh fhosgladh, 

As leth do Dheasghabhail bhuadhoir gu flath- 
anas, a thoirt braighdeanais 'an daorsa, 

As leth do Thigheachd ghàbhaidh a thoirt 
breith air an t-saoghal. 

Sinne na peacaich, 

Deònaich èisdeachd ruinn, 

Gu'm b'e do thoil an lath' a luathachadh air an 
saorar do chreidich bho thuinidh a' bhròin, 



LÈABAN AlR SON NAM MARBH. 349 

Gu'm b*e do thoil tìm an diolaidh a ghiorrach- 
adh, 's an gabhail a stigh gn luath gu d' ionaid- t^ 
naomh air nèamh, o^ 

Gu'm b'e do thoil, as leth iirnaighean 'us | 
deagh-ghniomhannan diante na d' Eaglais, an g^ 
gabhail a stigh gu d' phàilliunan siorruidh, c^v 

Gu'm b'e do thoil luaidheachd uile-luachmhor Ej 
d' ìobairte a ghabhail mar dhìoladh air son am g 
peacannan, g] 

Gu'n dian sealladh beannaichte losa f urtachadh ^ 
orra, 's gu'n dealraich a ghlòir neo-chaochlaideach g- 
orra, .^ 

A ]\Ihic Dhè, 

Deònaich èisdeaclid ruinn. 

'Uain Dhè, a thig ann an glòir a thoirt breith- 
eanais air bheò 's air mhairbh, 

Thoir fois do dh-anmannan nam marhh-chreideach, 

'Uain Dhè, a bheir crith air an talamh, 's a bheir 
air na spèuran leaghadh na d' fhianuis, 

Thoir fois do dh-anmannan nam marhh-chreideach. 

'Uain Dhè, aig am beil ainmeannan nan daoine- 
taghte sgribhte ann an leabhar-na-beatha, 

Thoir fois shìorruidh do dh-anmannan nam 
mar'bh-chreideach. 

Ant, Thighearna, saor sinne agus do chreidich 
gu lèir air an là uamhasach sin, an uair a thig dorch- 
adas air a' ghrèin agus air a' ghealaich, agus a thuiteas 
na rèultan bho nèamh ; air là na truaighe, air an là 
ghàbhaidh sin, an uair a chritheas nèamh agus talamh, 
's a thig losa le mòrachd ghlòrmhoir, 's le Ainglean 
gun airimh a thoirt breith air an t-saoghal le teine. 



350 LEADAN AIR SON NAM MARBH. 

V. Thighearna, tiarainn sinn air an latha eag- 
alach sin. 

E. Agus cuir maille ris na daoine beannaichte 
sinn air do làimh dheis gu sìorruidh. 

V. Thighearna, èisd ri m' urnaigh. 

E. Agus gu d'ionnsaidh thigeadh mo ghuth. 

Dhia shiorruidh, a thug fàinte do gach aon eJ 
charrantachd a chleachdadh, ach a dh' òrdaich urram 
sònraichte a thoirt do phàrantan, do chàirdean, 's 
do na h-uile neach a ni fèum dhuinn ; deònaich 
bho'n is iad a thug a dh-ionnsaidh an t-saoghail 
sinn, 's a rinn ioma còmhnadh ruinn, gu'n coisinn 
ar n-achanaich dhaibh a bhi gun dàil air an saoradh 
bho dhòruinn, 's an rathad fhaotainn rèidh gu sòlas 
sìorruidh ; tromh losa Criosta ar Tighearna. Amen. 

Thighearna, a tha làn gliocais 'us tròcaire ! le d' 
òrdugh-sa cha'n 'eil sinn anns a' bheatha so ach air 
turus gu siorrachd ; cha d' thug thu dhuinn comas 
aithreachas a dhianamh ach anns an t-saoghal so a 
mhàin, 's tha dòruinn no sòlas agad a' feitheamh 
oirnn 's an ath-shaoghal a rèir ar caithimh-bheatha : 
deònaich dhuinne a tha fhathasd beò, agus comasach 
air rèit a dhianamh riut, gràsan a stiuireas sinn gun 
seachran air an t-slighe dhirich gu flathanas, los nach 
bi peacadh, no dith uidheamachaidh òirnn aig an 
uair dheireannaich, ach an uair a thèid ar coluinnean 
sios do'n uaigh gu'n tèid ar n-anmannan suas gu d' 
ionnsaidh a ghabhail còmhnaidh ann an àros na 
sithe 's an t-sòlais shiorruidh ; tromh losa Criosta ar 
Tighearna agus ar Slànair. Amen. 



CONAIR AIR SON NAM MARBH. 351 

Vrnaigh air son nam Marhh-ChrGÌdeach gu 
h-iomlan, 

ODHIA, a Chruthadair, agus a Shlànair nau 
creideach gu lèir, thoir do dh-anmannan do 
sheirbhiseachlàn-mhathanas 'n ampeacannan, 's biodh 
iad air an saoradh bhuapa mar is deònach leo, tromh 
thoradh d' achanaiche diadhaidh-sa, a tha beò 's a' 
riaghladh fad shaoghal nan saoghal. Amen. 

CONAIR AIR SON NAM MARBH-CHREIDEACH. 

Laghaidh, 

i. 7 bhadhna 's 7 cargliuis air son nan gniomh creidimh, 
dbchais, agus gràidh, agus 300 latha air son gach uair a 
theirear ; A chridhe chaoimh, &c. 

So air a' clirois : — 
Paidir 'us Beannachadh Moire. 

So air a Ji-uile Griogaig Mhòir : — 

Fois shìorruidh thoir dhaibh, a Thighearna, agus 
solus siorruidh dearrsadh orra. 

Tha mi 'creidsinn annad, a Dhia, a chionn gur tu 
an Fhirinn fhèin. 

Tha mi 'cur mo dhòchais annad, a chionn gu'm 
beil thu uile-mhathasach. 

Tha mi 'toirt gaoil dhut le m' uile chridhe, agus 
os cionn a h-uile ni, a chionn gur tu am mathas 
fhèin, agus air son do ghaoil-sa tha mi 'toirt gaoil 
dh'am choimhearsnach mar dhomh-fhèin. 



352 URNAIGHEAN AIR SON NAM MARBH, 

So air a li-uile Griogaig Bhig : — 

A Chridhe Chaoimh Moire, bi 'd aobhar-sàbhalaidh 
dhomh. 

Agus mar cheann-fìnide air d chonair^ ahair : — 

Paidir 'us Beannachadh Moire. 



URNAIGHEAN AIR SON NAM MARBH. 
100 latha laghaidh aon uair 's an latha. 

Didònaich. 
THIGHEAEISrA a Dhia Uile-chumhachdaich, 







guidhim ort, as leth na Fala Prìseil a dhòirt 
losa do Mhac diadhaidh anns a' ghàradh, saor na 
h-anmannan a tha 'am Purgadair, agus gu sònraichte 
an t-anam sin a's oirchiosaiche dhiùbh ; agus deòn- 
aich a thoirt gu d' ghlòir, gu 'bhi 'an sin a' toirt 
molaidh 'us beannachaidh dhut gu siorruidh. Amen. 
Ar n-Athair. Fàilte, As an doimhneachd (sh 

Diluain. 

Thighearna a Dhia Uile-chumhachdaich, guidh- 
im ort, as leth na Pala Priseil a dhòirt losa do 
Mhac diadhaidh, le a sgiùrsadh goirt, saor na 
h-anmannan a tha 'am Purgadair, agas gu sònraichte 
an t-anam sin dhiùbh a's faisge air dol a stigh gu d' 
ghlòir, los gu'n grad-thoisich e air a bhi 'toirt mol- 
aidh 'us beannachaidh dhut gu siorruidh. Amen. 

Ar n-Athair. FàiUe. As an doimhneachd. 



URNAIGHEAN AIR SON NAM MARBH, 353 

Dimàirt, 

Thighearna a Dhia Uile-chumhachdaich, guidh- 
im ort, as leth na Fala Priseil a dhòirt losa do 
Mhac diadhaidh le 'Chrtinadh gu goirt le droigheann, 
saor na h-anmannan a tha 'am Purgadair, agus gu 
sònraichte am f ear sin dhiùbh air am bu deireannaiche 
a thigeadh ionad-nam-pian sin fhàgail, los nach bi a' 
mhoille cho mòr gus am bi e 'toirt molaidh 'us beann- 
achaidh dhut gu siorruidh. Amen. 

Ar n'AthaÌ7\ Fàilte. As an doimhneachd, 

Diciadaoin, 

Thighearna a Dhia Uile-chumhachdaich, guidh- 
im ort, as leth na Fala Priseil a dhòirt losa do 
Mhac diadhaidh air feadh shràidean lerùsaleim ag 
giiilan na croise air a ghuailnean naomh, saor na 
h-anmannan a tha'am Purgadair, gu sònraichte am fear 
sin dhiiibh a's pailte de thoillteanas 'ad làthair ; los, 
air a' chathair ghlòire sin a tha a' feitheamh ris gu'n 
àrd-mhol agus gu'm beannaich e thu gu siorruidh. 
Àmen. 

Aì' n-Athair. Fàilte. As an doimhneachd, 

Diordaoin. 
Thighearna a Dhia Uile-chumhachdaich, guidh- 
im ort, as leth Corp agus Fuil Phriseil losa do Mhac 
diadhaidh, a thug e le a làimh fhèin mu'n d' fhuilig 
e dh'a Ostail ionmhuinn ga 'bhi dhaibh mar bhiadh 
's mar dhibh, agus a dh' fhàg e aig 'Eaglais fhein gu 
h-iomlan gu 'bhi na 'shior-iobairt agus na lò]i-beatha 
dh'a chreidich fhèin, saor na h-anniannan a tha 'am 
23 



354 URNAIGHEAN AIR SON NAM MARBH. 

Purgadair, agus gu sònraichte am fear sin dhiiibh a 
bu deòthasaiche mu mhistire so a' ghaoil neo-chrioch- 
naich; los maille ris a' Mhac dhiadhaidh chiadna 
sin agus maille ris an Spiorad Kaomh, gu'm bi e, a 
thaobh do ghaoil 's a' mhistire, a' toirt cliìi dhut 'an 
glòir shiorruidh. Amen. 

Ar n-Athair, Fàilte. As an doimhneachd, 

Dihaoine. 

Thighearna a Dhia Uile-chumhachdaich, guidh- 
im ort, as leth na Fala Prìseil a dhòirt losa do 
Mhac diadhaidh coimir an latha an diugh air iiodh 
na croise à 'lamhan 's à 'chasan naomh, saor na 
h-anmannan a tha 'am Purgadair, agus gu sònraichte 
an t-anam sin a's mutha 'tha e mar fhiachaibh orm 
guidhe air a shon ; los nach ciim mise le dearmad e 
bho 'bhi a' toirt cliii dhut 'ad ghlòir agus ga d' bheann- 
achadh gu sìorruidh. Amen. 

Ar n-Athair, Fàilte, As an doimhneachd, 

Disathurna. 

Thighearna a Dhia Uile-chumhachdaich, guidh- 
im ort, as leth na Fala Priseil a thaom à Taobh do 
Mhic dhiadhaidh losa 'an làthair a Mhàthar agus a 
chràidh gu ro-ghoirt i, saor na h-anmannan a tha 
'am Purgadair, agus gu sònraichte ani fear sin dhiiibh 
uile a bu deòthasaiche uimpe-se; los gu'm buannaichd 
e gun dàil do ghlòir, 'an sin gu 'bhi 'toirt molaidh 
dhut innte-se agus dhithse annadsa^ fad shaoghal 
gun chrich. Amen. 

Ar n-Athair. Fàilte. As an doimhneachd. 



FRBAGAIRT NA H-AIFRINN. 355 



FEEAGAIET NA H-AIFEINN, 

A Chlèirich, na biodh an leabhar-Aifrinn agiis tu-fhèin 
air an aon taobh de *n altair ; ach, an uair a bhios an leabhar 
air an darna taobh, bi thusa air an taobh eile. Agus a rèir 
sin tòisich air freagairt air làimh chli an t-sagairt. 

Sagart. Introibo ad altare Dei. 

Cleireach. Ad Deum, qui Isetificat juventutem 
meam. 

S. Judica me, Deus, et discerne causam meam de 
gente non sancta ; ab homine iniquo, et doloso erue 
me. 

C. Quia tu es, Deus, fortitudo mea ; quare me 
repulisti, et quare tristis incedo, dum affligit me 
inimicus ì 

S. Emitte lucem tuam, et veritatem tuam ; ipsa 
me deduxerunt, et adduxerunt in montem sanctum 
tuum, et in tabernacula tua. 

C. Et introibo ad altare Dei ; ad Deum qui laeti- 
fìcat juventutem meam. 

S. Confìtebor tibi in cithara, Deus, Deus meus ; 
quare tristis es anima mea, et quare conturbas me'? 

C. Spera in Deo, quoniam adhuc confìtebor ilH ; 
salutare vultus mei, et Deus meus. 

S. Gloria Patri, et Filio, et Spiritui Sancto. 

C. Sicut erat in principio, et nunc, et semper, et 
in saecula saeculorum. Amen. 

S. Introibo ad altare Dei. 

C. Ad Deum, qui Isetificat juventutem meam. 



356 FREAGAIRT NA H-AIFRINN. 

S. Adjntorium nostruni in nomine Domini. 

C. Qui fecit coelum et terram. 

S. Confìteor Deo, &c. 

C. Misereatur tui omnipotens. Deus, et dimissis 
peccatis tuis, perducat te ad vitam aeternam. 

S. Amen. 

C. Confìteor Deo omnipotenti, beatse Mariae semper 
Yirgini, beato Michaeli Archangelo, beato Joanni 
Baptistse, panctis Apostolis Petro et Paulo, omnibus 
sanctis, et tibi Pater, quia peccavi nimis cogitatione^ 
verbo et opere (huail d' uchd trì uairean ag radh) 
mea culpa, mea culpa, mea maxima culpa. Ideo 
precor beatam Mariam semper Yirginem, beatum 
Michaelem Archangelum, beatum Joannem Bap- 
tistam, sanctos Apostolos Petrum et Paulum, omnes 
sanctos, et te, Pater, orare pro me ad Dominum 
Deum nostrum. 

S. Misereatur vestri, &c. 

C. Amen. 

S. Indulgentiam, absolutionem, &c. 

C. Amen. 

S. Deus tu conversus vivifìcabis nos. 

C. Kt plebs tua Isetabitur in te. 

S. Ostende nobis, Domine, misericordiam tuam 

C. Et salutare tuum da nobis. 

S. Domine, exaudi orationem meam, 

C. Et clamor meus ad te veniat. 

S. Dominus vobiscum. 

C. Et cum spiritu tuo, 

S. Kyrie Eleison. 

0. Kyrie Eleison. 



FREAGATRT NA H-ATFRINN. . 357 

S. Kyrie Eleison. 
C. Christe Eleison. 
S. Christe Eleison. 
C. Christe Eleison. 
S. Kyrie Eleison. 
C. Kyrie Eleison. 
S. Kyrie Eleison. 
S. Dominus vobiscum. 

C. Et Gum spiritu tuo. Ma their e, Electamus 
genua, abair^ Levate. 

An uair a sguireas lèughadh na Litreach, abair^ Deo 
gratias. Agus beagan 'an dèigh sin, atharraich an leabhar, 
a' dol air do leth-ghlùn deas anns an dol seachad. Bheir 
thu cromadh beag air do cheann mar onoir do dh-ainm losa 
an uair a chluinneas tu e ; agus do thoiseach 's do dheireadh 
an t-Soisgeil. 

S. Dominus vobiscum. 

C. Et cum spiritu tuo. 

S. Sequentia sancti Evangelii, &c. 

C. Gloria tibi Domine. 

An uair a sguireas an Soisgeul, abair, Laus tihi Christe. 
An uair a chì thu a' chailis ga 'rusgadh, glac am fìon ann ad 
làimh dheis agus an t-uisge 'ad làimh chlì. Agus cho luath 
's a bheir thu seachad am fion, glac an t-uisge 'ad làimh 
dheis, agus beir air an f hìon bho 'n t-sagart 'ad làimh chli : 
'an dèigh am fìon a chur seachad, dòirt uisge air meoir a' 
phears'-eaglais ; fìll air oisinn na h-altarach an t-anart beag a 
tha 'n sin gu meòir an t-sagairt a thiormachadh ; agus 
theirig a rithisd air do ghlùn far an robh thu roimhe. 

S. Orate fratres. 

C. Suscipiat Dominus sacrifìcium de manibus tuis 
ad laudem et gloriam nominis sui, ad utilitatem 
quoque nostram, totiusque Ecclesiae suae sanctae. 



358 FREAGAIRT NA H-AIFRINN. 

S. Per omnia ssecula saeculorum. 

C. Amen. 

S. Dominus vobiscum. 

C. Et cum spiritu tuo. 

S. Sursum corda. 

C. Habemus ad Dominum. 

S. Gratias agamus Domino Deo nostro. 

C. Dignum et justum est. 

An uair a chluinneas tu, Sandus, sandus, sandus, buail 
an clag. Buail a rithisd e an uair a cliì thu an sagart a* 
sgaoileadh a lamhan air uachdar na cailise. 

Buail an treas uair e 'an àm togail an arain agus ua 
cailise, 's tu air do ghlùn làmh ris an t-sagart, a' togail iochd- 
ar na chasuhuil no'n èididh-uachdaraich k d' laimh chli. 
Agus uair sa bith a bhios tu a' dol seachad air an altair, 
theirig air do ghlùn a thoirt onair do 'n t-Sàcramaid. 

S. Per omnia ssecula saeculorum. 

C. Amen. 

S. Et ne nos inducas in tentationem. 

C. Sed libera nos a malo. 

S. Per omnia ssecula saeculorum. 

C. Amen. 

S. Pax Domini sit semper vobiscum. 

C. Et cum spiritu tuo. 

Cho luath 's a chì thu gu'n do ghabh an sagart a chom- 
aine, èirich a thoirt fìona agus uisge dha mar a thug thu 
roimhe. 'S ma tha luchd-comaine anii, gabh a' Chonfiteor 
aii an son ; sgaoil air am bialaobh tubhailte na comaine ; 
atharraich an leabhar gu ceann eile na h-altarach ; agus an 
sin tog an tubhailte bho'n luchd-comaine, agus theirig gus 
an t-àite 'an robh thu roimhe. 

S. Dominus vobiscum. 



FRBAGAIRT NA H-AIFRINN. 359 

C. Et cnm spiritn tuo. 

S. Per omnia ssecula sasculorum. 

C. Amen. 

S. Domiuus vobiscum. 

C. Et cum spiritu tuo. 

S. Ite, missa est, no Benedicamus Domino. 

C. Deo gratias. 

(An uair a bhios an aifrionn air son nam marblL) 
S. Eequiescant in pace. 
C. Amen. 

Ma dh' fhàgar an leabhar fosgailte, na dian dearmad air 
'atharrachadli, agus anns an dol seachad theirig air do gblùn 
air bialaobh a' phears'-eaglais gus a bheannachd fhaighinn 
còmhla ri càch. 

'An Aifrinn Easbuig. 

S. Sit nomen Domini benedictum. 

C. Ex hoc nunc et usque in sseculum. 

S. Adjutorium nostrum in nomine Domini. 

C. Qui fecit coelum et terram. 
S. Pater, et Filius, et Spiritus Sanctus. 
C. Amen. 

S. Dominus vobiscum. 
C. Et cum spiritu tuo. 

S. Initium no Sequentia sancti Evangelii, &c. 
C. Gloria tibi, Domine. 

An uair a sguireas e, abair, Deo gratias. An sin cui: a? 
na coinnlean, agus paisg gach ni gu cùramach. 



i 



+